[111]

CABHAG GU CEILIDH

Ann an laithean ar nòige anns aGhàidhealtachd baineamh a thug sinn súil air uaireadair. Cha robh carbad ri glacadh airson a dhol dhachaidh bho thigh na céilidh, agus mar an ceudna cha robh riamh uair air a cuir roimhinn airson ruigheachd. Nach iomadh oidhche agus sinn asuidhe ri taobh an teine a thuirt sinn gu h-obunn— “Saoil am bheil duine acéilidh air Dòmhnull Donn an nochd: cha chreid mi nach gabh mi sgrìob an null.” Agus am mach a dhfhalbh sinn ged a bfhaisge an uair air meadhon-oidhche. Bha fios chinnteach gum biodh fàilte chridheil an sud aig uair sam bith.

An diugh anns abhaile mhór, tha sinn gu minic ag ùrachadh ar cuimhne air na làithean sona ud le bhith cruinneachadh maille ri na càirdean is na h-eòlaich ann an talla na céilidh, uairs amhios, -dhiùbh. Tha beatha abhaile mhóir air òrdughadh le iomadh riaghailt agus gu h-àraidh leis an uaireadair. Tha an trean mu dheireadh agus an carbad mu dheireadh atogail orra aig an dearbh mhionaid a tha sgrìobhta anns an leabhar, agus ged bha uair a bu shocair leinn sgriob chóig no sia mhìltean a thoirt thar amhonaidh, cha dean sinn gàirdeachas idir an diugh ri sgrìob aon mhìle air sràidean cruaidh abhaile. Mar sin, ma tha sinn acriochnachadh aig uair àraidh feumaidh sinn uair-tòiseachaidh a chuir air ar cruinneachadh. Ann an Duin- -dhiùbh, is aineamh a tha sinn deich mionaidean air dheireadh ged their móran nach céilidh Gàidhealach idir e a thòisicheas air an dearbh mhionaid a chuireadh roimhe.

Tha misenam fhear-dreuchd ann ar comunn agus tha e mar dhleasdanas orm a bhi ri móran siubhal agus is tric mi amchabhaig aig amhionaid mu dheireadh, agus innsidh mi dhuibh mu oidhche àraidh bho chionn ghoirid nuair a rinn mi fìor spàirn a bhi aig an talla aig leth-uair an déidh sheachd uairean agus ged a bha e cairteal gu naoi mun dràinig mi, tha min dùil gun aidich sibh gun drinn mi deagh oidhirp. So, matà, dìreach mar a thachair.

Bha fìor cheilidh mhath againn air ullachadh an Dun- agus dùil ris na seinneadairean móra a bhi maille ruinn. Trì latha roimh an oidhche mhór so, fhuair mise òrdugh togail orm an cabhaig don Roinn Eòrp gu Dùthaich Switzerland, agus do bhrigh gum feum sinn ar beò-shlaint a chuir air thoiseach air conaltradh nan càirdean,


[112]

cha robh ann ach falbh. Bha achuirm chiùil air Di-haoine agus chan fhaicte dòigh air mi bhi dhachaidh roimh mheadhon latha Di-sathurna ach cha do leig mi bhuam mothiocaidairson na cuirme.

Thog mi orm agus gu fortunach chaidh gnothaichean air adhart na bfheàrr na bha dùil, agus aig meadhon latha Di-haoine chriochnaich mi na chuireadh romham. Shuidh mi fhéin is mo chompanach gu biadh ann am baile beag, leth-cheud mìle an ear-thuath air baile-mór Zurich. Am meadhon ar bithe bhuail an smuainnam cheann gun robh dìreach cothrom beag air mi bhi dhachaidh an oidhche sin fhéin, nam biodh deagh rath air mo thaobh. Chaidh mi gu telephone agus fhuair mi aon àite-suidhe air de na h-itealanCometsa bha tadhal ann an Zurich air an rathad bho Singapore gu Lunnain.

Ràinig sinn Zurich le cóig mionaidean ri sheachnadh agus cha bfhada gun robh mi air shiubhal cóig mìle os cionn na talamhuinn. Thug sinn uair gu leth gu ruige Lunnain ach gu mi-fhortunnach, ged nach bu chòir dhomh idir a bhi ag gearrain, bha na sgothan tiugh agus cha do sgaoil iad gus an robh sinn dlùth don chaolas eadar Sasuinn is an Fhraing. Thòisich sinn air tearnadh agus mu dheireadh chuir i a cuibhlichean fòidhpe air talamh cruaidh ann an Lunnain. Chaidh mi far an robh achaileag a bha adeanamh seirbhis dhuinn agus dhinnis mi dhi mo chabhag gu tuath. Gu fortunnach a rithis bha itealan deiseal gu falbh a Glaschu le aon suidheachan falamh. Cha robh agam ach aon mhàlaid le aodach oidhche, rasar, sguaib-fhiacail agus paipearan, oir cha robh ùine agam a cheannach airson an teaghlaich, agus mar sin, cha robh mi tiotan adol troimh an luchd-cuspunn agus le manailnam uchd dhìrich mi a stigh do itealan Ghlaschu agus bha mi air ghluasad a rithis. Thàinig sinn gu talamh ann an Renfrew agus gun dàil sam bith ghabh mi carbad gu Sràid Bhucanain. An uair a ràinig mi, chunnaic mi trean nan cóig uairean adol a sealladh; nan robh mi oirre bhithinn air suidhe sios aig achéilidh maille ri càch roimh leth-uair an déidh seachd. Mar a bha, bfheudar fuireach gu cairteal an déidh shia uairean agus thachair mi ri mo chàirdean atighinn am mach airson ceò is còmhradh aig meadhon na cuirme.

Shuidh mi le tlachd is toil-inntinn troimh an dara leth den chuirm agus an déidh sin chaidh grunnan dhionn gu tigh caraid far an do chuireadh air bhonn céilidh laghach, taitneach a mhair gu uairs amhaduinn.


[113]

Ma smuainicheas sibh air achùis, mise asuidhe ag itheadh biadh aig meadhon latha, leth-cheud mìle tuath air baile Zurich agus aig céilidh ann an Dun- ann am beagan is ochd uairean de thìde, be sud fìor chabhag gu céilidh. Nach be an latha e gu dearbh. A nis, tuigidh sibh nach ann adeanamh uaill anns an spàirn a rinn mi an oidhche ud a tha mi idir. Tha cuspair fada nas cudthromaiche na sin romham. Bu toigh leam beagan ìnnse dhuibh mun dùthaich mhaiseach ud, Switzerland, anns an robh mi air ceathar turuis bho chionn bhliadhna.

Tha eòlas mór aig Gàidheil, -dhiùbh anns na h-eileanan, air dùthchannan céin agus cladaichean fadas, anns gach cearn den t-saoghal. Chaneil aon òirleach cladaich aig Switzerland agus mar sin saoilidh mi nacheil urad de eòlas aig mo chàirdean air an duthaich so, ged is iomadh facal a leugh is a chuala iad mu dhéidhinn, anns an sgoil agus daonnan anns na pàipearan naigheachd.

Is i Switzerland dùthaich air an do ghabh mi meas mór, dùthaich ris am faodar na briathran uasal sin againn fhéin a labhairt: “Tìr nam beann, nan gleanns nan gaisgeach.” Is i so tìr anns am bheil beanntan fìor àrda, glinn domhainn, srathan torrach agus monaidhean fàsail. Is i so dùthaich anns am bheil lochan àluinn, sruthan bras a tha air an ceannsachadh airson neart an dealain agus


[114]

cuideachd dùthaich de dhaoine calma treuna de threubhan aig am bheil eachdraidh a bhi fo smachd uachdarain coigreach cheudan bhliadhna, ach le gaol na saorsa a bha anns na sinnsirichean Ceilteach aca, a thilg dhiubh mu dheireadh cuing nan coigreach.

Tha iomradh againn air treubhan Ceilteach a bhi ann an glinn nan Alps trì cheud bliadhna roimh àm Chriosda, agus tha cunntas againn cuideachd air an Ròmanach ainmeil, Julius Caesar, a bhi na fhear riaghlaidh ann an cearn den dùthaich ris an abair sinn Switzerland an diugh. Is e so an aon Caesar is a thàinig do Bhreatuinn anns abhliadhna fhichead is a cóig deug B.C. mar bhios fios aig gach gille is nighean sgoile. Aig an àm sin bha sìth is réite air dùthaich Switzerland fo smachd is riaghladh nan Ròmanach ach an uair a thòisich an Impearachd air crìonadh, bha na treubhan fiadhaich, borb o thuath acreachadh is aspùinneadh agus chaidh an dùthaich mu dheireadh fo spòig na Gearmailte is mhair sin fad mìle bliadhna. Anns an treas linn deug chi sinn acheud gluasad am measg nan roinnean gu seòrsa de aonadh ach airson cóig ceud bliadhna is ann glé fhuasgailte a bha an ceangal eatorra. Biad na cogaidhean a dhéirich as aCheannairc Fhrangach aig toiseach an naoimheamh linn deug a dhlùthaich iad ri chéile agus mu mheadhon an naoimheamh linn deug chaidh an riaghaltas aontachail air am bheil sinn eòlach a stéidheachadh.

Is i Switzerland dùthaich cho beag is a tha anns an Roinn-Eòrp; chaneil buileach cheud deug mìle de fhaidanns na criochan. Mu thuath tha i sgaraichte bhon Ghearmailt leis an Amhuinn Rhine, air an iar bhon Fhraing le Beanntan Dhiuraidh, agus a deas is an ear bhon Eadailt is bho Austria le Beanntan uaibhreach nan Alps.

Tha an ceathramh cuid den dùthaich creagach, ciar agus fàs; anns acheathramh sin tha àitean air an laigh an sneachda bho aon cheann den bhliadhna gus a cheann eile. A thaobh so, tha raointean torrach anns am fàs iomadh seòrsa sìol, agus air sléibhtean nan Alps tha lianagan uaine, feurach air an àraichear mìltean de mhìltean de chrodh. Tha àireamh an t-sluaigh beagan nas motha na tha againn an Alba. Do bhrìgh, gun robh iad fo smachd treubhan Gearmailteach fad mìle bliadhna tha seòrsa de chànain Gearmailteach aig trì chairteil den t-sluagh. Tha mu chóigibh cuid abruidhinn Frangais agus mu fhicheadaibh cuid a labhairt cànain Eadailteach. Agus tha aon chànain eile air a bhruidhinn ann an sgìr uaigneach am measg nam beanntann, seòrsa de Latuinn ris an abair iad Romanschcànain a bha na saighdearain Romanach abruidhinn bho


[115]

chionn mhìle bliadhna air ais. Tha an sluagh a labhras Ròmansch mu leth an àireamh aig am bheil Gàidhlig an Alba. Tha so atoirt sealladh dhuinn air na treubhan bhon do shiolaich sluagh na dúthcha ud, ach ged tha eadar-dhealachadh chànain aca, is Swiss iad anns acheud àite agus uasal da-rìreadh air an dùthchas. Mar an ceudna, ged tha còrr is dara lethnam Pròsdainich, tha Pròsdainich is Catalaich acaitheamh am beatha an deagh ghean do chàch a cheile.

Their iad ri SwitzerlandMullach na Roinn-Eòrp,” agus is math a sheasas an t-ainm sin i. Tha abheinn as àirde còrr is trì àirde Beinn Nibheis agus tha fhichead beinn os cionn mhile deug troigh de àirde. Ach chan ann a mhàin airson luchd-streap is coiseachd a tha maise ghreadhnach nam bealaichean am follais, oir tha rathaidean móra adìreadh gu deagh àirde agus tha na rathaidean iarruin adol suas gu àirde a tha eagalach. Air aBheinn ainmeil ud, Jungfrau, thastationaig àirde aon mhìle deug troigh os cionn na mara.

Mar sin, tha cothrom aig luchd siubhail air seallaidhean do-labhairt fhaotainn air beanntan àrda cas, seallaidhean a chuireas air uairean eagal is uamhas orrasan a tha buailteach dol ris an tuainealaich.

Far am bheil beanntan àrda le (mar a thuirt Niall MacLeòid) “feasag de shneachda air a phasgadh mun ceann,” gheibhear an sin toiseadh-aimhnichean, agus abair thusa aimhnichean an sudan Rhine, ainmeil an eachdraidh an Roinn-Eòrp; an Rhone; Amhuinn Inn aruith don Danube agus Amhuinn Ticino aruith do Amhuinn anns an Eadailt. Mar an Alba fhéin tha mòran de na h-aimhnichean air an ceannsachadh airson neart an dealain, agus is ann le neart an dealain a tha na treunaichean agluasad, agus a chuid mhór de thighean ceaird agus beartan oibre. Tha iad as eugmhais gual is iarruinn, agus chaneil beartas aca a dhfhaodar a mheinneadh as an talamh mar a tha againn am Breatuinn. Tha iad air leth sgileil len lamhan, agus mar tha fios agaibh uile tha iad ainmeil airson innealan meanbh mar uaireadairean. Tha iad innleachdail cuideachd air innealan móra beartan snìomh is fidhe, oir is fhada bhon a bha muinntir na dùthcha alaimhseachadh cloimh, aodach is anart. Bho obar an aodaich, a bhiga nighe isga dhath a thug bith do na tighean ceairde móra far am bith iad adeanamh na daithean agus iomadh seòrsa de na chemicals is stuthan mar sin. Tha fios agam gum bheil móran ann an Leódhas is na Hearradh a tha eòlach air dathan


[116]

a thig a baile Bhàsail. Tha Switzerland, cuideachd, na dhuthaich a tha measail aig luchd-turuis, agus an so faodaidh Gàidhealtachd na h-Alba móran ionnsachadh bhuaipe. Is e mo bharail gu bheil sinn adeanamh sin. Anns an t-saoghal a tha againn, leis na h-innleachdan a chuidicheas duine aig a chosnadh, tha uairean oibreach afàs goirid agus tha barrachd ùine ann airson saor-laithean is siubhal. Is fhada bho thòisich muinntir Switzerland air fàilte chridheil a chuir air luchd-turuis bho gach cearn den t-saoghal agus tha móran adeanamh am beò-shlàint ag ullachadh airson choigreach mar so.

Far am bheil beanntan, glinn is aimhnichean, siubhlaidh daoine an tòir air sìth is sàmhchair, is ùrachadh spioraid. Ged nach eil anns na beanntan is na glinn annta fhéin ach ionadan talmhaidh, tha buaidh air leth aca ann an greadhnachas is am maise, a ghluaiseas smuain an duine gu nithean as àirde bhon tig an t-sìth is an t-sàmchair do ar n-aignidhean. Is ann aig Gàidheil na h-Alba a tha deagh fhios air so agus cha deanadh e ach feum, sinn a bhi aco-phàirteachadh bòidhchead ar dùthcha is cùineas ar nàduir ri ar co-chreutairean.

titleCabhag gu Ceilidh
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p

parent textCriomagan Ioma-dhathte
<< please select a word
<< please select a page