A’ tolladh airson ola ’s a’ Mhuir Tuath
SOLUS AIR OLA
An toiseach, iarram air cuid mo leth-sgeul a ghabhail mu’n fhacal “Ola.” Tha fios agam gun abair feadhainn “uilleadh” agus gun gleidh iad am facal “ola” airson ola-ungaidh no acuinn. Cò dhiùbh cha chuala mise riamh ach “ola;” ola na lampa, ola nan trosg, ola ròin, ola fhrois-lìnn agus eile. Bha eadhoin cailleach ainmeil air an eilean againn ris an abradh na h-uile Mòr na h-Ola; tha mi lan-chreidsinn gum bi cuid de na h-oghaichean aice a’ leughadh nam braithran so.
Aig an am a tha mise a’ sgriobhadh so tha am facal “ola” air beul cha mhor gach fear is té ann an Albainn, is luchd sireadh ola a’ deanamh oirnn bho gach cearn de’n t-saoghal o’n chaidh ola a lorg fo ùrlar a’ chuain glé fhaisg air ar cladaichean. An earthuath air Obair-dheadhain tha smùid orra, a latha is a dh’ oidhche, a’ tolladh troimh ùrlar na mara thun nan tobraichéan torrach de ola luachmhor a tha glaiste ann an achlais nan creag.
Ar réir fàisneachd nam fear a tha sgileil anns a’ ghnothaich, tha beairteas is saibhreas do labhairt gu bhi ann an luib na h-oibre so, agus ma sheallas sinn air àitichean eile de’n t-saoghal far an deachaidh ola a lorg chan eil teagamh sam bith nach bi cuid ann a dh’fhàsas da-rireadh beairteach. Feumaidh sinn fuireach ach am faic sinn gu dé cho fada farsuinn is a roinnear am beairteas so am measg an t-sluaigh.
Tha an disbead air tòiseachadh mar tha. Chunnaic moran am programme air T.V. bho chion seachduinn no dha a baile Obair-dheadhain nuair a bha coinneamh ann an Talla an sin agus cothrom aig cuid de’n t-sluagh a bhi cuir cheistean air Pròbhaist a’ Bhaile, Rùnaire na Stàite, Ceannard a’ Chomuinn Aimearacanach a tha a’ tolladh airson ola agus dithis na thriùir eile co-cheangailte ris a’ ghnothaich. Chunnaic sinn cuid a tha a’ còmhnaidh ri taobh na h-acarsaid anns a’ bhaile agus iad gu bhi air an cuir a mach as na dachaidhean aca a dheanamh àite airson obraichean na h-ola. Tha prìsean nan tighean anns a’ bhaile air leum nì gun rian; tha tuarasdail cho math aig comunnan na h-ola is gum bheil moran a’ fàgail an iasgaich is iomadh cosnadh eile gu bhi ag obair aig an ola. Tha so ri mholadh ma mhaireas obair na h-ola, agus is e dùrachd gach aon againn gu’n dean i sin.
Tha sinn air a bhi faicinn, bho chionn latha no dha air ais, Comunn B.P. a tha air thoiseach ann an sireadh na h-ola, ag innse gum bheil iad air an t-iasad as motha a thug na Bancaichean anns an dùthaich so seachad riamh, fhaotainn airson laimhseachadh na h-ola, £360,000,000—tri cheud is tri fichead million not. Is gann a bheir an inntinn a steach uibhir sin de airgead. Tha iad air an ola a tha fhathast fo’n mhuir a reic ris na Bancaichean. Biodh na gnothaichean sin mar a tha iad, is e tha romham-sa a bhi a’ beachdachadh air an stuth a tha ’n a bhunaid air an nì gu léir— ’s e sin an ola fhéin.
Tha mi creidsinn gum bheil cuimhne aig moran de’n a luchd-leughaidh air cluiche a bhiodh againn anns an dachaidh, agus gu dearbh rinn am B.B. C. programme dheth aig an robh mìltean de mhìltean de luchd éisdeachd a h-uile seachduinn—Fichead Ceist. Bhatar ag ainmeachadh nì ’sam bith air an t-saoghal; bha fichead
Tha mòran fheuman air ola
ceist aig na farpaisich eatorra ris am faodadh fear na cathrach am freagairt “tha” no “chan eil” a thoirt. Ach, anns an dol am mach, bha e ag innse dhaibh gun robh cuispeir na deachainn ’na aon de thrì—bho ainmhidh; bho phlanndrais; no air a mhèinneadh.
Their sinn an aon nì mu thimchioll ola. Tha trì seorsa ann—bho ainmhidhean, bho phlanndraisean agus air a mhèinneadh as an talamh. Is ann ris an treas seòrsa a mhàinn a tha ar gnothaich an nochd ach fèumaidh sinn dìreach aon fhacal a chantainn anns an dol seachad mu’n dà sheòrsa eile.
Bha cuimhne aig m’ athair air a’ chrùisgean agus ola nan ròn a’ soillseachadh an tighe. Tha sinn a’ cùnntas geir bheathaichean fo’n aon cheann ri ola. Chan eil móran nach d’fhuair ola nan trosg ri
òl nan leanabachd agus anns a’ bhainne fìor-ghlan air an do labhair am bàrd, tha seòrsa de ola ris an abair sinn ìm.
A thaobh ola bho phlanndraisean, cò an gille nan nighean aig am bheil cuimhne air an leigheas airson teannachd anns a’ chom—làn spàinne de ola “chastor” —cuiridh an smuain crith orm fhathast an déidh iomadh bliadhna! Nan robh fuachd againn no cràdh anns a’ chluais, a mach thigeadh botul ola “Eucalyptus;” airson loisgeadh bha ola meas a’ chrann-ola. Bhiodh na caileagan, agus tha fhathast, agus tha mi an dochas gura fada bhitheas, a’ cur boinne de ola chùbhraidh o fhlùran, air cùl na cluaise. Bithidh fear an tighe a’cur maise air an tigh aige le “pent” de ola fhrois-lìnn agus ma tha e motail air cho math is a dh’aithnicheas e aon seòrsa uisge-beatha bho sheòrsa eile, is ann do bhrìgh gum bheil eadar-dhealachadh beag, beag, beag, anns an earrainn de ola chùbhraidh a tha ’cur a’ bhlais àraidh air.
Seach gum bheil sinn ag ainmeachadh blas, cuimhnicheamaid an stuth gle choltach ri ìm na bà, a tha feallsanaich a’ deanamh air ola phlanndraisean agus ola ainmhidhean. Chan eil fada bhon bha sanas-reic aca, air an telebhisean, agus duais còig notaichean do fhear no té a dh’ aithnicheadh blas margarine bho bhlas ìm na bà. Ach mar a thuirt mi anns an dol a mach, is ann ri ola na talamhuinn a tha mo ghnothaich an nochd agus tha sin a’ gabhail a steach an ola a thatar a mèinneadh fo ghrùnnd a’ chuain fhéin.
Tha linntean nan linntean bho’n bha cheud iomradh air seòrsa de theàrr is ola thiugh a’ brùchdadh a mach a sgoran ’san talamh. Bho chionn coig mile bliadhna air ais ann am Mesopotamia bhatar a cur an teàrr so gu fèum, ’ga measgadh le gainneamhach an fhàsaich agus connlach airson a bhi deanamh togalaichean dìonach an aghaidh uisge. Tha aithris againn air na h-Eubhataich a’ spìosradh chuirp, le teàrr a bhatar a’ lorg air bruaichean a’ Mhuir Mhairbh ann am Palestine, agus anns na ceud linntean de ar n-eachdraidh fhéin, tha fios an sud ’s an so air ola a bhi brùchdadh as an talamh ann an àitean air feadh na Roinn Eòrpa.
Cò-dhiùbh, thachair so air taobh a muigh Impearachd na Ròimhe agus thatar a’ creidsinn gur e so an t-aobhar nach deachaidh moran suim a chuir anns a’ ghnothaich. Tha a’ cheud iomradh air an stuth “petroleum” ann an leabhar dotaireachd anns an ochdamh lìnn ach bha an coigeamh linn deug againn mun robh an stuth so air a chur gu moran fèum. Bha e air a mholadh annabarrach math airson dùchad. Ann an leabhar dotaireachd de’n am, tha sinn a’ leughadh “Ma
chaileas neach sam bith a ghuth, deanadh e comharradh Chrìosda air a theanga, cuireadh e beagan petroleum ’na bheul agus sluigeadh e e.”
Anns na ceàrnan faisg air na tobraichean ola, bhiodh muinntir an àite a’ loisgeadh na h-ola ann an crùisgein, agus ’ga shlàbradh air aisealan nan cairtean, ach a mach air so cha robh an stuth air a chùnntas gu mòr luach, gu toiseach an naoieamh lìnn deug.
Ann an Alba, ann an creagan ris an abair sinn “Shale” agus anns na Stàtuin Aonaichte, chaidh ola a lorg a ghabhadh tarruing le teas agus ola a chruinneachadh air an d’thug iad an t-ainm “paraffin.” Bha an ola so coimeasach air a loisgeadh ann an lampa a’ toirt solus glan, soilleir agus saor, agus cha b’fhada gus an deachaidh na bunaitean soluis àbhaisteach a mach a fèum—ola bheathaichean, ola phlanndraisean agus ola ghuail.
Tha mu cheud bliadhna sa deich bho thòisich daoine a’ tolladh na talamhuinn an tòir air an stuth so a dheanadh solus ùr, saor, agus a sin dh’éirich suas na h-obraichean a tha againn an diugh air feadh an t-saoghail, le mìltean air mhìltean do-àireamh de airgead an greum, tobraichean is pìoban, bàtaichean is factories, àireamh dhaoine nach gabh cunntais a’ faotainn am beò-shlaint bhuaithe, agus gun aon stuth eile anns an t-saoghal air am bheil sinn uile cho mor an crochadh, anns an latha a thann. Chan eil agaibh ach smuaineachadh air a’ bhuaireas a rinn an cogadh eadar na h-Arabaich agus na h-Iosrailich, air gnothaichean anns an duthaich so. Suas gu fior thoiseach na linn so fhéin, is ann mar a thuirt mi air a’ pharaffin a bha ar sùil agus eadhon leth-cheud bliadhna air ais bha an ola so air a mheas mar leigheas airson gach galaire cha mhor a bhuineadh ri corp an duine.
Tha agam air mo bheulthaobh an so sanas-reic a chaidh a chlò-bhualadh a’ bhliadhna roimh an chogadh mhor (an ceud chogadh mor)
Petroleum Ola na creige
An leigheas nàdurra air fhaotainn a tobar ceithear cheud troigh fo’n talamh agus le comas-leigheas miorbhaileach ann an galairean a bhuineas ris a’ bhroilleach, an sgòrnan agus na sgamhanan.
Tinneas a’ chom Loisgeadh is sgàilteadh
Lòinidh, tinneas nan alt, Sachd, Duachadh, tinneas an rìgh,
Guirrein, briseadh craicinn, ruaidhe, bùidhre, sùilean goirt, cràdh anns na cnamhan agus mar sin air adhart. …
Ach cò-dhiùbh, is a’ charbad-ola na an “càr” a chuir am fìor bhrosnachadh anns an obair. Bha an càr a cur feum air roinn eile de’n ola amh seach am paraffin a bhatar a loisgeadh anns na lampan
agus bho’n bhliadna naoi ceud deug sa fichead air adhart tha na feallsanaich air moran sgrùdadh is rannsachadh a dheanamh air a bhi tarruing ola amh agus ag eadar sgaradh nan roinnean, do’n gabh ola a pàirteachadh.
Mu’n d’thoir sinn sùil air gne nan stuthan a tha air am measgachadh ann an ola amh a’ tighinn as an talamh, faiceamaid càit’ as an d’ thàinig an ola anns a’ cheud àite.
O thoiseach eachdraidh bhiodh sgriobhaichean a’ deanamh mìneachadh air an stuth teàrrach so a gheibhteadh ann an àitichean a’ bruchdadh a mach as an talamh, agus anns an t-seachdamh linn deug tha iomradh againn air aon fheallsanach ag agairt gun robh an stuth so agus an gual air an cruthachadh anns an aon doigh. Mar tha fios agaibh bha an gual a tha sinn a’ mèinneadh an diugh, na
Is e “gas” an ceud thorradh as na tobraichean, gas a tha glé chàirdeach do ola ann an cruth oir tha mar gu’m biodh againn teaghlach de stuthan ris an abair sinn “Hydrocarbons” a tha air an cruthachadh bho dha eileamaid “Carbon” agus “Hydrogen.” Ma tha cuimhne aig neach agaibh dhe mi bhi sgriobhadh cheanna air na h-eileamaidean a tha deanamh suas gach stuth anns a chruinne-cé—chan eil ann ach ceud air fad—tha an da eileamaid “Carbon” agus “Hydrogen” anns gach ni tha beò agus a’ fàs.
Tha mar gu’m biodh aon làmh aig smùirnean Hydrogen leis an greumaich e air smùirnean eileamaid eile ach tha ceithir dhuibh so aig smùirnean de “Carbon.” Mar sin greumaichidh aon Charbon air ceithir smùirneanan Hydrogen a’ deanamh stuth ris an abair sinn Methane agus bheir na feallsanaich dha an samhladh CH4. So mar gum biodh am fear as òige de’n teaghlach, gas aotrom a gheibh sibh ann am boglaich far am bheil luibhean a’ grodadh. So an “gas” a tha cho cunnartach ann am mèinn guail, a thaobh teine agus spreadhadh, agus eadhon gus an latha an diugh, call air beatha dhaoine.
A nis tha buaidh araidh aig smùirnean Carbon oir tha e comasach air greumachadh ri smùirnean carbon eile. Is e an ath bhall anns an teaghlach a bha sinn a samhlachadh, stuth anns am bheil da smùirnean Carbon a’ greumachadh ri chéile agus mar sin a’ fàgail tri làmhan am fear ris an greumaich Hydrogen, a’ toirt dhuinn Gas
eile ris an abair sinn “Ethane” air a shamhlachadh C2 H6. Théid sinn air adhart mar so tri Carbons, Ochd Hydrogens—propane; ceithir Carbons, deich Hydrogens—Butane. Is e Butane an gas ris an abair sinn Calor Gas a tha cho feumail ann an iomadh dachaidh air Ghaidhealtachd.
Aig an ath cheum tha coig smùirnein Carbon againn agus tha an stuth so na ola thana an àite gas mar tha càch thun a so. Tha an t-ainm Pentane air bho’n fhacal Greugach airson coig.
Theid sinn air adhart gu sia agus a seachd agus aig a h-ochd gheibh sinn stuth mu’n cuala sibh uile aig uair no uair. Their sinn ris “Octane” bho’n fhacal Laduinn airson ochd agus is e so bunait an stuth petrol air am bheil càraichean a ruith. Tha ochd smùirnein Carbon ann agus ochd deug smùirnein Hydrogen.
Nuair a ruigeas sinn mu choig Carbons deug tha sinn aig an stuth ris an abair sinn “Paraffin” no “Kerosene” mar a their na h-Aimeireacanaich. An déidh so le meudachadh àireamh nan smùirnein Carbon fàsaidh an ola tiugh agus suas mu choig Carbons thar fhichead ruigidh sinn céir nan coinnlean agus mu dheireadh teàrr a tha cho cruaidh ri gual fhéin. Chi sibh ma ta mar a thoisich sinn le gas aotrom anns an robh aon smùirnean carbon agus chaidh sinn air adhart troimh ghas na bu truime gu ola thana, ola na bu tiughe gu céir agus gu teàrr chruaidh. A nis anns an ola amh bhon talamh tha measgachadh de dhiubh sin uile, agus is e obair laimhseachadh na h-ola a bhi ag eadar-sgaradh nan stuthan air leth, airson am feum as fheàrr a dheanamh dhiubh. Ann an inneal sònraichte airson na gnothaich faodar teas a chuir ris an ola agus na h-earranan air leth a tharruing air falbh aig an teas aig an goil iad, agus an déidh sin an cruinneachadh ann an soitheach fuar. A réir an àireamh smùirnein Carbon tha gach stuth a goil aig ìre teas a tha sònraichte dha fhéin.
Is ann air na stuthan anns am bheil eadar sia Carbons agus a sia deug a tha an fheum as motha againn, agus gu fortunnach tha dòighean againn le teas mor agus fàsgadh ann an soithichean àraidh, air na stuthan tiugh a bhriseadh sios gu stuthan tana agus le sin barrachd feum a dheanamh de’n ola amh.
A thuilleadh air so, tha na feallsanaich comasach air smùirnein eile a chuir an greum ris a’ Charbon agus an Hydrogen agus stuthan ura buileach a chruthachadh—Plastics, Dathan, Sìoban, Tobhar, Snàth airson aodach agus Chemicals do-àireamh.
An diugh tha feallsanaich ag obair air gnothaichean a thaobh ola
a dh’fhaodadh atharrachadh mor a dheanamh air caitheamh-beatha morchuid de shluagh bochd an t-saoghail. Tha biadh glé ghann ann an iomadh cearn; ann an cruth sìol anns an achadh no feòl air cheithir chasan, tha biadh a’ tarruing uine tighinn gu ìre itheadh. Sin pàirt de’n phrìs a phaitheas sinn air. Tha dòchas gun téid aig na feallsanaich air ola a thionndadh gu “protein” —stuth a dh’fheumas corp an duine gu chumail beò, agus anns an latha th’ann cò their nach téid aca air so a dheanamh.
title | Solus air Ola |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p |
parent text | Criomagan Ioma-dhathte |