CRIOMAGAN IOMA-DHATHTE
Is e leabhar sònraichte a tha an so anns a’ chànain Ghàidhlig. Tha measgachadh ann de sgriobhaidhean air iomadh cuispeir eadar-dhealaichte agus ge b’e cò leughas na duilleagan so is cinnteach gu’m faigh e rud-eiginn a thogas inntinn neo bheir dha solus ùr air oisinn beag de’n t-saoghal mu’n cuairt.
Tha iomradh an so air nithean cho eadar-dhealaichte ri Mòine, Ola, Aodach, Daoimein, Fion, Céir, Airgead, Cumhachd an Smùirnein … chan eil an sin ach an darna leth de na tha feitheamh an leughadair.
Tha gach cuispeir air a chuir an céill anns a’ chànain shimplidh, phongail a chleachd sinn a bhi cluinntinn o’n ùghdar bho àm go àm air radio a’ Bh.B. C.
Taing airson nan dealbhan do: Malayan Rubber Fund United Kingdom Atomic Energy Authority Bòrd na Mòine Eireann Bòrd Ath-leasachaidh na Gaidhealtachd ’s nan Eileanan British Petroleum Ltd. De Beers Consolidated Corporation Oifis Uachdranachd Aimeireaca an Lunnainn Thomson-Leng Press (People’s Journal)
agus gu h-àraidh Calum MacFhearghais a tharruing na dealbhan-peann
Taing, cuideachd, do Ghairm anns an do dh’fhoillsicheadh a dhà de na h-òraidean so agus do’n Bh.B. C. a chraobh-sgaoil mòran diùbh.
title | Criomagam Ioma-dhathte |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p |
parent text | Criomagan Ioma-dhathte |