7 A CHEUD MHEINN SHALUINN
Mar a thuirt mi cheanna, ’s e priomh champa gleidhidh na stalaig a bh’ ann a Mühlhausen, ’s cha robh obair a dol idir ann. Mu bha obair ri deanamh timchioll chuirte pàirti-oibreach a mach air son a’ latha. Thachair so aon turas an déidh bomadh trom a chaidh a dheanamh le pleinaichean Ameriganach aig steisein na treàna. Nuair a thoisich am bomadh, chaidh a luchd-siubhail uile dha na fasgaidhean fo’n talamh ri taobh a’ stéisein. Thuit bom air teis meadhoin fear do na fasgaidhean agus spreaidh e.
Nuair a dh’ fhalbh na pléinaichean, chaidh pàirti-oibreach a chur a mach as a champ’ a ghlanadh suas beagan dheth ’n mhilleadh a chaidh a dheanamh, ’s bha mis’ air fear dha ’n phàirti.
Cha toir faclan a mhàin gu siorruidh seachad dealbh cho-lionta air an t-sealladh ana-cneasda bha romhainn an là ud. Piosan cheann is chasan is làmhan sgaoilte thall ’s a bhos. Bideagan do dh’ aodach eadhon crochte ri Wearaichean an dealain. Stiallan du dh’ fheòil dhaoine feadh na sràide ’s na clachan-sràide mun cuairt dhiubh dearg leis an fhuil a ruith asda mun do reòdh i. Cha robh aon duine slàn ri fhaicinn dheth na bha ’m broinn an fhasgaidh. Cha robh ann ach criomagean.
’S e deichnar a bh’ anns a phàirti againn, agus ’s e cheud rud a rinn sinn suidhe sios is cur a mach. Bha ’n sealladh cho oillteil ri dad a chunnaic mi riamh.
A thuilleadh air a so, thionndaidh cus do shluagh a bhail’ a mach, ’s nuair a chunnaic iad sinne, chaidh iad air a chaoch. Rinn iad oirnn gus ar stialladh as a cheile, ach bha feum againn air an dà gheàrd a’ lath’ ud. Chùm iadsan bhuain iad, a stiùradh nan gunnachan riutha, ach fhuair
fear no dithis buillean. Chaidh aon fhear ann am paiseinadh le buille-cloiche ’s a cheann.
Anns a ghlanadh a rinn sinn fhuair sinn cas nighinn. Bha chas slàn chun a chruaichain, agus stocainn cotain no lisle oirre, ach sin na bh’ ann. Bha sinn shios a rithist trì latha na dhéidh so, ’s bha màthair na h’ ighinn — dh’ inns iad dhuinn — a tighinn a dh’ iarraidh na coiseadh. Ciamar a chaidh a h’ aithneachadh cha d’ fhuair sinn a mach, ach thug am boireanach truagh leath’ a chas ann am pram. Chuir na geàird sinne falach fhad ’s a bha ise a làthair, ’s bha iad gle cheart. Creididh mi gur e Breatunnaich bu lugh’ oirr’ fhaicinn air an talamh a’ lath’ ud.
Bha ’m bomadh a dol a nis dh’oidhche ’s a latha. Na Yanks air a’ latha, ’s an R.A. F. aìr an oidhche. Nochd na “Flying Fortresses” aon latha bho’n àird-an-iar, baidean an déidh baidean dhiubh. Bha a cheud squadron air a dhol a sealladh ’s an àird-an-ear ’s am fear mu dheireadh fhathast gun nochdadh. Am beul na h’oidcheadh dhirich an toit ’s dheargnaich an t-adhar an ear oirnn. Bha baile gearmailteach eile na smàl.
Earrach 1944. Bha sinn air sia seachduinnean a chur seachad a Mühlhausen, ’s bha sinn air ar deagh dhòigh. Cha robh sinn a g’ obair, ’s a cuideacheadh na gearmailt.
Cha do mhair cùisean mar so. Aon latha thainig m’ainm fhìn is dithis eile suas air paipear-òrdain. Bha sinn gus fagail a màireach gu meinn-shaluinn Merkers, ’S e Seòras Skead a Lìte agus Uilleam MacThomais a Inbhirnis an dithis eile.
Cha robh so cho math, chum sinn comhairle-cogaidh a’ feasgar sinn, ’s bhòidich sinn gun teichamaid as a cheud chothrom, oir cha robh toil ’s am bith againn oibreachadh ann a meinn-shaluinn. Cha robh toil againn obair do sheòrsa ’s am bith a dheanamh ach bha i so dona buileach.
“Bi sinn air ais le latha no dhà.” agus mar a thubhairt b’ fhior.
Rainig sinn Merkers feasgar ’s chaidh ar suidheachadh a
stigh.
Dh’oibrich sinn a maireach o shia ’s a mhaduinn gu sia feasgar. ’S ann gu h’àrd a bha ’n triùir againn a g’obair, ach bha sinn cìnnteach nach maireadh sin fada. Bhiodhmaid sios latha ’s a bith, ’s cha bhiodh teicheadh cho soirbh an uair sin.
Rinn sinn suas gun teichamaid an ath latha.
Cha robh an teicheadh so a ciallachadh gu robh teans againn faighinn a mach thar criochan na Gearmailt nas motha na bha tursan a dh’ fheuch mise roimhe so. ’S ann a cath an aghaidh uachdaranachd ar naimhdean bu mhotha bha sinn, uachdaranachd a bha an cunnart toil-saorsa a mhùchadh an inntinnean ’s an cridheachean mar a cogadh duine gu làidir na aghaidh. Bha thu sealltainn le teicheadh nach robh thu idir riaraichte.
Bha thu sealltainn le teicheadh gu robh spiorad na saorsa na bu luachmhora na aon nì eile air talamh. Le teicheadh, bha thu, os cionn na h’uile, a dearbhadh dhut fhein nach robh thu leagte ri bhi sàsaichte eadhon am braighdeanas comhfurtail; gu robh do dhuinalas annad na dh’ fhuiligeadh ainneart is cruadal air sgàth a cheartais.
Maduinn an ath latha chaidh sinn a dh’ obair a rithist aig sia uairean ’s a mhaduinn.
Bha sinn fortanach gu robh ceò gu math trom ann ’s bha so gu mór nar fàbhar. A cheud chothrom a fhuair sinn, ghluais sinn gu socair nar triuir gu cùl seann charbad-cruidh a bha na laighe air loine ’n rathaid-iaruinn. Bha sinn a nis a mach a fianuis a gheàird.
Gun an còrr maille, gheàrr sin as a stigh dha ’n cheò, ’s am beagan mhionaidean bha sinn aig oir na coille a bha mu astar leth-mhile bh’on àit-oibreach. Chaidh sinn a stigh gu math innte, ach cha bhiodh e sabhailte fasgadh is còmhdadh na coilleadh fhàgail gus an tigeadh an dorchadas. Mar sin, shocraich sinn sinn fhìn sios a feitheamh ciaradh na h’ oidhcheadh. Cha robh biadh againn ach beagan chocolate, agus mun tàinig a’ feasgar
cha robh sin fhein againn.
Bha choille na sgàil anabarrach math bho’n gréin, oir bha teas mór ann nuair a sgaoil an ceò.
An ciaradh an anamoich ghluais sinn air falbh. Bhiodh an tòir a mach a nist’ nar deídh, ach bha sgàil na h’ oidhch’ againn na bhrat-dion bho shùilean geura. Turas na dhà chuala sinn coin a’ comhartaich faisg ’s shaoil leinn gur e an tòir a bh’ann. Mu ’s e cha d’ fhuair iad sinn, ach bha mionaidean caran iomaganach againn gus na tharruinn iad air falbh bhuainn.
Lean sinn òirnn a coiseachd fad na h’oidhcheadh. Chùm sinn ris a rathad — bha e na b’fhasa ’choiseachd, ach nuair a dh’ fhairichamaid càr na bighsigal a tighinn, bha sinn a falach an dìg a rathaid gu rachadh e seachad.
Mu chòig uairean ’s a mhaduinn, bha sinn a dlùthachadh air baile beag, ann an gleann ìosal dùthchadh. Bha am baile beag na chadal, agus mar mheirlich ’s an oidhche ghluais sinn gu furachail, fàillidh troimhe, ’s thàinig sinn a mach aig a cheann eile.
Ach goirid na dhéidh so, dh’ fhairich sinn srann “motor-bike.” Mun d’ fhuair sinn teicheadh bha e againn. Thug e sùil gu math amhrusach òirnn, ach chum e seachad. Gle mhath. Shaoileadh e gur e frangaich no pòlaich a bha dol gu obair a bh’ annainn — “Auslander,” mar a theireadh iad fhein. Ach goirid an déigh dha dhol seachad stad e. Sheas e a sealltainn air ais greìseag, ’s a sin thìll e. Chaidh e ’n toiseach a stigh dha’n bhaile ach an ceann coig mionaidean thill e.
Dh’fhoighneachd e an gearmailt càit’ an robh sinn a dol. Cha d’ thuirt sinne guth.
Dh’iarr e òirnn coiseachd a stigh dha’n bhaile ’s gu leanadh e fhein sinn, ach gun feuchainn rì car-mu-chnoc ’s a bith a dheanamh o chionn gu robh a dhà no trì do ghunnaichean stiùrte ruinn.
Bha sinn a faicinn an cròidhleagan dhaoine aig oisein an iomall a bhaile, ’s bha sinn gle chìnnteach gu robh iad
armaichte. Chan fheuchadh esan leis fhein air an triùir againn idir.
Thugadh a stigh do sheómar mhór ’s a bhaile sinn; coltas cafe a bh’ann, bùird is seathraichean mun cuairt. Bha coignear nan suidh’ air suidheachain aig an dàrna taobh, le Riflichean eadailteach air a stiùradh oirnn.
Thainig fear eile mach tro dhorus, le fiamh gàir’ air, agus cha mhór nach leughadh tu Gestapo anns na sùilean aige. Chaidh ìnnse dhuinn na dheídh so gur e fear dhiubh bh’ann a thachair a bhì ’s a chearn so lorg fiosrachadh mu pharachutists. Shaoil leotha ’n toiseach gum be sinne feadhainn dhuibh. Thug sinn an aire cuideachd dha’n bhraiste a bha am broilleach seacaid an fhir dhuibh a rug oirnn. Bha fios is cinnt againn nach robh iochd no truas ri shealltainn aig fear a bha giùlan bràiste-suaichantais na Nazi’s, no idir idir aig fear dheth ’n Ghestapo.
“Ann e so a chrioch,” arsa sinne ri cheile. Thuig sinn gu robh an t-àm atharrais-aineolais a chur an dàrna taobh, agus dh’iarr sinn brath a leigeil chur a cheannard-airm a b’fhaisge. Bha fios againn nan tigeadh saighdear nach robh math dhaibhsan turas a ghabhail ruinn ach bha sinn a faicinn gu robh sinn ann a làmhan nam fior Nazi’s, agus gun dion an airm Ghearmailtich againn.
Ann a faclan eile bha sinn an cunnart ar beatha.
Chuir ar suidheachadh geilt gu leór oirnn ach cho robh sinn a dol a leigeil fhaicinn dhaibh-san gu robh laigse ’s am bith annainn.
Chuala sinn am fear dubh a bruidhinn air a fón, agus thug so beagan misnich dhuinn, ach dé cho beò ’s a bhiodh maide mun tigeadh geàrd. Be so a cheist.
Dh’ìnns sin gur e priosanich-cogaidh Bhreatannach a bh’annain, a theich a campa Merkers.
Chuala sinn am fear dubh a bruidhinn ris an fhear eile le guth ìosal; cha do ghlac sinn a fhreagairt ach chuala sinn a’ facal “strafe.” Thuig sinn gum biodh an dochann ann, ach na tigeadh geàrd no saighdear ’s am bith bhiodh teans
againn ar beatha ghleidhadh. Ann a’ làmhan nam brùidean so, cha robh an teans ach caol.
“Englische Schwein-hunden,” ars’ a’ fear dubh ’s e tighinn a nall ga’r ’n ionnsaigh le pios ropa na laimh. Cheangal e làmhan. Sheòrais an toiseach air a bheulaibh agus an sin mo làmhan fhìn is làmhan Uilleim. Thuirt e gu robh e dol gar ceangal ri cúl càr ’s a dol gar slaodadh fad a rathaid chun a champa.
Thionndaidh e mun cuairt an sin le cuip rubair dùbailte na laimh, agus ghabh e dhomh fhin leatha mun cheann. Bha mi fortanach mo làmhan a bhi air mo bheulaibh, ged a bhà iad ceangailte, oir rachadh agam air m’ aodann ’s mo shùilean a dhion air na stràcan. Bha chuip a lùbadh mu’m cheann ’s mu ’m chluasan, agus air m’ fhacal-sa bha na stràcan goirt, ach diog cha do leig mi as mo bheul. Ach a cumail mo dhà làimh, ceangailte mar a bhà iad, suas ri m’ àodann.
Nuair a thug e greis ormsa, thionndaidh e air Uilleim. Tharruinn e a cheud shràc gun fhios do dh’ Uilleim mun d’fhuair e aodann a gheàrd le làmhan agus lùb am pios dùbailte do cheann na cuip tarsuinn na sùil aige. ’S gann gun creideadh neach cho luath ’s a dh’ at sùil Uilleim a mach as a cheann, agus sruth faladh aisde. Shàbhail e e fhein air na stràcan eile, ach bha a shùil an droch shuidheachadh.
Nuair a fhuair Uilleim a chòir fhein dheth ’n dochann, thàìnig e gu Seóras. A cheud bhuille fhuair Seòras, bhuail e e fhein rìs an ùrlar a leigeil air gu robh e ann am paìseinadh. Cha do dh’ oibrich sin, oir dh’eubh esan air fear do chàch, agus chùm a’ fear sin Seòras suas air ghruaig gus an d’ fhuair e a chuid fhein.
Fhad ’s a bha so a dol air aghart, bha am fear eile ’s fiamh gàire na ceilgeadh air aodann a coimhead oirnn. Bha e furasda fhaicinn ’s a thuigsinn nach robh am bàs leud gas gruaige bhuainn, mur a tigeadh saighdear a geàrd a champ’ a dh’ aithghiorrachd.
Ach bhrist fath-uamhais is eagal eile a stigh air ar smaointinn. Bha am fear dubh a nall gar ’n ionnsaigh a rithist, coltas an fhior mhortair na dhà shùil, sgian chaol bhiorach an turas so na laimh, nuair a dh’fhosgail an dorus, agus nochd dà shaighdear a geàrd a champ’ a stigh. Cha robh sinne riamh roimhe no na dhéidh cho taingeil do Dhia dà shaighdear ghearmailteach fhaicinn ’s a bhà sinn ’s a mhionaid ud. Bha sinn air aithneachadh gur e dòruinn-chràidh a bha gu bhi ann an turas so, ’s nach biodh iochd ga shealltainn.
Dh’eubh fear dheth na saighdearean ris an fhear dhubh e stad gu luath, agus sinne fhuasgladh. Rinnadh so, agus dh’inns e dhà-san a chunnartan a thaobh turas a ghabhail ri priosanaich Bhreatannach a bha — air reir leighe-sios lagh Geneva — fo churam an airm ghearmailtich. Bha esan a cumail a mach nach robh sinn nar priosanaich aon uair ’s gun do theich sinn ach nar saighdearean Breatannach, ’s mar sin nar naimhdean dha’n Ghearmailt.
Thionndaidh an gàire ceìlgeadh gu greann ghràineil air aodann an fhir eile, ach cha d’thuirt e diòg. Choisich e mach gun fhacal a ràdh as leth an fhir dhuibh, ged a bha sinn uile cìnnteach gur e e fhein a phiobraich a fear eile gus an dochann a dheanamh.
Thugadh air ais an toiseach gu Merkers sinn. Cha d’ fhuair sinn a stigh idir, ach dh’fhàgadh nar seasamh a muigh sinn dà uair an uaireadair. Bha sinn lag is fann le cion cadail is bidhe, agus gu h’ àraid bho’n droch ghiollachd a fhuair sinn, ach cha fhaighamaid suidhe. Bha na gillean a cur a mach cupannan do chofaidh dhuibh ugainn troimh ’n wear, agus tha deagh chuimhn’ agam gur ann as déidh an t-siathamh cupa deug a bha mo phathadh sàsaichte.
Am feasgar sin bha sinn air ais ann a Mühlhausen, agus bu mhòr iongnadh nan gillean nuair a chunnaic iad air ais cho luath sinn. ’S e fear a mhuinntir Uidhist, Coinneach Mac Choinnich (Kenny Choinnich Shomhairle) a Loch Baghaisdail a cheud fhear a dh’ fhàiltich sinn taobh a stigh
a gheata, ’s bha e feuchainn ar cìnn air a robh cnapan urad ri uighean chearc le buillean na cuip rubair. Thugadh Uilleim dha’n Ospadal, ach cha do chaill e fradharc na sùil idir. Bha sinn air ar puing a chur air aghart, ged a theab sinn paigheadh daor air ach cha chumadh an cunnart sin air ais turas eile sinn. Bha sinn a laighe ’s a g’éiridh le cunnart gach latha, ’s bha cunnart cho dlùth-fhillte nar beatha ’s gu saoilamaid air uairean gum bu charaid dhuinn e.
Bha cìnnt againn gum biodh dioghladh-fiach againn ri dheanamh a rithist airson an teichidh so, ’s chaidh sinn chun an dotair ’s ghearain sinn gu robh sinn truagh le tuaineal nar cìnn mar thoradh air an dochann a fhuair sinn. Cha robh eashlaint eil’ a smaointich sinn suas nach robh ceàrr oirnn cuideachd, agus dh’ òrdaich an dotair obair aotrom dhuinn. Bha so a ciallachadh nach b’urrain dhaibh ar cur do “straf-Lagar” Masbach an turas so. An àite so, dheanamaid là-air-fhichead air uisg’ is aran an cealla priosain, gach fear dealaicht’ o cheile, suidheachadh ris an abrar anns a bheurla“Solitary confinement. ”
Nan robh mise cho glic a dol ann ’s a bha mi tilleadh as roghainnaichinn na trì miosan ann a Masbach air na trì seachduinean uisg’ is arain, deuchainnach ’s ga robh a chuarraidh-chlach.
Chaidh sinn tro thrì rannsaichean a dol a stigh dha’n phrìosan, agus a dh’aindeoin sin, chaidh mise stigh dha’m chealla fhin le deich cigarettes is suas ri leth bocsa mhaitseachan!!
Dh’fhuasgail mi collair na seacaid far an robh a’ fuaghal ga chumail dùbailte. Dh’fhosgail so a mach an collair man cuairt mar gum biodh sporan. Chuir mi na cigarettes fear as déidh fir mun cuairt am broinn a chollair. Gheàrr mi na maitseachan aig a leth ’s chuir mi stigh a measg na cigarettes iad, ’s dh’fhuaighl’ mi suas an collair air ais mar a bhà e. Dhìnn mi ri cheil’ e cho math ’s a ghabhadh deanamh, mu faiceadh sùil amhrusach caran tomadach e,
agus mar so chaidh mi chun a cheud rannsaichaidh. Dh’ fhosgail iad ar beul ’s dh’ fheuch iad eadhon na h’iomlagean againn, ach cha tug iad làmh riamh air collair na seacaid. Bha mòran aca ri ionnsachadh fhathast, ged bu ghearmailtich fhéin iad. Chaidh an dà rannsachadh eile seachad air an aon dòigh, ’s chaidh mise stigh ’s mo chuid smoc agam.
Bha a chealla bheag mu dheich troighean a dh’fhad ’s mu ochd a leud. Tha deagh chuimhn’ agam, oir thomhais mi iomadh uair e fad nan trì seachduinnean air sgàth a bhi deanamh rudeiginn. Bha leabaidh chruaidh fhiodh ris an dàrna taobh le aon phlaide oirre. An aon uinneag a bh’ann bha i cha àrd ’s a bhalla, ’s nach fhaicinn a mach troimpe, agus bha ceithir bàraichean iaruinn o mhullach gu bonn oirre.
Bha leabhar beag ùrnaigh nam phoca ’s dh’fhàg iad agam e, agus sin na bh’agam a ghabhadh leughadh fad na h’ùine, ’s cha mhòr nach robh e agam air mo theangaidh mu robh an ùine suas.
Gheibhamaid ar cuibhrionn arain gach latha aig meadhoin latha. Cha robh so mór, chanain gum biodh mu shia unnsaichean ann, agus be so ar cuid gus an ath latha. Air uairean dh’ fhàgainn bìdeag a bhiodh agam feasgar, ach mar bu trice dh’ ithinn còmhladh e, ach fhathast bhiodh an t-acras orm. Gheibhamaid na dh’iarramaid do dh’ uisge. Gach treas latha bha biadh blàth againn; cupa do bhrot cho tana ris an uisge, ach bha e blàth, ’s bha sin fhein na annas. Cha robh uaireadar agam ach an ceann ùine bheirinn deagh oidhearp air an uair aithneachadh ’s cha bhithinn idir fada ceàrr.
A h’uile feasgar, bha sinn a muigh airson leth-uair a coiseachd mun cuairt os déidh a chéile ann a scuair a phrìosain. Cha robh math bruidhinn ri cheile. Bha na geàird nan seasamh làmh ruinn, ’s cha robh earbsa chòir sam bith againn as na corragean a bh’ air na triggarean.
Tha e doirbh a thuigsinn do neach nach do dh’fhiosraich riamh e, cho fior throm ’s a tha cion companaìs air ìnntinn
duine. Le cion companaìs chan e companas dhaoine uile gu leir a tha mi ciallachadh idir. Tha mòran seorsa companais ann. Na h’eòin a seinn ’s na craobhan. An crodh ’s na caoiraich a g’ionaltradh ’s an achadh; na beanntan, fuaim na mara, no eadhon fuaim nam pleinaichean ’s nam bomaichean a spreadhadh. ’Se companas a th’ anns gach rud dhiubh so. Tha thu na measg, ’s tha iadsan a measgachadh nad bheatha. Ged nach bruidhreadh tu riutha tha t-inntinn a deanamh balbh-sheanachas riutha agus iadsan riutsa. Anns a chùil bhig thruaigh a bha so, cha robh mun cuairt ort ach ceithir ballachan dubh. Cha robh aon-seòrsachd a’ latha ’n diugh ach a gealltainn a leìthid eile màireach; ’s e soilleirachadh an dàrna la’ air fhichead an aon bhiùg bheag soluis a chithinn san dorchadas, ach bha iomadh lath’ is oidhche mu ruiginn an solus sin fhathast. Cha robh ach feitheamh, feitheamh, feitheamh. …
’S ann a feitheamh a bha thu fad na h’ùine. A feitheamh an arain; a feitheamh an fheasgair, a feitheamh na h’oidhcheadh ’s am cadail. Cadal is dùsgadh mu seach fad na h’oidhcheadh, agus anns a mhaduinn a feitheamh a rithist. Am cuir e iongnadh air duine ged a thuirt mi gu roghnaichinn clachan Masbach ri a leithid so a rithist.
Bheirinn greis a coiseachd air ais ’s air aghart, greis a leughadh a leabhair-ùrnaigh, leughain e mu dheireadh ’s mo shùlean dùinte. Cha do mhair na cigarettes ach mu dhà latha, ’s cha robh an cur-seachad ùine sin fhein agam.
Ach ruith na làithean seachad, cho fad ’s ga robh iad, ’s thàinig ceann na h’ùine. A màireach bhiodhmaid saor; saor ach fhathast am braighdeanas? Ceart, ach saor bh’on daorsa aigne-chuingte so.
Maduinn a màireach, dh’ fhosgladh dorsan nan ceallan. Fhuair sinn parsal crois dheirg am fear, agus leth-cheud cigarette. Cha robh an treàn a falbh gu meadhoin-latha, ’s thàinig càch a stigh còmh’ riùmsa gus am biodh an uair ann. Nuair a thainig an geàrd chun an duruis gar ’n
iarraidh chan fhaiceadh e sin le toit!!
Anns an trean bha cuirm mhòr gu bhi againn air na parsalan, ach an déidh greim no dhà do bhiadh làidir bha sinn uile bochd. Fad an fheasgair sin ’s e biadh an aon rud bu lugh’ oirnn smaointinn air. Cha d’ fhuair sinn norradh cadail an oidhche sin, air tailleamh am beagan bidhe a ghabh sinn, ach le latha no dhà bha sinn sgaiteach gu leór.
An t-siathamh latha d’on og-mhios 1944. Dh’eirich sinn a mhaduinn sin mar a b’àbhaist. Mu dheich uairean ’s a mhaduinn, thainig a naigheachd mun cuairt gu robh na feachdan Breatunnach is Ameriganach air tighinn air tìr ’san Fraing a mhaduinn sin. Bha othail mhòr feadh a champa. De thachradh? An e leithid oidhearp Dieppe a bhiodh ann?
Chuala sinn am feasgar sin craobh-sgaoileadh air Radio na Gearmailt. Bha am fear-labhairt a leudachadh air mar a bhiodh am bualadh-tire so air a chasg an iomlaid ceithir uairean fichead, ach an àite so ’s ann a bha na feachdan so an ceann ceithir uairean fichead air iad fhein a dhaigneachadh gu làidir air tir, ’s a sior phutadh air aghart. Thog inntinnean gach duine, ’s bha h’uile latha toirt brath as ùr air dàrna cogadh na Frainge. Ged bha strì gu leór a dol ’s an Eadailt greis mhath roimhe so, bha deagh thuigs’ againn nach b’ ann bho’n taobh sin a thigeadh cobhair idir. Be a Fraing a ghlas a bha ri ’fosgladh, ’s bha an iuchair a nis an greim gu daingeann innte le meòirean greimeil, cumhachdach ga sior thionndadh.
Ach ceart ann an teis-meadhoin a ghreadhnachaìs-ìnntinn so, thuit beithir lasrach a shlaod mise nuas leatha as na neòil anns a’ robh mi, gu fearann fuar coimheach na Gearmailt air ais. Bha mi ri falbh an ath latha gu meinn-shaluinn eile ann am baile Bischofroda. Cha robh cothrom ar, ach bhòidich mi mar a b’àbhaist nach fhanain ann. Cha robh fios agam an uair sin de bha romham, no gu robh mo laithean teichidh seachad, ach far a’ bheil fhathast
beatha tha dòchas. Bha deagh dhochas agam-sa falbh gu Bischofroda, ach mar a be ruigheachd thìmeil na Yanks, ’s e teansa gu math caol a bh’agam air faighinn as an trom-throiblaid anns an d’fhuair mi mi fhin ann am Bischofroda.
title | 7 A Chiad Mheinn Shaluinn |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | MacDhomhnaill Fo Sgail A’Swastika %p |
parent text | Fo Sgail A’ Swastika |