[95]

AM FACAL AIR PAIPEIR

O mhoch gu dubh, a h-uile latha a tha sinn beò, nach iomadh facal a théid a steach air achluaiscuid mhath dhiubh a steach air an aon chluais agus a mach air an eile. Tha sin ciallach gu leòir oir chan eil comas aig ar cuimhne a bhi gleidheadh gach teachdaireachd a thig thun na h-inntinn. Cluinnidh sinn beagan a leanas rinn fhads a bhios sinn beò ach teichidh a mhor-chuid mar cheò na maidne, agus, mar a their iad anns na Hearadhcoig-la-deug tiorraidh leis;” chan fhiach e ghleidheadh mionaid.

-dhiùbh, tha moran ionnsachadh is fiosrachadh a bu mhiann leinn a bhi againn ann an cruth maireannach buan, faisg air laimh agus tearuinte bho thubaistean ar di-chuimhne. Tha aon dòigh air so a dheanamh, a chuir sios air paipeir le peann.

Tha iad beo fhathast nach do dhionnsaich riamh sgriobhadh agus bha uair anns an dùthaich so am bu tearc da-rìreadh neach a burrainn sgriobhadh a dheanamh. Bha latha air an t-saoghal nach burrainn duine idir sgriobhadh, latha anns nach robh co-chomunn eadar daoine ach an cainnt agus am beul-aithris. Bha dòighean, modhan, eòlas agus eachdraidh air an toirt seachad o bheul athair gu mhac agus bu mhor an t-eallach a bha air cuimhne an duineeallach a chaidh a lùghdachadh an uair a fhuair e dòigh air a smuaintean a chuir sios ann an cruth a mhaireadh agus a thuigeadh e fhéin agus a nàbaidhean agus an sliochd.

Smaoinichibh mionaid air na goireasan a tha agaibh ann an cois comassgriobhaidh. Abair gum bheil sibh airson naigheachd a chuir gu caraid a tha air taobh thall an t-saoghail. Le peann is paipear agus sgillin no dha, ann am beagan ùine treòrichidh sibh smuaintean bhur cridhe thar mhiltean de mhiltean. Abair gum bheil sibh airson cnuasachadh a dheanamh air cuispeir araidh. An toiseach gheibh sibh greim air gach leabhar is urrainn dhuibh agus leughaidh sibh an rannsachadh a rinn daoine eile cheanna, agus cumaidh sibh air adhart bhon far an do chriochnaich iadsan. Nach truagh a bhiodh sinn as eugmhais an Leabhair Mhòir anns an do sgriobhadh gliocas, eòlas agus smuaintean luachmhor nam fàidhean, nan righean agus nan abstoil.

Dhfhaodainn moran ghoireasan ainmeachadh ach is ann a tha romham beagan innse dhuibh air mar a thàinig sgriobhadh am bith


[96]

agus mar a dhatharraich e gus an do ràinig e an cruth a chi sibh anns gach leabhar is paipear-naigheachd air an toir sibh làmh. Anns achànain eile, tha mi adol air ais gu ruige A, B, C.

Tha sibh uile eòlach air na h-ochd litrichean deug a tha ann an aibideal na Gàidhlige agus na h-ochd eile adeanamh sia litrichean thar fhichead anns aBheurla.

mhìle bliadhna air ais bha achlann bheag Greugach ariasladh ri an aibeadail fhéin bhoalphasios guomega” —a h-uile litir mar A, B, C againn-ne le a fuaim fhéin agus a ciall fhéin agus nuair a chuirear iad ann an òrdugh àraidh ann am facal tha iad anns amhionaid acruthachadh dealbh ann ar n-inntinn a dhaithnicheas sinn. Chan iad a mhàin cuispearan suidhichte a dhaithnicheas sinn mar is cat, tigh is fearann ach smuaintean eadar dhealaichte agus faireachdidhean mar gaol is bròn.

Cia mar air an t-saoghal a fhuair gach litir bheag a sgròbar le peann a cumadh is a ciall, a tha ga cuir air leth ann a bhi ag ath-cruthachadh smuaintean ar cridhe agus briathran ar bilean ann an cruth buan maireannach.

Cha do thachair so ann an aon oidhche no ann an aon bhliadhna. Chan eil sgeul air cia mar a thòisich duine air a smuaintean a threòrachadh ann an dòigh ùr, seach cainnt. Is dòcha gun dthàinig acheud smuain na ìnntinn agus e abeachdachadh air lorg achois fhéin anns apholl. dhiùbh, thòisich ar sìnnsirean air dealbhan sìmplidh a tharruing de ainmhidhean, eòin agus nithean air an robh iad eòlach. Abair gurobh Tormod Dubh adol a shealg agus e airson fios fhàgail aig Seumas Geal caitan lorgadh e e. Tharruingeadh e dealbh beathaich air an ùrlar le saighead troimhe agus an saighead acomharrachadh an rathad a dhfhalbh e. Le dealbhan mar so air nithean eòlach bha cothrom aca còmhradh ri chéile gun bhi an claisneachd a chéile. Eadhon gus an latha an diugh bithidh gillean òga agus caileagan ag ionnsachadh cluicheadh a bhi siubhal na mòintich is afàgail teachdaireachd aig a chéile le dealbhan simplidh air an tarruing le clachan, maidean agus anns apholl.

Be an ath adhartas a bhi adealbhachadh smuaintean agus faireachdaidheanbhiodh dealbh sùil is i asileadh dhéur na samhladh air bròn, bhiodh duine reamhar na shamhladh air paillteas, duine caol na shamhladh air acras is mar sin air adhart. Bho sin chaidh iad air adhart gu bhi sgriobhadh samhladh airson gach fuaim a bhanan cainnt agus bheir mi dhuibh eiseamplair no dha air ciod tha mi ag ciallachadh.


[97]

Air fuaim an litirAbha samhladh ceann daimh, air litirBsamhladh tighe; air fuaim litirCsamhladh càmhail agud airDdorus agus mar sin.

Is ann am measg muinntir Bhàbuiloin a tha acheud aithris air na dealbhannan is na samhlaichean a bhi air an ceangal ri chéile ann an sreathan ciallach. Bha na sgriobhaichean acasan atarruing air creadh bhog agusg an cruadhachadh ann an àmhuinn. Tha cuid de na sgrìobh iad air an gleidheadh againn an diugh.

An nis tha e duilich a bhi ro chùramach atarruing dealbh eun no ainmhidh ann an creadh bhog dhiùbh ann an cabhaig, agus eadar beag is beag is ann a dhatharraich na sgriobhaichean na dealbhan gu cumaidhean na bu shimplidh. Dhlùthaich ceann an daimh ri cumadh an litirAa tha againn agus is fhiach dhiubh sealltuinn air leabhar a chuireas fo bhur comhair gu mionaideach mar a dhatharraich na seann dealbhan is samhlaichean eadar beag is beag gur ruige nan litrichean air am bheil sinne eòlach an diugh.

Aig an aon àm is a bha na Bàbuilonaich asgrìobhadh air creadh bha anns an Eubhait daoine a snaidheadh air clachan seòrsa de sgriobhadh dealbhach ìnnleachdachan sgriobhadh ris an abair sinnhieroglyphics.”

Mar na Bàbuilonaich bha na h-Eubhaitich asgrìobhadh le samhlaidhean eòin is ainmhidhean agus asnaitheadh air ballaichean an teampuill, air na cladhan agus air togalaichean. Bi cuimhne aig moran agaibh an othail a bha am measg sgolairean arannsachadh agus ag eadar-theangachadh nan hieroglyphics so ri bhur linn fhéin.

Fhuair na h-Eubhaitich am mach doigh air duileagan a dheasachadh bhon luachair tha fàs ri taobh Abhuinn Nile, duileagan ris an abair sinnpapyrusagus le dubh-sgriobhadh de shaoigh agus bioran geur thòisich iad air sgriobhadh. A ris, bha e duilich na samhlaidhean a tharruing gu mionaideach agus mar aig sgrìobhaidhean Bhabuilean, dhfhas na dealbhan gu cumadh simplidh a sgrìobhadh iad ann an cabhaig.

Bha treubh de mharaichean atàmh mu thimchioll bailtean Tyre agus Sidon dam bainm na Phoenicians; daoine a fhuair an beò-shlàint ann am malairt is ceannachd. Bhiodh am bàtaichean atadhal anns an Eubhait agus an sin ghabh iad eòlas air sgrìobhadh nan samhlaidhean. Rinn iadsan beagan atharrachadh agus chuir iad air bhonn aibeadail anns an robh da litir thar fhichead.

Bha iadsan asgriobhadh bho thaobh deas na duileig gus a


[98]

lamh chlì. Thug iad ainmean air gach litir agus biad a cheud cheathair litrichean aca alephan damh; bethan tigh; gimelan càmhail; dalethan dorus; Bho na Phoenicians dhionnsaich na Greugaich an aibeadail agus tha moran agaibh eòlach gu leoir air na litrichean Greugachalpha, beta, gamma, delta agus mar sin air adhart. An toiseach bha na Greugaich asgrìobhadh bho lamh dheas na duilleig gu laimh chli agus air ais bho laimh chli gu laimh dheis, mar a throghas tuathanach raoin. Chaidh ùine seachad mun dhionnsaich iad gum bfharasda a bhi sgriobhadh bho laimh chlì gu laimh dheis mar a ni sinn fhéin an diugh.

An déidh nan Greugach thàinig na Romanaich agus tha iadsan cliùiteach an eachdraidh airson an cuid laghan agus am miann an còmhnaidh gach a bhi an ordugh réidh, riaghailteach, snasail. Dhatharraich iadsan litrichean na h-aibeadail gus achumadh air am bheil sinn eolach. An toiseach bha iad asgriobhadh agus a snaidheadh ann an litrichean mora snasail agus an àite papyrus nan Eubhaiteach bha iad adeasachadh chraicionn ainmhidhean agus asgriobhadh orra. Bha craicionn, no mar theireadh iadvellum,” gann agus daor, agus a thaobh cosgais, is ann a ghearradh iad sios meud nan litrichean agus dhlùthaich iad ris na litrichean beaga againne.

Mar is aithne dhuibh, thàinig na Romanaich gu ruige Breatuinn leth-cheud bliadhna roimh àm Chriosd agus thug iad a steach an cuid Latuin agus an sgrìobhadh. Thachair annasach as a so.

Gheibhear air feadh Bhreatuinn sgrìobhaidhean diomhair no snaitheadh air clachan agus tùran, sgrìobhadh ris an abair sinnOgam.” Tha so mar striochdan air an snaitheadh ann an àite àraidh air achloich, a h-aon, a dhà, a tri, a ceathar no a coig cuideachd; feadhainn dìreach, feadhainn air an tarsuinn ar réir de an litir den aibeadail Latuin a tha iad aciallachadh. Be so obair ar sìnnsirean na Ceiltich aig àm iad a bhi fo smachd nan Romanach, ach chaidh an seòrsa sgrìobhadh sin a bith an déidh do na Romanaich a dhol dhachaidh agus a thàinig mar a their sinn Na Linntean Dorcha air an dùthaich.

Bi an Eaglais a chum sgriobhadh agus sgolaireachd beo troimh na linntean so. Chuir an Naomh Pàdruig air chois manaichean ann an Eireann far an robh sgolairean trang ag ath-sgriobhadh nan soisgeul. Bann a Eireann a thàinig Calum Cille gu Eilean I gu caochladh mor a dheanamh air eachdraidh Albainn.

Troimh nam bliadhnaichean fada ris an abair sinn na Linntean


[99]

Meadhonnach cha robh moran an taobh am muigh de na manaidhean a burrainn leughadh no sgriobhadh. Anns abhliadhna cheud deugs a coig deugnuair a chuir an Righ Iain a shéula rioghail ri Magna Carta cha burrainn da eadhon ainm a sgrìobhadh.

Bha, mar a thuirt mi, an sgrìobhadh air a chuir air vellum, deasaichte bho chraicionn ainmhidhean. Ged tha rothas gun robh na Sìnich a deanamh paipear dhaibh fhéin anns acheud linn, bha faisg air trì cheud deug bliadhna air a dhol seachad mun do dheasaicheadh paipear anns an Roinn-Eorp. Timchioll air an àm so fhuaradh am mach mu chlo-bhualadh agus eadar paipear a bhi saor seach vellum agus clo-bhualadh acur cabhag ann an deasachadh leabhraichean dhfhas iad saor agus paillt. Mas e am facal sgriobhte a chuireas smuaintean an duine ann an cruth maireannach is e am facal clo-bhuailte a chraobh sgaoileas iad gu feum is maith a dheanamh (agus dhfhaodte olc air àm!

An do smuainich sibh riamh de an seòrsa saoghail a bhiodh againn an so as eugmhais clò-bhualadh. Cha ruig sibh a leas ach beagan eachdraidh ionnsachadh agus chi sibh gur e clò-bhualadh aon de na h-innleachdan ann am beatha an duine as motha a chuir atharrachadhna eachdraidh. Tha mar gum biodh clachan-mile an eachdraidh far am faic sinn innleachdainn atighinn am follais a tha gu adhartas an duine a chuirn a chabhaig. Air an àireamh so tha achuibheal, teine, obrachadh iarruinn, fùdar agus bho chionn ghoirid mar gun cannadh sinn, radio agus carbad-ola.

Thug na nithean sin goireasan feumail an làthair a tha air comhfhurtan annabarrach a chuir ann an caitheamh-beatha an duine, ach faodaidh sinn a radh gu cinnteach gur e am facal clò-bhuailte a bha na mheadhon air an adhartas as motha a rinn an ceanna daona riamh agus be am facal clò-bhuailte a chuir air bhonn moran de na h-ìnnleachdain agus na goireasan a tha againn anns an latha so.

Roimh àm achlò-bhuailidh bha mor shluagh an t-saoghail ann an dorchadas mor, agus feumar aideachadh gun robh, troimh iomadh linn, abhuidhean bheag sin de luchd riaghlaidh nan dùthchannan, toilichte gu leòir an cuid dhaoine a chumail ann an aineolas agus ann an dorchadas, agus mar sin an cumail fo smachd. Eadhoin anns an latha a thann, am ficheadaibh linn, tha an suds an so air feadh an t-saoghail, luchd-riaghlaidh ain-tighearnail air am bheil eagal roimh an neart a tha eòlas agus ionnsachadh acuir an an lamhan dhaoine.


[100]

Tha cumhachd làidir aig an fhacal sgriobhte air inntinn an duine. Cha ruig sibh a leas ach smuaineachadh air aBhiobull fhéin oir is sin an t-easamplair as fhearr am measg nam miltean de leabhraichean. Is gann gun gabhar cùnntais a dheanamh air an aireamh leth-bhreacan den Bhiobull a thàtar a clò-bhualadh ann an aon bhliadhna an diugh, ach coig ceud bliadhna air ais, an uair a bha na manaich gu cùramach, mall asaothaireachadh le peann-ite air craicionn-sgrìobhaidh, be obair-beatha aon lethbhreac den Bhiobull a chuir am bith. An diugh le innleachdan achlò-bhualaidh, cuiridh aon duine air paipear deich mile facal anns an ùine anns an sgriobhadh am manach aon fhéin.

Ged nach eil ach coig ceud bliadhna bhon chaidh innleachd achlò-bhualaidh air chois anns an Roinn-Eòrpa tha rothas againn air na Sìnich agus na Seapànaich a bhi a deanamh oidhearp air clò-bhualadh anns an t-seachdaimh linn, agus a deanamh seòrsa de phaipear fada, fada mun dthug na Siaraich làmh ris a leithid.

Bha iad asnaitheadh cloiche ann an cumadh nan litrichean agus nan dealbhan, gan suathadh le saoidh agus uisge agus afàsgadh a phaipear ris achloich. Mar sin gheibheadh iad mac-samhail na bha air a shnaitheadh air a chloich. Anns an deicheamh linn bha na Sìnich aclò-bhualadh leabhar agus airgead paipear mar a tha againne an diugh. Tuigidh sibh gur e obair chruaidh, mhall a bha ann a bhi snaitheadh clach air leth airson gach duileig ann an leabhar. Tha e air aithris gun do smuainich Sìneach dam bainm Pi Sheng air a bhi adealbh nan litrichean nan aonar a creadh agus gan cruadhachadh ris an teine. Chuir e an uair sin na litrichean còmhla ri chéile nam facail agus nan sreathan airson meud aon duileig. An déidh an duileag sin a chlò-bhualadh chuireadh e na litrichean còmhla ri chéile airson an dara duileig, direach mar a thatar a clò-bhualadh an diugh le litrichean meatail. -dhiùbh is e rinn an gnothaich air Pi Sheng gun robh còrr is tri mile litir ann an aibidil nan Sìneach agus cha robh seòmar ann mor gu leòir airson na dhfheumadh e de litrichean creadha.

Bho bhi snaitheadh air clachan thoisich daoine air snaitheadh air fiodh agus a clò-bhualadh bho sin, ach anns a bhliadhna 1440 smuainich Gearmailteach dam bainm Iain Gutenberg air innleachd Pi Sheng agus dhealbh esan litrichean nan aonar a luaithe. Do bhrìth nach eil anns an aibidil an nis ach beagan is fichead litir chan fheumadh e ach mu mhile litir air fad airson taobh-duileig agus chuireadh e ri chéile lan duileig anns an ùine anns am bitheadh duine


[101]

asnaitheadh aon fhacal air bord fiodha. Bha an nis an cothrom aige a bhi acur an clò leabhraichean aig luaths a bha do-labhairt anns an latha ud.

Deich bliadhna fichead an déidh so thòisich Uilleam Caxton air an dearbh obair an Sassuinn agus rinn esan adhartas mor air an ìnnleachd, agus do bhrith gun robh e fhéin fileanta an iomadh cànain, rinn e moran eadar-theangachadh gu Beurla. Thuirt mi roimh so gun robh luchd-riaghlaidh gu math tric an aghaidh eòlas is ionnsachadh a bhi air a chraobh-sgaoileadh agus tha eachdraidh againn gun robh luchd-riaghlaidh na dùthcha agus ceannardan na h-eaglaise glé dhiombach de Caxton agus de luchd clò-bhualaidh an àm sin agus rinn iad na burrainn iad airson an innleachd ùr so a bhachdadh.

-dhiùbh chaidh clò-bhualadh air adhart, thoisich Bìobuill agus gach seòrsa leabhar adòrtadh a mach bho na beairtean clò-bhualaidh agus aruigheachd cumhan an t-sluaigh. Mar a tha fios aig gach òganachsan sgoil dhùisg an Roinn-Eòrpa a mach as, mar a their sinn, “Na linntean dorcha,” gu ath-nuadhachadh agus gus an Ath-leasachadh. Chaidh neart is cumhachd fo sgaoil anns na linntean ud a tha eadhoin aig an latha an diugh abuntainn ri beatha gach aon againn anns gach cearn den t-saoghal.

Ge mor am moladh a ni sinn air an innleachd ud agus na beannachdan a chuir e nar leas, chan fheum sinn dia-chuimhneachadh gun oibrich e a chum beagan olc cuideachd. Faodar abhreug a chlò-bhualadh a cheart cho furasda ris an fhìrinn; èud is ainneart is truaillidheachd a chuir air paipear cuideachd agus mur eil gliocas is eòlas an sùil an leughadair, feudar cron maireannach a dheanamh air anam agus air inntinn agus feumar a bhi daonnan ri faire.

Tha ìnnleachd achlò-bhualaidh air adhartas mor a dheanamh bho latha Caxton. Le neart an dealain acur cabhaig anns na beairtean; le meatailean ùra a thatar a leaghadhs adealbhadh a rithis agus a rithis le paipearan làidir, min, sleamhain; agus le dùbh-sgriobhaidh a thiormaicheas ann am briobadh na sùla cha mhor iongnadh gun cuir aon duine a mach deich mile facal fhads a bhiodh am manach coir gu dichiollach asgriobhadh aon, agus a réir gach coltais is ann nas luaithe agus nas luaithe a bhios na beairtean clò-bhualaidh ationndadh gach bliadhna a théid seachad.

titleAm Facal air Paipeir
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p

parent textCriomagan Ioma-dhathte
<< please select a word
<< please select a page