[62]

Gròta a dhith air an tasdan!


[63]

AIRGEAD MAR BHONN-STEIDH NA MALAIRT

Ann an làithean mòige, agus gu dearbh, omcheud chuimhne, bha bùtha bheag aig mo chuideachd. Bu tric a chunnaic mi boirionnach atighinn a steach le clò mór, le stocainnean no eadhon le uibhean, agus air dhaibh còrdadh ri chéile mu phrìs, cheannaicheadh ise tea is sùcar, aodach is brògan, soithichean is snàthadan agus goireasan eile bha dhìth oirre gu ruige luach na thug i a steach. Nam be an clò mór a bhann is cìnnteach gun tilleadh i seachduinn an deídh seachduinn mun teirigeadh luach achlò.

Ann an gnothaich mar so cha ruigeadh a leas aon bhonn airgid gluasad eadarra, ach is ann aineamh a chithear a leithid an diugh. Chì sibh, ged tha, gun robh gach goireas anns abhùtha, air an aon laimh, agus an clò, na stocainnean no na h-uibhean, air an laimh eile, air an luach air an aon bhonn; se sin an not, an tasdan agus an sgillin, mar a their sinn, airgead na rioghachd.

Chan eil moran agaibh nach téid a steach do bhùtha am màrach, agus iarraidh sibh, biadh no deoch, tombaca no mìlsean, aodach no brògan, paipear naigheachd no paipear sgrìobhaidh. Sìnidh sibh don cheannaiche bonn airgid no not phaipeir agus mur do cheannaich sibh a làn luach gheibh sibh iomlaid air ais. Chan eil annas againne a bhith alaimhseachach notaichean, buinn airgid is copair, ged a tha cuid againn nach eil fhathast ro chinnteach mu dheidhinn bonn seachd oiseannach nan deich tasdan agus na sgillinnean ùra a thugdecimalisation” ’n ar rathad. (Their mi facal no dha air decimalisation aig an deireadh.) A nis chan eil moran bhliadhnaichean bhon thachair feallsanaich air treumhan de dhaoine beaga borb ann an oisinn uaigneach de choille mhór Africa, agus treumhan eile ann an eilean aonar ann an cuan aPhacific aig an robh seòrsa de airgead a bha glé eadar dhealaichte bhuainne. Aig bodaich na coille be grìogagan, agus aig na h-eileanaich sligean tràghaid, a bu bhonn stéidh air reic is ceannach.

Ciod e matà an soairgead? Anns an t-seadh as leatha, tha sinn acunntais nan grìogagan agus nan sligean tràghaid ud mar airgead, agus chan eil sinn idir asmuaineachadh air amheatail gheall dhearrsach ris an abair sinn airgead, a tha cho luachmhor


[64]

agus cho féumail ann an iomadh dreuchd eile thairis air a bhina bhonn anns an sporran, le ceann na bàn-righinn air aon taobh.

Is e tha romham a bhi ag aithris eachdraidh ar cuid airgid agus afeuchainn ri sealladh ùr a thoirt dhuibh air a tha cho faisge oirnn, is cho eòlach, is nach do stad sinn riamh, airson móran smuaineachadh mionaideach a dheanamh air.

Nan robh not agamsa airson gach uair a chuala mi na briathranIs e an t-airgead freumh gach uilcis mi bha beairteach. A nis, cia meud agaibh a mhothaich nach do sgriobh mise na briathran idir mar a tha iad sgrìobhte, ach is ann mar so a chluinnear iad mar is trice ann am beul dhaoine. Is e thubhairt Pòln a litirIs e gaol an airgid freumh gach uilcagus is e sin buileach eadar dhealaichte. -dhiùbh is ann a tha mo ghnothaichsa ri feumalachd airgid, agus is gann a chreideadh sibh cia meud rud a bha aig daoine an riochd airgid, ann an eachdraidh. Am measg nan nithean air am bheil aithris, tha crodh is caoraich, tombaca, leathar, ola, òr, airgead, copar agus iarrunn, tràillean agus eadhon mnathan-pòsda.

Is iomadh leabhar a chaidh a sgriobhadh mu dhéidhinn airgead agus is iomadh disbead a dhéireas eadhon aig an latha an diugh air cia mar a bu chòir dhuinn airgead a laimhseachadh. Cha ghreumaich sinne ris an disbead sin ach bu toil leam bhur toirt air ais ann an eachdraidh, agus nochdadh a steach air teaghlach àraidh ann an lìnn fada, fada air ais, fada roimh am nan carbadan, an ràdio, nan tighean cloiche no fiodha, eadhon roimh am sgrìobhaidh is eachdraidh.

Cha bu chòir e bhi duilich teaghlach a dhealbh, acòmhnaidh ann an uaimh an cois achladaich, far am biodh fear-an-tighe ag iasgach, asealg agus a deanamh sgròbadh truagh de àiteachadh, agus bean-an-tighe ag ullachadh bidhe, adeasachadh aodach agus ag amharc an déidh na cloinne agus nam beathaichean. Cha bhiodh an teaghlach so ach glé bhochd nan crannchur agus fìor thrang bho mhoch gu dubh, ach bhiodh e comasach dhaibh a bhi saor, ’nan aonar, agus neo-eiseamalach air an coimhearsnaich fhads a bhiodh an t-slàinte aca. Cha robh iad ag earbsa ri neach, an taobh a muigh den teaghlach aca fhéin, airson biadh, aodach no fasgadh, agus a thuilleadh air sin bhiodh iad cho trang gan cumail fhéin beò is nach robh ùine airson conaltradh ri coimhearsnaich. Chan abair sinn nach robh eòlas aca air seòrsa de shonas, ach ma sheallas sibhse timchioll an tighe agaibh fheín an dràsda, is a ghabhas sibh suim de na goireasan is na sòghan a thagaibh as gach cearn


[65]

den dùthaich no eadhon as iomadh oisinn den t-saoghal, tha e doirbh a bhi agabhail a steach bochdainn ar ceud shìnnsearan. Faodaidh mi ràdh gum bheil, ged tha, moran fhathast an làthair a chunnaic bochdainn glé ghéur anns aGhaidhealtachd agus anns na h-eileanan, agus chunnaic sibh teaghlaichean a bha glé fhaisge air a bhi neo-eiseamalach air an co-chreutairean.

Nan robh a huile teaghlach anns an staid a dhealbh sinn, chì sinn nach biodh iarraidh sam bith air malairt. Cha bhiodh ann, reic no ceannach agus cha bhiodh feum idir air airgead. Tha e cìnnteach gur ann mar so a bha, aon uair.

-dhiùbh mar tha deagh fhios agaibh chan eil aon dithis dhaoine ceart coltach ri chéile eadhon ged bu bhràithrean iad anns an aon teaghlach. Ma smuainicheas sinn air baile beag, den t-seòrsa theaghlaichean a dhealbh sinn, is cìnnteach gum faiceadh muinntir abhaile dhaibh fhéin gun robh Iain Dubh annabarrach math air iasgadh, Domhnull Ruadh géur-shùileach anns an t-sealg, Seumas Bàn snasail leis an t-snàthaid, Uisdean Donn agus mar a their iad anns a Bheurla, “meuran uaineaige a thaobh àiteachaidh, Ruairidh Mór sgileil air deanamh bhròg agus mar sin air adhart. Thàinig an latha anns an do dhaithnich iad gum bfhearr dhaibh uile nan deanadh Iain Dubh an t-iasgach airson abhaile gu léir, Domhnull Ruadh an t-sealg, Seumas Bàn an tàillearachd, Uisdean Donn an tuathanachas agus Ruairidh Mor aghreusachd. Ann an àite gach duine a bhith cuir seachad a latha gu trang, sàraichte, agus le inntinn adol troimh chéile le bhith sàs ann am fichead seòrsa oibre, is ann a bha an nis gach neach aleanntainn na ceairde airson an robh a bhuadhan air leth freagarrach. Bha gach neach ris an obair a bu mhiann leis agus an cothrom aige fàs nas sgileil is nas sgileil innte.

An àite làn an tighe de innealan àraidh airson gach gnè oibre agus iad adol a dhìth a chionns nach robh uile fhéumga dheanamh dhiùbh, chan fheum gach fear a nis ach innealan na ceairde aige fhéin agus cuiridh e gu làn fheumalachd iad fad na seachduinne. Chan e sin a mhàin ach tha a nis an cothrom aige inntinn a chuir gu dligheach ri cheaird, agus leasachadh a dheanamh air na h-innealan agus air na dòighean oibre, agus aig acheann thall cuiridh e moran a bharrachd oibre na dhéidh. Ma thoilicheas e e a chuid oibre ann an ùine nas giorra agus mar sin faodaidh e beagan fois a ghabhail. Chan eil agaibh ach paipear-naigheachd fhosgladh agus chi sibh thall sa bhos tagradh bho luchd oibre airson an t-seachduinn oibre a ghearradh.


[66]

Aon uair is gun dthàinig an duine gu bhi ag earbsa ann a cho-chreutair airson cuid de na goireasan a tha a dhìth air, feumaidh e bhi deiseil airson suaip no iomlaid a dheanamh de na goireasan a tha e fhéin toirt an làthair. Mas e iasgair e, e suaip air an iasg ann am malairt airson biadh is aodach is gach eile a dhfheumas e. Mur eil e atoirt an làthair nithean sònraichte mar iasg, brògan, deise aodaich, aran, no sithean, faodaidh e a sheirbheis agus a thìde a chuir am malairt airson a chuid goireasan tha dhìth air.

Ann an suaipsam bith, feumaidh an ditheastighinn gu còrdadh a thaobh luach nan nithean a tha an suaip, ann an coimeas ri cheile. Mar a tha fios agaibh, tha àite an so airson disbead. Ach tha cùmhnant eile ri coimhlionadh, cocheangailte ri suaip, agus is e sin gum bheil miann aig an aon fear air a ghoireas a tha am fear eile atoirt an làthair. Ma théid iasgar na briogais tholltach thun an tàillear nach ith iasg idir, ach sithean a mhàin, cha dean iad suaip idir, agus mur baithne dhaibh le chéile sealgair a bha ag iarraidh iasg, bhiodh an t-iasgar gun bhriogais ùr agus acras air an taìllear.

So an suidheachadh anns an cuirear feum air airgeadstuth air choireiginn, eadar-dhealaichte, anns an toimheasar luach gach goireas a dhfhaodar malairt eadar fear is fear, stuth a ghabhas gach uile fhear ann an suaip airson goireassam bith.

Tha daoine atomhas astar air bonn-stéidh na slaite; cudthrom air bonnsteìdh aphuinnd; a tomhais ùine air bonn-stéidh na mionaide agus air an aon doigh thaìnig iad gu bhith tomhas luach air bonn-stéidh airgid. Anns an dùthaich so tha an not, agus an sgillin ùr agus na buinn eile air am bheil sibh eòlach; agus, mar tha fios agaibh, tha dùthchannan eile aig am bheil an dollair, am marc, am franc, an rouble, an rupee agus iomadh bonn eile. Tha iad sin uile air an coimeas a réir a chéile bho latha gu latha a réir suidheachadh na dùthcha aca fhéin, ach chan eil ùine a bhith buinntinn ris an eadar-dhealachadh a dhfhaodas éirigh eadar airgead aon righeachd agus righeachd eile.

Thubhairt mi anns an toiseach gum bheil moran stuthan a chaidh an greum an riochd airgid. Faiceamaid anns a cho-dhùnadh de na buadhan àraidh a dhfheumas stuth a tha an riochd airgid.

Feumaidh an stuth a thaghas sinn a bhith buan na chruth agus a bhith rudéiginneach gann ann an coimeas ri na goireasan a bhios sinn a malairt leis. Chan fhaod e bhi ro ghann air eagal is gum bi e fheín cho luachmhor is gum feum sinn criomagan cho beag, a


[67]

ceannach goireasan saora, is gum biodh na buinn cho meanbh is iad duilich an laimhseachadh agus farasda an call.

Fad moran lìnntean be am meatal òr, stuth annabarrach freagarrach airson airgead. Bha e buan, bha e gann, agus le mhór thromad bfharasda a bhi rannsachadh an robh e fìor ghlan, oir tha daonnan mór-bhuaireadh do chuid a bhiga thruailleadh le meatail shaor eile. A nis, ged tha, tha òr air fàs cho gann, is gum bheil a luach fhéin air meudachadh cho mor is nach fhaigheadh sinn buinn beag gu leòir airson malairt. Air an laimh eile chi sibh nach biodh, abair, iarrunn na mheatail ro-fhreagarrach idir oir dhfheumadh sinn barra-cuibhle adol don bhùtha.

Rinn daoine adhartas mór nuair a thòisich iad air criomagan paipear a chuir gu feum an riochd airgid. Tha e farasda an luach a chlò-bhualadh air aghaidh aphaipear ach tha paillteas no gainnead na tha de airgead an làthair aig aon àm, an crochadh air an riaghaltas, ag oibreachadh troimh na bancaichean. Chan eil an not idir ro-bhuan ach aon uair is gum fàs i ro-shalach, no air a milleadh, thatar ga sgrios fo ghéur-shuil abhanca agus not ghlan ùr air a clo-bhualadh na h-àite.

Dhith fhéin chan fhiach an not ach sgillinn no dhà; luach na tha innte de phaipear agus na h-oibre a chaidh anns achlo-bhualadh. Is ann a tha i atoirt a luach àraidh, bhon chreideas a tha agaibhse agus agamsa gun ceannaich i an luach, a tha sgrìobhte oirre, de na goireasan a dhfheumas sinn bho latha gu latha, agus còmhla ri sin ar dùrachd is ar dòchas gun cum an riaghaltas co-chothromachadh eadar a paillteas is a gainnead.

Tha eagal orm nach do rinn mi ach sgrobadh beag air aodann cuispeir a tha glé chudthromach do gach aon againn. Aig àm sgrìobhaidh so chan eil fios de mar a chriochnaicheas gnothaichean a thaobh an dollair Aimeireacanach, a bha cho fada na bhonn-stéidhidh air mor-chuid malairt an t-saoghail, agus e an diugh a call a luach an an coimeas ri airgead dùthchannan eile mar Seapan, aGhearmailt agus eadhoin Breatuinn. Tha gu dearbh móran againn fhathast ri ionnsachadh air mar bu chòir dhuinn airgead a laimhseachadh gu math amhór-shluaigh.

Thuirt mi gun sealladh sinn gu h-aithghearr air decimalisation. Tha am facal sin on aon freumh ri ar facal Gaidhligdeichagus an Laduinndecem,” agus tha decimalisation aciallachadh a bhi cunntas ann an deichean. Is e so an dòigh as simplidh a thann do bhrigh gum bheil deich meuran oirnn is deich òrdagan air na casan.


[68]

Aig toiseach na caibideal chunnaic sinn malairt eadar ceannaiche is areic clò. Cha robh bonn adol thar achunntair oir bha luach achlò is nan goireasan a bha i aceannach sgriòbhte nan samhlan air paipear no ann an leabhran beag. Tha bancaichean, oifisean is eile acumail cunntas air luach is malairt ann an leabhran agus tha an diughcomputersis innealan eile ag gabhail aìte cleireach le peann agus tha e fada fada nas fhasa do chomputer suim airgid a laimhseachadh ma tha e air aireamh air bonn-stéidhidh a deich na e bhi ann an notaichean, tasdain agus sgillinnean.

Tha cuid againn an deidh còrr is bliadhna nach eil fhathast ro chinnteach mu na sgillinnean ùra agus tha cuid de na seann dhaoine nach dean móran dheth rim beò ach don ghinealach thag éiridh suas, tha an dòigh ùr gu bhi fada fada nas fheàrr agus nas fhasa a laimhseachadh.

titleAirgead mar Bhonn-steidh na Malairt
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

MacLeòid Criomagan Ioma-Dhathte %p

parent textCriomagan Ioma-dhathte
<< please select a word
<< please select a page