AS AN T-SAOGHAL SO
Tha mi cinnteach, gum bheil iad am measg an luchd-leughaidh a sheas còmhla riumsa air cladach Caolas an Scarp air latha samhraidh anns a’ bhliadhna naoi ceud deug ’sa ceithir deug thar fhichead. Cha robh mi ach am bhallach anns an sgoil agus is dòcha nach eil mo chuimhne min-cheart anns gach dad oir is iomadh ni a thachair bho’n am ud. Bu toil leam iomradh a dheanamh air mo chuimhne fhéin air an latha ainmeil—latha mu nach cuala moran agus is dòcha, latha a tha cuid air dia-chuimhneachadh mu dheidhinn, ach gun teagamh ’s am bith latha a chuidich gu ruige naigheachdan mora an latha an diugh. Tha Eilean Scarp air taobh an iar na Hearradh, sgaraichte uaithe le leth mhìle de’n chuan, caolas a bhios garg, fiathaich ri stoirm. Chan eil an t-eilean ach beag am meud is an sluagh ach tha e air leth ainmeil airson foghlum is sgoilearachd nan gillean a chaidh àrach ann.
Beagan ùine roimh an latha àraidh so, rugadh leanabh anns an eilean do bhean aig an robh dùil ri dithis. Dh’éirich duilgheadas air choireigin agus b’fheudar ullachadh a dheanamh airson a’ mhàthair a ghiùlain gu eathar, a h-aiseag thar a’ chaolais ’s a giùlain thar a’ mhonaidh gu carbad a bheireadh i gu tigh eiridinn Steòrnabhaigh. Aig a’ cheann thall chaidh gach ni gu math is rugadh an dara leanabh leth-cheud mile bho’n dachaidh agus ann an siorrachd eile.
Mar is dual sgrìobh na pàipearan moran air cruadalan nan eileanach is chuireadh ceistean ann an Tigh na Pairleamaid air cor nan rathad mora is nan aiseagan, ach cha b’fhada gus an do dhia-chuimhnicheadh an tachartas is chaidh caitheamh beatha nan Hearrach is nan Scarpach air adhart mar cheanna.
Cò-dhiùbh mhothaich feallsanach Gearmailteach an naigheachd—fear d’am b’ainm Gerhart Zucker. Bha esan a’ deanamh rannsachadh air rocaidean, gu h-àraidh air rocaidean a ghuileanadh litrichean gu àitean aonarach far nach robh rathad—thairis air beanntan agus thar mara is aimhnichean. Bha e gann de airgead airson na h-oibre agus smuainich e, le tighinn gu àite a bha ainmeil anns na pàipearan-naigheachd mu’n am so, is dòcha gu’n tigeadh a’ chuid obair fo chomhair duine beartach a chuidicheadh e gu obair a chriochnachadh.
B’ann mu dheireadh na h-Iuchair a ràinig e Tairbeart na Hearradh le dithis chompanach—air feasgar Diardaoin, ma’s math mo chuimhne. Chaidh fios air feadh nan gillean gu’n robh nithean anasach gu bhi tachairt agus chruinnich sinn aig bùth-saoirsneachd Dhomhnuill Alick, far an robh iad a’ cur an innealan ri chéile. Leig iad leinn seasamh an sud ag amharc orra, ach ma bha facal aca mu ar deidhinn ann an canain fhéin cha do thuig sinne guth.
Bha an rocaid air cumadh pìob mheatail, mu shè troighean air àirde is coig òirlich dheug air leathaid. Bha sròn bhiorach air a bàrr agus ceithir sgiathan beaga air a deireadh. A’ dol troimh meadhon bha pìob chaol airson an fhùdar, fosgailte thun an deireadh. Eadar an dà phìob bha na litrichean gu bhi paisgte.
Ann am bùtha an t-saoir chuir iad ri chéile inneal de stiallan fiodha agus cearcaill iarruinn mar creadhal, anns an seasadh an rocaid aig àm a losgadh. Bha dà ròp làidir de rubair mar clach-bhogha (catapult) airson grad-leum a thoirt do’n rocaid am mach as a chreadhail. Aon uair is gu’n robh an rocaid air ghluasad bha inneal a’ losgadh an fhùdair is bha neart spreadhadh an fhùdair a’ cur astar innte gu a ceann-iùil.
Chriochnaich iad an ullachadh air an Tairbeart is thug iad Scarp orra. Tràth Di-luain ghabh gach carbad a ghluaiseadh sios gu Hùisinis agus sheas a’ chuid mhor againn aig oir na mara dìreach mu choinneamh Eilean Scarp. Bha moran aig baile far na Galltachd a chaidh a nùll thun an eilein—luchd nam pàipearan naigheachd, fir a seirbhis na rioghachd is bho’n arm, ceannardan a Phost Office a chuir an clò dealbh comharraidh ùr airson an latha aig prìs leth-chrùn. Chaidh faisg air coig mile litir a sgriobhadh airson an giùlain anns an rocaid. Bha litir gu Righ Deòrsa, gu Prionnsa Eadaird, gu daoine ainmeil na dùthcha agus bho chàirdean gu càirdean air feadh an t-saoghail gu léir. Tha cuimhne agam sinn a’ deanamh fealla-dhà air a’ phost gu’m feumadh e na brògan mora tacaideach fhàgail air thalamh air sgàth an cudthrom.
Beagan astar gu tuath air far an robh sinn a’ seasamh bha tràigh leathann de ghainnibhich gheal air an robh Maighstir Zucker an dùil cuimiseachadh an rocaid a chuir gu talamh an déidh a turus thar a’ chaolais. Bho ar n-àite feitheamh chitheadh sinn na feallsanaich ag ullachadh na rocaid. Uair no dha chaidh iad am fasgadh na creige agus dh’fhuirich sinn sàmhach le iongnadh is eagal ach am mach thigeadh iad a rithis a dheanamh ceartachadh.
Mu dheireadh, is sinn a’ call faghaidean, is ann a ghlacadh gun
fhios duinn sinn; chunnaic sinn spreadhadh de cheothaidh agus na dhéidh bhriseadh an t-sàmhchair le sgall is tàirneanaich an fhùdar. Chaidh gach eun is ainmhidh gu othail is dhùisgeadh Mac-Talla nam beann mar nach do dhùisgeadh riamh roimhe e. Thionndaidh gach sùil gu tuath thun na tràghad gheal ghrianach ach cha d’thàinig air a h-aghaidh aon lorg no smal.
Sheall sinn air ais thar a’ chaolais gu cladach Scarp agus b’ann an sud a bha an sealladh. Bha an rocaid na laighe sgàinte agus oiteag ceothaidh aiste; a’ chreadhal fhiodha briste is sgaoilte fad is farsuinn is na cearcaill iarruinn air an toinneamh ri chéile. Bha an cladach geall le litrichean mar cur sneachda agus fir a’ ruith an sud ’s an so a’ cur as nam feadhainn a bha air theine; bha Maighstir Zucker bochd an taic creige ’s a’ cheann gu muladach eadar a dha bhois. Chuir sud crioch air rocaid an Scarp. Spreadh am fùdar ro luath
mu’n robh an rocaid air a’ chreadhail fhiodha fhàgail agus ghlac na sgiathan ann an aon de na cearcaill iarruinn.
Chuir iad a’ choire air fùdar Breatunnach a b’fheudar dhoibh a bhi losgadh do bhrìth is nach do leig Hitler leotha am fùdar ceart a thoirt a nall bho’n Ghearmailt.
A nis tha feallsanaich ag ionnsachadh ann am fàillneachadh cho math ri ann an soirbheachadh. Beagan mhiosan an déidh so chunnaic mi iomradh air Maighstir Zucker a’ losgadh rocaid eadar Eilean Wight agus ceann a deas Shasuinn, agus shiubhail i so troimh an iarmailt ged nach do chum i cùrsa mar bu mhiann leis. Thìll e do’n Ghearmailt is cha chualas an corr iomradh air. Chan eil teagamh agamsa nach deachaidh a chuir gu obair ann am baile Peenemunde bho’n d’thàinig na rocaidean mora sgriosail V2 aig deireadh a’ chogaidh, le’n eallach de stuthan spreadhaidh ag cuir moran de Bhaile Lunnainn gu fas.
Bha mise uair no dha am Baile Lunnain nuair a thàinig té dhiubh gu talamh (gu fortunnach astar bhuam) agus tuigidh sibh carson aig an am sin a shùibhleadh mo smuain gu latha grianach samhraidh ri taobh Caolas Scarp. Bidh a leithid a rithis a’ dol troimh m’ inntinn am shuidhe ris an Telebhisean ag amharc air na spèuradairean Aimeireacanach ag gabhail an cuairt air uachdar na geallaich. Cò nar measg an latha ud a smuainich gum faca sinn ceum tuisleach “air lòrg nan rèultan?”
Is fhada bho’n a bha sùilean an duine air na rèultan. Ann am briathran a tha againn bho fhìor thoiseach eachdraidh tha miann an duine na làn bhrìgh air a chuir sios dhuinn ann am facail sìmplidh “Och nach robh agam sgiathan mar choluman, theichinn as air iteag is gheibhinn fois.”
Tha iomradh againn air Lucian, sgrìobhaiche Sirianach, a bha ainmeil air sgrìobhadh ann an Grèugais anns an dara lìnn. Thug e dhuinn sgèulachd air a’ cheatharnach mor Ulysses, mar a ghlacadh am bàta aige ann an stoirm. Thog a’ ghaoth beò-slàn as an uisge iad, shiubhail iad seachd latha agus seachd oidhche troimh na spèuran gus an deachaidh an bàta mu dheireadh air tir ann an dùthaich d’am b’ainm “Rèul na h-oidhche.” Tha e coltach nach do chuir duine a lèugh an sgèul moran diuigh innte. Troimh iomadh lìnn b’e creidimh nan uile gu’m b’e an saoghal deas-meadhoinn a’ chruinne-cé gu léir; gu’n robh a’ ghrian is na rèultan ga chuairteachadh is air an riaghladh leis.
Anns an 16mh agus an 17mh linn thoisich feadhainn air so
àicheadh agus air cur an céill gur ann a bha an talamh agus na rèultan-sìubhlach a’ dol timchioll na gréine agus gu’m b’e a’ ghrian deas-mheadhonn ar cruinne-cé. B’iad an triùir a b’ ainmeile agus a chuir air chois an ceasnachadh agus an cnuasachadh ris an abair sinn feallsanachd, Copernicus, Galileo agus Kepler. Tha e ag cur iongnadh oirnn fhathast mar a bheachdaich is mar a thomhais iad gun na h-ìnnleachdan a tha againne an diugh gan cuideachadh.
Bha Kepler fileanta ann an cànainean agus dh’eadar-theangaich e an sgèulachd mu dhéidhinn Ulysses agus a thurus anns na spèuran. Sgriobh a fhéin leabhar na dha agus, airson fealla-dhà, aon do’n d’thug e an t-ainm “An Aisling.” Ann an litir a chuir e gu caraid còmhla ris an leabhar sgriobh e mar so— ”Ma thig an latha a théid ar fògradh bharr aghaidh na talamhuinn, ni an leabhar so trèorachadh air na fògraich is na h-eilthirich.”
Chi sinn an déidh so, da easbuig Shassunnach a’ sgriobhadh mu dhéidhinn turuis speuran. Ann an 1638 chlò-bhualadh leabhar leis an Easbuig Frannsaidh Godwin, “An duine air a’ gheallaich.” B’e an ional-siubhail a bh’ aige ràth aotrom air a tharruing le còmhlan de ealan. Na dhéidh sgriobh an t-Easbuig Iain Wilkin, “Saoghal ùr anns a’ gheallaich.” Cò dhùibh dh’ aithnich e cho duilich sa bhiodh an turus a dheanamh agus nach maireadh an duine beò os cìnn an adhair, agus nach robh gaoth ann a chumadh taic ri sgiath. Beagan an déidh so chi sinn sgrìobhaiche eile Cyrano de Bergerac a toirt a bharail gun deanadh rocaid an turus so.
Troimh an 18mh agus an 19mh lìnn chaidh tuilleadh is tuilleadh leabhraichean a sgrìobhadh air a’ chuispeir so—siubhal nan spèur. Air dithis cho ainmeil sa bh’ ann agus a rinn fàisneachd iongantach, bha Jules Verne agus H. G. Wells. Saoil de theireadh an dithis sin nan robh iad beò an diugh, is na spèuradairean comasach air taghal air a’ gheallaich latha sam bith a thoilicheas iad, cha mhor. Tha seann mhiann an duine, a bhi tàr as o’n ghreim a th’aig an talamh air, a nis air a comhlionadh, agus seallamaid gu h-aithghearr air mar a chaidh aige air so a dheanamh, o’n àm anns an do dh’ fhàs e cho eudmhor de eunlaith an adhair is gun do smuainich e air cia mar a dh’ éireadh e o’n talamh.
Chaidh moran a mharbhadh is a leòn a’ deanamh sgiathan dhaibh fhéin mar eunlaith an adhair. B’ ann le “balloons” a rinneadh a’ cheud turus adhair, pocannan mora de phàipeir a ghléidheadh gaoth. Chan eil ach naoi fichead bliadhna bho rinn Steuphan agus Iosaph Montgolfier anns an Fhraing “balloon,” a
lìon iad le gaoth theth, le teine a lasadh fodha, agus ann am baiscead ceangailte ris, shiubhail iad coig mile, aig àirde coig ceud troigh os cìnn na talamhuinn. Ged is ann acasan a tha an t-urram tha amharus againn gun do rinn na Sìnich an dearbh ni bho chionn coig ceud bliadhna.
Lorg na feallsanaich an eileamaid “Hydrogen” a tha moran na’s aotroma na ghaoth agus is ann le “Hydrogen” a lìonadh na luing adhair air am bheil sibh eòlach; na “Zepellins” aig na Gearmailtich agus an fheadhain Bhreatunnach “R 34” agus “R 101.” Cha d’thàinig luing adhair riamh gu moran feum oir tha iad slìgeach an siubhal, tha iad lag an aghaidh stoirm is doinnean agus tha Hydrogen air leth cunnartach do bhrìgh mar a loisgeas e.
Is fhada bho’n a bha bàtaichean mara air an gluasad le inneal ris an abair sinn “propeller” air am bheil an leithid de chumadh, an uair a thionndaidhear e anns an uisge tha e ’ga shàthadh uaithe agus mar sin a gluasad roimhe, am bàta ris am bheil e ceangailte. (Faodaidh e a’ tarruing na dhéidh ar reir an rathad a tha e a’ tionndadh). An nis ged nach fhaic sibh gaoth tha cuid de nàdur an uisge innte. Ma thionndaidhear “propeller” anns a’ ghaoith sàthaidh e bhuaithe a’ ghaoth agus gluaisidh e, a’ tarruing na dhéidh an long adhair tha ceangailte ris. Do bhrìgh gum bheil a’ ghaoth cho tana is cho aotrom, feumaidh am “propeller” tionndadh aig astar air leth luath agus sgiathan leathann a bhi air an luing airson an cudthrom aice a sgaoileadh.
B’ iad dithis bhràithrean Aimeireacanach d’am b’ ainm Wright aig am bheil an t-urram a’ cheud turus a dheanamh. Chan eil ach tri fichead bliadhna bho’n latha a dh’éirich an t-inneal a chuir iad ri chéile far na talamhuinn, is shiubhail e tri cheud slat le tarruing a’ phropeller ann an aon mhionaid na h-uaire. Cha robh a’ cheud turus so ach glé ghoirid ach dh’fhosgail e rathad mor ùr do’n duine. Bha mise ann am baile Dayton, Ohio anns na Statuin Aonaichte, baile àraich nan gillean Wright agus chunnaic mi an long adhair anns an d’rinn iad an turns ainmeil ud agus ag amharc air na slatan fiodha, stiallan canabhais agus ròpan a bh’innte cha b’iongnadh leamsa mar a chaidh moran de’n comh-aoisean a leòn is am marbhadh a’ feuchainn éirigh far na talamhuinn. Tha an “Aeroplane” an diugh cho bitheanta is nach leig mi leas moran a labhairt mu deidhinn, ach abram facal air na “jet” planes. Tha iadsan as eugmhais “propeller” ach tha iad a’ tarruing a steach gaoth troimh tholl anns an toiseach, ga mheasgadh le ola is ga losgadh ann an
inneal àraidh. Tha ghaoth theth a’ spùtadh am mach a tuill an cùl nan sgiathan le neart a tha a’ sàthadh na luing air adhart. An nis feumaidh “balloon” agus long adhair gaoth air an seòl iad; feumaidh “aeroplane” gaoth air an sàth am “propeller” agus feumaidh “jet” gaoth a tharruingeas i a steach airson a spùtadh am mach. Ach chan eil àirde na gaoithe os cinn na talamhuinn ach tana, tana an coimhmeas ri àirde na speur agus mar sin chan éirich aon de na h-innealan sin ach beagan mhìltean do’n adhar—cha dìrich iad moran thar deich mile. Tha a’ gheallach da cheud gu leth mile de mhiltean air falbh—cha dean “hydrogen,” cha dean “propeller,” cha dean “jet” feum sam bith.
So far am bheil an rocaid neo-sheachanta. Tha moran agaibh eòlach air a bhi faicinn fear a’ loisgeadh ùirchir a gunna. Tha am fùdar a spreadhadh agus a’ tilgeil a’ pheilleir no an luaidhe am mach a ceann fosgailte a’ ghunna ach aig an aon àm chi sibh an gunna a’ breabadh guallainn an fhir a loisg. Anns an fhùdar tha dhà no tri stuthan, aon anns am bheil oxygen ceangailte agus càch a loisgeas nuair a chuirear sradag riutha ann an làthair oxygen. Ann am priobadh nan sùil tha iad a’ tionndadh gu riochd tòrr mor “gas” theth agus tha neart an spreadhaidh a’ sireadh sgapadh, biodh e ann am peilleir a thilgeil, no clach a sgàineadh as a chéile. Tha an neart uamhasach so a sàthadh a h-uile rathad aig an aon am agus, abair gum bheil an spreadhadh a tachairt ann am pìob le aon cheann dùinte agus ceann fosgailte, sàthaidh an spreadhadh air a’ cheann dhùinte agus gluaisidh a’ phìob an rathad sin. Chan eil ann an rocaid ach pìob dùinte aig aon cheann, an ceann eile fosgailte; stòr innte de’n da stuth a thatar a dol a mheasgadh le chéile agus seòmar air mullach na rocaid airson an luchd-turuis.
Tha aon ni mu dheidhinn an connadh a tha anns na rocaidean-siubhail, feumar an spreadhadh a bhi air a cheannsachadh agus an neart a tha ann a bhi fo smachd an fhir tha stiùireadh. Cha deanadh fùdar a tha a dol a spreadhadh ann am priobadh na sùil moran feum, ma tha cùrsa àraidh ri chumail fad uine agus caladh àraidh ri tighinn gu laighe socair ann.
Is fhada bhon bha eòlas aig daoine air rocaidean. Ann am beul-aithris nan Sìneach bha iad acasan bho chionn ceathair mile bliadhna ach chan eil moran creideas anns an sgeul. Cò dhiùbh tha aithris air fùdar ann an cogadh eadar na Sìnich is na Tartaraich ach bha muinntir na Roinn Eorpa toilichte gu leoir a bhi a’ marbhadh a chéile le claidheamh is bògha-saighde airson iomadh linn. Ar réir
eachdraidh is ann aig Blar Crecy anns an Fhraing sa bhliadhna 1346 a chualas a’ cheud bhrag aig fùdar san Roinn Eorp agus chuir sin atharrachadh mor ann an dòighean cogaidh. B’e so aon de na clachan mile ann an eachdraidh an t-saoghail.
Tha mi creidsinn gum faic sinn dà adharp gach bliadhna air a bhi cuir dithis is dithis thun na geallaich, a’ taghadh àitean astar o
An t-Aimeireacanach Seumas Irwin air uachdair na geallaich
chéile agus gach cáraid a’ fuireach ùine nas fhaide air aghaidh na geallaich a’ cnuasachadh is a tomhais chum eòlas a mheudachadh. Nuair a chithear dé an t-àite is fhearr chi sinn laboratory ga togail far am fuirich grunnan fheallsanaich airson mìosan aig aon àm, ann an seòrsa de chomhfhurtachd.
Le dìth gaoithe is uisge ann an athar na geallaich gheibh na feallsanaich sùil air a chruinne-cé nach fhaigh iad idir bho’n talamh. Cuiridh iad an gloinneachan is na h-innleachdan eile ri seallaidhean nach urrainn iad air thalamh oir tha solus a tighinn thugainn air fiaradh do bhrìgh ’s gum bheil coig ceud mile de athar os ar cinn.
Mar tha fios agaibh, tha sùilean an diugh fada seachad air a’ gheallaich, agus tha am programme air bonn cheanna airson an ath cheann-iùll, an Rèul-siubhlach Màrs. Tha Màrs nas fhaide bho’n ghréin na tha an saoghal, agus ged tha na rèultan a’ cuairteachadh na gréine chan e idir cearcall cruinn a tha iad a’ siubhal ach cearcall
air cumadh ugh circe. Tha an saoghal a cuairteachadh na gréine aon uair anns a’ bhliadhna. Tha Màrs a’ tarruing bliadhna is seachd miosan ri chuairt. Aig àm, tha e cho faisg oirnn ri coig million deug thar fhichead mile agus aig àm eile cho fada air falbh bhuainn ri da cheud gu leth million mile. Chan eil a’ gheallach chòir ach aon chairteal de mhillion mile agus thug an rocaid tri latha air an t-slighe; bheir i ochd mìosan aig a char as lugha a’ ruigheachd Màrs.
Tha moran agaibh eòlach air an sgil a tha an am maireireachd a’ chuain. Tha am bàta a’ fàgail tir cruaidh seasmhach agus a’ siubhal gu ruige tir cruaidh seasmhach agus feumaidh am fear stiùiridh cùnntais a dheanamh air mar a dh’ fhaodas an sruth am bata a shàthadh gu aon taobh agus a’ ghaoth gu taobh eile.
Ach am fear a stiùireas an rocaid air a turus, tha aige ri cùnntais a dheanamh air saoghal a tha tionndadh aon uair as na ceithir uairean fichead, a’ siubhal dion air a chuairt timchioll na gréine agus tha an saoghal air am bheil e a stiùireadh glé an-fhoiseil cuideachd.
A thuilleadh air so tha tarruing mhor aig an t-saoghal air an rocaid ach tha an tarruing so a lughdachadh ann an cabhaig, mar a dhìreas i gus an ruig i an t-àite far am faigh i an tarruing bho’n t-saoghal a dhionnsaidh a bheil a turus. A’ dol gu ruige Màrs, bidh greis eadar i tarruing an t-saoghail fhàgail agus mu’n ruig i tarruing Mhàrs a bhios i ann an tarruing na gréine agus feumar so a ghabhail a steach cuideachd.
Tha iad air rocaid no dha a leigeil faisg air Màrs mar tha, le innealan dhealbh, telebhision is radio air bord agus thatar air tòiseachadh a bhi cruinneachadh brath air mar tha cùisean anns an t-saoghal sin. Ar rèir coltais is e rèul fuar marbh a tha ann, agus tha feadhainn a’ deanamh dheth gum bi duine a’ cur cas air mu dha bhliadhna deug on àm so.
Tha dà rèul siubhail eadar an saoghal agus a’ ghrian an car a’ chearcaill a tha iad a siubhal. Is e Mercury as fhaisge air a’ ghréin a’ deanamh a’ chuairt gach tri miosan agus ro fhaisge air a ghréin airson a bhi ag adharpachadh tathal air.
Eadar Mercury is sinne tha Vénus, an rèul as soilleire chi sinn agus, ar réir coltais, nas coltaiche ri ar saoghal na aon eile de na rèultan siùbhlach. Tha sgòthan air, uisge is gaoth ach cho fad ’s a ghabhas tomhas a dheanamh tha uachdar glé theth. Tha na Ruiseanaich an déidh a bhi cuimseachadh rocaidean le innealan gu ruige Vénus ach is ann air Màrs a tha sùil nan Aimearacanach agus is
ann as dòcha barrachd adhartas a dheanamh, ach chithear spàirn gu Venus mu’n téid moran bhliadhnaichean seachad.
Tha coig reultan-siùbhlach eile, co-cheangailte ri ar cruinne ach tha iad astar mor, mor uainn. Tha Jupiter an taobh a muigh de Màrs, agus is e an rèul as motha dhiubh. Tha e còrr is mile uibhir na talamhuinn so agus a’ toirt dà bhliadhna dheug a’ cuairteachadh na gréine. Ach tha e cur car dheth fhéin nas luaithe na tha an talamh agus mar sin tha a’ ghrian ag éiridh air a h-uile deich uairean an comais ri ceithir uairean fichead air an talamh. Tha an reul fuar, fuar agus còta tiugh de dh’ eigh air uachdar. Am mach uaithe tha Saturn, Urànus, Neptune agus Plùto.
Chan eil rocaidean làidir gu leòir an làthair airson turuis dhan na rèultan so, ach tha dòchas gun téid aig na feallsanaich air neart an smùirnean a chur gu fèum ann an rocaidean. Bheireadh so comas air turusan glé fhada a ghabhail a laimh ach tha na h-astair cho mor is nach eil aois an duine fada gu leòir airson ùine thoirt dha turus a chriochnachadh. Ach tha a leithid so fada os mo chìnnsa agus cha téid mi nas doimhne anns a’ chùis.
title | As an t-Saoghal So |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p |
parent text | Criomagan Ioma-dhathte |