[103]

Feòil a’ Gheamhraidh

Bha e amiannachadh gun tàradh achaora ás, agus gun deanadh i air-san, ’na sheasamh eadar tòin an taighe agus an gàradh. Ach bha an math, bha athair eòlach is achaora afàs sgìth. Sheasadh i, chuireadh i aghaidh air achù, agus shaoileadh am balach gu robh i acur eagail air, ach cha tigeadh stad an ceum Rex agus bfheudar dhi a casan a thoirt leatha.

Be latha soilleir geamhraidh a bhann, is beanntan an iar-dheas mar-thà acnàmhadh na gréine. Cha robh gaoth ann ach uspagan nach teicheadh facal no fuaim ás an rathad. Ged a bha athair ceud slat air falbh chluinneadh e cho goirids a bha anail; chluinneadh e farum casan achoin, is glugadaich na caora aruith.

Cha thréigeadh achaora an aon slighe. Fad aghàraidh, timcheall taigh-nan-cearc agus air ais chun aghàraidh.

Bha athair mar a bàbhaist, ’na sheasamh le chasan sgèabte, a cheann roimhe agus a dhà ghàirdean làidir mar gheugan bho a chliathaich, mar gum biodh e adeanamh oidhirp gun dìreadh air gluasad.

Te-ADD, a mhadaidh! Laigh-anna-sin! Sin thu, back there now. Mach á sin!”

Bha e iongantach, shaoil am balach, cho cruaidhs a bha athair air Rex a muigh, is cho rèidhs a bha iad a stigh ris an teine.

Cha mhór nach robh i air a mhuin mun do dhfhidir e. Leum e thuice, agus ghreimich e ri a sliasaid. Bha an fliuch ri thaobh, agus am beathachga dhraghadh.


[104]

Faigh gréim oirre! Thig a seo, a choin! Sin thu, bhalaich.”

Chual e lachanaich athar nuair a thuit e. Ach cha do leig e ise ás. Bha e fhéin is achaora asprùillich air an talamh, agus i ro neartmhor dha, ’s na casan caol cruaidh abuiceil, ’ga bhualadh. Bhuail esan aon uair i le a dhòrn. Chaidh gath fuath troimhe. Lùig e a marbhadh le fhiaclan. Lùig e na sùilean a spìonadh aisde ...

Cha robh aigena ghréim ach sop clòimhe. Dhfhosgail e a shùilean agus chunnaic e casan fada athar agus a nàmhaid glaicte mu chùl a h-amhaich le aon làmh mhór chomasach. Sheall e suas, is chunnaic e an t-aodann le gàire agus na sùilean gorma blàtha.

Sin thu, bhalaich, éirich. ’S math gu robh thu ann.”

Dhéirich e agus chuir athair a làmh air a ghualainn.

Cuiridh sinn suas i. A, a bhalgair, cha shàraich thusa duine tuilleadh, mura bi dfheòil righinn!”

Rinn an dithis gàire, ach bha fuath aige fhathast nuair a shealladh e rithe. ’Se bhiodh toilichtega faicinn astrì agus abreabail nuair a bhiodh an sgian ri tighinn! Cha toireadh i buaidh air athair-san, ta, nas motha na bheireadh gin air fhéin nuair dhfhàsadh e mór treun mar athair.

Air do athair am bann a cheangal mu chasan na caora, shuidh e sìos agus rinn e cigarette de thombaca a bhaige ann am bucas faileasach. Shuidh esan air a bhuinn mu choinneamh.

Bheil a h-uile càil againn? Mias, sgian, òrdcàil an t-òrd? Ruith suas air a thòir, Alasdair, araidh.”

Na marbh i gus an till mi, ma-tha.” Agus ruith e suas dhachaidh. Cha do shaoil athair gun robh e ach


[105]

air falbh nuair a thill e, an t-òrd aige, agus a shùil asireadh na caora.

O, tha i mar a dhfhàg thu i,” ars athair le fiamh-gàire. “Well, ma-tha.”

Thog athair achaora agus chuir ena sìneadh air abhord i.

Cumaidh mise stòld i!” dhéigh am balach, ach cha robh sin iomchuidh. Laigh achaora sàmhach, gun ghluasad, a sùilean balgach, cruinngan coimhead.

Thilg athair a sheacaid agus lom e a ghàirdeanan gu uilinnean. Thug e an draghadh mu dheireadh ás an cigarette agus chuir e car dhith fo bhròg. Thog e an t-òrd. Thàinig e a-null chun abhùird.

Bha am balach acoimhead na caora agus ag radh ritheGheibh thu a-nis e, gu-ta, iss math an airidh. Ach cha do dhatharraich an t-sùil chruinn, aineolach, a bhaga leantainn, agus cha do charaich cas no ceann, achna sìneadh mar chlosaich ged a bha a h-anailga dubadh sìos is suas. Bfheàrr leis gun gluaiseadh i, gun deanadh i strì sam bith, gus an leumadh e oirre is gun tacadh e i!

Tog, an dràsd. As arathad, araidh.”

Sheas athair ri a taobh, rug e air adhairc oirre, agus thog e a ceann gu a cùl. Bha esanna sheasamh mu coinneamh, geur, asireadh faileas an eagail anns na sùilean. Ach cha do lorg.

Well. Seall, dìreach an seo— —” agus bha corrag athar, leis na h-uilt chnapach, eadar shùil abheathaich“ —— sinm bad am buail sinn i, agus cha bhi fios aic air càil.”

Chuir e dhà làmhna phòcaidean, agus chaidh iadnan dùirn bheaga gheala. Sheall e air achaora a


[106]

rithist. Sheall achaora air ais gu sèimh. Thog athair an t-òrd. Thréig an gamhlas na féithean, agus chaidh fhuilna uisge anns na cuisleancha robh eagal air achaora idir. Cha robh i abreabail no afeuchainn tabhairt ás. Gu grad bha an truasga thacadh, agus dhfhosgail e a bheul.

Cha do leig an t-òrd brag idir, ach fuaim mar uinneag asgàineadh air cùl aodaich. Cha bu dùraig dha sealltainn ri athair, ach cha do dhfhàg a shùil ceann na caora. Bha na sùilean bòcach maoth-ghlas fhathastga choimhead seachad air gàirdean dubh athar. Cha do ghluais e.

Chuir athair sìos an t-òrd, sgioblaich e mias air an ùrlar, agus thagh e àite an amhach na caora. Chunnaic am balach na crògan móra neartmhor ag obair anns achlòimh, agus an làmh dheas atogail na sgine. Cha robh inntinn aige ach na sùileans na cluasan. Bha athair ri deanamh cagair fheadalaich gun fhonn ris fhéin, agus na làmhan eòlach agluasad. Chaidh faobhar na sgine a-steach am measg na clòimhe.

Bheil i marbh?”

Tha gu dearbh,” ars athair, agus an sgian a nis agearradh glan.

Thuit acheud sruthan de bhoinneagan dearga le farum luath, agus thog athair a cheann.

“ ’Si tha. Robh dùil agad nach robh?” agus rinn e gàire.

Chunnaic esan aghàire, is rinn e fhéin fiamh lag. Chunnaic e aig an aon àm an sgoltadh dearg ás a robh fuil a nis asruthadh.

Cha do charaich e gus an robh athair deiseil air son falbh, nuair a bha achlosach gun cheann, gun chlòimh,


[107]

gun chas is gun mhionach, crochaidhte bho na sailean. Chuir athair uime a sheacaid, agus rinn e cigarette eile, breac-dhearg.

Thug am balach aon dhearcadh gu oisean far an robh an ceann air an làr. Bha sgàile sgleòthach air na sùilean, ach bha iad maoth, socair.

Thugainn, araidh. Sud sud seachad.”

Chuir e a làmh mu ghualainn a mhic. Thug am balach sùil air an làimh. Agus choisich iad a-mach don fheasgar, a nis afàs fuar.

titleFeòil a’ Gheamhraidh
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Moireach An Aghaidh Choimheach %p

parent textAn Aghaidh Choimheach
<< please select a word
<< please select a page