[35]

5 ERFURT

Se mo bheachd gur e Erfurt baile cho briaghas a chunnaic mi. Sràidean leathainn, còmhnard le sreathan chraobhan afàs aig iomall cuid dhiubh. Bha na sràidean an còmhnuidh glan gun smodal a fighinn laighe fadoirre, ’s an dùthaich mun cuairt cho uaines cho torrach ri talamh air na laigh mo shùil. Le cearcall do thalamh beairteach mar so ga chuartachadh, gabhaidh e tuigsinn an dòighs an robh Erfurt na aon do phriomh-bhailtean na Gearmailt a thaobh gàirneilearachd-Margaidh is fàs sìl. Bha achaidhean, còrr is mile dhfhads a leúd a sìneadh a mach bho oir-a- muigh a bhaile, leis gach seòrsa curachd a ruighinn ìre blàth ann.

S ann le companaidhZieglersa bha na gàraidhean-margaidh, ’s Factoridh mhór acas a bhaile. ’S ann a gobairs a Factoridh a bha sinne. Bha an campaig iomall a bhaile, leis an fhensa abhaisteach do wear-bhioraich muncuairt air, dusan troigh a dhàirde. ’S e atharrachadh mór a bha so an deidh poll is clàbar Masbach. Bha mises ceathrair eilegobair aig bùird a bha làn do phacaidean don huile gné sìl. Bha mìltean do phàipearean-òrdain a stigh as gach ceàrn dhan dùthaich. Chuiràmaid cuairt air a bhòrd le pàipear-òrdain am broinn bocsa beag, ’s bha na pacaidean a bha òrdaichte air a phàipear gan curs a bhocsa, ’s am pàipear-òrdain leis. Aig ceann shios a bhùird bha an t-iomlan ga phacaigeadh, ’s am parsal a ruith a mach air * crios-gluasadach troimh bhalla na Factoridhs ga luchdaigeadh an sin air carbad-aìseig. Bha na mìltean parsal a dol a mach gach latha gu gach ceàrn dhan dùthaichs an dòigh so, achs e parsalean gu math neònach a fhuair na ceannaichean a bhliadhnud. Am fear nach

* conveyor-belt.


[36]

robh giarraidh ach pacaid no dhà do shiol turnaip no currain airson bideag bheag gàraidh, gheibheadh e trì no ceithir do Khilogramms ponair no peasairs naoi no deich a phacaidean celery no leeks. Am fear a bha òrdan mór a stigh aige, gheibheadh e pacaid do fhras churrans tòrr do phàipeir glas. Bu thoigh leam an aodainn fhaicinn nuair a ràing na hòrdain a bhliadhnud.

Bha na fir cho ganns an dùthaichbha iads an arm gu gle bheagagus se boireannach a bhann an ughdarras air an ùrlar againne. Te ruadh, ’s eGingera bhagainn oirre. Bha car do dheagal aice romhainn. Gu math tric, nuair a dhfhàsamaid searbh a gobair thòisicheadh blàr leis na pacaidean. Gun rabhadhs an bith gheibheadh tu Kilogram pònair no peasair an taobh a chìnn. Bhiodh an t-urlar tiugh leis gach seòrsa sìl.

ChuirGingera ceann a stigh an dòrus aon latha, ’s bha Kilogram peasair aices a bhus. Thuit i ann am paiseanadh. Leum sinn uice, ’s dhoirt sinn uisgair a haodann. Nuair a thainig i mun cuairt, thug sinn bàr am fear do chocolate dhis cheannaicheadh sin i ged a bhiodhmaid air a leth-mharbhadh. Sguab i fhein an t-ùrlar comhla ruinn, ’s cha deach a chùis na bfhaide.

Bha rannsachadh ga dheanamh oirnn gach feasgar mu falbhadh dad. Bha a phònair air leth math mar bhiadhs bha iad a gaithneachadh gu robh i falbh, ach cha rannsaicheadh iad daonnan ach na bagaicheans na pòcaidean. Bha sinne ceangal streang mu osain nan drathaisean beaga bhòirnn, agus thoilleadh ceithir no coig do phacaidean pònair eadar ar chois. Cha do rinneadh a mach riamh sinn. Se Feusd mhór a bhanns a phònair air a praoiligeadh còmhla ri ham nam parsalean.

San Earrach bha sinn a muigh anns na hachaidhean a cur. Bha na currainslàn mar a cheannaichears a bhùthaidh iadgan cur an tuills an talamh. Bha na sreathan tholl deante romhainns na currain ri chur annta, fear anns gach toll, le taobh a bharra gu hàrd dhiubh. Bha


[37]

n toll ga dhùnadh le ùirs bha so a fàs gu fras.

Dhfhalbh sinne a Factoridh Zeiglars mu faca sinn tòradh air saoithrachcurachd na bliadhnud, achs e mo mhór bheachd nach robh an toradh ach leibidach; bha chuid bu mhotha dheth na currain cuirtes an ceann ceàrr gu hìosal dhiubh. Saoil na dhfhàs iad riamh?

Rinn mi fhinstichCowper a Sasuinn suas gun teichamaid. Bha sinn a faicinn nach robh a chùnntais oirnn feasgar fior cho-lionta an àm fàgail na FactoridhCha robh an geàrd a bhann ro chruaidhaguss e am beachd a bhagainn fuireach a falachs a Factoridh nuair a dhfhalbhadh càch feasgar. Gheibhamaid a mach air uinneig no air dòigh air choireiginn eile.

Dhfhuirich sinn am feasgar so air lobhta air an dàrna stòiridh a measg phocannan sìl, ’s leig sinn le càch falbh. Cha do chùnntais iad idir càch an am falbh, ’s bha cheud rubha seachad againn.

S e nis faighinn a mach nuair a thigeadh dubhar na hoidhche. Cha bhiodhAppell” ’s a champa gu am cadail, ’s cha bhiodh an tòir nar déidh gu sin.

Nuair a dhorchnaich i ghluais sinn a nuas gu hìosal. Sheall sinn mun cuairt. Bha fear freicadan-oidhche na shuidhann an oifis bhig, ’s daga na laighair a bhòrd air a bheulaibh. Bha sinn cìnnteach gu robh an daga làns nach caoimhneadh e losgadh leis ach e sinnfhaicinn.

Cha robh so cho math.

Dhfhairich sinn straighlich a muigh. Thugadh glag air na glasans a sin thàinig gnogadh cruaidh. Leum sinn fo thòrr do phocannan falamh a bha faisg. Dheirich afreicadan chun an doruiss dheubh e bha sud.

Politzei. ”

Dhfhosgail en dorus. Thainig dithis a stigh. Sheas iad taobh a stigh an doruis a coimhead air a fhreicadan. Chunnaic sinn a mach tro na pocannan nach e polismain chumanta bha so idir: cha robh aodach polis oirre, agus thainig crith oirnn le oillt. Cha robh ach a dhà no tri do


[38]

phocannan falamh eadarainns an Gestapo.

Cha robh sinn riamh an teine teth gu so. Nam faighte sinns iad so a stigh, ’s ann aig Dia mór a bha brath dheireadh dhuinn. Le ceartas, cha robh còir aca turas a ghabhail ri priosanaichcogaidh, ach cho robh lagheadar-nàiseanta no eadhon laghs am bith a cùnntais aig na brùidean so. Ged a leth-mharbhadh iad sinne, co am buidheann anns a Ghearmailt aig arobh cumhachd dioghaltas a dheanamh air aGhestapo.

Bha dath bàn air aodann afhreicadans e sealltainn a nùlls a nall.

Bhruidhinn fear dhiubh. Dhfhoighneachd e mu dheidhinn fear Heinrich Müller. Am baithne dha e? De seòrsa duine bhann? ’s mar sin air aghart. Dhinns am freicadan gum baithne, ach cha robh sinne deanamhe móran eisdeachd. Bha sinn ann a fior chuil-chumhaig.

Choisich am fear nach robh bruidhinn mun cuairts sheas e aig taobh nam pocannan.

Bhan t-eagal orm anail a tharruinn.

Chithamaid na brogans pios dhan bhriogais aige shlait bhuainn. Leis an turtar a bhaig mo chridhe bualadh bha eagal orm gun cluinneadh e e.

Chaidh mu leth-uair seachad: leth-uair cho fadas a dhfhairich mi riamh. Dhfhalbh iad an sin, ’s dhuin afreicadan an dorus; Sheas e greiss a làmh fo smigid. Chaidh e sin a stigh dhan oifis.

Ghluais sinne mach a measg nam pocannans mar gun cluinneadh esan a fuaim, thàinig e machs chunnaic e sinn.

Tha mi smaointinn gu robh an ceann aige fhathast troimh-a- cheile, aguss ann a thàinig giorag na shùilean. An Gestapo an toiseach, ’s a nist phriosanach bhreatunnach.

Ach chruinnich e e fhein còmhla, agus dhfhoighneachd e chuir a so sinn.

Bha sinn deiseil aig a bhòrd,” arsa mise, “agus chaidh sinn suas gu hàrds chaidil sinn. Cha do dhfhairich sinn càch a


[39]

falbh idirssann o chionn deich mionaidean a dhùisg sinn. Feumaidh sinn faighinn chun a champa.”

Chreid e na breugan so, ’s thug e fhein dhan champa sinn. Cha deach dad a dheanamh òirnn ach bhan oidhearpteichidh air a bacadh mun gann a thòisich i.

Goirid na dheidh so chaidh sinn gu campeile. Factoridh bhròg, fhathast am baile Erfurt ach air taobh eila bhaile. ’S e ceathrair againn a chaidh dhan champa so. Cha robh ann ach àite beag, sia-duine deug a bhann romhainn, ach bha iad sin air a bhi gu math trang mun deach sinnann. Bhatunnelan ire bhi deiseil aca mach as a champa. Bhon is e luchd-teichidh a bhannaine, thugadh a stigh dhàn diomhaireachd so sinn, ’s gu robh siathnar dhiubh dol a theicheadh an ceann seachduinn.

Gle cheart! Na faigheadh iadsan air falbh sàbhailte, bhiodh sinne nan déidh mu lorgadh na geàird antunnel.”

Ach gu tubaisteach, latha mun robh an t-siathnar gu falbh fhuair na géaird antunnel.” Cha robh cothrom air.

latha na dheidh so chaidh a cheathrair againnes coignear do chàch a chur gu Mühlhausen, an campa gleidhidh. Cha robh fios carson, ach bha deagh amhrus againn.Bhan obair so ro shocair do luchd-tèichidh mar a bha sinnes bha sinn cinnteach nach biodhmaid fadaMülhausen. Thionndaidh so a mach fior gu leór. Cha be cuairridh-chlach a bha romham-sa an turas so idir, ach àiteachean bu duilghe teicheadh asda.

title5 Erfurt
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

MacDhomhnaill Fo Sgail A’Swastika %p

parent textFo Sgail A’ Swastika
<< please select a word
<< please select a page