AIR DO DHEAGH SHLAINTE
Bu toil leam iomradh a dheanamh air gnothaich a dh’fhaodadh a bhi ’na chuir-seachad buanachdail aig fear an tighe, air na feasgair dhorcha anns nach urrainn dha nì a dheanamh a muigh. ’S e sin mur eil iad uile air fàs cho déidheil air an television is nach eil iad airson gluasad o’n chathair, mar a tha móran anns a’ bhaile mhór.
An nis is e ni air leth taitneach, suidhe sios anns a’ chathair ri taobh an teine, an déidh riasladh sàrachail an latha, le gloine de fhìon tlàth, blasda. Chan e mhàin gum bheil fìon tlachdmhor ri bhlasadh, ach chi sinn eadhon Pòl fhéin a’ comhairleachadh do charaid Timòteus, beagan fìon a chleachdadh airson a ghoile. Gu dearbh tha dùthchannan anns an Roinn Eòrpa agus air feadh an t-saoghail, far am bheil e ’na chunnart, bùrn nam fuaran agus nan tobraichean òl idir, agus anns na dùthchannan sin tha iad, gun teagamh, ag òl fìona mar am bùrn.
Anns na làithean a th’ann, ’san dùthaich so co-dhiúbh, tha màl is cìsean an déidh prìs fìona àrdachadh cho mór, is nach smuainich móran air ach aig Nollaig is Bliadhn’ Uir. Is bochd a’ ghnothaich so, agus tha mise an nis a’ dol a shealltuinn dhuibh cho farasda ’s a tha e, bhur cuid fìon fhéin a dheanamh, nach cosg móran is coig sgillin ùr am botul. Tha sibh comasach air galan fìon a dheasachadh, gun barrachd dragh na th’aig bean an tighe a’ deanamh làn an stòbh de bhonnaich, agus tha a’ bhuil gu math nas tlachdmhora.
An toiseach their mi facal no dhà air an deasachadh a dh’fheumas sibh a dheanamh, ma tha soirbheachadh ri bhi leibh. Ged tha a’ ghnothaich cho farasda, tha e comasach do’n fhear as fhearr againn a dhol iomrall le cus cabhaig, agus chan eil moran nithean a chuireas a leithid de thàmailt air neach, mar a chuireas làn crogan de fhìon searbh, geur, an àite an deoch thlàth, thaitneach air an robh a dhùil, fad’ na h-iùne a bha i ag abachadh.
Anns a’ cheud àite, innseam dhuibh nach fheum sibh cead bho neach sam bith, airson fìon a dheanamh. Cha chuir an cis-mhaor dragh oirbh, fhad’s nach fheuch sibh ri uisge-beatha a dheanamh. Ach tha an lagh ag ràdh, gum feumar fìon a ni sibh anns an dachaidh, òl anns an àite anns an do dheasaicheadh e. Cha dean math idir botul a thoirt leibh gu banais no céilidh ann an tigh eile—cò dhiùbh, na faiceadh am Maorsìthe fo bhur n-achlais e sios an rathad!
Anns na dùthchannan a tha blàth gu leòir, is iad dearcan a’ chrann-fìona a chuirear gu feum airson fìon agus tha ceàrnan anns na dùthchannan sin a’ toirt an ainm do fhìonan air leth. Tha buadhan air leth anns an talamh-àitich, eadar-dhealachadh beag an sud ’san so anns an t-sìde, agus anns na dòighean a tha na tuathanaich a’ cleachdadh bho chionn lìnntean bhliadhnaichean a tha a’ cuir eadar-dhealachadh anns an fhìon a thig as gach cearn. Tha sibh eòlach air cuid de na h-ainmean sin—Bordeaux, Burgundy, Moselle agus mar sin.
An nis tha e comasach gu leòir dhuinn sùgh nam fiondhearc a cheannach eadhon anns an dùthaich so, ach is ann a tha mise a’ dol a dh’innse dhuibh mar a nì sibh fìon blasda taitneach air nithean cumanta a tha ri bhur laimh, mar dearcan an drumain, dìthean-bearnanbrìde, buntàta, oireangairean, sìol na cruinneachd agus fìon-dhearcan thioramaichte; cha mhór gum bheil crioch ìnnse air na nithean a ghabhas tionndadh gu fìon blasda. Feumaidh sibh preis anns an goil sibh uisge; croga creadha, oir neo aon de na soithichean ionnlaid, a bhiodh againn anns an t-seòmar cadail, airson a’ bhuirm a chuir gu obair air sùgh nam measan; sgian; sgrìoban agus stiallan anairt. Cha mhor sin. Ma tha aon de na cuinneagan plastic, breagha ud agaibh, nì sin an gnothaich an àite croga. Feumaidh sibh cuideachd botuil gu leòir airson torradh bhur saothair a chuir seachad. Ged a dh’fhaodas sibh am fìon òl glé aithghearr an déidh a dheasachadh dh’iarrainn oirbh fhàgail bliadhna cò-dhiùbh gun an abaich e gu a làn-bhlas.
Ged nach eil againn an dràsda ach an t-Earrach agus gur anns an Fhoghar a gheibhear an làn-torradh de mheasan abaich, faodar fìon a dheasachadh aig àm sam bith de’n bhliadhna agus bheir mi dhuibh an toiseach seòladh air fìon blasda taitneach a nì sinn air seann bhuntàta agus oreangairean. Ma tha sibh airson comharradh a sgrìobhadh gu chuir air na botuil, sgrìobhaibh “Drùchd a’ Chliseam.”
So agaibh cudthrom nan nithean a dh’fheumas sibh:—
Ceithear puinnd de sheann bhuntàta
Sia oireangairean
Leth-phúnnd fìon-dhearcagan tioram (raisins)
Pùnnd sìol na cruinneachd
Ceithear pùinnd siùcair
Deich pìnntean uisge
Unnsa buirm
Glanaibh am buntàta gu math gun an craicionn a thoirt dheth agus slisibh gu meanbh do’n phreis e. Cuiribh seachd pìnntean de’n uisge còmhla ris agus thugaibh thun na goil e. Bruithibh e air a shocair airson deich mionaidean, a’ togail dheth le spàinn, cop salach ’sam bith. An ceann deich mionaidean sìolaidhibh an sùgh troimh anart do’n chroga. Cuiribh an siùcar ris fhad’s tha e teth, agus gluaisibh e gus an leagh an siùcar. Plodaibh an sìol le uisge goileach agus cuiribh an siol còmhla ri sùgh a’ bhuntata. Cuiribh na “roidhseadan” ann cuideachd. Fhad’s a bha am buntàta a’ tighinn gu goil bitheabh an déidh na oireangairean a ghearradh nan slisean tana còmhla ri an craicinn agus, ann am preis eile le na trì pìnntean uisge a dh’fhàg sibh, thoiribh thun na goil iad agus bruithibh iad airson deich mionaidean. Sìolaidhibh an sùgh am measg chàich, a’ deanamh fàsgadh teann orra troimh an anart.
Leigibh leis fuarachadh gus am bi e dìreach meang-bhlàth agus an sin sgaoilibh a’ bhuirm air uachdar. Ma bhios e ro theth, marbhaidh sibh a’ bhuirm. Ceangailibh stiall ghlan anairt air bàrr a’ chroga agus cuiribh seachad e ann an àite blàth, tioram, airson fichead latha. Tha deagh fhios agam gum bi sibh air bhur buaireadh sùil a thoirt, a dh’amharc air an othail a tha air a’ bhuirm ag obair, ach mar as lugha a chuireas sibh dragh air is ann na blasda am fìon a gheibh sibh.
An ceann na h-ùine so deasaichibh ochd na naoi bhotuil, ’gam plodadh le uisge goileach. Sìolaidhibh am fìon troimh anart glan do phreis ghlan agus a sin lìonaibh na botuil, cuiribh na cìnn annta gu teann agus cuiribh seachad iad airson trì miosan cò-dhìubh.
Chan eil moran coltas fìon air an uisge shalach neo-shoilleir a chi sibh anns na botuil, ach ann an latha na dhà toisichidh bàrr an uisge so air fàs soilleir, òr-bhuidhe, agus grùid a’ tuiteam gu iochdar a’ bhotuil. Ann an ceann dà mhios na trì bithidh am fion soilleir bòidheach, òrbhuidhe agus mu chairteal òirlich de ghrùid thiugh air bonn a’ bhotuil.
Ma tha làmh daingeann, neo-chritheach agaibh, faodaidh sibh am fìon glan, soilleir a dhòrtadh bhàrr uachdar na grùid, do’n bhotul anns an cuir sibh seachad am fìon ag abachadh. Aon uair is gun tòisich a’ ghrùid ag éiridh am measg an fhìon shoilleir, stadaibh is gabhaibh botul eile. Mar sin lionaibh nas urrainn sibh de bhotuil agus cuiribh na cìnn orra gu teann.
Cuiribh ri chéile ann an aon bhotul an dràbhag a bh’anns na botuil eile agus fagaibh sin mios na dha fhathast. Soilleirichidh am
fìon agus faodaidh sibh sin a dhòrtadh bharr uachdar na grùid, agus bu chòirr ochd na naoi bhotuil de fhìon gasda, blasda a bhi agaibh airson an ath Bhliadhn’ Uir. Fhuair mise dòigh is fhearr air botul fhalamhachadh gun a’ ghrùid a charachadh— ’s e sin “syphon” a dheanamh air pìob chaol plastic agus bior-stocainn. Tha mi ceangal ceann na pìoba mu leth-òirleach bho cheann a’ bhior agus ’g a leigeil sios gu bonn a’ bhotuil. Tha am botul so agam air sgealp agus tha a’ phìob fada gu leòir a dhol a bhroinn botul falamh a tha nas ìsle na’m botul làn. Le deochdadh air ceann iosal na pìoba ruithidh am fion glan, soilleir gu socair am mach as a’ bhotul àrd, gun creanachadh a chuir anns a’ ghrùid.
Tha sibh uile eòlach air a’ bhearnan-bride (dandelion), agus nì sibh fìon blasda dhe na bileagan aige. Tha móran a’ cumail am mach gum bheil buadhan ioc-shlàinteil anns an fhìon so.
Cruinnichibh mu làn soitheach-galain de chìnn an dìthein. Feumaidh sibh:
Trì puinnd gu leth siùcar
Naoi pinntean uisge
Unnsa buirm …
Cuiribh cinn nan dìthean ann am preis na croga, agus dòirtibh orra na naoi pìnntean uisge goileach. Cuiribh seachad iad airson coig latha, ’gan gluasad gu math a h-uile latha. Ma thig beagan liathadh air bàrr an uisge togaibh dheth le spàinn e.
Siòlaidhibh an sùgh do phreis agus blàthaichibh air an stòbh i. Cuiribh an siùcar anns a’ chroga agus dòirtibh an sùgh blàth air ’ga ghluasad gus an leagh e. Leigibh leis fuarachadh, sgaoilibh a’ bhuirm air uachdar agus fàgaibh fichead latha ann an àite tioram blàth.
Mar cheanna, sìolaidhaibh agus cuiribh seachad anns na botuil trì miosan gus an soilleirich am fìon. An déidh sin atharraichibh am fìon glan soilleir do bhotuil eile mar a dh’innis mi agus fàgaibh ag abachadh e.
Is e am fìon as fhearr leam fhéin air fad, fìon dearc an drumain ach thig oirnn fuireach gu Foghar airson nam measan so. Tha sibh uile eòlach air a’ chraoibh so le a dòrnlaich de dhìthein gheala a thionndaidheas gu dearcan dùbh-phurpaidh. A rithis chan fheum sibh ach glé bheag airson am fìon blasda so a dheasachadh:—
Trì puinnd de dhearcan an drumain, làn-abaich agus air an tarruing far am bunnan.
Ceithir púinnd siùcair
Galan de uisge
Unnsa buirm
Anns an fheasgair prannaibh na dearcan ann am preis agus dòirtibh an galan uisge orra, fuar. Roimh àm caidil, thoiribh fàsgadh math orra le bhur laimh agus fàgaibh gu maduinn iad.
An déidh fàsgadh teann eile, sìolaidhibh an sùgh troimh anart. An déidh so b’fhearrd an sùgh sìoladh a rithis troimh phocan-sìolaidh mar a bhios aig bean an tighe a’ deanamh silidh air sugh mheasan.
Cuiribh an siùcair anns a’ chroga. Cuiribh sùgh nan dearcan air an stòbh agus thoiribh dha goil shocair airson deich mionaidean. Doirtibh an sùgh teth air an t-siùcar agus gluaisibh e gus an leagh e. Leigibh leis fuarachadh, sgaoilibh a’ bhuirm air uachdar agus rachaibh air adhart dìreach mar cheanna leis na comhairlean a thug mi dhuibh.
Cleachdaibh beagan foighidinn agus saothair; cuimibh gach nì glan: na soithichean agus na h-innealan air am plodadh le uisge goileach; bheir mise mo ghealladh gun abair iomadh fear is té “Deagh shlàinte an sgriobhaiche!”
The first printing was from carved stones.
Printing press in Caxton’s day.
The platen machine works like an opening and closing book.
title | Air do Dheagh Shlainte |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p |
parent text | Criomagan Ioma-dhathte |