Gormadh an Fheòir
Ann an teis meadhon cuain, cuan a bha blàth agus gorm ris a’ chladach, ach dubh agus fuar a muigh ’na iomallan fhéin, eilean.
Eilean beag cruaidh a bh’ann, mar chlosach uilebheisd, cnàmhan corrach cloiche air nochdadh, bian tolltach tana, uilebheisd, a bha a’ bàsachadh ri feitheamh ri òrdugh gluasad a thighinn á àiteigin. Rùisg an Deigh Mhór an t-eilean o chian, a’ toirt leatha an sgrath a b’fheàrr dheth dhan mhuir. Ach bha smior agus dìorras anns na creagan, agus mhair an t-eilean leth-mharbh fad linntean, a’ buileachadh beagan bìdh, taighean cloiche, leacan-cinn agus uaighean rag-fhuar do na daoine a thàinig air a’ ghaoith agus a dh’fhuirich ann mar dhuilleagan fliuch air balla.
Cha do dh’atharraich nì ach a mhàin aodainn an fheadhainn a bha ri sgrìobadh agus a’ tarraing am bith-beò mar mhiallan ás na claisean eadar asnaichean an eilein.
Rugadh an uairsin, aon àm, aon mhionaid, e fhéin.
Duine gasda, tapaidh, dripeil, tlachdmhor, coibhneil—gach beus ’na àm iomchuidh. Agus bha e mór. Inntinn mhór chruinn anns nach leumadh mac-talla, corp mór pongail a bha doirbh a lìonadh agus fhalamhachadh. Dh’aithnicheadh an talamh a cheum, agus dh’fhàgadh e làraich as a dhéidh.
Bha cumhachd àraidh aige. Bha e mar mhagnet am measg phrìneachan. Tharraingeadh e sluagh cruinn mu thimcheall àill air an-àill, fo a smachd, gréim bais aca air a chéile agus gréim bàis aca uile air a neart-san. Choisich-
eadh e am measg nan taighean, agus gun aon char a dheanamh ach sin fhéin, dhraghadh—dheocadh—e gach smuain agus comas-smaoineachaidh á cinn bhochd an t-sluaigh a bh’air cùl nan dorsan, agus sguabadh e roimhe iad, tiùrr measgaichte de ghaol ’s de ghamhlas, de iarrtasan falaichte, ceum air cheum, mar sheòrsa de mhuc-shneachda gu a dhachaidh. Dhùnadh e an dorus agus thòisicheadh an t-eilean a’ smaoineachadh agus a’ coimhead a chéile a rithist.
Isteam ’An Ghomb. Duine buadhmhor.
Cha robh làithean òige a’ tighinn a-steach air uair sam bith. B’fheàrr leis a’ mhionaid na a’ bhliadhna, agus co-dhiùbh cha robh feum aig duine ìnnleachdach a riamh air cuimhne. Sgath sgoil cha robh aige ach na dh’fhoghlum e ann an oilthigh an t-saoghail mhóir—an t-eilean. Foghlum chruaidh ’s cha ghàireadh e ach ainneamh. Ach cha deanadh e gàire gun fhiosd. Cha b’e sgleog-gàire a thilgeil a-mach dhan adhar air dòigh sam bith idir. O cha b’e. Ann an grunnan dhaoine, theireadh esan facal éibhinn, agus dhéidheadh càch ’nan deann gu gàireachdainn le eagal dearg am beatha. Thogadh Isteam ’An Ghomb a smeigid, a shròin ris na neòil ... dhùnadh a shùilean ... laigheadh a theanga ’na crùban mar sheilcheig ... dh’fhosgladh a bheul. Agus nuair a bhiodh càch air sguir a ghogail ’s a ghàgail, anns an dearbh thiotadh a bhiodh iad a’ dol a thogail còmhraidh as ùr, ghairmeadh esan. Ceithir turais ... Go-gò, òth, oth. Bha a ghàire cho trom, caithreamach ri a bhreugan.
Dh’ìnnseadh e a’ bhreug dha fhéin anns a’ cheud dol-a- mach, agus chreideadh e i. Bha seo ’ga chuideachadh gu mór agus bha na naidheachdan a tharraing e á meanma-falaich chàich a’ cur piseach air na breugan. Gach
turchartas am beatha a’ bhaile, chanadh esan briathran mu dheidhinn. Nach tubhairt mi ribh an uiridh, chanadh e, agus chanadh a h-uile sgamhan dhiubh gun tubhairt Isteam ’An Ghomb riutha an uiridh ...
’Se nàdur mhic-an-duine a bhi ag adhradh, agus b’e duine anabarrach nàdurrach a bha ’n Isteam ’An Ghomb. A’ sreap ’s a’ stad ’s ag adhradh, a’ sreap ’s a’ stad ’s ag adhradh, ùidh air an ùidh a’ buannachadh ’s a’ dlùthachadh air a dhuais dhlighich—ged a bhiodh corra smuain ghrànda a’ ruideil air sailean eanchainn mar rodain, agus a’ fàgail an salachair air an ùrlar ghlan.
An t-eilean? O mar a b’àbhaist, dìreach, ged a bha na seanairean a’ cumail a-mach nach robh an latha aig àrd mheadhon an t-samhraidh—gu h-àraidh le gaoth an iar-dheas—idir cho fada is a chleachd e bhi ri ’n ceud chuimhne. Ach nach ann ri brunndail agus ri gearain a bhios seanairean an còmhnaidh, agus có bhios a’ toirt feairt dhaibh?
Laigh an aois gu faiceallach air Isteam. Agus leis gach bliadhna a chaidh fodha anns an dorchadas, dh’fhàs urram an t-sluaigh dha Isteam ’An Ghomb, dh’fhàs a chumhachd mar bhalgan-buarach.
Cha robh teagamh ann. Bha an latha ri sìor ghiorrachadh, o bhliadhna gu bliadhna, gathan gréine a’ dol air chall mar ghaisnean fuilt, gun fhiosd, gus am bi a’ chùis air a dhol ro fhada. Bha an t-eilean air a chlàbhadh le dorchadas, fàileadh fuarraidh a’ tighinn dheth. Ach ’se coigreach a mhothaicheadh agus cha robh coigreach ann. Cha robh eòin ann nas motha, ach cóig chlamhanan. Cha robh cuileag ann. Cha robh blàth ann. Feur bàn ’na leacan, daoine sàmhach bàn ag osnaich agus a’ spìonadh am bìdh ás an talamh.
A’ bhliadhna a bha Isteam ’An Ghomb na trì fichead, cha robh soilleireachd ann ach deich làithean agus cha do mhair e ach leth-uair a thìde agus cóig mionaidean gach latha. Bha na seanairean ri bàsachadh le osann thaingealachd. Bha na h-inbhich cinnteach ás nach robh an saoghal mar sud nuair a bha iadsan ’nam brogaich. Bha an spréidh ri dol bàs, agus bha tomhais bheag de dh’eagal ’s de dhroch-amharus a’ snàigeadh a-steach ann an tosdachd inntinn an t-sluaigh.
Ach bha aon taigh anns an eilean anns nach robh eagal. Chluinnte Go-gò, òth oth, anns an dorchadas, corr’ uair.
’Sann a thàinig bliadhna nach do mhair solus an latha ach fichead mionaid gach latha, is sin air son trì làithean.
An ath bhliadhna, bha eagal ro-mhór air muinntir an eilein a’ cheud turas a dhòrt solus orra. Dé cho fada is a sheasadh e? Chan eil fios có thubhairt “Isteam ’An Ghomb” an toiseach, ach cha b’fhada gus an robh an t-eilean ’ga radh.
Agus an ath latha roimh éirigh na gréine thàinig an t-eilean gu Isteam.
Bha Isteam ’na sheasamh a muigh air an iomair. Isteam ’na bhriogais dhorch, agus gàlaisean le trì òirlich de shreang làidir riutha ’ga theannachadh gu farsaing cruinn mu a mhàs. Chuala e iad a’ tighinn, tàislich air a chùlaibh, ach cha do leig e dad air. Sheas an t-eilean a’ strucadh a chasan, a’ snagadaich fhiaclan agus a’ bragail uilt a mheòirean, aodann cho glaisneulach ri mionach langa.
O, Isteim ’An Ghomb! ghlaodh té.
Thionndaidh e gu h-obann, mar gum biodh iad air a thighinn air gun fhios da. Dh’amhairc e orra, a shùil a’ sgailceadh air ceann crom an sud, gnùis dhòchasaich an sud eile. Chunnaic e an coltas seo orra roimhe, anns
an ionad-adhraidh. Bha iad ’nan seasamh teann ri chéile, a’ goradaireachd air.
Isteim, tha sinn feumach air cobhair! arsa seann bhodach geal.
Sgèab Isteam a dhà chas bho chéile, chuir e a làmhan air a chruachainnean, agus leag e a shùil orra a rithist. Agus thuit iad, ag osnaich, air an glùinean, fa chomhair.
Eisdibh, a chlann—ars esan is e a’ sìneadh a dhà ghàirdein a-mach os an cionn—Eisdibh, a chlann—
Bhuail e thuige anns an t-seasamh nach do chòrd nì ’na bheatha ris cho math ri seo. Bha e fhéin agus a dhleasdanas, ’na bha an rùn fhreasdail dha, air a thighinn còmhladh ... Thog e a smeigid ... dhùin a shùilean ... chrùb a theanga ... dh’fhosgail a bheul—
Agus thachair rud uamhasach.
Thòisich Isteam ’An Ghomb ri bòcadh. Mar gum biodhte ’ga ghaothadh. A’ bòcadh. Leum putan ás a pheitean le fead. Leum sia putanan còmhladh. Chaill cailleach bheag an t-sùil. Shrac a léine. Bhrist na sreanganan-leasachaidh a bh’air a ghàlaisean. Thuit a bhriogais ’na reubagan gu talamh, a’ cur an céill na drathaisean fhada, leànagan liath-bhuidhe ...
Bha a’ ghrian ri deàlradh ’na làn maise. Teas goirid an t-samhraidh agus sàmhchair. Isteam ’An Ghomb ri cinneadh mar bhlàth neònach. Bha a leth-cheann air plòiceadh a-mach is e a nise nas motha na b’àbhaist a mhàs a bhi. A bheul, fhathast fosgailte, mar uamh, agus a theanga ’na laighe ann mar ròn. Dh’fhuirich a ghàirdeanan mar a bha iad, sìnte, is iad uiread ri taighean. Agus a chorp a’ sìor dhol am meud, gun choltas sracadh air a chraiceann.
Thòisich na daoine beaga bàna ag éirigh gu ’n casan
agus a’ teicheadh uaithe gu an dachaidhean fhéin gun smid. Aig sia-mionaidean fichead gu deich, thàinig a’ ghaoth mun cuairt gu’n iar-dheas. Air bad, bha an oidhche dhubh-dhorch ann.
Bha Isteam ’An Ghomb air an achadh ri bòcadh trì bliadhnachan deug thar fhichead. Cha do thréig an sluagh an t-eilean a dh’aindeoin sin, ’s iad nach do thréig. Ghiùlain iad an t-eallach ùr ud gu h-umhail, sàmhach.
Gun teagamh bha sin trom orra. Bha e cho mór. Ged a bha a chasan fhathast air fhearann fhéin, bha iad a’ leudachadh, ag èaladh thar na crìochan mar lit air a dòrtadh, agus uime sin, bha iad air fearann chàich cuideachd. Cha robh e an comas neach a cheann fhaicinn tuilleadh, ach bu léir dhaibh, shaoil leotha, air éiginn, a ghlùin, a’ seòladh gu h-àrd anns an iarmailt. Fhad’s a bhiodh solus latha ann, eadar naoi agus ochd mionaidean an déidh naoi.
A’ bhliadhna a bha sud, agus a’ ghrian ’na h-àirde, dh’fhidir muinntir an àite seòrsa de sgàile a’ ruith thairis orra, agus seòrsa de dh’aotromachadh inntinn.
Bha Isteam ’An Ghomb ag éirigh!
Suas, suas leis mar bhalg-gaoithe. Chaidh an naidheachd bho bheul gu cluais mar an dealanaich agus chruinnich na daoine ’nam buidhnean buidhe ’ga choimhead ag éirigh. Ach mun deach e gu tur ás an t-sealladh, thuit an oidhche gu grad is iad uile anns na h-achannan le ’n sròinean dha na speuran.
Mar sin, ma-tha, dh’fhàg Isteam eilean àrach. Dh’fhàg e a bhriogais agus a léine, cuideachd, agus bhiodh an sluagh a’ cruinneachadh mu ’n coinneamh corra uair, a’ cagarsaich ...
Mìle gu leth os an cionn, thill a bhuadhan gu Isteam.
Sheall e mun cuairt. Mìorbhail na mìorbhaileabh! Có bha sud ri thaobh? Có bha, ach Ciall a’ Bhobhaim, seann charaid a bh’air caochladh o chionn fhada. Agus gach taobh a shealladh e, chitheadh e tuilleadh de’n fheadhainn a chàraich, roimh a linn-san, clachan an rothaid a lean esan. Chunnaic e os a chionn iomadh òrdag-coise, ach cha b’urrainn do dhuine ìnnse dha có bu leis iad.
Bha e aoibhneach. Thog e a smeigid, dh’fhosgail e a bheul ...
Bha an t-eilean gu tur fo sgàile dhorchadais a nise, fad na bliadhna. Agus a dh’aindeoin sin, dh’fhuirich na daoine ann. Dh’fhàs iad leagailte ris an déidh glé bheag a linntean. Bha iad a’ deanamh grian de’n ghealaich, agus ag òrdanachadh am beatha mar sin, agus ri tìde, bha iad sona gu leòir. Cha do mhair nì beò ach iad fhéin air uachdar na talmhainn. Bhiodh iad ri tuathanachas bhaoiteag, shniodh agus chnuimheag . . . . gus an deach am fosgladh ás am braighdeanas.
Aon latha soilleir gealaich is iad uile trang a muigh, thòisich dealanaich agus tàirneanaich a’ reubadh na h-iarmailt, agus cha robh coltas stad orra. Nuair a bha an doineann seachad, laigh an saoghal le anail ’na uchd ann an tosdachd, a’ feitheamh. Bha an t-àile cho dubh agus cho dùmhail gun chaill iad cunntas air ùine. Ach ged a bha iad sgìth, iomagaineach, chaidh an sluagh a-mach ás an taighean a fhrithealadh an cuid spréidh ...
Agus ma chaidh, cha do thill. Oir thuit an iarmailt dhubh air am muin. Thuit Isteam ’An Ghomb, agus Ciall agus Ocran agus Malairt agus móran mór eile ’nan aon fras air an eilean, soillseachd agus blàths na gréine ’gan leantainn a nuas. Cha do thàr duine no sniodh no baoiteag no cnuimh ás le bheatha bho’n bhuille ud. Gun luaidh
air càch, chuir òrdag Isteim seachd duine deug agus na bhuineadh dhaibh fo’n talamh.
Ach, càil a b’iongantaich, nuair a bhuail iad, nach ann a chaidh Isteam agus a chompanaich, a thàinig sìos cho cruaidh air an co-chreutairean, ’nam mìoran beaga bìodach mar sgeilbheagan atoman. A’ cheud uspag gaoithe a thàinig, sguab i leatha iad agus chrath i air feadh uachdar na fairge iad.
Mar seo, thill solus na greine, lìonmhorachd eun, lusan, flùran agus cuiseagan sùghmhor do’n eilean bheag ud, agus bha neòineanan agus cuileagan a’ soirbheachadh am measg nam brògan sgàinte.
title | Gormadh an Fheòir |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | Moireach An Aghaidh Choimheach %p |
parent text | An Aghaidh Choimheach |