LACHLANN MACGUAIRE A ULBHA
A’ cheud Cheannard air Australia
DE A CHUIREAS SINN UMAINN?
Ar leam gur e so deagh chuispeir airson tòiseachadh, oir glé thràth ann an eachdraidh ar ceud shìnnsir chi sinn a’ cheist so ann an Gàrradh Eden, far nach robh ri laimh ach duilleagan crann-fìge. Tha mi creidsinn gun cluinnear ann an iomadh dachaidh, an glaodh “Dé a chuireas mi umam?”
Ar réir mar chi sinn, is iad na mnathan as motha air am bi cùram mu sgeadachadh na bodhaig— saoil an téid an ad so leis a’ chòta; an téid na miotagan leis na brògan? agus, a rithis, an glaodh ris a’ bhodach— “falbh is sgioblaich thu fhéin mu’n tig duine a steach a chéilidh.”
Biodh sin mar a bhitheas e, is e tha romhamsa a bhi sgriobhadh mu na stuthan a tha daoine a’ cur gu feum ann an aodach caitheamh, agus anns an dol seachad bheir sinn sùil air clòimh, air canach, fionnadh, sìoda, nylon, terylene agus na stuthan annasach ùra a tha tighinn an làthair. Cha chuir mi moran ùine seachad ag amharc air gach seòrsa aodaich a chleachdas daoine air feadh an t-saoghail, bho dhaoine a’ chraicionn dhorcha le luideig mu’m meadhonn gu Eskimos an Taobh Tuath is iad suainte ann am bian gu fior bhidean na sròine. Ghabhadh an cuispeir sin leabhar buileach dha fhéin agus cha bhi ar gnothaich-ne ach ris na stuthan air leth, mar a thubhairt mi.
Tha da aobhar airson am bheil an cuispeir so taitneach leamsa. Anns a’ cheud àite rugadh is thogadh mi anns na Hearadh agus bho làithean m’ òige cha robh srann na cuibhle-snìomh agus glag an spàil anns a’ bheairt fada o m’ chluais. Air dhomh tighinn gu aois thachair gun d’thug mo dhreuchd mi gu obair le Rubair agus Plastics, agus gu h-àraidh gu bhi deasachadh innealan a chuirear gu feum ann an snìomh, an toinneamh, am figheadh, ann an dath agus anns gach seòl co-cheangailte ri obair aodaich. Re iomadh linn bhiodh leathar air a laimhseachadh airson rolairean, bannan agus gach innleachd mar sin, ach bho chionn fichead bliadhna tha Rubair a’ tighinn a steach an àite leathair.
Ma tha criomag de aodach sam bith ri bhur laimh, ge b’e sìoda na’s mìne na lìon an damhan-allaidh no sgonn de chlò-mor nach fhaca riamh a’ mhuillein, chi sibh gu’m bheil e air a dheasachadh bho ròinneagan caola meanbha. Faodaidh sibh na ròinneagan a
sgaradh o chéile, agus nuair a ni sibh sin, chi sibh cho lag ’s a tha aon ròinneig na h-aonar. Ma tha sinn a’ dol a dheanamh feum de’n ròinneig bhochd, thig oirnn neart a thoirt dhith agus ni sinn sin le a toinneamh le ròinneagan eile agus a snìomh gu snàilean làidir subailte, a ghabhas figheadh na aodach, oir neo a thoinneamh le snàilein eile gu ròp tiugh làidir a chumas bàta-smùid ri lamharaig.
Dean suas d’inntinn oir neo bithidh iad air searg!
An nis tha moran stuthan air thalamh a tha ann an cruth ròinneig gu nàdurra agus moran stuthan eile a dh’fhaodar an cruth-atharrachadh gu cumadh ròinneig, agus is e mo bheachd a bhi sealltuinn air an fheadhainn de na stuthan sin a tha freagarrach airson aodach a dheasachadh asda.
Seallamaid an toiseach air stuthan airson aodach na bodhaig. Chi sinn gu’m bheil buadhan àraidh a dh’fheumas a bhi ann an stuth a chuireas sinn gu feum. Mur bi an t-aodach tais ris a’ chraicionn cha bhi e comhfhurtail ri chaitheamh, agus feumadh e a bhi comasach air uisge is fallus a shùghadh is a leigeil dheth. Feumaidh e a neart a ghléidheadh is a shubalachd, fliuch is tioram,
fuar is teth; agus corp an duine a dhìon o atharrachadh fuachd is teas. Aig amaibh feumaidh an ròinneag dath a ghabhail agus a chumail gun seargadh. Tha mi cinnteach gun smuainich sibh fhéin air buadhan eile airson an seall sibh ann an aodach a bhios sibh a’ ceannach.
Chan eil fios cuin a thòisich daoine air aodach a dheasachadh ach re iomadh linntean b’e so an obair a bu mhotha ann an iomadh dùthaich. Cha ruig Gaidheal a leas so innse dha, oir tha eachdraidh na Gaidhealtachd air a snìomh gu teann ann an eachdraidh caoraich is clòimh, ach is e sin sgeul eile nach eil ùine bhi beachdachadh oirre an dràsda. Thug sgriobhaichean agus bàird as comasaiche gu fada na mise iomradh air sin. Bha uair anns an dùthaich so nach robh moran aodaich ri fhaotainn ach aodach clòimhe ach an diugh tha caochla sheòrsa agus roghainn fharsuinn air aodach aig gach neach, eadhoinn aigesan as bochda ann an crann-chur.
Ann a bhi a’ beachdachadh air gach stuth, tha mi’n dùil gu’n cuidich e leinn ma chuireas sinn ann am buidheannan air leth iad mar a leanas:—
(1) Tha ròinneagan nàdurra againn a gheibhear a planndraisean: nam measg tha canach, cuiseag anairt, jute, hemp is eile.
(2) Tha ròinneagan nàdurra a gheibhear o ainmhidhean mar clòimh chaorach, sìoda, fionnadh ghòbhar, fionnadh chàmhal, agus cuimhnicheabh anns an dol seachad gum bithear a’ cur fionnadh ainmhidhean gu feum ’na aodach gun rùsgadh o’n chraicionn— ’s e sin ’n a’ bhìan.
(3) Tha ròinneagan bho stuthan nàdurra air an ath-chruthachadh le daoine. Nam measg tha “rayon;” sìoda innleachdach mar a their sinn air a dheasachadh bho chanach agus bho fhiodh. Ni sinn ròinneagan air casein, stuth a tha ann am bainne a’ chruidh.
(4) Gheibh sinn ròinneagan as a’ chreig mar “asbestos” agus ni sinn ròinneagan air gloine a dheasaichear o’n ghainmhich a thàinig as a’ chreig.
(5) Nithear ròinneagan a ghabhas figheadh o mheatalan mar iarrunn, òr is airgiod ach chan ann airson aodach caitheamh, ged a chi sinn gu tric ròinneag airgid a’ ruith troimh aodach breagha luachmhor.
(6) Mu dheireadh chi sinn ròinneagan a tha air an cruthachadh gu buileach a gual is ola is chemicals. Tha iad sin a’ sior fhàs bitheanta— ”Nylon,” “Terylene,” “Acrilan,” “Orlon” —is gann a chumas tu cuimhne air an ceathramh cuid dhiuth.
Ni mi nis beagan meudachadh air mo chuispeir, a’ sealltuinn air gach buidhean air leth.
Ròinneagan a planndraisean
Fo’n cheann so is i ròinneag a’ chanaich, no mar a their sin, “cotan,” a tha air leth luachmhor do mhoran sluaigh air feadh an t-saoghail, ged a tha a h-eachdraidh glé òg ri taobh eachdraidh clòimh is anart.
Tha ròinneag a’ chanaich eadar leth-òirleach is da òirlich air fhaid, ar réir dé an cearn de’n t-saoghal anns am fàs e. Ni ròinneag a tha fada, meanbh is lìomhach, aodach a tha moran na’s grinne na ròinneag ghoirid gharbh. Mar sin molar Canach nan Eileanan Cuain a dh’fhàsas anns na h-eileanan ri cladach Carolina a Deas fada air thoiseach air Canach nan Innseachan an Ear, agus tha e na’s luachmhora ann am mairgeadan an t-saoghail.
Is e obair chruaidh sgìtheach a bha ann a bhi ag àiteachadh a’ chanaich anns na seann làithean—a’ troghadh, a’ cur, a’ cumail an talamh glan timchioll air na planndraisean, a’ trusadh a’ chanaich agus gu h-àraidh a’ sgaradh nan ròinneagan bho’n t-sìol. Is cuideachd linn thruagh sin ann an eachdraidh a’ cheanna-daona ’nuair a bha na daoine bochda dubha ann an Africa air an cartadh thairis air a Chuan Shiar mar bhrùidean gu bhi saothrachadh ann an raointean canaich Aimeireaca. Tha innleachdan de gach seòrsa air an obair chruaidh a leasachadh ach tha dìol nan daoine dubha a’ buntainn ri coigeas na dùthcha ud gus an latha an diugh.
An déidh an ròinneag a sgaradh o’n t-sìol tha sinn deiseil gu bhi a’ càrdadh, a’ snìomh is a’ figheadh, agus do bhrìgh gu’m bheil an obair sin coitcheann ge b’e de an stuth a tha anns an ròinneig, fàgaidh sinn iomradh orra gu deireadh na caibeadail.
Is e cuiseag anairt a’ cheud phlanndrais ann an eachdraidh air am bheil eòlas againn daoine a bhi a’ deanamh feum. Bha na h-Eubhaitich a’ deanamh anart bho linn nan linntean, agus tha beagan air oibreachadh fhathast ann an Eireann, anns an Fhraing, anns a’ Bheilg, agus ann an Ceann a Tuath Aimeireaca. Tha ròinneagan an anairt, a dh’fhàsas gu fichead òirleach a dh’fhaid, comasach air an laimhseachadh gu aodach air leth grinn, ach do bhrigh gun robh canach na’s saoire oibreachadh ghabh e àite ann an aodach caitheamh, agus an diugh, chi sinn na ròinneagan a bhios daoine a’ deasachadh le ceimiceachd a’ dol na’s saoire a h-uile bliadhna a tha dol seachad agus iad fhéin a’ sàthadh canach as an
rathad. Cò-dhiùbh, tha neart air leth ann an anart a dh’fhàgas e glé fheumail ann an iomadh àite.
Tha planndraisean eile coltach ri anart ach na’s gairbhe is na’s cruaidhe is mar sin gun fheum mar aodach bodhaig. Tha sibh eòlach air jute ann am pocannan, hemp ann an ròpan agus sisal, ramie agus planndrais eile no dha coltach riutha.
Ròinneagan o ainmhidhean
Cha ghabh mi orm fhéin moran a radh mu chlòimh chaorach ri luchd-leughaidh Gaidhealach, ach riuthasan a tha eòlach air an dubh-cheannach a mhàinn, theirinn facal mu sheòrsan eile de’n chaora. Am measg na’s ainmeile tha Cheviot, Leicester, Oxford, Lincoln, Southdown, ach gu h-àraidh am Merino. Ann an aon rusg gheibhear suas ri naoi puinnd cloimhe o’n Mherino agus ròinneagan a bhios suas ri sia òirlich deug de fhaid. Is i beathach Arabach a bh’anns a chaora Merino, a chaidh àrach anns an Spàinn. Airson linntean chan fhaodadh duine caora no uan a leigeil a mach as an dùthaich air eagal an cuir gu bàs; dh’fhàs righean na Spàinne glé bheairteach le ceannaichean an t-saoghail a bhi triall thuca a cheannach na clòimh luachmhor so. Ar réir sgeul-aithris rinn an treas Righ Deòrsa suaip ri Righ na Spainne—eich gheal airson caoraich Merino.
Tha ainmhidhean eile air am bheil clòimh no fionnadh a chuirear gu feùm agus a reir tuighead na ròinneig their sinn riutha clòimh, fionnadh no friodhan. Nithear aodach air clòimh chàmhail, llàmas, vicuna, alpaca agus gòbhar. Chan eil sinn aig an am so a’ gabhail beachd idir air na h-ainmhidhean a mharbhar airson am bìan.
Mu’m fàg sinn ainmhidhean féumaidh sinn sealltuinn air an dòigh mhìorbhuileach anns an deasaichear ròinneag an t-sìoda; an ròinneag a tha na bunait air an aodach ghrìnn, luachmhor a bha cho prìseil aig daoine bho thoiseach eachdraidh. Ann an dùthchannan blàth Roinn Eòrpa agus anns na h-Innseachan far am bheil an t-eòlas dìomhair aig an t-sluagh tha tuathanachas mòr ann a bhi ’g àrach na leomhann-sìoda agus a deasachadh sìoda.
Tha an leomhann a’ breith uibhean agus asda thig na cnuimhean sìoda. Thatar ga’m beathachadh le duilleagan maol-dhearc a tha iad ag itheadh le acras géur fad mìos, a’ deanamh deiseil airson a’ chadail mhòir. Tha na duilleagan a’ tionndadh gu uisge ann am maodal na cnuimhe agus tòisichidh e air an t-uisge a’ spùtadh a mach a dà tholl mheanbh na phearcall. Tha so a’ cruadhachadh na
dhà ròinneag mheanbh sìoda a tha a’ chnuimh a suaineadh mu’n cuairt is mu’n cuairt a chuirp mar shlige. An déidh mu shia ceud slat sioda a shuaineadh mu’n cuairt air fhéin tha e a’ cadal anns an t-slige agus nam faigheadh e an cothrom dhùisgeadh e ann an coig-latha-deug ann an cruth leomhainn agus bhriseadh e am mach as an t-slige. Mu’n dean e so tha an tuathanach ga mharbhadh le teas agus an sin tha caileagan le mor-sgil nam meuran a’ toirt nan ròinneagan fada sìoda as a chéile agus ’g an toinneamh air cearluinn.
Nam faigheadh na leomhainn cead dùsgaidh, bhriseadh iad na ròinneagan fada le call do’n tuathanach. Feumaidh e cò-dhiùbh cuid de na leomhainn fhàgail beò gu tuilleadh uibhean a bhreith, is an gnothaich a chumail a’ dol.
Ròinneagan o stuthan nàdurra air ath-chruthachadh le daoine
Tha canach agus planndraisean mar sin de stuth ris an abair sinn “cellulose,” agus tha fiodh craoibhe de’n aon stuth gun ach beagan eadar-dhealachadh agus an déidh mòran rannsachadh chaidh aig daoine air fiodh craoibhe ath-chruthachadh gu ròinneag ris an abair sinn sìoda ìnnleachdach no “rayon.” Tha am fiodh air a bhriseadh gu meanbh mar min sèibh agus air a mheasgachadh le sòda agus stuthan eile agus tha e a’ dol na uisge dìreach mar tha na duilleagan maol-dhearc ann am broinn nan leomhann sìoda. Anns an staid sin thatar ga spùtadh a mach troimh thuill mheanbh do lochan acid far an cruadhaich e ’n a ròinneig, dìreach mar a spùtas a’ chnuimh a mach an sìoda agus an damhan-allaidh a lìon. Tha na ròinneagan air an nigheadh le bùrn agus tha grunnan dhuibh air an toinneamh ri chéile agus air am figheadh air beairt. Sin agaibh an stuth “rayon” no mar a their sinn “artificial silk.”
Ròinneagan o’n chreig
Tha creag àraidh air a mèinneadh ris an abair sinn “asbestos” agus tha i comasach air a sgaradh as a chéile na ròinneagan a ghabhas càrdadh, snìomh is figheadh gu aodach, ach is e aodach nach bi moran a’ caitheamh. Is e buadh asbestos nach loisg e ri teas no teine agus tha e air leth feumail do na fir a bhios a’ dol an greim ri teine is loisgeadh. Tha plaideachan asbestos daonnan ri laimh ann an àitean far am bheil cunnart teine.
Mar tha fios aig moran is ann o’n chreig a ni sinn gloine, agus anns an staid leaghte, faodar gloine a tharruing na ròinneagan meanbh, a snìomh agus a figheadh, agus tha feuman àraidh air an aodach a nithear mar sin.
Mar a’ ghloine faodar ròinneagan a dheasachadh o mheatailean mar òr, airgead is iarruinn gun ainmeachadh ach tri dhiubh. Chan eil iad gu moran feum airson aodach caitheamh, ged a chunnaic sibh, uair no dha, gùn breagha luachmhor le snàilein airgid troimhe. Cò-dhiùbh tha mor fhèum air aodach meatail mar sìoltrachain is innleachdan mar sin.
Ròinneagan air an cruthachadh le ceimiceachd
Fo’n cheann mu dheireadh chi sinn na ròinneagan a tha daoine a’ cruthachadh gu buileach bho ghual is ola is chemicals mar sin. Rinneadh nylon, terylene is na “synthetic fibres” so le daoine a bhi rannsachadh a mach ciod na h-eileamaidean a bha ann an canach, an clòimh is anns na ròinneagan nàdurra agus an sin a feuchainn ri na h-eileamaidean sin a chuir ri chéile an tighean-ceaird, mac-samhail oibre nàduir ann am planndraisean is ann an ainmhidhean. Tha iad so ’n an stuthan a ghabhas leaghadh le mor-theas agus leaighte, thatar ’g an spùtadh a tuill mheanbh. Mu’n cruadhaich iad thatar ’g an slaodadh cho caol ’s a ghabhas deanamh is ’g an gearradh gu faid a tha freagarrach airson snìomh is figheadh, uairean leòtha fhéin, agus uairean air am measgachadh le clòimh no ròinneagan nàdurra eile.
Sin matà na ròinneagan as cumanta airson aodach agus mu’n criochnaich sinn seallamaid air na dòighean anns an oibrichear iad anns na muilteann air an rathad gu bhi nan còta, nan deiseadh, nan leínne no nan stocainn dhuitsa na dhomhsa.
Tha aon roìnneag ro lag leatha fhéin agus feúmar a toinneamh ri grunnan de seòrsa. Ma tha an roìnneag fada dhith fhéin mar sìoda agus na roìnneagan a chruthaichear le daoine tha e farasda grunnan a thoinneamh ri chéile ach ma tha i goirid mar canach agus clóimh ruigeadh i a’ mhuilean na tòrr teann aimhreatach. Feumar na roìnneagan an cìreadh agus an càrdadh ann an comh-shìneadh ann an roileig. Tha an roileag air a’ tarruinn a mach ’n a faid ar réir tuighead an t-snàilein a tha dhìth oirnn, agus aig an aon am thatar a’ cur toinneamh ann ar réir an neart a dh’iarrar. Mar is teann an toinneamh is ann is làidire an snàilean.
Ann a bhi a’ figheadh nan snàilean gu aodach feumar beairt agus mar is trice na snàilein de dha sheòrsa. Ann am faid na beairte tha snàilein an dlúth taobh ri taobh agus anns an spàl tha snàilein a’ chur air an giulainn bho thaobh gu taobh agus air an glasadh gu teann le gach buille de’n t-slìnn.
An déidh criochnachadh tha an clò-aodaich ri luaghadh, ri nigheadh agus ri dheasachadh airson bùtha no airson tàilleir.
Cha d’ thug mi guth air dath. Mar tha fios agaibh le clòimh, tha i air a dath, mar is trice, roimh i bhi air a snìomh, ach faodar ròinneagan an dath anns an t-snàilean no anns a’ chlò-aodaich, agus tha moran de anartan tana air am figheadh geal agus an déidh sin air an clò-bhualadh le dealbhan ioma-dhathte.
Tha mi’n dòchas gun d’thug mise dhuibh dealbh bheag thaitneach air annas bhur cuid-aodaich, agus, an ath dheise úr a gheibh sibh, meal is caitheamh i.
title | De a Chuireas Sinn Umainn |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p |
parent text | Criomagan Ioma-dhathte |