[57]

8 AN DARNA MEINN SHALUINN

An àm sìth’ ’s e àit-oibreach mór a bha a meinn-shaluinn Bischofroda. A bharrachd air a mheinn, bha Factoridh gu hàrd far an robh asalunn air a bhleiths air a ghràineachadh, air réir am feum gus arobh e dol. Bha an obair a dol a dhoidhches a latha, agus bha na ceudan tunna gan cur a mach anns gach ceithir uairean fichead.

Ràinig mise Bischofroda feasgar briagha foghair an déidh ceithir uairean siubhails an treàn. Chaidh an toiseach mo thoirt do dhoìfis a Khommandant, agus sin far an dfhuair mo dhochas-teichidh a cheud bhuille. an Kommandant a bhann ach am fear a bhairStraf-LagarMasbach nuair bha misann. Agus anns a cheart mhionaid anns na dhaithnich misesan, dhaithnich esan mise. Thug e seachad òrdan cruaidh gu robh mi ri dhol sios gu hiosal dhan mheinn maduinn a màireach.

Cha do theich duina Bischofroda fhathast bhon a thàinig mise,” ars esan, “agus chan fhaigh thusan cothrom a bhi air thoiseach.”

Uill, cha robh cothrom air, ach cha dfhalbh mo dhòchas idir.

Cha robh an obairs a mheinn buileach dona idir. Cha bhiodh oirnn a dol sios ach briogais is seacaid thana denims nuair a thigamaid a nuas bha sinn a gabhail fo fhras-ionnlaid mun cuireadhmaid oirnn arn aodach fhìn. Gu hiosal bha mu mhìle ri choiseachd chun an aodainn far an robh a salunn ga bhuinig. Bhiodh nasteigearan” (gaffairean) a siubhal air bighseagalan. Se beairtean-sgriobaidh (scrapers) bu mhotha bhair uisneachadh anns mar sin cha robh an obair fior throm. Ach bhiodh do làmhans do lipean daonnan saillte. Bha blas saillt, air a


[58]

cigarette nad bheul, ’s air a phios arain a dhithe tu. Ach bha aon bheannachadh air a bhi shios fon talamh an geamhradh ud; cha dàinig oirnn a fuachad fhulang.

Greiseag ro nollaig 1944 bha gille sasunnach a fàgail a champa, a dol gu ruige Mühlhausen, ’s chan fhaca mise dad na bfheàrr na litir a chur leis gu fear Monty Banks a Dun-deagh, a dhfhàg mi ann a Mühlhausen. Bha Monty e fhein ann a Masbach, agus bha deagh eòlasno droch eòlass dochaaigair a Khommandant.

Dhinns mi do Mhontys a litir mun fhear a bha romham na Khommandant, agus cha do chaoimhnmi briathran gu math làidir a chur sios mu dheighinn. Bhiodh e freagarrach an so gun cuirinn sios na dearbh fhaclan a sgriobh mi mu dheighinn, oirs ann a thaobh nan dearbh fhacail so a chuir mi mo bheatha an cunnart a call.

Thuirt mi mun Khommandant:—

When I arrived, who was Kommandant here but that swine-faced bastard, our old friend of Masbach. ”

Dhìnns mo mar a dhòrdaich e gu hiosal mis a huile dad, ’s lean mi orm:—

May his rotten German bones roast in Hell. If Im still here when the Yanks arrive, Ill tear him apart myself with my bare hands. ”

Chuir an gille Sasunnach alitir na bhròig ach gu -fhortanach, chaidh a rannsachadhs fhuair iad an litir. Gu -fhortanach dhomh-sa cuideachds e na figarean 1197 a chuir mi aig bonn na litreach. Be so a nummer-priosain agam, ach thuigeadh Monty glé mhath bhann. Thuig na gearmailtich na bfheàrr e! Nan robh mi air mainm a chur rithe cha bhiodh a chuis idir cho furasda dhaibh.

Greis an deidh na bliadhnùire, fhuair misagus triùir eile, a rinn droch dhochann air geàrd, sumanadh gus a dhol gu Bad Zulza. Chaidh alitir a chur air mo bheulaibh.

An tu sgriobh sin,” arsa fear tiugh bàn ann an deagh bheurla.

Leubh mi fhìn alitir. Thuig mi gu robh mi ann an teine-


[59]

teth. Cha deanadh e móran feum a dhol as àicheadh; bha mi air mo bhrath le na figarean 1197, ach carson a dhaidichinn fhads a burrainn mi cumail nan aghaidh.

Cha do sgriobh mise sin idir,” arsa mise.

Sgriobh pios dhethn litir air a phàipeir sin,” arsesan, ’s e sìneadh dhomh duilleag fhalamh. Sgriobh mi fhìn toiseach na litreach achs e deifir sgriobhaidh a rinn .

Chan e sin do làmh-sgrìobhaidh àbhaisteach idir,” arsesan. “Sgriobh t-ainm.”

Sgriobh mi mainm air an aon dòigh.

Shin e dhomh alitir mu dheireadh a sgriobh mi dhachaidh. Chùm iad air ais i a coimearteadh an litir ri cheile, agus se an aon làmh-sgriobhaidh a bhanns na dhà, agus bha an sgriobhadh a rinn mi dhà an dràsda tur eadar-dhealaichte.

Bheil fhios agad,” arsesan bìnn fears am bith a bheir toibheum do dhoifigeach gearmailteach.”

Cha dthuirt mi guth.

Shin e pàipeir dhomh.

Cuir t-ainm ris,” arsesan.

Sgriobht air a phàipear am beurlas an gearmailt bha na faclan:—

Tha mi gaideachadh gur mi sgriobh a litir, agus gun tug mi toibheum do dhoifigeach gearmailteach.”

Cha chuir mi mainm idir ris,” arsa mise. Dheirich e bhon bhòrd, ’s thàinig e nall mun cuairt, ’s cha do dhfhairich mise a bhuille thainig ugams a chluais gus an robh mi nam shìneadh air an ùrlar.

Sgriobh a niste,” arsesan.

Cha sgriobh,” arse mise, “ach tha mi giarraidh a chommandant Bhreatunnaich fhaicinns a mhionaid.” ’B e Seardsean-Màidsear Townsley an Commandant am Bad-Zulza.

Mar fhreagairt chuir e an cigarette laiste bha na laimh ris a bhus agam. Bha mi goirid dhan dorus, agus bha fiosam nach robh e glaiste, ’s ghearr mi leum, ’s bha e fosgailt


[60]

agams mi mach troimhe an iomlaid cairteal na mionaid. Choisich mi sios an trannsa chaol a bhanns thachair an gheàrd rium. Cha tàinig esan a mach idir as mo dhéidh. Thuirt mi ris na geàird gu robh mi déiseil, gun do dhiarr am fear bàn orm tighinn a mach. Cha dthuirt mi guth riuth-san mar a thachair. Thill an geàrd air ais leam do dhoifis an fhir bhàin, ’s dhfhoighneachd e robh mise deiseil gu falbh.

Thà,” arsesan, “Bi chùirt ann am baile Halle an ath mhios.” “Faodaidh tus’ ,” arsesan riùm-sa, “do thiomnadh a dheanamh.” Cha tug e guth ris na geàrd de thachair eadairinn roimhe sin; bha fios aige fhein nach robh còir aige bhi air a dhol cho fàda. Bha cùirt nan gillean eile gu bhi ann aig an aon am.

Bhan treàn gu fàgail nuair a thainig na pleinaichean. Thòisich am bomadh. Thainig aon phléin a nuas na teine mu astar leth-mhile bhuainn. Leig sinn iollach mhór nuair a chunnaic sinn a chrois dhubh oirre.

An oidhehe sin air a rathad air ais, bfheudar dhuinn an treàn fhagail agus coiseachd mu thrì mìle mun cuairt baile beag a bhann, a thaobhs gun deach an rathad-iaruinn a mhilleadh am feasgar sin le bomaichean.

Chaidh mios seachads cha robh sinn a cluinntinn guth air cùirt, ach mur a robh bha sinn a cluinntinn gu leór eile. Cha robh fuaim is turtar nan gunnachean a stad a nis a dhoidhche no latha. Bha na rathaidean-iaruinn uile nan iallan, ’s cha robh an salunn a fàgail na Factoridh, le cion innealean-aiseig. Bha na tuathanaich mun cuairt a deanamh latha math dhethn t-suidheachadh so, a toirt air falbh na thogradh iad do shalunn leis na cairtean.

Chaidh a mheinns a Factoridh a ghearradh sios gu ochd uairean oibreach anns gach ceithir uairean fichead le cion cumhachd-dealain. Thainig pléin tarsuinn aon latha gu math iosal, ’s leum sinn uile mach a sméideadh le searbhadaireans le leintean. Chuir i trì cuairtean os ar cionn a leigeil fhaicinn gu faciad sinn, sthug i as dhan


[61]

àird-an-iar a rithist.

*Deutschland Kaputt! ”Cha chuireadh iad an aghaidh so a nis idir, achs gann gu robh iad a creidsinn a ghnothuich a bha tachairt. Cha robh cogadh ga chur air fonn an dùthchadh fhein o àm Napoleon, ’ss e suidheachadh buileach ur dhaibh a bhann. Cheasnaicheadh a luchd-oibreach sinne mu dheidhinn na Yanks. De dheanadh iad, ’s seòrsa dhaoine bhannta? ’s a fàgadh iad beò iad.

Mu dheireadh dhinns na geàird dhuinn gu robh sinn gus falbh maduinn a màireach. “il sinn a dol,”

Than tòrdan againn. Feumar na priosanaich aiseag gu àite sàbhailte caoiteas trom-theine nan gunnachean.”

Chan eil sinne giarraidh falbh.”

Feumaidh sinne ar toirt air falbh.”

Maduinn an ath latha, chaidh triùir againn am falach fòn urlar am beachd gum falbhadh càch gun sinn idir. Ach rannsaich na geàird an t-àite bho bhun gu bàrr, ’s cha robh againn ach càch a leantail. Bha na hameriganaich mu choig mile deug an iar oirnn, ’s a sior dhlùthachadhs se gnothach bochd a bhann leinne bhi teannadh na bfhaide bhuapa. Ach bha sinn a reusanachadh nach burrainn dhaibh ar toirt ro fhadan ear, no thachradh na Ruiseinaich oirnns bha cho math leis na geàird a bhin ìongnan an donaiss a bhin iongnan nanRuskies.”

Bha na geàird so fior mhath ruinn. Dhfhàg an t-oifigeach dhan tug misan teistaneass alitir mios roimhe so; tha mi creidsinn gu robh eagal fhein air. Cha robh fears a champa nach cuireadh an gunna ris a cheud chothrom.

An ceann trì latha coiseachd, thainig sinn gu baile, ’s dhfhan sinn an oidhche sins a laìre-mhaìreach ann a Factoridh na iomall. Feasgar chaidh ìnnse dhuinn nach robh sinn a dol na bfhaide; nach robh an t-arms a bhaile gus cath a chur suas idir, ’s bha na Yanks mu mhìle muigh. Ach goirid na dhéìdh so, thainig feachd mòr S.S. a stigh, ’s thòisich deisalachadh gus am baile dhion.

Thuirt na geaird — ’s e deichnar dhiubh bha còmh ruinn

* Germany finished.


[62]

gu feumamaid falbh; nach robh cinnts am bith dheanadh an S.S. Agus bha sinne air a rathad a rithist. Bha an còmhlan a sior fhàs mór, baidean is baidean a tachairt oirnns a fuireach còmhlan ruinn. Bha gach seorsa nàsain ann, Frangaich, Belgianaich, polaich, Eadailtich is Ruiseanaich; priosanaich uìle roimhe so, ach a nis a ruith leis an t-sruth, gach aon a leantail a chéile. Bha criochan dhùthchannan air am putadh an dàrna taobhs bha gach pearsa mar aon teaglach, Ruiseanach, Breatannach, no Eadailteach. Cha robh anns gach fear ach ball dhethn chinne-daonnda, a -phàirteachadh anns an aon driod-fhortan. ’Se eadhon an aon chànan a bhagainn ri cheile ged be a ghearmailt fhein i.

Bha sinn an oidhche sin ann an tigh tuathanachais mu chòig milen ear air a bhaile as na dhfhalbh sinn. Bha tancaichean is carbadean-iaruinn a tighinn seachad air a fuadach air ais aig an arm a bha brùchdadh air a muin. Cha robhs a chuid mhòr dhiubh ach balaich òga mu sheachd-bliadhndeug, ’s bha iad claoidhte le sgios is cion cadail. Ged bu ghearmailtich fhein iad bha truas againn riutha, ach aig an aon àm nuair a smaointichmaid air Poland, air a Fhraings air an Olaind, ’s gach dùthaich Eòrpach eile a stamp iad fhein fon casan, theiramaid“ ’s math an airidh.”

Mun tàinig a mhaduinn bha sligean na Yanks a spreadhadh air gach taobh dhinn.

Thainig reìsamaid thancaichean gearmailteach a stigh far an robh sinns bfheudar sinne thoirt air falbh a rithist. Damhile eile coiseachds cha fhaighamaid na bfhaide. Bha sinn cuairtiche. Tigh Tuathanachais eile, ach an gluasad mu dheireadh.

title8 An Darna Mheinn Shaluinn
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

MacDhomhnaill Fo Sgail A’Swastika %p

parent textFo Sgail A’ Swastika
<< please select a word
<< please select a page