[23]

CUMHACHD AN SMUIRNEIN

Air latha samhraidh bho chionn sia bliadhna fichead chualas gun do leagadh inneal spreadhaidh air baile Hiroshima anns an robh cumhachd fichead mìle tunna T.N. T. Ged nach robh ann ach beagan phunnd de uranium mharbhadh ceud mìle de shluagh Hiroshima is chaidh na ceudan mìle eile a leòns a losgadh le creuchdan a bhios orra rim beò.

Fhuair baile Nagasaki buille den aon seòrsa an ceann trì latha agus chrìochnaich sin an cogadh.

Dhaithnich daoine gun robh cumhachd an so nach fhacas is nach cualas riamh a leithid. Tha an cumhachd so doirbh a thuigsinn ach bu toil leam beagan a ràdh mu dheidhinn bhon eòlas a tha agam fhéin air. Oir is e mo bharail gum bu chòir do gach neach aig a bheil tonaisg a bhith feuchainn ri faotainn abheag no mhór de eòlas air. Mar sin, air an aon làimh fuadaichear eagal is ginear irioslachd.

Carson a tha daoine an tòir air achumhachd so?

Thà airson socair is comhfhurtachd a churnam beatha.

Aig an am so fhéin tha sinn adèanamh feum den neart a tha ann an gual, ann an ola, ann am bùrn is anns an dealan.

Anns na dùthchannan anns an dèan an sluagh feum dhiùbh sin tha beartas, comhfhurtachd is soirbheachas. Anns na dùthchannan far nach eil aig neach ach neart a ghàirdein is gann a chumas e e fhéin is a theaghlach beò— ”am fallus a ghnùise ithidh e aran.”

Tha cuimhne agaibh thachair bho chionn bhliadhna dheug air geamhradh an reothaidh mhóir, agus nas fhaisge air làimh nuair a chaidh sinn féin is an Eipheit a mach air a chéile is a ghearradh ás sinn bhon ola air taobh an ear Suez. Cha dèanamaid móran nan tiormaicheadh an thobar mhór sin. Feumaidh sinn tobar eile.

Tha e furasda thuigsinn mar a loisgeas sinn gual is mòine is ola gus teas fhaotainn a chuirear gu feum ationndadh chuibhlichean. Ach chan eil e cho furasda thuigsinn ciamar a chuireas sinn gu feum an smùirnean a tha cho beags nach fhaca, is nach fhaic, duine riamh aonna aonar. Ann an luchd spàin-tea de stuth sam bith tha mìltean de mhìltean de mhìltean de mhìltean de mhìltean do-àireamhàireamh as motha na gainneamh tràigh an iar na Hearadhàireamh nach gabh an inntinn fhéin a steach.


[24]

Is e smùirnean (no mar a their sinnsaBheurlaatom”) achriomag as lugha de stuth sam bith. Tha iomadh stuth anns an t-saoghalcuid anns nach eil ach aon stuthna aonar mar iarunn, òr, airgead, aluminium, ocsaidhgean, haidhrogean, naitrogean, ìodainn, phosphorus is mar sin air adhart. Their sinn riutha sinelements.”

Tha seòrsa eile de stuthan ris an abair sinncompoundsmar uisge, salainn, aol, clach, feur, feòil, clòimh agus ceudan de mhìltean eile. Ach nuair a rannsaicheas sinn, chan eil anns nacompoundsach a dhà, no trì, no ceithir, no tuilleadh deelementsceangailte ri chéile.

An t-uisge dhòlas sibh, is e haidhrogean is ocsaidhgean ceangailt ri chéile a thann, agus is furasda do ghille no caileag òg anns an àrd-sgoil an elementa sgaradh o chéile agus an ceangal air ais a rithist mar uisge.

Anns an t-salainn a dhitheas sibh aig gach biadh tha element” —sodium agus chlorine ceangailte dhearg phuinnsean air leth bho chéile, ach, ceangailte, cho feumails cho blasda is a thaig duine. Dhfhaodainn mìltean de eiseamplairean a thoirt dhuibh ach tha ar gnothach ri as cudthromaiche.

Chan eil buileach ceudelementanns an t-saoghal gu léir.

Thuirt mi gur eatoman smùirnean as lugha de stuth sam bith. Nan robh inneal agaibh a bhriseadh, abair, cnap iaruinn le bhithga eadar-sgaradh nas lugha is nas lugha, mu dheireadh thall ruigeadh sibh an t-atom agus nam faiceadh sibh e dhaithnicheadh sibh gur e iarunn a bhann.

Ach a nis, is e so mìorbhuil nam mìorbhuilean, nan dèanadh sibh eadar-sgaradh air anatomis ann a chitheadh sibh nach e idir cnap beag cruaidh daingeann a thann. ’Na theis mheadhon tha cnap fìor bheag, mu mheud a mhìlibh cuid deth agus timcheall air tha cnapan beaga beaga beagaga chuartachadh dìreach mar tha an saoghal is na reultan acuartachadh na gréine. Eatorra is an cnap meadhoin tha falamhachd. Their sinn ris achnap mheadhoinnucleusan smùirnein agus ris na cnapan adol mun cuairtelectrons.”

Chì sibh gu tric na facailsplitting the Atomagusnuclear fissionagus is ann ris annucleustha so tha ar gnothach. A rithist, ged is meanhh do-labhairt e chan aon chnap e, ach mòran, a tha ceangailte fìortheann ri chéile.

Am faca sibh riamh bàta-smùid ceangailte ri lamraig is i slaodadh


[25]

air an ròp làidir? Ma bhriseas an ròp leumaidh e mar beò is an neart a bhanns an t-slaodadh air a leigeil fa sgaoil. Is iomadh neach a leònadh gu goirt le ròp mar so abriseadh. Air amhodh cheudna, ma théid againn airnucleusan smùirnein a bhriseadh gheibh sinn uaithe beagan den neart thaga chumail cho teann ri chéile.

Ach ciamar air thalamh a bhriseas duine rud cho beags nach fhaic e e?

Brisidh, ma tha, le bhith losgadh peileir airpeilear a tha nas lugha nannucleus” —aon de na cnapan beaga tha ceangailte anns annucleus.” Their sinn ris apheilear soneutron.”

Tha cuid de stuthan air an t-saoghal is on latha chruthaicheadh iad, tha iad acnàmh air falbh gu socair, mallcho slaodach is gun toir criomag bheag ceudan bliadhna asearg.

Ann a bhith cnàmh thanucleusan smùirnein aca abriseadh agus anns abhriseadh tha e aleigeil fa sgaoilneutronno dhà, a shiùblas aig astar dolabhairt. Is aon de na stuthan so am meatalradiumagus ris na peilearan a leigeas e fa sgaoil their sinnradiation.” Tha iad asiubhal cho luath is gun loisg iad feòil duine agus mar sin feumar radium a chumail ann am bocsa tiugh de luaidhe.

A nis tha galair a bhuineas ri feòil an duine ris an abair sinn cansar agus cuirear stad air le bhith leigeadh nam peilearan so á cnap radium bualadh air, agus mar sin amarbhadh achansair. Ann an earrainn mhóir de luchd euslaint achansair théid an leigheas, co-dhiùbh ma ghlacar iad an am.

Tha meatal eile glé choltach ri radium ris an abair sinn uranium agus thana ghnè gum faodar cabhag a chur ann e bhith cnàmh air falbh.

Tha sheòrsa uranium bitheantauranium 238 agus uranium 235aon aig a bheil cheud agus ochd deug air fhichead cnap anns annucleus,” is am fear eile trì a dhìth air an àireamh sin.

Anns an talamh, agus is ann glé thearc agus an àitean aonarach a gheibhear iad, tha an uranium rim faotainn. Airson gach punnd uranium 235 tha ceud punnd gu leth uranium 238 ceangailte ris agus is e an uranium as tearca as fheumaile gu mór. Tha cosgais mhór airgid an sgaradh bho chéile agus an glanadh bho gach stuth eile tha ceangailte riutha anns an talamh.

A nis, tha e furasdanucleussmùirnean uranium 235 a bhriseadh agus mìr bheag de neart a leigeil fa sgaoil. Tha cuimhne aig móran agaibh mar a thogadh maighstir no bana-mhaighstir sgoile (agus


[26]

iomadh athair agus màthair) tàs leathair agus a chuireadh iad neart an gàirdein ann a bhithga chur air ghluasad. Dhaithnicheamaid an neart so mar theas ann am bois na làimhe no air iomall eile de ar cuirp. Tha neart an smùirnein ationndadh gu teas mar an ceudna. Agus ged is meanbh do-fhaicinn teas aon smùirnein cuimhnichibh an àireamh do-labhairt a thann diubh, agus le chéile iad teas mar aghrian fhéin.

A nis tha cothrom aig smùirnean uranium 235 briseadh is teas a leigeil dheth agus aig an aon am leigidh e dheth neutrona bhriseas smùirnean eile faisg air. Brisidh na dhà sin ceithir

Reactoraig Dùn-reatha

smùirnein, na ceithir sin ochd, na h-ochd sin sia deug agus ann am priobadh tha na mìltean de mhìltean do-àireamh air briseadh, agus teas fa sgaoil a leaghas eadhon na creagan mar a leagh e clachan togalaichean baile Hiroshima.

A thuilleadh air sin tha naneutronsa dhfhalbhas ás gach smùirnean comasach air fuil is feòil is cnàmhan a mhilleadh agus mar sin is e inneal eagalach cogaidh tha so.

Ma bhitheas sgonn de uranium 235 agaibh nas lugha na mu dhà phunnd de chudthrom cha dèan e spreadhadh idir oir gheibh naneutronsa leigeas e dheth ann a bhith cnàmh cothrom teicheadh bhàrr uachdair gun smùirnean eile a bhualadh is a bhriseadh. Ach ma bhios an sgonn móran nas motha na phunnd tha cothrom nas motha aig naneutronsair smùirnean a bhriseadh agus tachraidh an spreadhadh air an do labhair mi.


[27]

A nis ann a bhith cur ri chéile bom atomach feumaidh tu mar gum biodh pìob fhada agus sgonn de uranium 235 a cheangal aig gach ceann; gach sgonn nas lugha na phunnd. Cuirear pocan fùdair air cùlaibh gach sgonn uranium agus inneal airson am fùdar a losgadh aig an am àraidh.

Tilgear an sgonn uranium gu chéile agus buailidh iad. Tha againn an sin sgonn anns a bheil eadar trì is ceithir puinndsgonn nas motha na mar a their sinn the critical size agus e spreadhadh.

A nis is e teas an spreadhaidh so a tha sinne ag iarraidh airson a chur gu feum agus chì sibh nach dèan spreadhadh cabhagach mar so feum, oir cha ghleidheadh soitheach e. ’S i acheist a bhith acur maille anns an spreadhadh isga cheannsachadh.

Nithear sin, agus tha daoine adèanamh sin gach latha ann an innealan mun cuala sibhatomic pile agus nuclear reactor. Tha aon dusan, co-dhiùbh, ’san rìoghachd, agus aon ainmeil anns aGhàidhealtachd an Dùn-reatha an Gallaibh.

Tha an uraniumga chur an cumadh shlatan caola fada de chudthrom nas lugha na phunnd agus air an còmhdach le céis thana de aluiminium.

Tha iad air an seasamh dìreach air an ceann beagan òirleach o chéile ann an tuill, an cnap de stuth ris an abair sinn graphitean dearbh stuth a tha ann am peansail. Tha graphite acur maille air naneutronsafalbh ás gach slait uranium agus mar sin atoirt dhaibh barrachd cothrom air slatan eile a bhualadh. Ann an tuill eadar gach slat uranium tha slatan caola de mheatal cadmium.

A nise tha cumhachd ann an cadmium a bhith tarraing dha fhéin naneutronsa dhfhalbhas á uranium gus nach faigh iad gu ruige nan slatan eile. Tha againn, mar sin, dorus a dhfhosglas no dhùineas sinn air naneutrons.” Ma thogas sinn na slatan cadmium an àird ás an rathad, gheibh naneutronsa bhriseadh smùirnean agus gu leigeil teas fa sgaoil. Le bhith leigeil sìos nan slatan cadmium, gearraidh sinn ás iad bho bhith briseadh a chéile.

O sin a mach tha atomic pile dìreach mar theine guail a theasaicheas uisge airson smùid a thogail is cuibhlichean a chur air ghluasad. Tha uibhir de neart anns an uranium do bhrìgh àireamh do-labhairt nan smùirnean, ’s gum faighear uiread de theas á aon phunnd dheths a gheibhear á ceud gu leth tunna guailá aon tunna uranium tha teas trì muillean tunna guail. Chumadh aon phunnd uranium an tigh agaibh blàth airson sia ceud bliadhna.

Chan eil am beannachd tha so gun mhallachd, agus ged tha


[28]

gual salach a bhithga losgadh tha e glan taca ri uranium ged nach fhaicear salachar an uranium idir. ’S e so naneutronsbheaga tha faigheil fa sgaoil agus adèanamh a leithid de mhilleadh air corp duine is ainmhidh. ’S ann airson naneutronsso a ghlasadh a steach a dhfheumar na ballaichean móra tiugha a thogail timcheall air atomic piles agus tha Gàidheil Ghallaibh eòlach gu leòr air so oir chì iad am ball mór iaruinn a thogadh an Dùn-reatha.

Sin agaibh eachdraidh bheag shìmplidh air cumhachd an smùirnein, agus dhfhaodadh gun tug mi dhuibh abheag no mhór de thuigse is de thoil-inntinn. Tha min dòchas nach do dhorchaich mi bhur n-inntinn gu buileach, oir is e so cuspair air an do sgrìobhadh móran leabhraichean.

Cha bhiodh e idir, tha min dùil, ás an rathad mi bhith crìochnachadh le briathran an t-Seann Tiomnaidh á beul Mhaois— “Tha mi agairm nan nèamh agus na talamhainn mar fhianuiseannur n-aghaidh air an n diugh gun do chuir mi beatha agus bàs fa ur comhairbeannachadh agus mallachadh. Uime sin roghnaich beatha chum gum bi thu féin is do shliochd beò.”

titleCumhachd an Smuirnean
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p

parent textCriomagan Ioma-dhathte
<< please select a word
<< please select a page