MU DHEIDHINN AN UGHDAIR ...
Rugadh is thogadh Iain Aonghas MacLeòid ann an Tairbeart na Hearadh. An déidh Sgoil an Tairbeart chaidh e do Ard-sgoil Phort-rìgh agus bha e ann an Oil-thigh Ghlaschu.
Chaidh e gu obair chemeiceachd ann am factaraidh Rubair agus ’n a dhreuchd shiubhail e fada is farsuinn anns an dùthaich so, anns an Roinn-Eòrpa agus ann am Aimeireaca.
Tha e an diugh ag obair dha fhéin is a’ toirt cuideachadh is comhairle gu factaraidhean aig am bheil feum air an seòrsa eòlas a tha aige. Tha e a’ còmhnaidh ann an Dun-Eideann ach that dithis pheathraichean aige fhathast anns na Hearadh agus tha e fhéin ’s a bhean an sin gach bliadhna air saor-làithean.
Bhiodh e o àm gu àm ag òraid ann an Gàidhlig air radio a’ Bh.B. C. agus gu dearbh is ann bho na h-òraidean sin a chaidh a chuid mhor de’n leabhar so a sgriohhadh.
Tha e ’na bhàrd cuideachd agus cluinnear na h-òrain aige glé thric. Chaidh a chrùnadh mar Bhard a’ Chomuinn Ghaidhealaich ann an Sruighlea ann an 1971.
title | Mu Dheidhinn an Ughdair |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p |
parent text | Criomagan Ioma-dhathte |