[40]

6 MÜLHAUSEN AGUS ALABÀMA

Duine sam bith a chunnaic Barrags nan Camhshronach am baile Inbhirnis mar a bhà iad, tuigidh e nas fheàrr an dealbhachadh a ni mise air an àite-fuirich againn ann a Mühlhausen. Bha na togailaichean na baird ecoig no sia do stòiridheanagus iad ceithirthimchioll na sguair anns a robh bonn do chlachan càsaichte, no mar a theirear sa bheurlaCobble-stones.” Tha mi dén bheachd gur e Barrags shaighdearean a bhannta, ged a bha iad a nis nan cairtealean do phriosanaichcogaidh. ’S ann troimh aon gheat mór iaruinn a gheibheadh neach a mach no stigh ann, agus mar a bhiodh nádurra, bha shaighdeir ghearmailteach air geàrd a dhoidhches a latha taobh a muigh a gheata. Bha tomhas math do chomhfhurtachd againn aso, le deagh leapanneantrì os cionn a cheile. Cha robh am biadh cho pailt, ach bha parsalean na crois-dheirg againn, ’s mar sin, gu ìre mhath, cha robh sinn an taing.

Mar a thachras an comhnuidh far am bi grùnn dhaoine cruinnichte, bi cuideiginn na measg a bhios a seasamh a mach eadardhealaichte bho chàch ann a seòl sònraichte air choireiginn. Bha am fear ris an abradh midAlabàmaair fear dhiubh so, agus bu mhath leam iomradh a thoirt airsan gu hàraid anns a chùnntais so.

S ann a Amerigaidh a bhaAlabamaagus tuigidh sibh gur ann a astait a tha dol fon ainm sin anns na Stàitean. Aonaichte a chaidh a bhreith is àrach.

S eTom Jonesa bainm nàdurra dha, ach ged a dhainmicheadh neach anns an doigh sin e, cha tuigeadh duine bhair a chiallachadh mar a canadh tuAlabama.” Mu bha duine no creutair do sheòrsa sam bith a toirt cìnn ghoirte agus trioblaid-inntinn dha na gearmailtich be sin


[41]

Alabama.’ Ged a bhiodh e a deanamh glaoic agus dearg amadan dheth fhein mar bu trice, ’s e duine air leth eòlach agus fiosrachail a bhanns chan fhaca mi fear eile a bheireadh a char as.

S ann anns naU.S. A. Marinesa bha Alabama an toiseach. Theich e as a bhuidhean ainmeil sin bliadhna no dha ron chogadh, agus chaidh e tarsuinn na crìche do Chanada. Ghabh e an uair sin anns an arm Chanàdianach, agus bann còmhla riutha-san a thàinig e nall aig toiseach a chogaidh, ’s chaidh a ghlacadh aig Dieppe.

Bha mi fhins e fhein gu math mór aig a cheile, agus cha bann air nithean faoin a bhiodh mid idir a seanachas, oir bha fiosrachadh is tuigse aig Alabama a bha os cionn a mhór chuid. Chanadh e rium fhìn — “If you want to play the fool, Mac, you must play him to perfection, ”agus gu dearbh dheanadh esan sin. Leigeadh e air gur e dearg amadan a bhann.

Bha e dol a mach gu camp-oibreach aMühlhausencomhla ri buidhean eile agus aig a gheata, ’s ann a thoisich mo liagh air caoineadhs air lasagaich, ’s a giarraidh tilleadh a dhfhàgail beannachd is pòg aig a chommandant. Thìll fear dheth na geàrd còmhla ris, ’s e tachus a chinn, ’s chaidh thu Alabàma suas chun a chommandant ga phògadhs ga phlapaigeadh, ’s a giarraidh fuireach far afaiceadh e gach latha e. Cha burrainn dhaibh a bhi strì riss chaidh fhàgail as an deaghaidh.

Bha Alabama còmhla rium cuideachd ann a’ “straf-Lagar” “Masbach.”

Bha e gobair ri mo thaobh fhin a lionadh bara chlach, agus latha bha so, thàinig e nall far arobh mi.

Now. Mac, ”arsesan, “you must play this one with me. Im going to throw a fit. Ill make it look very realistic, foaming at the mouth accompanied by violent convulsions. You will rush over to me and call for help. ”

Gle cheart,” arsa mise.

Nuair a bha an gaffair a coiseachd faisge dhuinn, bha mi


[42]

fhìn a cumail sùil gheur air Alabama, feuch cuin a bhantubaista dol a dheiridh dha.

Chuala mi sgiamh; chunnaic mi Alabama ga bhualadh fheins an eabars anns a chlàbar puill ri taobh a bhara. Leum mi nùll, ’s dheubh mi dhan ghaffair tighinn gam chuideachadh. Thàinig e.

Bha cop geal mu bheul Alabamas e ga luairgneadh fheins a pholl. Chlisg an gaffair. Cha robh fios no fàth aige-san gun do chuir Alabama cnap siabain na bheul agus gur ann bhuaidhe sin a bhan cop geal so a brùchdach a mach troimh lipean. Dheubh mi fhìn air fear no dhà eile bha faisg a làimh, agus thuirt mi ris a ghaffair gu feumamaid Alabama a thoirt air ais chun a champa. Thug sinn an toiseach dhanhutbhig far am biomaid a gabhail nam piosan arain e, agus shin sinn air a bhòrd e. Thug e leth-uair an uaireadair mun do dheònaich e tighinn mun cuairt, agus an uair sin cha robh fios aigema bfhiorcàitarobh e. Chaidh mi fhìn is fear eile air ais comhla ris chun a champa, agus cha tàinig oirnn tighinn a mach afeasgar sin tuilleadh.

Bha e maduinn eile ann a Masbach a gearain gu robh e uamhasach dona lepiles,” agus a giarraidh chun an dotair. Cha dfhuair e taing bho na gearmailtich, agus chiureadh air a rathad dhan chuarraidh còmhla rinn e. Ach bha Alabama a coiseachd agus a dhà chois cho fada mach bho cheiles a ghabhadh iad cur, agus nuair a chunnaic an geàrd es e dhol dheth fhein a gàireachdaich a rinn e, ’s thill e Alabama air ais a stigh.

S e esan cuideachd a dhìnntrig an dòigh a bhi bualadh do ghlùine le pocan beag lan saluinn. Le cumail air a so an dràsdas a rithist fad oidhche mun rachadh tu chun an dotair, bhiodh at mór nad ghlùins a mhaduinn, agus gheibheadh tu latha no dhà dheth bho obair gus arachadh an t-at sios. Dhfhaodadh duine an t-at a chumail suas na ghlùin cho fads a thogradh e. Co aig tha fios nach e na fhuair mo ghlùinean sa do bhuìllean bhon phocan saluinn a


[43]

dhfhàg cho goirt an diugh iad!!

Nochd e dòigh eile air an car a thoirt as na dotairean, cuideachd, ’s e sin cnap beag do phàipear-airgid (silver paper) a chagnadh nad bheul agus an cnap beag, nos dòcha dhà dhiubh, a shluigeadh mun rachadh anX-Rayort. Bha so a sealltainn air an dealbh, agus a deanamh follaiseach gu robhulcersair do stamaig.

Cha robh dad ri ionnsachadh do dhAlabama. Chaidh a chur a mach a Mühlhausen turas gu Meinn shaluinn. Cha rachadh esan sios gu hiosal gun an companach leapadh a thoirt leisan guitar. Thòisicheadh e an sin ri cluich dha na gearmailtich, agus mar a bha nadurra gu leòr, cha robh so -thaitneach idir leis na gearmailtich, a géisdeachd ri òrainHill-BillyAmeriganach, ach cha robh e còrdadh ris na gaffairean. Nuair a chaidh anguitara bhacadh air Alabama, cha bhiodh e ach a caoineadh anns a mheinn fad alatha, ’s bha e na bu lugha dragh is trinnleach Alabama agus anguitara thilleadh an taobh as an tàinig egu Mühlhausen.

Bha còmhlan-ciùil anabarrach math air a cur air bonn ann a Mühlhausen. B e fear Sassunach don ainm Dick Tanner agus gille Albannach don ainm Jimmy MacFarlane an phriomh cheannard a bhoirre. Chaidh roinn mhath de na hinnealean-ciùil fhaotinn troimh an chrois-Dheirg, agus cuid eile dhiubh a cheannach sa Ghearmailt fhein. Bha suas ri siànar fhear anns a chòmhlan-ciùil, agus inneal air leth aig gach fear agus abair thusa gu robh pailteas do luchd-eisdeachd ann nuair a ghleusadhDick Tanners Band.”

A thaobhs nach e camp-oibreach a bha ann a Mühlhausen, faodar a thuigsinn nach robh am biadh cho math no cho pailt. Mar sins ann ri parsalean na crois-Dheirg a bha beatha gach aon an crochadh, measgaichle ris a bheagan a bhiodh ga roinn oirnn do bhiadh na dùthchadh. Ach fhuair mi fhìn agus gilleTich Ellisa Norfolk dòigh air ar cuibhrionn bidhe a leasachadh gu ìre mhath.


[44]

Nuair a rachadh ar cur a mach air pàirti-oibreach timchioll a bhailerud a thachradh an dràsdas a rithist nam biodh buidheann sam bith sa bhaile a giarraidh luchd-oibreach, bhiodh mid an comhnuidh a forfhais air fear a suds a so an deanadh iad iomlaid airson crogan cofaidh no chocolàt no dad sam bith dòn t-seorsa sin. Anns an dòigh so fhuair sinn an an caraibh aon ghearmailteach sònraichte a bha sinn a guisneachadh na fhear-meadhoin eadar sinn fhìn agus margadh gu math torach, se sin mar a theireadh iads a bheurlaBlack Market. ”Gheibhinn dusan ubh air son crogan cofaidh agus lof do dharan seagail air son bàr no dhà chocolàt. Faodaidh gu robh an gearmailteach e fhein a faighinn dhusan air a chrogan cofaidh, ged nach robh sinne faighinn ach aon dusan, ach bha sinne pàighte gu leòr Bha esan cho dligheach air beagan profaid a dheanamh anns a mhaláirts a bha sinn fhìn. ’S ann dhà-san bu mhotha cunnart nan tigeadh a chùis a follais: chan fhaigheadh mide ach peanas beag air choireiginn, ach bhiodh esan an cunnart a bheatha chall.

Ach cha ghabh a nàdar daonnda cìosnachadh gu tur. Ged bha an cunnart so ann, agus sluagh no dùthchadh air an cumail sios fo dhòrn iaruinn riaghladh na Nazis, bha fear a suds a so a bhristeadh air a lagh nam biodh a bheag no mhór do bhuannachd aige ri fhaotinn as. Bha is bi cùisean mar sin fhads a bhios aig a chinne-daonnda ri an aran a chosnadh le falus am bathaiseans an gruaidhean.

title6 Mülhausen agus Alabàma
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

MacDhomhnaill Fo Sgail A’Swastika %p

parent textFo Sgail A’ Swastika
<< please select a word
<< please select a page