A MHAIREAS BUAN GU BRATH
De uile stuthan an t-saoghail gu léir is e an daoimean an stuth as cruaidhe agus as buaine a tha ann. Is e an séud as luachmhora ann an sùilean dhaoine agus gu h-àraidh ann an sùilean mhnathan, agus chan eil aon stuth eile seach an t-òr a mhàin, a chuireas a leithid de shradaig ri miann agus rùin an duine.
Chruithicheadh an daoimean ann am fìor-mheadhonn na talamhuinn far an do dhearbhadh e le teas agus cudthrom do-labhairt, agus anns na ceàrnan sin de’n t-saoghal far ann robh beanntan-teine bho chionn fada, bhrùc na daoimein am mach gu uachdar na talamhuinn anns na creagan leaghta, agus air do na creagan fuarachadh agus cruadhachadh tha na daoimein an sàs an sin.
Le sluaisreadh an uisge agus na gaoithe, le neart teas na gréine agus fuachd an reothaidh tha creagan a’ cnàmh air falbh agus is ann mar sin a thainig na daoimein am follais an toiseach, agus cha b’fhada gus an robh daoine a’ sgrobadh is a’ cladhach air an toìr. An diugh tha moran sluaigh aig am bheil an teachd an tìr a’ spreadhadh nan creagan as a chéile gu h-àraidh ann an Africa a Deas, agus ann an iomadh cearn eile de’n t-saoghal. Tha cuid a’ sgrobadh air ùrlar aibhnichean a tha a’ ruith troimh dhùthchannan anns am faighear daoimein agus astar math de ùrlar a’ chuain aig béul nan aibhnichean sin, a’ togail tunnaichean air muin tunnaichean de ghainnibhich anns an dòchas aon daoimean beag luachmhor fhaotainn. Air aon laimh chì sinn comunn beairteach le mìltean de luchd oibreach agus luach mìltean de mhìltean innealan, an tòir air an daoimean agus air an laimh eile chi sinn bodach ’na aonar le cuinneig is le criathar a’ dia-chuimhneachadh a’ dhachaidh is a’ chàirdean agus fiabhras an daoimein air greum a ghabhail air.
Bho thoiseach eachdraidh bha an daoimean luachmhor do bhrìgh gun robh e buan, gun robh e gann, gun robh bòidhchead air leth anns an dòigh a dhearrsadh e ris an t-solus, mar gun robh teine a’ boillsgeadh ann fhéin. Bha a’ chuid mhor de na daoimein glé bheag ach an dràsda is a rithis thigeadh aon am follais a bha anabarrach mor oir neo air leth bòidheach agus soilleir ann an dath.
Tha daoimein air an luach air ceithear buinn. Mar is motha an daoimean is ann is luachmhora e. Bha còrr is punnd gu leth anns an daoimean as motha a lorgadh riamh—their mi beagan mu dhéidhinn an ceart-uair.
Feumaidh an dath aige a bhi direach ceart. Is ann geall-soilleir mar am bùrn a tha a chuid mhor de dhaoimein, ach an dràsda is a rithis thig aon am follais a tha buidhe, liath na uaine. Cò-dhiùbh ge b’e an dath, feumaidh e bhi soilleir glan, gun smal gun ghaoid. Is an aineomh a gheibhear clach a sheasas sgrùideadh fo ghloinne an
1. Carbon bho theas is cudthrom do-labhairt fada shios bho uachdair na talamhuinn bho chionn linntean
2. ‘Volcano’ is na daoimein a’ bruchdadh a mach; agus
3. air uachdair na talamhuinn
4. Na creagan lava an deidh fuarachadh
5. Na creagan a’ cnamh bho laimhsicheadh uisge is gaoith, greine, teas is fuachd
6. Meinn daoimein
t-sèudair, a mheudaicheas gach nì corr is deich uibhir agus ma tha an sgàineadh as lutha, builgean beag, no an criomag as lutha de ghainnibhich no stuth coimheach air bith am follais tha sin a toirt bho luach an daoimein.
’S e an ni mu dheireadh aig am bheil buaidh air luach an daoimein an sgil agus an t-eòlas aig an fhear a ghearras a’ chlach oir chan eil bòidhchead an daoimein am follais gus an gearrar na còmhnaird air aghaidh a ghlacas an solus agus a chuireas an dearrsadh teine anns an t-sèud. Their sinn facal air a sin cuideachd mu’n criochnaich sinn oir bu toil leam sgeul no dha innse dhuibh air cuid de na
daoimein air leth, a tha ainmeil ann an eachdraidh bho chionn lìnn nan lìnntean gus an latha so fhéin. Is e mo bharail gu’n còrd an seòrsa sgèul so ri luchd na Gàidhlige, a bha riamh deìdheil air a bhi ag éisdeachd ri deagh sgèulachd.
Tòisichidh mi le daoimean air am bheil sinne anns an dùthaich so eòlach gu leòir. So an daoimean anns an d’thuirt mi a bha còrr is punnd gu leth a’ tighinn am mach as a’ mhèinn. B’e so an Cullinan, a lorgadh ann an Africa a Deas agus bha a’ chomunn a fhuair e cho motail is gun d’thug iad mar thiodhlaic e do’n Righ. B’esan an Seachdamh Righ Eadaird againn. Bha an daoimean cho mor is gun do ghearradh sios e agus rinn e naoi seùdan mora luachmhor agus faisg air ceud de sheùdan meanbh.
Thug iad Rèul Africa mar ainm air an t-seùd a bu mhotha agus chaidh a chàrachadh ann an slat-rioghail na dùthcha. Ma gheibh duine agaibh an cothrom a bhan-righ fhaicinn le slat-rioghail na dorn chi sibh Rèul Africa a’ dearrsadh ann am mullach na slaite.
Chaidh an dara sèud a chàrachadh ann an Crùn na Rioghachd agus chaidh an treas agus an ceathramh clach anns a’ chrùn leis an do chrùnadh a’ Bhan-righ Màiri anns a’ bhliadhna 1911 comhla ris a Choigeamh Righ Deòrsa.
Am measg daoimean cho clùiteach, oir neo cho mi-chlùiteach, ’s a bha ann, tha daoimean ann an tigh-iongantais Mhic a’ Ghiobhann ann am baile Washington anns na Stàtuin Aonaichte, air am bith aithris ga dheanamh fhad’s a bhios daoimein aig daoine. Is e so an Daoimean Hope, daoimean luachmhor air dhath boìdheach gorm. Chan eil e an diugh cho mor ’s a bha e an toiseach mu’n d’rinneadh da leth air. B’e an Tavernier Gorm a b’ainm air daoimean luachmhor gorm a bha aig righean na Frainge agus chaidh an daoimean so a chaith airson an uair mu dheireadh leis an Righ thruagh ud Louis an Siathamh Deug, dhe’n do spad na Fraingich an ceann aig am na Ceannairc.
Anns an ùbraid a lean am mort so, chaidh an daoimean a ghoid agus thug am meairleach leis do Shassuinn e. An sin chaidh a ghearradh sios agus cheannaich fear beairteach d’ am b’ainm Hope a’ chlach.
Mar gun robh mallachd air an daoimean, cha robh fear a ghabh sealbh air nach do bhàsaich le bàs aimhreiteach diomhair. Thàinig a leithid de mhi-chliù air an Daoimean Hope is nach gabhadh neach gnothaich ris agus chuireadh do’n tigh-iongantais e, far am faicear e an diugh. Bha righean na Frainge riamh ainmeil airson an stòr
de airgead is òr is de gach seòrsa de shèudan luachmhor; gu dearbh, nan robh iad air barrachd suim a bhi aca ann an sluagh an dùthcha, is nas lutha ann am beairteas fhéin, is dòcha nach robh a’ Cheannairc air tachairt. Cò dhiùbh bha anns na sèudan rioghail daoimean eile air an robh eachdraidh is fhiach innse. Chi sibh a’ chlach an diugh anns an Talla mhor ainmeil an Louvre am Baile Paris, Daoimean an Tàinisdeir, sèud anns am bheil mu ùnnsa de chudthrom agus dath soilleir bòidheach. B’anns a’ bhliadhna 1701 a bha tràill Innseanach a’ cladhach dha mhaighstir ann an cearn de na h-Innseachan anns an robh daoimein bheaga a’ tighinn am follais. Thàinig an gille thairis air clach anns an robh trì ùnnsa agus dh’ aithnich e gun robh fortunn aige ’n a’ laimh. Thachair gun robh lot air a chois agus stiall anairt air an lot. Dh’fholaich e an daoimean anns an stiall anairt is cha do leig e air guth ri duine. An dearbh oidhche sin, is cach an cadal suain, theich e o fhearann a mhaighstir agus rinn e air port-mara. Reic e a’ chlach is chan eil rothas againn de na fhuair e orra, ach cò-dhiùbh chaidh i bho fhear gu fear a’ meudachadh ann an luach gus mu dheireadh an d’thàinig i an làmhan Uachdaran Duthàich Madras, Sassunnach d’am b’ainm Tomas Pitt, sinnseanair Uilleam Pitt a bha ’na Phriomhaire cliùiteach air Breatuinn aig deireadh an ochdamh linn deug.
Chuir esan an daoimean gu ruige Lunnainn far an do ghearradh e gu sèud air leth àlluinn, a cheannaich Duìc Orleans a bha aig an am ’na Thàinisdeir air an Fhraing. Sin mar a fhuair an daoimean an t-ainm. Chuireadh an Daoimean ann an Crùn Righ Louis an Coigeamh Deug ach anns a’ bhliadhna 1792 fhuair meairleach cothrom air sèudan Tigh-Rioghail na Frainge agus bha Daoimean an Tàinisdeir am measg na chaidh a ghoid. An nis is nì air leth doirbh do mheairleach, faotainn caoiteas daoimean a tha ainmeil air feadh an t-saoghail agus cha b’fhada gus an d’ fhuaireas rothadh air agus, ann an seòmar beag mullaich am Baile Paris, lorg saighdearan an righ an sèud. An déidh so ghabh Napoleon sealbh air an Daoimean agus bha e anns a’ Chlaidheamh Crùinidh aige. An déidh dhasan a bhi air fhògaradh mar is aithne do gach gille-sgoile, thug a bhean aige, b’ i so an dara bean, Màiri Louise, leatha an Daoimean gu tigh a h-athar, Righ Frannsaidh Austria. Thug esan oirre an sèud a chuir air ais do’n Fhraing agus bha an Daoimean ann am Baile Paris suas gu bliadhna 1940 nuair a bhris na Gearmailteach a steach do’n Fhraing. Thugadh an sèud do Chaisteal am muigh air an dùthaich far an deachaidh fhalach ann am balla a’
chaisteil. Cha do dh’innis duine do na Gearmailtich c’aite an robh an Daoimean luachmhor ainmeil agus an déidh an dùthaich a bhi air a’ saoradh chaidh a thoirt am mach a àite falaich agus a chuir air ais do’n Talla Mhor Louvre. Sin agaibh matà sgèulachdan air trì daoimein ainmeil agus mu’n crìochnaich mi le aon sgeul eile bu
An Daoimean Hope
toigh leam facal a ràdh air an daoimean fhéin—ciod e daoimean agus de an seorsa stuth anns am bheil na buadhan àraidh air an do rinn sinn iomradh?
Ged is doirbh a chreidsinn, tha an daoimean dlùth ann an daìmh ris an t-saoith a chi sibh an sin aig cùl an teine. Chan eil ann ach an aon stuth ann an cruth eile. Chan eil ann an daoimean
ach aon stuth ris an abair sinn an eileamaid Carbon. Tha an eileamaid Carbon comasach air a bhi an làthair ann an trì cruthan agus is e an nì a rinn eadar-dhealachadh eatorra, an teas agus an cudthrom a chaidh fhàsgadh orra anns an talamh.
Anns a’ cruth as eòlaiche tha Carbon na smùr air leth meanbh gun chumadh sam bith—an saoith air cùl an teine, an dùbhadh a
bhiodh air gloinne an lòchrain-ola nan robh an t-siohhag ro àrd agus tha mi creidsinn gum bheil cuimhne agaibh mi ag ìnnse mar a bhiodh saoith ga dheasachadh bho ola, is ga mheasgachadh ri Rubair airson a bhi còmhdach cuibhlichean nan carbadan.
Anns an dara cruth tha Carbon na leachdan beaga, beaga, tana ris an abair sinn Graphite. So an “Luaidhe Dhùbh” a bhiodh aig mo mhàthair bho chionn fhada a’ dùbhadh a’ chliabh-theine. Tha teas is cudthrom ag ath-chruthachadh Carbon gu ruige Graphite.
Ann an teas agus cudthrom do-labhairt ann am fior mheadhon na talamhuinn tha Carbon air ath-chruthachadh gu ruige daoimean. Bho chionn bliadhna no dhà air ais, chaidh aig feallsannaich
Aimearacanaich air daoimein bheaga, mheanbha a chruthachadh le teas agus cudthrom nach fhacas a leithid riamh an làmhan dhaoine, ach chan eil e ’nan comas an teas agus an cudthrom a cheannsachadh a ni daoimein anns am bith nì de mheud.
Chan ann an sgeadachadh na bodhaig a mhàin a tha an daoimean air a luach. Tha e cho cruadh is gun gearr e stuth sam bith eile air an t-saoghal agus tha mor-fhèum ’ga dheanamh dheth gach uair de’n latha ann an tighean ceairde airson gearradh meatail chruaidhe. Gu dearbh mur b’ e an iarraidh a tha air airson ìnnleachdan ceairde cha bhiodh a phrìs cho àrd.
Gheall mi dhuibh aon sgeul eile; is e sin air an daoimean is ainmeile air fad—an Daoimean Koh-i- Noor a tha an diugh am measg sèudan rioghail Bhreatuinn. ’Se Koh-i- Noor facal Innseanach ag ciallachadh “Beinn de Sholus” agus bha an Daoimean ann an Seudan Rioghail treumh nam Moguls, a bha a’ riaghladh Ceann a Tuath nan Innseachan. B’e an Righ Jehàn aca a thog an cladh iongantach ud, an “Taj Mahal,” do mhnaoi. Bha cath aige ri a nàbaidhean na Persianaich agus b’ fheudar dha a ghlùin a lùbadh ri Righ Nàdir nam Persianach. Bha fios aig an t-saoghal gu léir mu’n Daoimean Koh-i- Noor agus nuair a choinnich an dà righ gu sìth a dheanamh, bha amharus aig a’ Phersianach gun robh an sèud aig Righ Jehàn am falach air a phearsa. Rinn iad cùmhnant sìth agus anns an dealachadh thuirt Nàdir ris an fhear eile gum biodh e ro-iomchaidh dhaibh iomlaid a dheanamh air na stiallan anairt a bha aca mu’m falt. Cha b’ urrainn do Jehan dùilteadh air eagal a bheatha agus shìnn e do nàmhaid an “turban” anns an robh, gu dearbh, an daoimean luachmhor am falach.
Beagan an deídh so thoisich Breatuinn air uachdranachd a ghabhail air na h-Innseachan agus mu dheireadh, air doìgh air choir-eiginn, thàinig an Koh-i- Noor an làmhan Comunn nan Innseachan an Ear. Thug an Comunn an sèud mar thiodhlaic do’n bhan-righ Victoria agus sin a dh’fhag an Koh-i- Noor am measg Sèudan Rioghail na dùthcha so.
title | A Mhaireas Buan gu Brath |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p |
parent text | Criomagan Ioma-dhathte |