[63]

9 SAORSA

Bham biadh air fàs gann. Cha robh gach neach ach ga chuideachadh fhein, na geàrd ghearmailteach cho math ruinn fhìn.

Feumaidh sinne ar lìbhrigeadh sàbhailte dha na hameriganich,” chanadh iad, “agus feuch gun cuir sibh a stigh facal math air ar son.” Bha so furasda dheanamh, oirs e geàird fior ghasda bhannta. Ach caìt an robh oifigeach beag na litreach a nis? Gheibheadh na Yanks a theistanas nuair a thigeadh iad nan robh e còmhla ruinn a so. Càit an robh am fear bàn a chuir acigarette rim bhuss a chuir ann am paiseinadh mi le dòrn ann an toll na cluaiseadh? Càit arobh fear mòr dubh na cuip rubair? Ach gu mi-fhortanach cha robh duine dhiubh so, ’s an fheadhain a bhann cha burrainn dhòmhsa no do dfhear eile droch fhacal a ràdh mun déidhinn.

Chunnaic sinn fiadh an iomall na coilleadh os ar cionn. Thug fear dheth na geàird a mach a rifle agus chuir e ri shùil i. Shuidhich en t-astar mu thri ceud metre air a rifle. Leig e mach am peileir agus anns a cheart mhionaid thuit am fiadh. Gun dàils a bith bha e fhéin agus deichnar phriosanach aig an fhiadh, ’s chuireadh crioch cheart air. Fhuair e cheud pheileirs a cheann ach bha e fhathast beò. Shlaodadh a nuas le rope, dhfheannadh e, agus ann an cairteal na huarach bha an carcas gu leir am broinn a ghoiladair mhóir a bha suidhichte ri taobh an tighe, agus teine lasrach fiodha fodha ga ghoil.

Bha lipean gan iomlaich a geisdeachd ri fuaim an fhéidh a goil, ’s bha gach fear a faicinn na inntinn fhein cnap do shithionn feidh air a bheulaibh, nuair a thàinig fras do pheileireanmachine-guntarsuinn os ar cionn.


[64]

Chuir iad teine as na creagan àrda bha mu choinneamh an tighe. Chaidh gach duine gu fasgadh. Chùm so a dol mu leth-uair, ’s a sin stad e. Nuair a thàinig am balbhadh so, dhealaidh sinn a mach, ach cha robh dad ri fhaieinn.

Bha mi fhin is Belgian nar seasamh faisg air a gheat a bhair beulaibh an tighes a rathad mòr a ruith a nuas an taobh thall dheth. Stiùr am Belgian a chorrag suas ris a rathad.

Wo ist das?*arsesan

Sheall mi fhin. Bha carbad beag fosgailte a gluasad gu socair, faicillach anuas a rathad a dhionnsaigh an tighe. Cha robh ann ach aon duine. Bha e na sheasamh na bhroinn. Chan e carbad gearmailteach a bha so idir sa bharrachd air asin chan e clogad no aodach-airm gearmailteach a bhair an t-saighdeir.

Americàna,” arsam Belgian, ’s e geubhach. “The Yanks, ”dheubh mise àird mo chlaiginn. Bhruchd ceithir fichead duine chun a gheat, ach dheubh na geàird gabhail air ar sòcair. Mun dfhuair fear a charbaid chun a gheata bha dusan no còrr againne mach troimhe.

Bha asaighdear na sheasamhs a charbad agusTommy-gunaige cochte ruinn.

Kameràdarsesan.

Dheubh sinne gu dearbh gur e; gur e priosanaich a bhannain.

Not you, but these other guys, ”arsesan.

Tha iadsan gan toirt fhein suas.”

Ma thà,” ars esan, iarraibh oirre na hairm a chur na seasamh ris a bhalla.” Dhìnns sinne so, ’s rinn na gearmailtich mar a dhìarr e. Gun mionaid moille, bha airm nan geàrd ann a làmhan phriosanach, agus bha misair fear dhiubh le rifle làn nam dhòrn. ’Smi bhà gam fhaireachdain fhìn làidir, ’s mi nam shaighdeir armaichte. Bha faisg air coig bliadhna bhon thàinig orm a rifle a leigeil sios air a rathad mhòr aig St. Valery; coig bliadhna anns na dhfhiosraich mi fior ghràinne-mullaich na huaisle

* Who is that?


[65]

anns a nàduir dhaontach, ach air a laimh eile bruidealachd is fior cheann-iosal na droch-bheairt ann an deiligeadh mhic an duine ri a chò-chréutair. Coig bliadhna anns a robh aRoinn-Eòrpa an greim ann an glamaradh iaruinn; glas a bha sealltainn uairreanan neo-chomasach a bristeadh. Bha na cumhachdan deamhnaidh a chùm dùthchanan bochda fad bhliàdhnachan fo chuing thràilleil a call a nearts am brìgh ach fhathast cha dthug iad suas. Ged à bha an ciontan na truime na ciontan eile riamh a dhubh ainm a chinne-daonnda, cha gheilleadh iads feachdan a cheartais aig an dorson. Bha priomh chraobh cumhachdan an dorchadais, a thog a ceann am a meadhoin na Roinn-Eòrpa, ri spionadh glan as a bhùn, mu seachdadh gach meanglan a bha tarruimin sùgh bhuaipe.

Bha mise nista dol a chur na Gearmailt air a beul foidhpe, ar leam fhìn, ’s gunna nam làimh! Bha naoinear eile còmh rium a faireachdainn nan aon ghluasadan-inntinn, ’s iad fhein fon armaibh le gunnachean is peileirean gearmailteach. Ach thugadh an aire do dhfhear dheth na geàird ga phutadh fhein a mach troimh an dùmhladas sluaigh a dhionnsaigh a charbaid, agus e cur a laimheadh gu cùl a chrios leathair a bha mu mheadhoin. Mum priobadh tu do shùil, bha en greim aig triùir no ceathrair, agus an daga bhanns an truaill air a chùlaibh air a thoirt as. Chaidh a lìbhrigeadh suas dhan ameriganach gun daga gun chrios gun seacaid.

Bha mòran cheist gan cur air a Yank. Càita robh càch? Arobh iad fada bhuainn? A robh smoc aige no robh chocolat aige? Bha roinn dhan ghoireas sin aige, ’s thilg e mach pacaidean cigarettes is chocolate, Ach nàdurra gu leòr cha robh aige na riaraichadh còrr is ceithir fichead duine. Bha mise ri taobh a charbaid, ’s thug mi aon cigarette a pacaid, ’s riaraich min còrr. Dhiarr miautographair a Yank, agus thug e sin dhomh, ’s do dhfhear no dithis eile. Bha leabhar-pàighaidh an airm fhathart nam phoca, aguss ann air duilleig fhalamh dheth a sgriobh e ainms a sheoladh, ann a New York City. Than duilleag sin agam fhathast gleìdhte


[66]

gu cùramach.

Bha esan cho moiteils cho àrd-inntinnach ruinn fhins e air còrr is ceithir fichead priosanach a shaoradh leis fhein a làmhan na nàmhaid. Loinig e suas na gearmailtich air a rathads chùm e fhein as an deìdh air ais gu far an robh a luchd-dùthchadh mu chairteal a mhile suas arathad. Dhiarre òirnne leantail air a chùl mar a thogramaid. Cha bu ruith ach leum leinne sin a dheanamh. Thachair tuilleadh Yanks ruinn air a rathad, ’s bha gach fear a foighneachd arobh na gearmailtich so dona dhuinn, ma bhà gun deiligeadh iadsan riutha. Ach cha burrainn dhuinne ràdh gu robh. Thug iad leotha na geàirds chan fhaca sinne tuilleadh iad.

Bha biadh is smoc gu leór aig na Yanks. ’Se annas mòr a bhanns an aran gheal, ’s ar leam nach fhaca mi riamh na bu ghile. Chaidh campa Ruiseinach a shaoradh anns an aon latha, ’s mar sin bha mòran bheul rim biathadh. Cha robh na Ruiseinaich idir cho fortanach-ruinne, oir cha robh an dùthaich aca-san idir a stigh fo lagh eadar-nàiseanta, ’s mar sin cha robh a chrois Dhearg a gabhail turas riutha. Bha iad gun bhiadh ach na gheibheadh iad o na gearmailtich, ’s aig an aon àm a fulang droch ghiollachd bho làmhan a naimhdean. Bha so gu ìre mhóir na reusan gun do thionndaidh iad air na gearmailtich mar chait-fhiadhaich nuair a shaoradh iads bfheud ar dha na hameriganaich sinne chur nar polisman a dion sluagh an aitemnathan is clann gu leòr dhiubhair dioghladh-fiach nan Ruisainach. Choisicheadh iad sios an t-sràid le cabair mhòir bhataichean, ’s cha robh uinneag bùth no tighe ga fàgail slàn. Fear no a bha rompa bha iad an cunnart am beatha. Bfheudar do choignear againn a dhol a stigh do bhùthaidh aon lathas Ruiseinach a tachdadh na highinn òig a bhair cùl a chunntair.

Shaor na Yanks an campaca mar gum biodh an diugh. A màireach chaidh iad sios dhan mheinn mar a bàbhaists chroch iad nasteigeareanuiles gach fear eile nach dfhuair tàradh as. Stiall iad a nuas bratach air a robh dealbh Hitler ann a meudachd-beatha, ’s cha do dhfhàg iad iall an


[67]

tàth a chéile dhi. Bha iad eadhon a sàs innte lem fiaclan.

Bha sinn coig latha deug aso còmhla ris na Yanks, ’s cha robh dith bidhe no smoc oirnn.

Bha mi fhins gill Obardheanainach latha nar suidhair cnoc os cionn baile beag a bha rir taobh. Thàinig dithis chloinnegillis nigheanfar arobh sinns thug sinn dhaibh chocolat. Cha robh latha tuilleadh nach tigeadh iad a dhiarraidh bàraichean eile. Dhfhoighneachd sinn dhaibh aon latha arobh deochs am bith a stigh aca, mu bha iad a thoirt botull leotha an ath latha. Thill iad feasgar. “Tha ar màthair a gràdh mu tha deoch a dhith oirbh, sibh pein a dhol sios ga hiarraidh,” arsa nighean.

Gle cheart: Dhfhalbh sinn còmhla riutha, ’s rainig sinn an tigh. Cha robh ann ach a màthair, bhiodh i mu dheich bliadhna fichead, agus sean bhodach ann a leabaidhs a cheann eile. ’Se boireanach fior ghasda bhinntes chuir i truinnsearean is spainnean is sgeinnean air bórds bha dùil againn gu robh cuirm mhòr gu bhi ann. Ach cha Tàinig chun a bhùird ach slis thana no dha do dharan dubh seagail is bideag bheag do shausage agus cupa do chofaidh dhuibh a chaidh a dheanamh air cnothan an daraich. Chuir i na bhaice stigh nar tairgse cho beags ga robh e.

Thug i an sin a nuas botull do stuth geal air dath an uisge. Cha robh brìgh a stuth a bhann cho math ri iomadh uisg a dhòl mi, ’s mar sin dhfhàg sinn aice. Ach thill sinn a rithist am feasgar sin le eallach do chrogain feòladh is bainne, agus chocolat dhan fheadhainn bheaga, ’s cha do dhi-chuimhnich sinn idir am bodach. Thug sinn uige coig pacaidean do thombaca gearmailteach a spùill sinn a stòr airm. Bha féisds an tigh bheag an oidhchud nach robh a leithid an aon tigh eiles an dùthaich.

Thigeadh an te bheag a stigh le ruaiseadh; thogadh i suas a làmhs dheubhadh iHeil Hitler.” Leumadh a màthair uice s chrathadh i i.

Chan eil math dhut a bhi gràdh sin tuilleadh.” Cha robh fios aig an bhig gu de ciall nam faclan no idir carson nach


[68]

fhaodadh i an labhairt tuilleadh, ach bha deagh fhios aig a màthair. Ged bha Hitler fhathast gun toirt suas, ’s e dùthaich bho thaobh eilan t-saoghail a bha nist a riaghladh a bhaile-dachaidh aice-se, ’s air reir mar a labhair i fhein rinn, mar a biodh cùisean na bfheàrr cha robh doigh gum burrainn dhaibh a bhi dad na bu mhiòsa.

Bhiodh ceilidhean mòr againn còmhla ris na pòlaich. Bha iadsan fhathasts a champanns a robh iad a gobair nuair a shaoradh iad, ach coltach ruinn fhin, a nis air an cumail suas leis na hameriganaich. Bha seòrsa do dheoch aca a rinn iad fhèin air rùsgan buntàta is air stuthan eile, ach bha i fior làidirs bhiodh seiseanan-oil gu math trom againn. Bha aon Ameriganach còmhla rium fhins ris an Obardheadhainach, ’s chuir sinn cuairt air a bhaile bheag leis an toiseach an tòir dibhe mun tug sinn gu tigh-osda nan pòlaich e. ’SeYankie-Doodlea bhagainn air.

Bhiodh Yankie-Doodle a falbhs arifle crochte ri ghualainns an clogad-cruadhach mu cheanns cha toireadh e nuas cuid seach cuid dhiubh. Bha e aon oidhche còmhla ruinn a ceilidh air na pòlaich, ’s cha robh mi na leithid a cheilidh riamh. Chaidh òrain phòlach is Ameriganach, bheurla is ghàidhlig is Ruiseinach a sheinn, ’s chaidh slàinte gach dùthaich fon ghrèin òl ach a ghearmailt a mhàin! Air reirs mar a dhinnseadh dhomhsa rithist, ’s e phòlach a chuir an triùir againne air ais chun a champagainn fhìn, ach nuair a dhùisg mises a mhaduinn, bha Yankee-Doodle na shìneadh air mo chùlaibhs arifles an clogad-cruadhach fhathast gun chur dheth, ’s e na shuain chadail.

Bha saorsa na dhoigh-beatha buileach annasach dhuinn. Bha e doirbh a chreidsinns a thuigsinn gu faodamaid falbh mar a thogramaid uair sam bith do dhàite sam bith ach gun a dhol ro fhad air falbh. Bha sinn fo churam nan Ameriganach, ’s ged nach robh iad nan geàird oirnn anns an aon seagh anns arobh na gearmailtich bha ughdarras aca thairis oirnn mar uachdarain-airm, ’s gu dearbh cha robh sinne cur an aghaidh dad dheth sin. Bhiomaid a machs a stigh do


[69]

thighean nan gearmailteach tric. Cha robh air fhàgail aig na tighean ach boireanaich is clann is fior shean daoine, ach bha iad sin uile cho taingeil ruinn fhin gu robh an cogadh gus a bhi seachad. Bha iad uilann an droch staid. Cha robh biadh anns cha robh airgiod no obair ann, ’s an fheadhainn aig a robh beagan airgid, bha e gun fheum dhaibhs gun dad ann a cheannaicheadh iad leis. Dhaidicheadh iad nach do rinn Riaghaltas nan Nazis ach an dùthaich a sgrios; gu robh gainne aig an t-sluagh choitcheann eadhon mun do thoìsich an cogadh idir nuair a bha gach goireas a bfheàrr ga chumail ris an arm, mar a dhfhoillsicheas ràdh suaicheantais nan Nazi gu soilleir; “Gunnachan ro ìm.”

An déidh seachdainn a chur seached aso, chaidh na bha nar measg do bhreatunnaichs do chanadianaich a thoirt gu baile Magdeburg far arobh sinn ris na pleinaichean fhaighinn a bha gus ar giùlan a nall do Shasuinn. ’Sann a so a chuala sinn an toiseach bho na Yanks mu dhéidhinn nam campaichean brùidealachd sin mar a bha Belsen is Buchenwald. ’Se feadhainn dhiubh so a shaor campa Buchenwald, agus bha e doirbh a chreidsinn gu robh an aisnis a thug iad dhuinn air fior. Chunnaic mise feadhainn a campa Buchenwald bliadhna no dhà romhe sin ann an Erfurt far arobh iad a gobairs a stèisein ann fo gheàirds cha robh an coltas dad na bu mhiosa na duine againn fhìn. Ach air reir choltaiss e feadhainn air a cheud sheachduinn no dhà ann a chunnaie mise, no feadhainn a bha gu math astigh air a chrùn.” Ach aig an aon àm chunnaic mi fear no dithis dhiubh a faighinn brosnachadh goirt le stoc a rifle.

Tha eachdraidh nan campaichean oillteil sin fiosraichte dhan t-saoghal gu leir fada ro an diugh, ach aig an àm ud, air ùr-chluinntinn bhòn na dearbh dhaoine a shaor Buchenwald, bha an aisnis gu ìre mhòir do-chreidsinn dhuinne, agus faodaidh mi ràdh le cìnnt, do roinn mhòr do shluagh cumanta na Gearmailt fhein. Bha fios aca gu robh a leithidean so do champaichean ann, airson priosanaich politiceach ach cha chuala a mhòr-chuid dhan lùchd-


[70]

oibreach a bha sinnen dlùth-chomunn riutha iomradh riamh air na seomraichean-gas far an deach còrr is sia muillean Judhach a chur gu bàs. ’Sann a nis a thuig mise gu soilleir an seòrsa dùthchadh anns arobh còig bliadhna dhethm shaoghal air a dhol seachad, agus tha mi gam chùnntais fhìn fortanach nach robh afiosrachadh so agam fad na hùine sin. Nam biodh, ’s docha nach robh mi air a bhi cho dànas cho dalma iomadh uair gus dearg aghaidh a thoirt air feadhainn nach baithne dhomh.

Bha fiosam le cinnt a nis nan robh gnothach na litreach air tachairt bliadhna no dhà roimhe so, nuair a bha a Roinn-Eòrpa gu leir glaìstann an glamaradh iaruinn na Nazis, gum biodh mo bheatha-sa an geall na bfhiach i. Bha iomadh doigh aig a bhàs air do bhualadhs an dùthaich uds na làithean ud, agus sin gu hàraid mu bha thu ann astraf-Lagar,” far am bithinn-sa gun aon teagamh air reir a chionta bha nam aghaidh. Bha mòran do dhainmean leòmach airMurt’ ’s a na campaichean ud, ’s a bharrachd air a sin cha bann do leithidstraf-LagarMasbach a rachainn air an turas so idir.

title9 Saorsa
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

MacDhomhnaill Fo Sgail A’Swastika %p

parent textFo Sgail A’ Swastika
<< please select a word
<< please select a page