MAR LEAGHAS TEINE ...
Tha mi cinnteach gur i a cheud smuain a thig a steach air a’ chuid as motha, a thaobh an stuth ris an abair sinn, céir, an nàdur a tha ann gu bhi leaghadh fa chomhair teine.
Tha daoine air a bhi eòlach air céir bho fhìor thoiseach eachdraidh. Tha e ’na stuth air leth feumail dhuinn uile, mar a bha e troimh nan linntean, ach cha robh e riamh, mar uisge is aran, ’na ni nach b’urrainn dhuinn deanamh as eugmhais. Bha e an sud ri laimh agus fhuair sinn iomadh feum dha, ach cha do chuir sinn riamh moran diùigh ann agus cha do rinn sinn moran cnuasachadh mu dheidhinn, ann an coimeas ris a’ chnuasachadh a rinn sinn air stuthan eile anns an t-saoghal. Is math, ged tha, is fhiach an stuth so sùil a thoirt air agus àite fhéin a thoirt dha.
Tha iomadh seòrsa céir ri’m faotainn anns an t-saoghal, agus ann am briathran a’ phrogramme ceasnaicheach a bha uair air a’ Bh.B. C. gheibh sinn na tri freumhan— “animal, vegetable, mineral;” céir bho ainmhidhean, bho phlanndraisean is bho mhèinnichean. Ma tha cuimhne aig cuid agaibh air sgriobhadh a rinn mi aon uair ann an leabhar eile air ar cuid-aodaich, gheibh sinn stuthan a ghabhas snìomh is fighe as na tri freumhan sin cuideachd.
Mu’n seall sinn gu mionaideach air céir de gach seòrsa bu toil leam an toiseach sgeulachd bheag no dha a chuir fa’r comhair a sheallas smuaintean is cleachdaidhean dhaoine a thaobh céir troimh na linntean a chaidh seachad. Saoileam gu’n còrd sgeulachdan mar so ri na Gàidheil, cò-dhiúbh ris an fheadhainn air am bheil mise eòlach.
Tha mi creidsinn cuideachd gum bheil moran agaibh a chuireas an còrr de’n rann ris na briathran a tha nan tiotal air an duileig so—rann de’n ochdamh salm thar an tri fichead:
Mar sgapar deatach fuadaich iad
mar leaghas teine céir
mar sin gun sgriosar droch dhaoin’ as
a fianuis Dhé gu léir.
An nis is ann air droch dhaoine a tha mo sgeulachdan anns a’ cheud àite, sgeulachdan air buitsichean, firionn agus boirionn, na truaghain sin a bha an cò-chreutairean a’ creidsinn a reichd an
anam ris an Dìabhul agus a bha air an sgiùirseadh is air an cuir gu bàs troimh na linntean airson an obair mallachd a bhiodh iad, ma b’fhìor, a’ deanamh air an coimhearsnaich. Chan eil ach da cheud gu leth bliadhna bho’n chuireadh a’ bhuitseach mu dheireadh gu bàs le loisgeadh anns an dùthaich so fhéin, agus tha creideas fhathast ann am buitseachd bitheanta air feadh an t-saoghail.
Cò-dhiùbh, b’e céir aon de na stuthan leis an robh na buitsichean a’ nochdadh an cumhachd. Ma bha iad airson mallachd a chuir air fear na té, dheanadh iad ìomhaigh ann an céir, ann an coltas an neach a bha ri sgrios. Sheasadh iad an iomhaigh céire fa chomhair an teine agus aig an dearbh am sin thigeadh teas an fhiarais air fear na mallachd. Ma bha a’ bhuitseach airson cràdh is pian a chuir air shàthadh i bioran is snàthadan anns a’ chéir agus dh’ fhairicheadh an truaghan bochd eile na gathan cràidh anns an dearbh bhad de chorp fhéin. Nan cuireadh i an iomhaigh cho faisg air an teine is gun toisicheadh a’ chéir air leaghadh thoiseachadh corp an fhir thìnn air seargadh air falbh.
Tha a’ cheud aithris againn air a leithid so de bhuitseachd ann an eachdraidh na h-Eubhait. Mu dha mhile bliadhna roimh àm Chriosda, tha iomradh ann an cuisean lagha na dùthcha gun deachaidh buachaille a bha ’g a chosnadh aig an righ, a dhìteadh airson a bhi cuir tinneas air cuid de mhuinntir a’ bhaile, anns an dòigh so.
Mar tha fios agaibh bha moran dhiathan aig na h-Eubhaitich ris an robh iad ag aoradh. B’i a’ ghrian an Dia Mor aca, “Rà” mar a theireadh iad. Bha nàimhid mor aig “Rà,” Diabhul an dorchadais d’am b’ainm Apepi, a bha ag éiridh suas an aghaidh Rà a h-uile feasgar aig àm dol fodha gréine, agus air uairean eadhon ann an dùthaich bhlàth ghrianach mar an Eubhait chuireadh Apepi suas sgòthan troimh an latha airson Rà a mhuchadh. A nis airson Rà a chuideachadh an aghaidh Apepi bha gniomh àraidh a’ dol air adhart a h-uile maduinn ann an teampull mor Thebes. Bhatar a deasachadh iomhaigh mhor de Apepi ann an cruth narach ann an céir. Chuireadh iad an ìomhaigh air beulthaobh an t-sagairt, agus sgiùirseadh esan an ìomhaigh céire. Thilgeadh e smugaid air, shàthach e claidheamh ann, agus an déidh sin leumadh e air is shaltradh e fo shàilean e gus an robh e air a phronnadh ris an talamh. An déidh sin dheasaicheadh e teine de lusan àraidh agus dheidheadh na bheir fhàgail de Apepi a loisgeadh gu tur. Chan eil iad ag innse dhuinn dé an cudthrom de chéir a bha anns an dol a mach ud gach latha, ach bha e cumail obair ri moran thràillean.
Bha na Grèugaich is na Ròmanaich cuideachd a’ creidsinn ann am buitseachd. Gheibh sinn iomradh air, nuair a bhiodh tinneas ann an tigh, dh’fhaoidte criomagan de na h-ìngnean aig an fhear thinn, a mheasgadh ann an cnap céir agus a shàthadh ri urrsainn doruis nàbaidh, mu’n éireadh a’ ghrian. Mar so rachadh an tinneas thairis bho aon tigh do’n tigh eile. Tha iomradh againn gu’n robh moran a’ creidsinn anns an dol a mach so, agus gun robh e bitheanta air feadh na dùthcha. Tuigidh sinn, gun gabhadh duine uamhas mor a’ dol a mach anns a’ mhaduinn agus a lorg cnap céire air urrsainn an doruis aige fhéin, gun fhios cò chuir ann e, no dé an tinneas a bha anns an tigh bho’n d’thugadh e. Chi sinn an sgolair ainmeil Grèugach sin Plato, a gabhail beachd air an seòrsa obair so. Sgrìobh esan am measg moran nithean air am bheil an ceanna-daona measail, a bheachd fhéin air na laghan a bu toil leis fhaicinn anns an Riaghaltas. Am measg nan laghan, bha aon lagh a cur stad air daoine a bhi cur mallachd air feadhainn eile le ìomhaighean céire.
A nis cha ruig sinne air Ghaidhealtachd a bhi a’ saoillsinn gun robh na seann threubhan ud nas faoine na bha ar sìnnsirean fhéin. Bha an aon chreidimh aig ar sìnnsirean ann a bhi cuir mallachd air daoine eile ach an àite iomhaigh céire is ann a bhiodh iad a’ deanamh corp creadha, is ga chuir ann an sruthan. Mar a chnàmhadh an t-uisge air falbh a chreadh bha iad an dùil gun seargadh corp an fhir no’n té air an robh iad a’ cur na mallachd. Tha moran iomradh ann an litreachas air a’ chorp chreadh.
Ach air Ghalldachd na h-Albainn tha aithris gu leòir air na buitsichean a bhi a’ laimhseachadh céir airson a bhi ag obrachadh mhallachdan. Bha triùir bhuitsichean ainmeil ri linn an siathamh Righ Seumas, Gellis Nic Dhunnchaidh, Agnes Sampson agus Oighrig Nic Illeathain a bha fuireach faisg air Dun Eideann. Dh’ fheuch iadsan ri mallachd a chuir air an Righ, ghlacadh iad is chaidh an dìteadh is an loisgeadh.
Ged nach d’thug mi iomradh fhathast ach air mallachdan a thaobh na céire, bha druidhean ann a’ feuchainn ri fàigheadarachd a dheanamh.
Abair gun tigeadh bean a bha am fear aice air turus cuain a null thairis. Bheireadh i leatha cnap céire le criomag bheag air choireiginn a bhuineadh do’n duine aice air a mheasgadh ann. Ghoileadh a bhuitseach poit uisge agus leigeadh i a’ chéir air an uisge theth far an leaghadh e. Ar réir a chumadh anns an leaghadh a’ chéir, dheanadh a’ bhuitseach fàigheadarachd air de bha tachairt do’n
eilthireach. Abair gun rachadh a’ chéir ann an cumadh bàta le cumadh cuirp ri taobh, bha so a’ ciallachadh am bàta a bhi air a dhol as an rathad. Ni sinne gàire ris a leithid so a dhol a mach ach cia mheud boirionnach a chunnaic sinn a’ toirt sùil air na duilleagan tea anns a’ chupan.
Aig uairean thigeadh fear no té a bha ann an gaol ri leannan nach robh idir a toirt fainear. Dh’ iarradh esan no ise cuideachadh o’n bhuitsich le iomhaigh céire a’ loisgeadh anns an dòchas gun leaghadh an cridhe cruaidh gu bhi gràdhach ann am freagradh.
Chi sibh, ma tà, leis na dh’ innis mi dhuibh, gun robh buadhan àraidh air an cuir as leth céir bho linn nan linntean, agus tha e na cheist dhuinn, cò a’ cheud fhear a mhothaich do’n chéir is a chuir gu feum i. B’e céir nan seilean, a’ cheud chéir air an robh eòlas aig daoine, ach is ni iongantach leinn, am measg a’ bheagan is a tha air am fàgail de threubhan fad air ais ann an coilltean aonar na talamhuinn, chan eil diùigh aca ann an céir. Tha iad air fad déidheil air mil nan seilean, ach mothaichidh sinn gun sluig iad a’ chir mheala beò slàn mar a tha i le mil is céir is na seilein oga.
Cò-dhiùbh, tha fios againn gun do thòisich na h-Eubhaitich air a bhi lìomhadh ballachan nan uaighean aca o chionn còrr is tri mile bliadhna agus a’ suaineadh nan cuirp ann am marbh-phaisg de anart air a shuathadh le céir.
Tha an ceanna-daona air adhartas mor a dheanamh ann an tri mile bliadhna, ach air dòigh is iad an da fheum as motha ris an cuir sinn céir an diugh, an da fheum a bh’aig na h-Eubhaitich, a’ liomhadh is a’ suaineadh, ’s a paisgeadh.
Tha an dara leth de’n chéir a tha sinn a’ deasachadh anns an dúthaich so a’ dol gu feum ann am paipear agus ann am bocsaichean gu bhi paisgeadh aran is im, bainne is càise, milsean is sìoban agus mile rud eile a bhios sibh a’ ceannach ann am bùth. Tha na miltean thar mhiltean de phaipeir ga shuathadh le céir ann am factories phaipeir a h-uile latha agus a thuileadh ’s a thuilleadh gach bliadhna théid seachad. Ma shaoileas sibh gum bheil am plastic ris an abair sinn polythene a’ gabhail àite a’ phaipeir le chuid céir air, dh’ innsinn dhiubh gum bheil polythene agus céir gle chaìrdeach da cheile. Ma tha criomag bheag polythene ri bhur laimh cuiribh teine ris agus cuiribh bhur sròn ris a cheòthaidh a thig as. Gheibh sibh fàileadh céir na coimhleadh glé laìdir.
An déidh an fhèum so, tha moran dòighean anns an cuir sinn céir an greim. Tha sinn a’ lìomhadh ar brògan, is ùrlar an tighe is an
àirneis anns gach seòmar. Bidh na caileagan gan ungadh fhéin airson maise craicinn, dreach an ròs air am beul agus dùbhar mu na suilean. Agus anns na làithean anns an robh am moustache fo’n t-sròin cho bitheanta am measg fhear, bha moran céir a’dol gu bhi cumail an fhiongaidh sin an òrdan. Ar réir an sgriòbhaiche Rudyard Kipling b’e barail nan caileagan gun robh pòg bho ghille gun céir air a mhoustache coltach ri bhi ag itheadh ubh gun salainn.
Cha roth clach dhearg no ghorm aca anns a’ bhùthainn …
… ach tha an Clabsan glé mhath air na caoraich!
Bidh sinn a’ spioladh itean a cearcan le céir, a’ deanamh canabhas dìonach ri uisge, a’ deanamh an rathaid sleamhainn airson a’ bhàta a chuir air snàmh bho’n àite anns do thogar i. Tha céir ann an uirchrichean gunna, agus ann an dynamite, anns a’ pheann luaidhe agus anns a’ phaipeir dhubh a bhios eadar na duilleagan paipeir anns an typewriter. Dh’ fhaodainn cumail orm fad ùine mhor ag innse dhiubh nan iomadh àite anns am bheil sinn a’ cur céir gu feum. Cò-dhiúbh, is fhearr dhuinn sealltuinn air far am faigh sinn céir.
Mar a thuirt mi is ann air céir nan seilean a bha a’ cheud eòlas, ach chan eil sinn a’ tuigsinn fhathast an doigh iongantach anns am bheil an seilean a’ deasachadh céir. Tha cnuimh bheag ann an Sineadh agus ma laigheas e air a’ chraoibh uinnse, òlaidh e sùgh na craoibhe agus tionndaidh e so gu seorsa de chéir a tha e suaineadh mu’n cuairt air fhéin gu tuighead leth oirlich. Bidh na daoine a’ cruinneachadh nan cnuimhean so agus gan giùlain gu coilltean uinnse, far an càraich iad gu curamach air meaghlain iad.
Tha cnuimh bheag eile anns na h-Innseachan a bhios a’ deasachadh an ròsaid ud ris an abair sinn “shellac” air an aon dòigh, agus am measg an ròsaid tha beagan de sheòrsa eile de chéir. Is e an “shellac” so an stuth air an robh an Lìomadh Frangach air a dheasachadh.
Am measg ainmhidhean eile tha céir anns a’ cheann aig a’ mhuic mhara ris an abair sinn an “sperm,” agus nas fhaisge air an tigh, tha a’ chaora a’ deanamh beagan céire a ghabhas dealachadh bho’n chloimh aice.
Am measg phlanndraisean, tha céir ri fhaotainn ann an iomadh flùr is meas, ach anns a’ chuid mhor chan eil a’ chéir an lathair ann an tomhais as fhiach obrachadh. Anns na dùthchannan teth gu h-àraidh tha a’ chuid mhor de phlanndraisean a’ dion an uisge a tharruingeas iad bho’n talamh bho bhi air a thiormachadh uapa le teas na gréine le cota tana, tana de chéir air an duilleagan; agus aig cuid air am bun, air an stoc agus air am meas.
Chan eil ach coig no sia phlanndraisean aig am bheil a’ chéir anns an tomhais gu leòir agus nam measg is e Carnauba as ainmeile. Tha a’ chraobh Carnauba a’ fàs ann am Brazil agus tha moran céire air na duilleagan aice, cho tiugh is gun sgriobar dheth a’ chéir le sgeinean. Tha a’ chéir so air leth cruaidh agus cha leagh i gun tuilleadh teas is a dh’fheumas céir nan seilean.
Ann am Mexico tha planndrais “Candelila” is moran céir air an stoc aige. Tuigidh sibh mar fhuair e an t-ainm, agus gu dearbh tha craobh eile anns na duthchannan sin air am bheil dearcan ris an abair sinn dearcan coinnle. The tomhais mhath de chéir anns a’ chuiseig-anairt agus ann am planndrais a’ chotain. Tha céir anns an fheamainn cladaich.
Tha céir ris an abair sinn “Montan” ann am mòine, mar a dh’innis mi dhiubh uair cheanna, agus is ann as an talamh a gheibh sinn a’chuid mhor de’n chéir an diugh. ’S e sin a’ cheir a gheibh sinn a ola; a’ chéir as bitheanta ann an coinnlean; a’ chéir sin Paraffin Wax.
Chan e aon stuth a tha ann an ola na talamhuinn ach moran stuthan a tha de’n aon teaghlach. Thatar an diugh de’n bharail gu’n ann o chnuimhean is fiollain bheaga, bheaga a dh’ fhàs is a bhàsaich ann an àireamh do-aithris ann an cuantan tana blàth, a fhuair sinn an ola a tha daoine an diugh a tarruing a tobraichean. Mar a tha fios agaibh is e a’ cheud stuth a thig a tobar ùr ola, gas tana a gabhas loisgeadh ann an stòbh. Tha sinn a’ faotainn a’ ghas so,
mar tha, as na tobraichean a chaidh fhosgladh bho chionn bliadhna no dha timchioll cladach Bhreatuinn. Tha mi’n dùil nach bi fada gus am faic sinn tobraichean eadar na h-Eileanan a Siar agus Tir mor Alba.
Nuair a théid teas a chuir ris an ola a thig as an tobar gabhaidh i sgaradh gu ola aotrom mar petrol nan càraichean, ola pharaffin a bhiodh againn anns na làmpaichean aon uair, ola thiugh airson aisealan, ola cho tiugh ri geir agus an déidh sin stuth cruaidh geal ris an abair sin céir a’ pharaffin. Aig a’ cheann thall fàgar sinn le stuth cruaidh dubh mar gual.
Tha beagan is ceud bliadhna bho’n dheasaich fear do’m b’ ainm Warren de la Rue, céir a’ pharaffin bho’n ola a bha a’ tighinn as na tobraichean ann am Burma, agus on latha sin thatar air dòighean fhaotainn air a’ chéir a dhealachadh o’n ola gu saor is gu glan.
Is ann ann an deanamh coinnlean a fhuair a’ chéir so feum an toiseach.
Bha da stuth aig daoine roimh so airson coinnlean a dheasachadh. Bha céir nan seilean air leth math—bha e soilseach, loisgeadh e gu seimh socair, bha fàileadh cubhraidh dheth ach bha e daor na sholus. Bha geir ainmhidhean saor, bha e cruaidh, ach loisg e le stealladh is breabadaich agus bha fàileadh ladair dheth. Gu dearbh bha eadar-dhealachadh mor ga dheanamh eadar ceaird luchd deasachaidh coinnlean céire agus coinnlean geire anns na seann linntean. Anns a’ bhliadhna sia ceud deug tri fichead sa h-aon, chi sinn Comunn luchd deasachaidh coinnlean geire air an tarruing gu cuirt-lagha airson a bhi truailleadh an adhar ann am baile Lunnainn le boladh is samh nan coinnlean geire.
Bha coinnlean geire agus céire ro dhaor airson moran de na daoine bochda air an dùthaich agus bhiodh moran aca a’ deanamh an coinnlean fhéin le bhi bogadh luachair ann an geir. Tha aon sgriobhaiche Sassunach a’ toirt dhuinn cùnntais mhionaideach air teaghlach bochd ann an sgir Hampshire aig deireadh an ochdamh linn deug. Le aon phunnd de luachair agus sia puinnd geire dheanadh bean an tighe gu leòir de choinnlean airson solus a chumail ris an teaghlach fad ochd mìosan de’ bhliadhna. Tha an sgriobhaiche ag innse gum biodh faisg air da throigh gu leth de fhaid ann an aon luachair agus gun loisgeadh so fad aon uair a thìde.
Cò dhiùbh, aon uair is gun do thoisich céir a’ pharaffin ri dhol ann an coinnlean, chrom a’ phrìs agus thàinig coinnlean math soillseach do na tighean aig an fheadhainn a bu bhochda. Mar tha
fios agaibh bha moran rannsachadh a’ dol air adhart gu fior oisinn deas an t-saoghail aig an àm, agus chi sinn nach robh luchd turuis an Antarctic idir airson nan coinnlean ùra. B’ fhearr leotha na coinnlean geire air eagal is gun ruigheadh iad a mach a biadh aig àm sam bith. B’ urrainn dhaibh coinnlean geire itheadh ach cha robh biadh idir ann an coinnlean céire.
A nis airson lìomhadh, ge b’ e brògan, ùrlar, àirneis no càr, feumaidh sinn buaidhean àraidh nach eil uile ann an aon seòrsa céir. Mar sin, thatar a measgadh coig no sia chéirean cuideachd airson an lìomhadh as fhearr fhaotainn. Airson cruadhas is soillearachd is iad céirean nam planndraisean as fhearr, airson subaildeachd tha montan feumail, agus ma tha e ri obrachadh an riochd uachdar feumar céir na cloimhe. Tha céir a’ pharaffin na bhunait orra uile agus the moran eòlas agus sgil ann a bhi a’ deasachadh lìomhadh airson feuman air leth.
Tha aon fheum eile air céir nach fhaod sinn a dhi-chuimhneachadh is e sin gràbhalachd. Tha e comasach coltas corp an duine a dheasachadh ann an céir cho mionaideach is nach aithnich sibh am beò bho’n chéir gus am cuir sibh lamh air. Ma bha sibh riamh ann an Talla Madame Tussaud ann an Lunnain bidh sibh eòlach air so. Tha ìomhaigh polisman le ad is a dheise na sheasamh aig an dorus agus théid na ceudan suas uige a dh’ fhoighneachd an rathaid. Nuair a thionndais thu air falbh mhionnaicheadh tu gum bheil fiamh a ghàire air aodann. Anns an Talla chi thu rìghean is bàn-rìghean, daoine ainmeil an la diugh is nan linntean a chaidh seachad, air an ath-chruthachadh dhuinn an sud ann an céir, agus fa ar comhair ann an doigh nach deanadh dealbh, no beulaithris no ni eile a leth de thoil-inntinn dhuinn. Is math is fhiach an Talla tadhal ann, ma tha sibh an Lunnain uair sam bith.
Chluinn sinn am facal gu tric—céir sèulaidh, an stuth dearg a bhios a séuladh litrichean is eile. Bha uair a b’ e céir a bha anns an stuth so ach chan e nas fhaide. Is a shellac air an d’ thug mi iomradh na bu tràithe an stuth as motha a tha ann.
Criochnaichidh mi le bhi toirt suil air ais thun an sgolair mhor Greugach a rithis—Plato. Bha esan a’ stri ri ceistean mora an duine agus a’ feuchainn ri facail a chuir air smuaintean is beachdan. Ann a bhi mìneachadh air Cuimhne an duine is ann mar so a dh’ fheuch e ri solus a chuir air:— ”Ann an tuigse an duine tha cnap mor céire, aig meud air leth ann an daoine air leth, aig cuid nas cruaidhe, nas glaine na aig cuid eile. Ma tha sinn airson cuimhne chumail air ni,
cumaidh sinn an cnap céire ri ar smuaintean is ar seallaidhean agus gheibh e an dealbh aca mar o fhàinne sèulaidh. Ma dhubhar as an iomhaigh no mar a gabh i clò-bhualadh, tha sinn a’ di chuimhneachadh agus chan eil eòlas againn.”
title | Mar Leaghas Teine |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p |
parent text | Criomagan Ioma-dhathte |