AN TIGH A THOG SEOC
“Seall thall thar an aiseig am fasagadh nan craobh
am bothan beag glan ud ’s e gealaicht’ le aol
sud agaibh mo dhachaidh ’s e dachaidh mo ghaoil
gun chaisteal ’s an t-saoghal as fhearr leam.”
Nach iomadh facal ann an iomadh cànain a chuireadh an luaidh air an dachaidh. Biodh againn caisteal mor an righ na bothan beag an sgàil na creige, tha tarruinn anns an fhacal sin—an dachaidh. Ma ni sinn rannsachadh is ceisneachadh air ar beatha is ar dol-a- mach anns an t-saoghal so, chi sinn aon bhunait—clach chinn na h-oisinn ann ar comunn saoghalta— ’s e sin an teaghlach, fear is té is an clann anns an dachaidh. Chan eil teagamh ’sam bith gur e cuid mhor de ar neart is spionnadh mar Ghaidheil an luach a chuir ar sinnsearan air ceangailichean an teaghlaich.
Tha làidireachd anns an teaghlach a bheir comhfhurtachd anns gach gàbhadh a thig oirnn, agus tha sòlas agus sìth ann an cò-chomunn na dachaidh nach gabh cur sios am briathran, rosg, òran na òraid. Tha mi cinnteach cuideachd nach eil moran ghillean ann, air nach d’ thainig an smuain a steach uair na uaireiginn, còmhla ris a’ bhàrd— “Togaidh mise do mo ghràdh, bothan beag ri taobh na tràigh—” ach anns an latha a th’ann agus gu h-àraidh anns a’ bhaile mhor is doirbh, doirbh an gnothaich, caisteal anns na neòil a thionndadh gu clach is aol air talamh cruaidh. Tha an sgriobhadh so mu’n oidhirp a rinn aon fhear agus mar a chaidh leis, agus ma bheir i misneach do fhear eile, cha bhi so gun fheum.
Anns an rann a dh’ ionnsaich sinn uile anns an sgoil b’ e tigh àraidh a thog Seoc, agus feumaidh mi innse dhuibh anns an dol-a- mach gun robh cuid mhath de’n so sgrìobhte agus an t-ainm rithe mu’m faca mi riamh an sgeul mu’n “Tigh a thog Calum” a bha anns an ràthaichean “Gairm” o chionn bliadhna no dha air as.
A nis tha iarrtas mor air tighean còmhnaidh air feadh na dùthcha agus a réir coltais chan eil sealladh air e bhi riaraichte fhad’s is beò sinn. Is e so ceist cho mor cuthromach is a tha air aghaidh ar luchd riaghlaidh, ann an Comhairle nam bailtean agus nan sgìrean agus eadhon an Tigh mor na Pàrlaimid, ach chan eil ùine an dràsda a bhi sealltuinn air a’ cheist so na air staid nan truaighein
gun tighean gun dachaidhean, mar a chunnaic moran agaibh air an samhlachadh cho eagalach anns an dealbh-chluich air an Television— “A Chaitriona, thig dhachaidh.” Chunnaic moran againn dachaidhean a bha glé ghann de ghoireasan an t-saoghail agus daoine a bha glé bhochd nan crannchur ach tha culaidhean-truais anns a’ bhaile mhor nach fhaca sinn riamh an leithid air Ghàidhealtachd.
Ach gu ar sgeulachd—o chionn deich bliadhna bha sinne a’ còmhnaidh ann an tigh faisg air meadhon a’ bhaile, agus aig mullach dà staighreadh àrd. Bha an tigh còrr is ciad bliadhna a dh’ aois ged bha goireasan ùra air an cur ann bho am gu am. Bha na rumannan àrd, farsainn agus ann am meadhonn a’ gheamhraidh bha iomallan de’n tigh dìreach mar Siberia fhéin. A’ tighinn a steach air an dorus bha foir-sheòmar de’n robh uiread de dhorsan is gum biodh ar càirdean a’ fealla-dha, sinn a chuir polisman ’n a sheasamh ann a dh’ innse an rathaid. Ach mor ’s gun robh e bha sinn ro thaingeil e bhi againn. Bhiodh sinn o am gu àm à’ ceannach nan leabhraichean breagha, dealbhach ud a chi sibh gach mìos mar “Dachaidhean is Gàraidhean”— ”Dachaidh do bharail”— ”Bean an tighe”— “Do dhachaidh ’s do theaghlach” —ma tha aon gan clò-bhualadh, tha fichead dhiubh. O àm gu àm bhiodh an smuain a’ dol troimh chlagan gu’m bu toil leam tigh a thogail dhuinn fhéin a réir ar miann. Na òige bha m’ athair air tigh a thogail dha fhéin air an eilean, ach bha deagh fhios agam gun robh eadar dhealachadh mor ann am baile seach eilean agus cha do chuir mi moran seadh anns na smuaintean a bhiodh a tighinn orm. Cò-dhiùbh bhithinn a’ teagasg buidhean Gàidhlig aon oidhche anns an t-seachduinn agus bha gille Gallda an sin a bha air leth dìchiollach ag ionnsachadh. An déidh càch togail orra dhachaidh dh’ fhuiricheadh esan gam cheasnachadh.
Aon oidhche is sinn a mach an dorus cuideachd, dh’ innis e dhomh gu’m b’e architect a bha ann fhéin a thaobh dreuchd.
“O,” arsa mise, gun smuaineachadh, “nach ann agam a bha cuid de do sgil. Tha aon ni a bu mhiann leamsa a dheanamh—tigh a dhealbh is a thogail a reir mo bheachdan fhéin.”
Bha facal aig mo mhàthair, “Is tric a thainig fior a fanoid,” agus gu dearbh cha robh aon smuain agamsa, gu dé bha ri tighinn as na facail ud.
An ath sheachduinn an déidh na Gàidhlige thuirt Ailean rium, “An robh thu a’ ciallachadh na thuirt thu mu dhéidhinn tigh a thogail, ma tha bu toil leam do chuideachadh.”
“Bu ghlé thoil leam mo bheachdan fhaicinn air paipear,” arsa mise, “agus nan robh mi anns na Hearadh chan eil mi ag ràdh nach fheuchainn mo làmh air tigh—ach anns a’ bhaile mhor, òbhaibh! òbhaibh! Innsidh mi dhuit dé a dh’ fhaodas sinn a dheanamh. Thig thusa a chéilidh oirnn oidhche ’sam bith a fhreagarras ort—tha sinne an còmhnaidh a stigh ’s ditheas chlann nighean òg againn. Bheir sinn greiseag a’ còmhradh ann an Gàidhlig agus greiseag a’ tarruing tigh air paipear.”
Cha robh Ailean còir pòsda, agus bha e fuireach na aonar, agus ghrad ghabh e am fiadhachadh.
Thainig e chéilidh, fhuair e beagan Gàidhlig agus an déidh sin cheisnich e sinn air dé a bu toil leinn fhaicinn ann an tigh ar miann. Dh’innis sinn sin dha:—
Tigh iosal air aon urlar.
Aon rum mor còmhnaidh a ghabhadh gu comhfhurtail grunna math de na càirdean a dh’ fhaodadh tighinn a steach airson céilidh an déidh coinneamh ar Comunn Gaidhealach.
Rum-bithidh air leth bho’n rum-còmhnaidh.
Cidsean a bha beag agus farsainn aig an aon àm—far nach biodh fada bhi coiseachd bho inneal gu inneal ach far an robh àite gu leòir airson gach goireas an latha diugh.
Aon rum-cadail meadhonnach mor dhuinn fhéin, dá rum bheag cadail do gach nighinn far am faodadh iad suidhe ri’n leasain sgoile. Rum cadail airson càirdean is luchd turuis a dh’ fhaodadh tighinn ar rathad bho àm gu àm.
Rum airson nigheadaireachd, airson obair laimhe fear an tighe, garage agus gàrradh—lion sinn da thaobh duileig dha le ar miannan.
Dh’ fhalbh e dhachaidh le fiadhachadh tilleadh a dh’ aithghearr agus an ceann da sheachduinn bha e a’ cur seachad feasgar còmhla rinn a rithis. Thug e mach an dealbh a tharruinn e agus abair thusa tigh còmhnaidh. Bha gach ni an sud mar bu mhiann leinn.
“Chan eil ach aon ni cearr,” arsa Ailean fhéin, “dh’fheumadh an leithid so de thigh, cò-dhiùbh leth àcair de thalamh agus sia mile not.” Arsa mise, “bha mi direach a’ dol a ràdh riut nach robh a dhith orm ach dìleab mor cumhachdach o aon de na càirdean beairteach nach eil agam idir.”
“Tha deagh fhios agam,” ars’ Ailean, “ach thoir dhomh mionaid
agus seallaidh mi dhuit an dòigh anns an comhairlichean-sa dhuit beagan atharrachadh a dheanamh.”
Thug e mach peann-luaidhe agus duileag paipear agus tharruing e ceart-chearnag a bha co-ionnan ri coig troighean deug air fhichead de fhaid agus troigh air fhichead de leud. “So agaibh,” ars esan, “an cumadh as saoire a thogail ann an clachaireachd. Cuiridh sinn an rum còmhnaidhan so, agus cùil bheag airson itheadh direach dheth, an cidsean an so, rum nigheadaireachd, dorus cùil an so agus rum beag feumail ri thaobh. Cuiridh sinn aon rum cadail an so, agus an àite tigh farsainn iosal a ghabhas slios mhor talamhuinn, cuiridh sinn staighreadh ann, mullach àrd biorach agus gu àrd an staighreadh gheibh sin tri rumannan cadail, aon meadhonnach mor ’s dha bheaga agus rum ionnlaid.”
Ag éisdeachd ri Ailean agus ag amharc air na meòirean sgileil ud a’ cur cruth air smuaintean, thainig beothachadh air m’ inntinn agus dh’ aithnich mi gun robh an so, tairgse-còmhraid a dh’ fheumainn a choinneachadh. “Fàg againn an dealbh so,” arsa mise, “airson seachduinn.”
Nuair a thill Ailean an ath sheachduinn bha sinn deònach a dhol air adhart, agus nach ann a bha rothas aigesan air criomag talamhuinn a bha deagh chothrom gum biodh e ri fhaotainn air màl. B’ ann leis a’ bhaile a bha an talamh agus bha tri seachduinnean mi-fhoighidneach againn a’ feitheamh ri fear lagha a’ deanamh tairgse air ar sgàth, oir nan deanadh duine eile tairgse air an aon roinn fearainn dh’ fheumar am màl a chuir gu reic follaiseach ann an Tigh Comhairle a’ bhaile, agus b’ e so a’ chriomag mu dheireadh air an t-sràid àraidh so.
Gu fàbharach fhuair sinn an talamh, agus thoisich sinn air na dealbhan da-rìreadh.
Bha an roinn fearainn ann an deagh suidheachadh. Chuir sinn ceann an tighe ris an rathad le uinneag mhor ann airson an rùm-còmhnaidh. B’e so an àirde deas agus le uinneagan anns an da bhalla eile bhiodh grian againn fad an latha gu léir—nam biodh i ris! Air taobh thall an rathaid bha leana mhor uaine a’ dol suas gu tigh eiridinn beag. Cha robh eagal sam bith gun togadh duine tigh mu ar coinneabh cò-dhiùbh.
Chuir sinn an cidsean air taobh an ear far an robh an sealladh a mach gu craobhan agus far an deàrrsadh a’ ghrian gu meadhonn latha Bha an rùm-bidhidh eadar an cidsean agus an rùm-còmhnaidh. Bha an rum-nigheadaireachd eadar an cidsean agus an dorus cùil a
bha a’ fosgladh a mach do’n ghàrradh. Ri taobh an doruis bha an rum beag nach bi sinn ag ainmeachadh, a tha air leth freagarrach do’n fhear a tha ag obair anns a’ ghàrradh, gun a bhi triall poll agus stùr air feadh an tighe.
Gu àrd an staidhreagh rinn sinn, aon rum-cadail mor aig ceann a deas an tighe agus rinn sinn da leth air a’ cheann eile a’ toirt rùm beag do gach nighein, an t-aon rùm mac-samhail rùm na té eile. Leig sinn le na nigheannan roinn mhath de’m miannan fhéin ann an dealbhachadh nan rumannan anns am biodh iad a’ suidhe ri’ leasain agus a’ cadal. Gu h-àrd cuideachd bha rùm-ionnlaid.
Nuair a bha sinn ullamh bha Ailean de’n bharail, gu’n cosgadh an tigh tri mile not nan robh an togail a mach ri tairgse ach a réir is na b’ urrainn dhomh fhéin a dheanamh gu’n cromadh a’ chosgais gu mor. Nan robh ùine gu leòir agam bha mi deiseil gach clach a chuir air muin cloich agus gach bòrd an déidh bòrd fiogha, ach roghainnich mi tairgse fhaigheil air criomag air leth de’ obair o luchd-ceàird, mi fhéin mo shùil a chumail air an adhartas agus gach mionaid a sheachnainn a chur seachad aig gach car a b’urrainn dhomh. Chuir sinn na dealbhan gu Comhairle a’ bhaile agus ann an ceann beagan sheachduinnean fhuair sinn cead a dhol air adhart. Chumhnantaich mi ri fear aig an robh inneal-cladhach agus ghlan e làthrach an tighe ann an aon latha. Fhuair mi fear eile a dheasaich na bunaitean. Thachair gu’m bheil mo phiuthar pòsda aig clachair agus air ar turus aig an tigh beagan mhiosan roimh so bha mi ag innse do Sheonnaidh de bha nam bheachd. “Ma thòisicheas tu air,” ars esan, “théid mise sios agus togaidh mi na ballaichean dhuit” Bha Seonnaidh còir cho math ri ghealladh.
Nuair a dh’ fhoillsich sinn na dealbhan do Chomhairle a’ bhaile bha clachan creàdha againn anns a’ bhalla, ach beagan an déidh so chaidh Ailean air turus do t-Suain agus chunnaic e clachan-togalaich a bhatar a cur an sàs an sin, plocan mora aotrom, làn tholl ach laidir seasmhach agus dìonach ri uisge. Bha tigh-ceaird ann an Alba direach an déidh cead fhaotainn o na Suainich tòiseachadh air na plocan so a dheasachadh faisg air Glaschu. Anns a’ mhionaid a thill e, grad roghainnich Ailean na clachan so a chur anns an tigh ùr, oir bha iad air an deagh dheàrbhadh ann am fuachd, teas agus stoirmean na Suaine.
Ann am meud, bha aon phloc uibhir ri sia clachan creàdha deug, ach thogadh tu le aon laimh e, agus ghabhadh a laimhseachadh le sàbh, sgathair na geilb agus ghabhadh e tarraig sgrubha. Ann an
ochd latha bha na ballaichean an àird, ’s gun aig Seonnaidh ach aon chlachair eile agus gille-cuideachaidh. Agus cha robh na lathaichean ach goirid oir bha Samhain oirnn mu’n d’thòisich an obair.
So an aon àm aig an do theip fior chnap-starra tighinn oirnn. ’N a chabhaig, dhi-chuimhnich Ailean innse do Chomhairle a’ bhaile gu’n do dh’atharraich sinn na clachan togalaich, agus nuair a nochd fear sgrùdaidh nan tighean a dh’ amharc air ar n’ adhartas cha robh fhios air thalamh aige de an stuth ùr a bha so nach fhac e riamh roimhe agus nach cuala e guth mu dhéidhinn. Bha tri latha glé mhi-chomhfhurtail againn fhad’s a bha sgrùdadh is deuchainn air an stuth a bha so, ach sheas e ris gach deuchainn a chur iad air.
Chumhnantaich mi ri saor a chuir na sparran is na cabair an sàs, agus o sin a mach fhuair mi moran cuideachadh bho charaid air am bheil Uilleam, saor eile. Chuir sinn an t-sarcuinn air cuideachd agus fhuair mi fear-ceaird a chuir air na sgleatan. Chuir mi fhéin is Uilleam ann na h-uinneagan agus chroch sinn na dorsan a muigh, a ghabhadh glasadh agus mar sin b’ urrainn dhuinn neart an dealain fhaigheil a steach. Bha companach ag obair còmhla rium a bha sgileil air an obair agus chuir sinn na ròpan airson an dealain air feadh an tighe. Bha a nis cothrom soluis is teas againn agus o sin bha mi an làrach cha mhor a h-uile oidhche agus fad an latha Di-Sathuirne. Stiall mi fhéin is Uilleam agus caraid eile aig Uilleam air an t-saoirsneachd.
Bha dithis fhear nam buill de’n Chomunn Gaidhealach againn anns a’ bhaile, ceard-luaidhe agus fear togail àitean-teine. Chùmhnantaich mi riutha-san agus fhuair mi uisge fuar is teth air prìs glé chiallach. Chùmhnantaich mi ri triùir ghillean airson nam ballaichean a stigh a sglàibreadh, agus chòmhdaich am fear a rinn an sgleatadh na ballaichean a muigh le clachan meanbh. Chuir mi fhéin is Uilleam porcha fiogh is gloine air an dorus aghaidh a tha air taobh an iar an tighe agus chuir sinn ceann air a gharage a tha sia troighean o’n tigh a’ ceangail ceann na garage ris a’ phorcha ann an dòigh a bheir dhuit a’ bheachd gur aon togalach a tha annta. Chùmhnantaich mi ris a’ chomunn Uilleam Briggs air am bheil luchd nan Eilean eòlach gu leòir, agus theàrr iadsan an rathad gu dorus na garage, agus dara leth na sràide air aghaidh an tighe, oir tha e mar dhleasdanas air fear a thogas tigh an rathad mor a phàitheadh. A nis bha obair gu leòir aig bean-an-tighe is a’ chlann, a’ sgrìobadh is a’ glanadh an déidh an luchd-oibre. Thòisich iad gu àrd an staighreadh, ghlan iad a h-uile òirleach agus phent iad eatorra
gach bileag fiogha. Thàinig mo phiuthar Raoghnaid a mach, ar leatha fhéin air saor-laithean, agus fhuair i bruis-phent ’n a dòirn. Ach bha sinn cho sgìth leis na bh’ann ’s gu’n d’fhuair sinn cuideachadh a’ crochadh a’ phaipear-balla.
Fhad’s a bha na boirionnaich trang gu àrd bha Uilleam a’ saoirsneachd agus bha mise a’ suidheachadh leacan timchioll an tighe, a’ cuir puist anns a’ ghàrradh airson nigheadaireachd a thiorramachadh agus a’ deanamh fichead car a tha mi air a dhi-chuimhneachadh an diugh.
Anns a’ mhionaid a bha gu àrd an staighreadh glan ullamh roghainnich sinn gluasad a steach, ged a bha moran fhathast ri dheanamh gu h-iosal. Aig deireadh Lùnasdal, deich miosan o’n latha a ghearradh a chiad cheap talamhuinn, bha sinn a’ còmhnaidh ann ar tigh ùr.
Beag air bheag thàinig an tigh gu ar miann agus ghabh sin gu math socair e oir bha sinn sgìth, sgìth an deídh nan deich miosan a bha sud—cha do stad sinn eadhoin airson an da sheachduinn shaor laithean a tha sinn a cur seachad anns na Hearadh a h-uile bliadhna riamh eile. Ach a’ sealltuinn air ais b’ iad sud miosan cho toil-inntinneach buaidheil ’s as cuimhne leam. Tha taitneas nach gabh aithris ann a bhi faicinn do smuaintean a’ tighinn gu cumadh ann an ni cruthaichte mar tigh is gàrradh, ged nach eil e glic a bhi cur cus uaill ann an nithean talamhaidh. Dh’fhag an gniomh so mi ann an comain moran chàirdean ach gu h-àraidh Ailean an t-architect a ghluais mi gu tòiseachadh. Mhol mi mar tha a sgil is a chùram ach cha do dh’ innis mi a leth. Ann a bhi a’ dealbh a’ chidsean thomhais e bean an tighe, a h-àirde, a sìneadh, a ceum; agus shuidhich e na h-innealan far nach biodh ach an streap, an cromadh is an sìneadh a bu lugha aice. Aon uair is gun robh an tigh air dòigh fhuair i obair an latha cho socair is gun do roghainnich i a dhol air ais airson leth an latha gu a seann dhreuchd mar bhan-altrum anns an tigh eiridinn a bha direach air taobh eile an rathaid againn. Cha robh moran anns an dùthaich cho faisg air an obair.
Mar is cuimhne leibh bho ur n-òige anns an sgoil cha bhiodh an Tigh a thog Seoc iomlan gun ainmhidh air choireiginn a bhi còmhnaidh ann agus bha sin againne, piseag ghrinn laghach, dubh is geal, cho breagha is a chunnaic thu riamh, a bha coig seachduinnean a dh’ aois an latha a thainig e as na Hearadh air an dearbh latha a ghluais sinne do’n tigh ùr.
On chaidh so a sgriobhadh thainig atharrachadh air cùisean oir
an déidh seachd bliadhna solasach anns an tigh a thog Seoc b’fheudar do Sheoc togail air gu dhreuchd a leantainn ann am baile eile.
B’ann le fior chridhe goirt e dh’fhag an teaghlach an dachaidh ris an do shaothraich iad cho dichiollach.
title | An Tigh a Thog Seoc |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p |
parent text | Criomagan Ioma-dhathte |