[7]

ROIMH-RADH

Tha an leabhar beag so a’ buntainn ri caochla chuspairean, a’ chuid as motha dhiubh air gnothaichean ealdhanach. Is e mo dhùrachd gum faigh an leughadair criomag no dhà an sud ’s an so a bheir dha toil-inntinn, oir neo, is dòcha, beagan soluis air -éiginn air an robh e a’ sireadh eòlais. Tha na sgrìobhaidhean so air an taghadh bho òraidean a bhithinn a’ craobh-sgaoileadh air radio a’ Bh.B.C. mu dhusan bliadhna.

Rugadh is thogadh mise anns na Hearadh, ach thachair dhomh a dhol a steach ann an dreuchd a bha annasach airson gille as an eilean. Chaidh mi gu ceimiceachd ann am factaraidhRubairisPlastics,” agus feumaidh mi ràdh nach do ghabh mi riamh aithreachas sam bith mar a dh’éirich dhomh, oir tha mo dhreuchd air mo thoirt fada is farsuinn, anns an dùthaich so fhéin, air feadh na Roinn-Eòrp agus thar a’ Chuain Shiar gu ruige Aimeireaca.

Aig an am so bu toil leam an leabhar so a choisreagadh do’n Bhean-uasal Ròs, a b’ fhearr a b’ aithne dhuinn mar a Mhaighdean-uasal Caitriona B. Lawrence nuair a bha i a’ teagasg cuspairean ealdhain ann an sgoil an Tairbeart. Las ise sradag de chnuasachadh is sireadh eòlais a lean mi gus an so. Còmhla rithe mholainn Maighstir Calum Swanney ann an sgoil Phortrigh, fo theagasg an do dh’ionnsaich mi moran. Tha mi moran an comain an dithis sin agus cuideachd, gillean gasda an earrain Gaidhlig a’ Bh.B.C. a bhrosnaich mi gu craobh-sgaoileadh.

Ann an dòigh is e m’ athair còir nach maireann, a dhealbh mo dhòigh-labhairt is mo mhodh-sgriobhaidh. Bha esan an còmhnaidh déidheil air eòlas ùr de gach seòrsa, agus, nuair a rachainn dhachaidh do na Hearadh sheachduinn gach samhradh, chuireadh sinn seachad gach feasgar a’ còmhradh, is mise freagairt a chuid cheistean mu m’ obair fhéin agus mu ghnothaichean ealdhanach an t-saoghail. A’ cheud uair a shuidh mi mu choinneamh microphone a’ Bh.B.C. cha robh m’ aire air aon duine de’n luchd-éisdeachd ach m’ athair a mhàin, agus sin an dòigh-labhairt ris an do chum mi riamh.

Iain A. MacLeòid

An t-Earrach 1973

titleRoimh-radh
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p

parent textCriomagan Ioma-dhathte
<< please select a word
<< please select a page