[36]

Bàta-iasgaich ùr


[37]

AN ATAIREACHD ARD

Chan eil moran Ghàidheil, seachd àraidh na h-Eileanaich, nach abair gur e an t-òran as motha a bheothaicheas an cridhe gu smuaintean air an t-seann dachaidh na briathran:—

An ataireachd bhuan, cluinn fuaim na h-ataireachd àrd

Tha torunn achuain mar chualas leamsiad nam phàisd—”

Do dhfheadhainn aig an robh sluaisreadh na mara mar chrònan-cadail is tàlaidh nan leanabas, bheir na briathran so air ais smuaintean taitneach air dachaidh is pàrantan, teaghlach, sinnsir is càirdean. Bheir iad thugainn blas achabhaith-mara air ar beul, sealladh air dathan gorm is uaine is liath, spèuran dearg is òr-bhuidhe, agus mile rud eile nach gabhar aithris ceart, eadhon anns achànain Ghaidhlig.

Mar is math is aithne dhuibh tha miltean is miltean de luchd còmhnaidh nam bailtean mora agus meadhon-tìre, daonnan adeanamh air achuan cho tric is a gheibh iad an cothrom agus acur luach mor anns na nithean mun daithris mi cheanna, glé thric barrachd luach is a tha an fheadhainn a tha acòmhnaidh an sin.

-dhiùbh, chan ann air luach nan seallaidhean, na sith is na sàmhchair a tha romham a bhi a sgriobhadh, ach adol a thoirt sùil air achuan agus an t-àite a tha aigen ar beatha.

Bha uair a bha an cuan asgaradh daoine o chéile, na h-Eileanan o Alba; Breatuinn on Roinn Eòrp; an Roinn Eòrp o Aimeireaca agus mar sin. Bhiodh muinntir aon àite tur aineolach air muinntir an àite eile; eadhon aineolach gun robh daoine eile ann idir. Bha sin fada air ais ann an eachdraidh agus, ann an saoghal bhàtaichean is eatharaichean, thainig an cuan gu bhi na rathad mor ag ceangal daoine ri chéile, ged a dheanadh iad an turus gu math tric airson mort is marbhadh.

Bho thoiseach beatha dhaoine, bha, agus tha, an cuan na stòr de bhiadh, de aodach, de bhlàths is solus. Mar a tha daoine afàs beairteach is saoibhreach tha e coltach gun tionndaidh iad bho mhuir is iasg gu talamh is ainmhidhean airson am biadh is an aodach. Is math mo chuimhne fhéin, agus chan eil e cho fada uaithe sin nuair a bha iasg gu dìnneir achuid mhor den t-seachduinn agus baraile mor sgadan saillte daonnan ri laimh. Nach iomadh oidhche shona


[38]

a chuir mi seachad còmhla ri mathair agus nàbaidhean còir an Loch Siar an Tairbeart ag cur lìon. Tha cuimhne agam cuideachd air Loch Sear an Tairbeart a bhi cho làn bhàtaichean-iasgaich is gun coisicheadh tu o thé gu tarsuinn an loch cha mhor gu talamh tioram fon chatha. Bhiodh na Klondikers ag acair an sin aceannach na ghlacadh na h-iasgairean agus bha obair gu leòir aig boirionnaich acutadh sgadain is alionadh bharrailean. Càite am bheil iad uile an diugh? Thionndaidh na Gearmailtich is na Ruiseanaich is càchs an Roinn Eorp o bhi ag itheadh uibhir de sgadan agus gu bhi ag itheadh tuilleadh feòla. Tha so atachairt am measg moran dhaoine.

Tha aon ni eile air am bheil mi an dùil barrachd a ràdh, a tha sinn afaotainn on chuan agus is e so aon ni nach dean sinn ni as eugmhais, am bùrn a thuiteas as an adhar oirnn.

Saoilidh sinne air taobh an Iar Alba gu h-àraidh, gum bheil fada, fada, tuilleadh is a chòir de uisge asileadh oirnn agus feumaidh mi aideachadh, an da sheachduinn a bha mise aig an t-seann dachaidh air an t-samhradh so chaidh, fhuair sinne tuilleadh is a bha sinn an dùil. Fhuair sinn na tuiltean is àbhaist a bhithear acumail airson muinntir Ghlaschu air an saor-làithean!

Biodh sin mar a bhitheas e, tha e follaiseach a thaobh ar dùthaich, Breatuinn uile, agus gu seachd àraidh a thaobh cuid de dhùthchannan eile air feadh an t-saoghail, gum bheil sinn afàs gann de uisge. Tha sinn gach bliadhna a tha dol seachad acur gu feum tuilleadh is tuilleadh uisge. Chan e gum bheil sinn ag òl moran a bharrachd dheth, ged a tha sinn gu léir ag òl moran a bharrachd lionn is spioradan na bha sinn agus tha uisge adol anns an deasachadh aca sin. Tha barrachd thighean còmhnaidh gach bliadhna le uisge fuar is teth, is ìnnleachdan nigheadaireachd, ach is ann an obaireachadh nam factories as motha a thatar acur uisge gu feum. Agabhail a steach gach dòigh air am feum sinn uisge, tha sinn acosg tri fichead gallan a h-uile latha mu choinneamh gach fear, , is leanabh anns an dùthaich. Tha an àireamh sinn air dùbladh ann an coig bliadhna fichead agus tha e asìor dhol am meud. Tha an aon eachdraidh anns gach dùthaich eile.

A nis thatar acùnntas, nam biodh na thuiteas de bhùrn air an dùthaich air earrainn a mach gach latha, gum biodh sin còrr is mhile gu leth gallan a h-uile latha, mu choinneamh gach fear, , is leanabh. Sin agaibh mhile gu leth gallan an coimeas ri na tri fichead gallan a dhfheumas sin. Ach, mo chreach, ged tha na tha


[39]

sud atuiteam tha sinn a call achuid mhor dheth. Tha sruthan is uillt is aibhnichean a toirt moran dheth air ais gu ruige achuain. Tha cuid asùghadh a steach don talamh agus tha moran atiormachadh ri gréin is gaoith. Tha cuid afuireach ann an lochan agus tha sinn atogail reservoirs gu bhi agléidheadh uisge dhuinn.

Cha ruig sibh a leas ach cuairt a ghabhail a mach cùl abhaile mhoir thun amhonaidh far am bheil an reservoir aca agus ma tha earrach is samhradh car tioram againn chi thu an reservoir gu math iosal. Chluinn thu thallsa bhos comhairlean bhailtean amaoitheadh air daoine gun bhi a nigheadh chàraichean, gun bhi ag cur uisge air an gàraidhean, a bhi géurshùileach mu phìobean uisge a dhfhaodadh a bhi aoideanach agus mar sin. Ma sheallas sibh air cùnntaisean abhaile chi sibh mar tha cosgais an uisge a sìor-dhol am meud gach bliadhna. Thatar asireadh glinn fhreagarrach airson reservoirs ùra, thatar asireadh uisge a lochan mar Loch Laomainn, agus tha sinn acluinntinn ùpraid bhon fheadhainn a tha a còmhnaidh anns na glinn sin agus coltas gum feum iad imrich gu talamh àrd. Tha luchd turuis is eile an aghaidh uisge a bhi ga tharruing a lochan ainmeil mar Loch Laomainn. Chunnaic sinn cuid de na Cuimrich ag éiridh an aghaidh nan Sassunach a chuir glinn aca fo uisge airson tart nam bailtean mora, agus gu dearbh tha acheist so fada nas cudthromaiche ann an Sassuinn do bhrìgh aireamh an t-sluaigh anns na bailtean mora aca, agus dìth nam beanntan àrda a tha againne ann an Alba.

A nis, tha sinne, chan e mhàinn ann am Breatuinn ach anns an t-saoghal mhor gu léir air ar cuairteachadh le na mor-chuantan làn uisge, agus seallamaid carson nach sàsaich sinn ar tart a sin, agus am bheil dòigh ann anns an téid againn air na cuantan a chuir gu feumalachd seachad air na dhaithris mi aig an toiseach. Tha cuimhne aig moran, tha mi creidsinn air dann Beurla a bhiodh sinn ag ionnsachadh anns an sgoil, an dann a rinn Coleridge munt-seann Mharaiche.” Bha am bodach còir sinn gu téachdadh leis an teas agus e sealltuinn on bhàta thar nam miltean den chuans e ag ràdh

uisge, uisge air gach taobh

s gun aon deur ri òl

Tha mi adol a dhinnse mar a tha daoine an dòchas gum faigh sinn uisge ri òl as achuan agus aig an aon am gun toir sinn as nithean a bhios glé luachmhor is feumail don cheanna daoine air fad.


[40]

An toiseach faiceamaid cia mar a tha sinn afaotainn an uisge on chuan a tha alionadh ar lochan is ar n-aibhnichean, atoirt fàs air ar feur is flùran, craobhan is cruinneachd.

Chi sibh, ma dhòirteas sibh uisge air ùrlar no air creig, no ma chrochas sibh aodach fliuch anns aghaoith, gum falbh an t-uisge

a sealladh an ceann ùinetheir sinn gum bheil e air tiormachadh. Tha comas aig aghaoith gun sùgh i suas agus gun gléidh i uisge. Faodaidh sibh smuaineachadh air aghaoith mar ghainneamhaich, tòrr ghràinneanan, le beagan rùm eadar gràinnean is gràinnean. Ma tha cuinneag làn gainnmhich agaibh chi sibh mar a dhfhaodas sibh bùrn a chuir innte; sùghaidh am bùrn a steach don ghainnmhich, is chan fhaic sibh am bùrn gus am bi an rùm eadar gach gràinnean luma làn. Tha an dearbh fìor a thaobh na gaoithe. Brisidh uisge sios na smùirnein bheaga, bheaga agus a steach a ghabhas iad eadar smuirnein na gaoithe. Tha aon eadar dheallachadh mor co-cheangailte ris aghaoith seach gainnmheach, air latha blàth tha smùirnein na gaoithe nas fhaide o chéile na tha iad air latha fuar


[41]

agus mar sin air latha blàth tha barrachd rùm eadar na smùirnein airson uisge a ghléidheadh.

Fhads nach eil moran de smùirnein uisge anns aghaoith chan fhaicear iad le bhi cho beag ach ma bhios tuilleadh is tuilleadh dhiubh asùghadh a steach tòisichidh iad air ruith na chéile agus mu dheireadh chi sinn an t-uisge mar cheò. Tha comas aig dusd mar saoith is stùr, abair bhailtean mora, toirt air na smùirnein uisge ruith na chéile agus tha sibh uile eòlach air ceò nam bailtean mora.

Ann an riochd ceò tha na smùirnein uisge fhathast cho aotrom is gun seòl iad air aghaoith ach ma dhfhàsas iad mor gu leòir théid iad nam boinnean uisge is tuitidh iad ann am fras.

Am muigh air aghaidh achuain tha aghaoth daonnan, le cuideachadh na gréine atogail uisge na smùirnein bharr na mara agus ga ghùillein gu tir mor. Tha chuid as motha gu mor den uisge so atuiteam air ais na fhrasan air achuan fhéin ach mu dheireadh ruigidh aghaoth an cladach. Ma tha an talamh iosal còmhnard is docha gun téid aghaoth thairis gun deur aleigeil aisde. Gu tric dhiùbh, is e beanntan a choinnicheas ris aghaoith nuair a ruigeas i tir agus feumaidh i dìreadh an àird gu faighinn seachad. Mar is trice tha an talamh moran nas blaithe aig isleachd na mara na tha e aig mullach nam beann agus mar sin ann a bhi ag éiridh an àird aghaidh na beinne tha aghaoth afàs fuar. Mar a dhinnis mi cheanna le fàs fuar tha smùirnein na gaoithe a teannachadh ri chéile agus mar sin fàisgidh i a mach aisde cuid den uisge agus a nuas thig an fhras. Anns an dùthaich so tha aghaoth as bitheanta atighinn bhon àird an iar agus cha ruig mi leas innse dhuibh gur ann air taobh an iar na dùthcha as motha thuiteas burn. Ma tha na beanntan fior àrd mar Beinn Nibhis, gheibh na h-àitean faisg air laimh fior thuiltean. Is e Gearasadan Loch Abair as motha tha faotainn de uisge atuiteam air, am Breatuinn.

Leis aghaoith a bhi call a cuid uisge adireadh bheanntan bidh an tir air cùl nam beanntan tioram agus air uairean agus ann an dùthchannan farsuinn gu h-àraidh, bidh iad ro thioram gu buileach. Chan eil ùine an dràsda a bhi a sealltuinn air dòighean a bhi atarruing uisge gu àitean tioram agus air na dòighean innleachdach anns am bi daoine atoirt air sgòthan an cuid uisge a shileadh ann an aite àraidh. Bhiodh e taitneach cuideachd a bhi beachdachadh air na tuiltean a bhios a tighinn air na h-Innseachan aig am àraidh den bhliadhnana Monsoons mar a their iad. Bheireadh é oraid dha fhéin a bhi sealltuinn air an seòrsa sìde a gheibh dùthchannan àraidh.


[42]

Ach air ais gu ar ceisdcarson nach dean sinn feum den uisge a thanns achuan mar a tha e? Tha am freagairt farasdatha e ro shaillte. Cha sheas corp an duine, ainmhidhean na talamhuinn no planndraisean na talamhuinn uibhir so de shallainn.

A nis cheanna, dhinnis mi mar a bha creagan is talamh is gach ni anns an t-saoghal air an cruthachadh air beagan is ceud stuth air leth ris an abair sin na h-eileamaidean. Gheibh sinn aon no dha nan aonar anns an talamh mar an t-òr, ach tha a chuid as motha ceangailte ri aon no dha no tri eileamaidean eile adeanamh suas nan stuthan cumanta air am bheil sinn éolach. Tha oxygen agus hydrogen ceangailte ri chéile adeanamh uisge, tha sodium agus chlorine ceangailte ri chéile adeanamh sallainn mar a thagainn ri ar biadh, tha carbon, hydrogen agus oxygen adeanamh súcar agus sodium, carbon agus oxygen adeanamh sòda nighe. Faodaidh sinn a dhol air adhart mar sin agus miltean air mhiltean de stuthan innse dhiubh.

Anns na creagan tha stuthan de aluminium, silicon, magnesium, phosphorus is mar sin agus ged choimheadas na nithean sin glé sheasmhach, agus tha iad sin gu dearbh, ge dheadh, troimh nan linntean tha uisge nan speur, le cuideachadh teas na gréine is fuachd an reothaidh, acnàmh is aleaghadh eadhon achreag chruaidh. Troimh nan linntean tha an t-uisge atoirt leis na smùirnein a chaidh a leaghadh as achreig is as an talamh, sios le na h-uillt is na h-aibhnichean agus am mach don chuan. Tha ghaoth is aghrian atogail uisge glan bhàrr aghaidh achuain ach thatar afàgail nan stuthan so na dhéidh. Mar tha fios agaibh tha e glé fharasda sallainn cumanta a leaghadh ann an uisge agus mar sin is e sallainn cumanta an stuth as paillte a tha anns an t-sàl, ach am mach as na ceud eileamaid a lorg sinn ann an stuth an t-saoghail gu léir, gheibh sinn da fhichead dhiubh anns an t-sàl ann am meud is a ghabhas tomhais le innleachdan nam feallsanach.

Tha mi creidsinn gun do rinn gu leòir a tha ag éisdeachd mar a rinn mise nam ghille, làn preis de shàl a ghoil air an teine. Ma leigeas tu leis goil gus am bi aphreis tioram gheibh thu stuth geal air bonn, agus air taobh, na preise. Ma bhlaiseas tu air tha e saillte mar sallainn cumanta, agus is e dhfhaodadh oir is e sallainn cumanta a tha ann an naoi earrain dheth a mach as na deich. Ann an iomadh cearn den t-saoghal, faisg air an Equator far an cuir iad teas na gréine gu feum airson an t-uisge fhuadach, tha moran afaotainn sallainn cumanta mar so. -dhiùbh, tha an deicheamh cuid


[43]

ann de stuthan eile agus dhiubh sin is paillte Magnesium. Sin an stuth a tha an an seòrsa sallainn ris an abair sin Sals Epsom a tha

Torradh na mara

cho math air com teann fhuasgladh. Mar sin dhfheumadh feadhainn nach ro cleachdte ri sallainn air a dheasachadh a sàl achuain a bhi faiceallach an toiseach.


[44]

Mar tha fios agaibh tha moran dhaoine air feadh an t-saoghail afaighinn an caitheamh beatha ann am mèinnichean, a cladhachs atarruing a broinn na talamhuinn chan e mhàinn gual ach gach seòrsa meatal. Tha iomadh àite anns am bheil iad air an stòras uile a sgrìobadh as, agus tha moran airgid ga chosg gach bliadhna an tòir air tuilleadh a lorg. Anns achuan tha stòras de iomadh stuth feumail a chumadh ris an t-saoghal ceudan de bhliadhnaichean ri teachd.

An déidh sodium is chlorine, na stuthan a tha deanamh suas sallainn cumanta is e Magnesium as pailite anns an t-sàl. Na staid aonar is e meatal aotrom, geal, bog a tha ann a tha air leth feumail. Tha mu thuaram aon unnsa magnesium ann an coig gallain de shàl, agus nan robh sinn comasach air na tha anns na cuantan gu léir de mhagnesium a thoirt as, chuireadh e caoibhruige meatal air aghaidh na talamhuinn a bhiodh fichead troigh ann an tuigheadseachd ceud mile tunna mu choinneamh gach fear, is leanabh air an t-saoghal.

An déidh Magnesium, is iad na stuthan as paillte, Sulphur (Pronnasdair), Calcium, Potassium, Bromine, Carbon, Strontium. Boron, Silicon agus Iodine. Tha eadhon beagan òir fhéin ann ach cha dfhuair sinn fhathast dòigh air a thoirt as aig cosgais as lugha na a luach air tìr. Tuigidh sibh nach fhiach a bhi saothair ri stuth sam bith a chuir air margaid ma chosgas e tuilleadh na chosgas e air an dòigh is abhaist a bhi ga dheasachadh.

Tha na h-Eileanaich eòlach gu leòir air a bhi toirt Iodine as an t-sàl. Tha gne feamainn ann a shùghas a steach iodine bhon t-sàl agus an déidh an fheamainn a thiormachadh is a loisgeadh, bheirear aisde an iodine. Chan eil iarrtas air iodine mar cungaidh-leigheis an diugh mar a bha aon uair ach tha stuthan eile anns an fheamainn a tha air leth feumail agus mar sin tha beò-shlaint an sin aig moran fhathast.

Is e Potassium ni cho feumail sa chuireas duine air talamh àitich airson fàs a thoirt air sìol is planndraisean. Tha feamainn is lusan na mara asùghadh a steach Potassium is ga ghléidheadh, agus tha cnuasachadh a steach anns an dòigh anns am bheil na lusan adeanamh so, adol air adhart, feuch an lorg sinn dòigh nas saoire air Potassium a thoirt as achuan airson tòdhar.

Gu dearbh tha moran againn ri ionnsachadh bho na beathaichean anns amhuir cuideachd air cia mar a bheir sin stuthan feumail as an uisge. Tha fios agaibhse anns na h-eileanan mar tha tràighean a


[45]

mhachaire de shligean mhaosgain air am pronnadh. Tha ghainnmheach so ga sgaoileadh air na monaidhean gu bhi mìlseachadh searbhachd na mòna agus a leigeil le feur a bhi fàs. Is e a tha ann an slige na maosgan stuth ris an abair sinn Calcium Carbonate, a tha glé chàirdeach ri aol. Tha dòigh aig amhaosgan air a bhi tarruing Calcium as an uisge gu bhi cuir slige chruaidh air a dhruim fhéin. Tha maraichean a bha ann an cuantan blàth, eòlach air na rudhannan coral, agus tha cuimhne, tha mi creidsinn aig moran air leabhar sgeulachd taitneach a bhagainn anns an sgoilAn t-Eilean Coral.” Tha na rudhannan so air an cruthachadh le fiollan beag meanbh aig am bheil an comas calcium a shùghadh as an t-sàl agus corp cruaidh a dheanamh, agus théid na millionan dhiubh nan tòrr a ni carraig chruaidh sheasmhach.

Anns a cho-dhùnadh mu dheidhinn a bhi faotainn uisge glan on t-sàl a ghabhas òl le daoine is ainmhidhean. Tha moran cnuasachadh adol air adhairt agus tha, mar tha, factories an sud is an so adeanamh uisge òl a sàl, ann an àitean far am bheil uisge airson òl ro ghann. Tha iad cho faisg oirnn fhéin ri Eilean Guernsey ann an Eileanan a Chaolais Shassunnaich ach tha moran anns na dùthchannan teth faisg air a Mhuir Ruadh is Ob Phersia. Is e cheist ciod an dòigh as fhearr aig a chosgais as lugha.

Chi sibh, ma tha coire agoil is gun cuir sibh, abair truinnsear fuar, anns an smùid tha tighinn as, gum faigh sibh boinnean uisge air an truinnsear. Faodaidh sibh sàl a ghoil agus uisge glan fhaighinn le fuachd a chuir ris an smuid. Ach tha coig unnsa gu leth sallainn ann an gallain sàil agus tha so air fhàgail anns a choire. Feumar an coire no an t-inneal goil a ghlanadh a mach gu ma tric. Tha so cosgail. Thatar ag obair air sioltrachan meanbh, meanbh, cho meanbh is nach fhaic sibh na tuill eadhon le gloine. Bheir so as an t-sallainn ach tha e slìgeach. Tha dòigh eile anns am bheil gealladh; a bhi reothadh an t-sàil, a nigheadh na deighe, is ga leaghadh air ais gu uisge glan.

Mar a thuirt mi tha moran obair adol air adhart a thaobh so agus mar a chi sinn adhartas ann an ceannsachadh cumhachd an smùirnein a bheir dhuinn teas agus neart an dealain aig prìsean iosal seach neart a ghuail is neart nan sruthan, chi sinn an cuan ga chuir gu tuilleadh is tuilleadh feum.

An ath uair a ghabhas sibh cuairt sios taobh na tràghad ag éisdeachd ri fuaim na h-ataireachd àrd, tha min dochas gun smuainich sibh beagan air na tha an sud mu bhur coinneamh nach fhaic an t-sùil.

titleAn Ataireachd Ard
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p

parent textCriomagan Ioma-dhathte
<< please select a word
<< please select a page