GUN SOLUS LANNTAIR
Chan eil móran an diugh an lathair a chunnaic fàd mòine an riochd lanntair mar bu chuimhne leis a’ bhana-bhàrd ainmeil ’n a h-òige; ach tha mi cinnteach nach eil aon fhacal eile ann ar cànain a ghluaiseas ar smuain mar am facal sin— “mòine.”
A’ chruach mhòine aig ceann an tighe, leac an teinntean leis an eubhail dhearg dheàrrsach agus an toit liath-ghorm chùbhraidh a’ direadh ann an ciùineas na maidne, chan ann a mhàin ann an Gàidhlig a tha iad nan samhlan air gach ni is taitniche saoilsinn orra anns a’ chaitheamh beatha air am b’eòlach sinne ’nuair bha sinn òg. Thatar pailt cho measail orra ’sa’ Bheurla.
Mhothaich sibh, tha mi cinnteach, gu’n d’thug mi a’ cheud iomradh air a’ chruaich aig ceann an tighe—an obair, an àmhghair is an rìasladh seachad is air an cur a cuimhne; oir ged is saor mòine an car airgiod tha prìs mhath oirre ann an saothair cuirp. Is iomadh latha, air Di-sathuirne no anns an fheasgar an déidh na sgoile, a thuirt sinn iomadh facal cruaidh fo ar n-anail mu’n fhàd mhòine; ach, an déidh sin, a’ sealltuinn air ais tha ar smuain air làithean sona toil-inntinneach air a’ mhòintich, a’ leagail no sgaoileadh, a’ togail no cruachadh. Chan fheum mac-meanmain ach beagan brosnachadh is tha blas ceòthaidh a’ chupan tea air mo theangaidh agus fàsgadh an ròp air mo ghuaillean.
Ach a thuilleadh air na smuaintean taitneach so nach e a bhlàthaich an cridhe a bhi a’ faicinn nàbaidhean cho réidh is cho cuideachail d’a chéile; eiseamplair do’n t-saoghal mhor a tha an diugh cho feumail air a leithid so de spiorad a bhi follaiseach am measg an t-sluaigh. Is e mo mhiann a bhith feuchainn ri fradharc farsuinn is beagan eòlais a chuir fo ar comhair a dh’fhaodas a bhi ùr do mhoran agaibh. Bha agus tha mòine luachmhor do-labhairt ann an caitheamh beatha nan Gaidheal; tha i an sud cho pailt mu’n cuairt oirnn—cho pailt ris a’ bhuirn fhéin—cho eòlach is nach robh aobhar againn riamh ceist fhoighneachd mu deidhinn— “Cia as a thainig i; de an seòrsa stuth a tha innte; am bheil sinn a’ deanamh am feum as fhearr dhith?” —is mar sin air adhart.
Tha moran stuthan a bhuilich Flaitheas fialaidh air a’ cheanna-daonna agus fhad is a bha iad pailt mu’n cuairt air cha do chuir an duine moran suim orra; ach an sud is an so thainig latha anns an do
dh’fhoighnich e na ceistean a chuir mi ribh mu’n mhòine agus is ann le bhi foighneachd ceistean mar sin a rinn daoine adhartas. Gu deibhinn chan àbhaist do’n duine a bhi cuir luach air ni gus am fàs e gann air.
A nis matà, tha mòine a’ fàs ann an àite far am bheil luibhean agus planndraisean àraidh a’ fàs, a’ bàsachadh is a’ grodadh ann am boglach. Is ann ann an dùthaich far am bheil an t-sìde car tais is
Inneal airson bleith na mòna
ciùin a gheibh i cothrom fàs; an dearbh shìde air am bheil na Gaidheil eòlach agus an t-sìde a gheibhear air feadh ceann a tuath na Roinn-Eòrpa gu léir agus ceann a tuath Aimeireaca.
Mar tha deagh fhios agaibh, tha mòine agus mòine ann—iomadh gne a reir coltais, cudthrom agus comas loisgidh, agus tha moran aobhar airson an t-eadar-dhealachadh sin a chi sinn. Tha cruth na mòine an crochadh air de na gnethean de chòinnich, luibhean, fraoich is feur a dh’fhàs anns an lòn, an t-sìde, am bùrn, an teas no am fuachd a bha bitheanta, de an gne chreagan tha faisg air laimh, de an doimhne bha anns a’ pholl agus an cudthrom bha air uachdar na mòine agus mar sin air adhart.
Tha cuid de’n bharail gu’n tionndaidh mòine gu gual mu dheireadh thall ach chan eil so fìor, oir is ann o’n chraoibh is o’n choille a dh’ath-chruithicheadh gual; ach mòine, a luibhean is
còinneach, fraoch is feur. Chan eil m’eòlas domhain gu leòir airson mìneachadh farsuinn a dheanamh air na dòighean iongantach is miorbhuilleach anns am bheil planndraisean a’ grodadh is air an athchruthachadh anns an lòn ach tha mi creidsinn nach biodh moran buannachd an sin dhuinn cò-dhiùbh.
Abram facal no dha air feumalachd na mòine agus an déidh sin seallaidh sinn air dòighean a buain is a cuir gu feum.
Chan fhaca moran againn, mar nach fhaca mi fhéin na m’òige, feum sam bith air mòine ach a bhi ga losgadh, agus their cuid gu bheil a latha gu bhith seachad an riochd connadh. Bha mi-fhéin a’ sgriobhadh anns a’ chaibeadail roimh so air cumhachd an smùirnean (mar a their sinn anns a’ Bheurla, ATOMIC ENERGY) cumhachd anns am bheil gealladh e bhi na thobar gun ghrùnnd, tobar nach gabh tràigheadh de neart is teas a chuireas an ceanna-daonna gu feum. Tha againn a thuilleadh air sin ar seann chàirdean gual agus ola, stuthan a bheir dhuinn teas gu bhith tionndadh chuibhlichean, a’ cruthachadh neart an dealain agus a’ toirt dhuinn iomadh goireas eile. Tha sinn cuideachd ag cuir gu feum neart a’ bhùirn as an eas, neart muir lìonaidh is tràighidh agus neart na gaoithe, agus an aghaidh na tha an so dé an cothrom a tha aig a’ mhòinidh thruagh, bhog fhluich air a ceann a thogail.
Anns a’ cheud àite tha mòine saor a h-oibreachadh ann an comas ri gual, ola is cumhachd an smùirnean. Mar tha fios agaibh, ann an Eireann chuir an Riaghailteas air chois Bòrd na Mòine airson an fheum as fheàrr a dheanamh air na raointean farsuinn a tha aca-san, agus ann an uile oibrichean air feadh na dùthcha gu leir chan eil feum ach air cairteal an airgiod a dh’fheumas aon “NUCLEAR REACTOR” ann am Breatunn.
A thuilleadh air i bhi na connadh tha a’ mhòine na bun air iomadh stuth feumail. Le bhith ga ròsdadh an àite loisgeadh gheibh sinn aisde teàrr is ola agus seòrsa de chéir ris an abair sinn “MONTAN.” Mar a dh’fhàgas gual a théid a ròsdadh “coke” fàgaidh a’ mhoine “coke” a tha luachmhor do bhrìgh nach eil pronnasg ann mar tha an “coke” a’ ghuail. A rithis tha smùr aig cuid de ghnethean moine, luachmhor ann an obair gàraidh, le bhith glan o na galairean phlanndraisean a tha bitheanta ann an ùir na talamhuinn. Ach a thuilleadh air luach na mòine fhéin is na stuthan gheibhear aisde, chi sibh gur e gearradh na mòine, is an lòn a thiormachadh adhartas gu bhi ’g ath-leasachadh a’ phuill airson talamh àitich. Aig an astar aig am bheil an ceanna-daonna a’
meudachadh an àireamh aig an latha an diugh tha feum air a h-uile òirleach a chuirear gu fàs bithe.
An nis feumaidh mi aideachadh gun robh na puill-mhòine air an robh mise eòlach beag do-labhairt airson a bhi smuaineachadh orra mar thalamh àitich ach tha anns a’ Ghearmailt, an Ruis, an Lochlainn is Eireann raointean mora farsuinn anns an fhiach e a bhi ag oibreachadh na mòine le dòighean cumhachdach agus ag cosnadh
Tha e glè mhath anns an riasg ach cha robh càil a dh’fhios aige dè bh’ann ‘grobhag,’ ‘rùghan,’ na ‘tairsgeir’!
do’n rioghachd cluaintean leathainn, torrach ura. Cha deanadh an t-iarruinn-mòine ach sgròbadh truagh ann a leithid so agus tha innealan mora làidir air an togail dìreach airson na h-oibre so. Tha cunnart ann a bhi ag cuir inneal trom air poll mòine, oir ma bhriosas an sgrath tana théid an t-inneal fodha le call mor airgid. Mar sin feumaidh na cuibhlichean a bhith air leth farsuinn agus do bhrìgh gum bheil innealan a ghluaisear le ola daonnan trom dhiubh fhéin is ann le neart an dealain as trice a ghluaisear iad an diugh.
Tha dà dhòigh, dh’fhaodadh sinn a ràdh, air a’ mhòine a bhuain
—aon doigh beagan coltach ris an t-seann dòigh leis an iarruinn agus dòigh eile a tha gu buileach eadar-dhealaichte, ach is e an ceud cheum claisean a ghearradh gu cothrom a thoirt do phàirt de’n uisge tràghadh air falbh.
Mar is aithne dhuibh tha comas aig mòine anns a’ pholl a bhi
Coireachan-smùide a’ loisgeadh mòine
sùghadh is a gleigheadh moran uisge. Tha i ag cuir gream air leth daingeann air an uisge agus tha iad anabarrach duilich an sgaradh bho cheile—gu dearbh, is e sin a’ choire as motha is urrainn sinn a chuir na h-aghaidh.
Tha inneal àraidh deanta airson gearradh chlaisean agus an déidh sin tha inneal eile ag gluasad air feadh a’ phuill agus a’ gearradh na mòine na stiallan fada, ’gan càradh air uachdar na talamhuinn agus ’ga gearradh aig meud fàd. Fagar an sin iad airson seachduinn no dha a’ tiormachadh ri gréin is gaoith agus tha an treas seòrsa inneal, le cuibhlichean anns am bheil moran spuirean, a’ tionndadh nam fàd is ag cuir an taoibh fhluich an àird. Mu dheireadh tha inneal a ni cruinneachadh air a’ mhòinidh agus a lionas i an cairtean mora an rathaid-iarruinn. So agaibh eiseamplair de na dòighean ris
an abair sinn “Mass production,” ach do bhrìgh gur ann an dùthchannan sìde thais a tha a’ mhòine chan eil an obair uair sam bith dealaichte bho chor na sìde, ach an samhradh math gheibhear dà bhuain as gach poll.
An car cosgais feumar tiormachadh nàdurra a dheanamh air a’ pholl oir ann am mòine ùr-gheairrte tha còrr is ochd urrad de uisge innte na tha de mhòine thioram agus is e obair gun chiall a bhi cairteadh uisge anns an duthaich so. An déidh beagan sheachduinn ri gréin is gaoith cha fhàgar ach leth urrad de uisge is a tha innte de mhòine, agus tha aon mhaitheas air mòine—ged tha i fhéin is uisge duilich an sgaradh bho chéile tha i glé dhuilich a fluicheadh an déidh sin, cò-dhiùbh le fras uisge.
Chunnaic sibh mata aon dòigh air mòine a bhuain ann an lìonmhorachd agus tha e follaiseach mar a dh’fhàs an dòigh so bho obair an iarruinn-mhòine ach bu toil leam facal a radh an nis air dòigh eadar-dhealaichte ris an abair iad “bleith na mòine.”
Mar cheanna thatar a’ gearradh nan claisean agus a’ glanadh an sgrath far a’ phuill. An sin tha inneal ag gluasad air feadh a’ phuill a tha a’ gearradh far uachdar slios de’n mhòine mu leth òirleach de thuighead agus ga briseadh gu meanbh. Gach latha airson tri latha, a reir cor na sìde, tha inneal eile a’ cliathadh ’sa’ tionndadh an smùr mòine gu cabhag a chuir ann a thiormachadh. An ceann tri no ceathair latha tha inneal a’ cruinneachadh an smùr is ’ga chuir anns na cairtean mora airson a ghuilean air falbh. Nuair tha bàrr a’ phuill réidh tha a’ cheud inneal ag gearradh slios thana eile de’n mhòine agus mar sin tha toradh mor de smùr mòine air a chruinneachadh gach tri no ceathair latha fhad’s a mhaireas an t-side freagarrach.
Carson, faodaidh sibh a bhi foighneachd, tha daoine ag iarraidh nam miltean air mhiltean tunna so de mhòine? Tha a’ chuid mhor air a loisgeadh airson cuibhlichean a thionndadh, gu innealan a chuir air ghluasad ach gu h-àraidh airson a bhith cruthachadh neart an dealain. Tha coireachan àraidh air an deanamh airson loisgeadh mòine agus smùid a thogail. Tha e gu math ’nas fharasda a bhith a’ cuir smùr na mòine air an teine na bhith a’ cuir fàdan. Is ann airson so a thatar a’ buain na mòine leis an dara dòigh air an d’thug mi aithris, ’se sin a bhi ’ga bleith.
Mar thubhairt mi cheanna tha stuthan eile seach mòine aig laimh an duine airson teas a dheanamh ach ma tha gach gnothaich eile co-ionnan taghaidh an duine an dòigh as saoire: ’s e sin is glice
dha. Ann an Eireann far nach eil meinnean guail no tobraichean ola, tha e na’s saoire dhaibh an cuid mòine fhéin a loisgeadh airson neart an dealain na bhi ceannach gual a Breatuinn, no ola bho na h-Arabaich.
Do bhrìgh na tha de uisge anns a’ mhòine is nach fhaodar a thoirt aisde gu buileach le farasdas, feumaidh sinn coig no sia urrad de mhòine na dh’fheumas sinn de ghual airson an aon toradh de theas, agus a reir coltais is ann mar bhun air na stuthan luachmhor air an d’thug mi iomradh is dòcha sinn a bhith a’ sealltuinn ris a’ mhòine.
Tha moran cnuasachadh a’ dol air adhart oirre agus cò their nach fhaodadh am fàd mòine a bhi fhathast cho luachmhor dhuinne sa bha e do’n bhana-bhàrd mar lanntair ’san dorchadas.
Ar réir nam feallsanach tha air an t-saoghal còrr is ceud mile million tunna de mhòine. Nach b’e sud a’ chruach na ’m b’aon i.
title | Gun Solas Lanntair |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p |
parent text | Criomagan Ioma-dhathte |