[17]

RUBAIR

Tha daoine adeanamh féum de rubair ann an còrr is leth-cheud mile cumadh. Cha rannsaicheadh iad doimhneachd achuain is doimhneachd na talamhuinn as eugmhais; cha robh iad air agheallach a ruigheachd as eugmhais: is mor an t-atharrachadh a bha air eachdraidh an t-saoghail so as eugmhais.

Gabhaibh beachd airson mionaid no dha air fèumalachd rubair dhuibh fhéin an sin aig taobh an teine no anns an sgoil. An robh thu ann an càr no air bus an diugh agus an do smuainich thu dhfhàg an siubhal cho socaircuibheal rubair agléidheadh gaoithe. dheanadh tu as eugmhais an dealain airson teas is solus is neart; is egadruigheachd troimh dha phìob mheanbh copair air an sgaradh bho chéile le rubair. Dhfhaodainn an leabhar so a lìonadh le iomradh air feumalachd rubair ach fàgam an còrr agaibh fhéin airson smuaineachadh orra.

Cia ás, matà, a gheibhear an stuth tha so? Anns achiad àite gheibhear e an cruth bainnebainne nach eil móran eadar-dhealaichte o bhainne ri amharc air. Ach gu faotainn abhainne so tha daoine a’ “bleoghanncraoibhecraobh annasach da-rìribh.

Chan ann a mhàin mar choltas faicsinneach a chì sinn an co-ionnanachd ri bainne achruidh. Ma dhfhàgarna sheasamh e, thig uachdar air agus an ceann ùine fàsaidh e goirt agus faodarcàisea dhealachadh bhon uisge. Gu dearbh is ann mar sin a tha rubair tioram air a dheasachadh, ach gu bheilear acur fìongeur anns abhainne air son an gnothach a ghreasadh air adhart.

Mun abair mi an còrr air tuathanachas an stuth, bu toil leam facal no dhà innse dhuibh air eachdraidh, oir chan eil ach ùine glé ghoirid bhon fhuair an duine eòlas air rubair, taca ris na stuthan eile air a bheil iad acur feuma, mar gual, iarunn, gloinne, luaidh, fiodh is leathar.

Gheibh sinn achiad iomradh air rubair ann an criomag de na sgrìobhaidhean aig an t-seòladair sgairteil ud as aithne dhuibh uile Crìosgan Columbus. Anns abhliadhna 1493 lorg esan an Saoghal Ur air taobh thall aChuain Shiar agus a measg gach naidheachd a thug e dhachaidh bha an t-iomradh so air gillean òga Innseanach acluiche le ball coise a bhochdadh air an talamh nuair a bhreabadh iad e. Sheall iad dha achraobh on dfhuair iad bainne a bha a


[18]

tioramachadhna chnapan den stuth a bha so. Bha iad cuideachd air uairean aspuaiceadh abhainne air an casan agus air dha tioramachadh bha craiceann an sin a dhèanadh deagh bhrògan daibh.

A measg gach naidheachd mhóir a bhaige cha dfhuair achriomag bheag a bha so móran aire.

Aig toiseach an t-siathamh linn deug nuair a bha Iompaireachd na Spàinne craobh-sgaoilte air feadh an t-saoghail gheibh sinn iomradh air na saighdearan aca, ann an dùthaich Mexico, a bhith adèanamh an còtaichean dìonach bho uisge le bainne chraobhan àraidh.

Ach co-dhiùbh bhon chiad iomradh a rinn Crìosgan Columbus air an stuth chaidh faisg air trì cheud bliadhna seachad mun do ghluais daoine ri bhith feuchainn feum a dhèanamh dheth agus is ann do na Frangaich a bheir sinn an t-urram air son achiad cheasnachadh a chur air bonn. Thug na fir-ealain aca cnapan den stuth dhachaidh don Fhraing is thòisich iad air cnuasachadh.

Theireadh na h-Innseanaich Dheargacahutchuris achraoibhainm a tha ciallachadhsachànain aca-sancraobh nan deurdo bhrìgh mar a shileadh am bainne uaipe mar dheur nan sùl. Gus an latha an diugh iscaouthchucan t-ainm a tha air rubair anns achànain Fhrangaich agus facal glé dhlùth ri sin aig na Gearmailtich.

Anns an dùthaich againn fhìn is e am fear ealain ainmeil sin, an Dotair Iòsaph Priestley anns abhliadhna 1770 a fhuair achiad shealladh air criomag den stuth. Bha duilleag phàipearna dhòrn air an rohh e asgrìobhadh le peann luaidhe agus air dha am paipear a shuathadh leis an stuth so ghlan e ás an sgrìobhadh. Gun dàil thug e an t-ainm rubber airan t-ainm a lean ris anns aBheurla.

Be chiad eòlas a fhuair na fir ealain gun gabhadh an rubair leaghadh anns an ola ris an abair sinn turpentine agus anns an staid sin bha e glé fhurasda a spuaiceadh air anart, agus air dha tioramachadh dhèanadh an tàillear còta dheth a bha dìonach o uisge.

Bha aon tàillear ann an Glaschu air thoiseach orra uileTeàrlach Mac an Tòisichtàillear a bha cho ainmeil is gun do lean an t-ainm aige eadhon gus an latha an diugh ri còta aotram a tha dìonach o uisge. Nach eòlach sibh uile air an ainmMac” ’ga ghabhail air a leithid sin de chòta.

Ach co-dhiùbh, feumails ged a bha na còtaichean annasach so, bha aon choire mi-shealbhach orra. Ann am fuachd agheamhraidh


[19]

bha iadnan stob cruaidh reòta agus ann an teas an t-samhraidh bha iad afàs bog, leanailteach agus atuiteam o chéile. Be so coire a bha anns an rubair gu nàdurra agus gu dearbh cha robh e gu móran feuma gus abhliadhna 1844.

Bha dithis dhaoine, Tómas Hancock ann an Sasuinn agus Teàrlach Goodyear an Aimeireaca ag obair gu dìcheallach air acheist mhóir a bha so oir bha deagh amharus aca air an fheumalachd a bha anns an stuth nan deidheadh aca air cur ás don aon choire soan droch dhìol a dhèanadh fuachd is teas air.

Gun fhios da chéile dhobraich iad agus gun fhios da chéile ràinig iad an dearbh fhuasgladh agus gus an latha an diugh tha móran deasbuid eadar Breatannaich is Aimeireacanaich aca a bha air thoiseach.

Fhuair iad-san an t-eòlas gum faodar rubair a mheasgachadh le pronnasc (pronnasdair) agus air teas a chur ris tha atharrachadh iongantach atighinn air.

Chan eil móran buaidh tuille aig fuachd agheamhraidh no teas an t-samhraidh air, agus, an as fheumaile buileach, an uair a théid a lùbadh, a shlaodadh no a thoinneamh air a chéile pillidh e gu grad gu chumadh féin.

Be so an iuchair a dhfhosgail an dorus agus thòisich daoine air tuilleadh is tuilleadh feum a dhèanamh dheth. Anns abhliadhna sin, 1844, còrr is ceud bliadhna air ais, thàinig luchd cheud tunna a steach don dùthaich. Anns abhliadhna 1957 thàinig don dùthaich luchd còrr is cheud mìle tunna!

Fàsaidh achraobh rubair ann an dùthaich a tha teth agus fliuch eadar seachd ceud mìle tuath is seachd ceud mìle deas air cearcall-meadhoin na talmhainn agus aig toiseach ar n-eachdraidh bha achuid mhór de na craobhan afàs ann an dùthaich Bhrasail ri taobh abhainn mhóir Amason. Béiginn mhór a bhith aslaodadh á doimhne na coille agus le daoine a bhith dèanamh tuilleadh feuma de rubair cha bfhada gus an robh barrachd iarrtais na ghabhadh sàsachadh.

Bha luchd riaghlaidh ar dùthcha fo mhór chúram is chuir iad Sasunnach dam bainm Eanruic Wickham air turas gu ruige Brasail air teachdaireachd dìomhair. Aig cunnart a bheatha o ghàbhadh na coille is o shaighdearan na dúthcha thàrr e ás le còrr is tri fichead mìle de shìol na craoibhe rubair.

Ràinig e Lunnainn gu sàbhailte is chaidh an sìol a chur an gàrradh Kew. On tri fichead mìle sìol dhfhàs mhìle planntrais


[20]

agus thugadh iad air bàta gu Eilean Ceylon. Chuireadhsan talamh iad is ghabh beagan diubh friamhaich is dhfhàs iad. Uatha-san thugadh sìol ùr gu ruige Malaya agus chuireadh air bonn an tuathanachas mór feumail sin air a bheil an saoghal uile an crochadh. Le dìcheall is deagh aire nan tuathanach cha bfhada gus an robh na craobhan fada, fada nas torraiche na bha iad ann an coilltean Bhrasail.

Anns abhliadhna 1888 chaidh innleachd a chur air chois a bha ri atharrachadh mór a chur air eachdraidh ar saoghail agus spàirn mhór a chur ann an tuathanachas an rubair. Bha daoine adèanamh oidhirp air siubhal an rathaid air, mar a their sinn, am bicycle. Le chuibhlichean cruaidhe air rathaidean creagach gu dearbh béiginn a bhith suidhe air, agus dìreach ann an deagh am chaidh aig Iain Dunlop air pìob chaol rubair a ghleidheadh gaoth, a cheangal ris achuibhill. Cha be achiad neach a smuainich air a so ach feumar an t-urram a thoirt dhà-san agus tha an t-ainm Dunlop gu minic ri fhaicinns ri chluinntinnsan latha an diugh. Is math is airidh e sin, air son an t-socair a thug e do gach fear is a thanan cabhaig siubhal.

An déidh am bicycle thàinig an càrs an t-itealan agus is anns na cuibhlichean aca-san a tha achuid mhór de rubair an t-saoghail air a chur gu feum.

Sin agaibh, matà, eachdraidh an rubair gu h-aithghearr agus bu toil leam a nis facal no dhà a ràdh air an tuathanachas. Tha achraobh air a cur mar phlanntraisceud chun an acair. An ceann seachd bliadhna thatargan tanachadh gu ceithir fichead chun an acair agus tha ambleoghannatòiseachadh. Aig briseadh an latha am fear oibre strìoc an rùsg na craoibhe le sgithinn air faobhar lannsa lighicheobair sgileil, oir ma théid e mìr na h-òirlich ro dhomhainn cuiridh e achraobh o fheum. Aig bonn an t-strìoc tha e aceangal cupain bhig a ghleidheas mu dhà unnsa den bhainne a shileas uaithe mun slànaich an gearradh. Théid aon fhear air feadh trì cheud craobh ann an trì uairean de thìde agus an sin tillidh e le cuinneag acruinneachadh abhainne. Their sinn latex ris abhainne so. Air an ath latha théid am fear oibre gu craobhan agus e strìoc eile fon t-strìoc mu dheireadh. Tuigidh sibh cho sgileils a dhfheumas e bhith nuair a their mi gun dèan e deich strìochdan fichead ann an leud aon òirlich. Bleoghannaidh e gach craobh gach dara latha air son da fhichead bliadhna mum fàs iad tioram.


[21]

Tha na cuinneagan latex air an cruinneachadh ann an tuba mór agus an uair sin air an goirteachadh le fìongeur. An sin théid an rubairna chnap slaopach, fliuch, coltach ri cnap grutha no càise a dhèanadh bean achroiteir. Tha so air a thaosnadh is air a dheagh nighe ann am bùrn. An déidh sin tha e air fhàsgadh eadar rollan iaruinnna leacan tana, geala.

Agearradh rùsg na craoibh Rubair gu bhiga bleoghan

Tha cuid dhiubh air an tioramachadh mar sin is thig iad thugainn mar crepe rubber a chì sibh air buinn bhrògan ach tha achuid as motha dhiubh air an crochadh ann an tigh ceotha agus dìreach mar an kipper, tha dath òrdhonn atighinn orra. Agus gleidhidh an ceò fiodha an rubair o bhith fàs liath mar chaise.

Nis, matà, tha na leacan sin air am fàsgadh ri chéile mu mheud


[22]

ciste-tea agus air an cur don dùthaich so air bàta-smùid. Tha mi cinnteach gu bheil iomadach seòladair ann a tha eòlach air iasgair no dhà a fhuair cnap rubair ann an lìon sgadain an déidh achogaidh, à bàtaichean a chaidh a chur fodha.

Bu toil leam facail a ràdh air an deasachadh a sinn air rubair anns an tigh-ceàird.

Thuirt mi mar thà gur e pronnasdair an as fheumaile a tha sinn ameasgachadh ris an rubair. Tha sinnga theasachadh isga thaosnadh air rolair làidir iaruinn gus am fàs e bog mar photaidh agus an sin cuiridh sinn cuide ris mu thuaiream ceithir puinnd pronnasdair ri ceud punnd rubair. A réir am feum ris an cuirear e aig acheann thall cuiridh sinn stuthan eilena mheasg, criadh, ola, céir, dathan dearg, liath is buidhe is iomadh stuth eile. Ach is e an stuth as fheumaile dhiubh air fad sùith, air a dheasachach o ola, oir chan eil sùith an teine meanbh gu leòr. Smuainichibh air na nithean de rubair a dhfheumas a bhith fìor-bhuan agus chì sibh gu bheil iad uile dubh le sùithis iad sin cuibhlichean charbad.

An déidh na stuthan a mheasgachadh gu cùramach ris an rubair théid e troimh innleachdan a bheir an cumadh ceart air agus mu dheireadh théid fhàsgadh gu teann agus teas a chur ris air son ùine àraidh.

Their sinn ris an obair so vulcanising agus mas cuimhne leibh bhur leabhraichean sgoile bha aig na Ròmanaich a measg an cuid dhiathan aon air an robh ainm VulcanDia an Teine.

Smuain no dhà anns an dealachadh:—

(1) Smuainichibh air na carbadan asiubhal an rathaid. As eugmhais rubair nach ann an sud a bhiodh aghliogs aghlags aghlunngaraich.

(2) Smuainichibh air na h-itealan mòra asiubhal nan speur. Cha burrainn iad an talamh a bhualadh gun rubair agleidheadh gaoithe anns na cuibhlichean.

(3) Smuainichibh air na tighean-eiridinn agus na h-innealan aig làimh an lighiche.

(4) Smuainichibh air na ròpan caola copair len còta tana rubair atoirt thugaibh neart an dealain; guthan air an réidio; guth bhur càirdean air an telefon.

(5) Smuainichibh air an òigridh le ball-coise, golf, tennis is gach seòrsa spòrs.

(6) Ma tha fear an tighe atoirt thuige na pìob tombaca air son ceò dheireannach na h-oidhche biodh fios aige nach eil an cas chruaidh dhubh na pìoba achrubair is pronnasdair!

titleRubair
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p

parent textCriomagan Ioma-dhathte
<< please select a word
<< please select a page