[31]

An Gamhainn

Bha tarbh air a bhi aig muinntir Alasdair Lachlainn a riamh, mas robh tairbh aBhùird idir ann, mas robh Bord an Fhearainn fhéin ann, agus fada, fada mas robh an A.I. air innealan a dheanamh de bheathaichean. Agus mar sin, bha tarbh aca fhathast, aig an robh inbhe anns an sgìre ionnan ris sgoil-bheag agus an Eaglais Mhór mar shamhla air aon taobh de nàdur aphobuill. Bha e air a chumail an ìre-mhath trang.

Cha robh duine cloinne aig Eoghain Alasdair Lachlainn, ged a bha e pòsda uair. Chaochail Morag, a cheud bhean, an déidh dhaibh a bhi acothachadh còmhladh seachd-thar-fhichead bliadhna. bhliadhna an déidh sin, nach ann a phòs Eoghain a rithist, aig aois trì ficheads a ceithir, an a bha fuireach an ath dhorus dha fhéin, Mairi Aonghais Oig. Mur a deach facal a radh ris fhéin an clàr aodainn, cha bu bheag na chaidh a radh air cùl a chinn mun euchd a bha sud. Duine a ràinig an latha a ràinig esan ri pòsadh òg, a dhuine bhochd, cha robh i a-mach air an fhichead, pàisde an taca ris-san. Chum achàraid ud cabail agus tachais-inntinn agus coluinn ris an nàbachd greis, agus bha plàigh dàir anns abhaile, gu h-àraidh air beathaichean an fheadhainn a bu bheulaiche na càch.

Ach cha do mhair Eoghain ach trì bliadhna eile. Chaochail e gu socair sèimh maduinn Earraich, agus bha Mairi leatha fhéin a rithist. Ghabh geòileam nan


[32]

goistidhean an uairsin taobh eile. Bantrach òg le deagh dhachaidh, brod na croit agus barantas aice air teachd-an-tìr cunbhalach air sgàth an tairbh ...

Mar a bha ann an iomadh baile eile air feadh na dùthcha, bha grunnan do fhleasgaich mun cuairt a bha ri sreap agus ri tuisleachadh air sgeirean na meadhon-aoise, gun chus dòchas pòsaidh aig gin dhiubh. Cha be mhàin nach robh ann de chlann-nighinn na dhfhóghnadh, ach bha e mar fhasan aca nach pòsadh firionnach sam bith gus am biodh e aon sia-deug no seachd-deug thar fhichead, no gum bàsaicheadh a mhàthair, agus mas tachradh gin dhiubh sinmar bu tricebha dìth càil agus gnè de eagal air comharra an t-seann fhleasgaich a chur orra.

am fear aig nach robh sùil innte, ach am fear a ghabhadh air aghaidh a chur oirre? Gu h-àraidh a bhair a bhi pòsda roimhe? Chaidh bliadhna no dhà seachad. Shìolaidh an còmhradh sìos, agus thàinig am baile gu tuigsinn nach robh coltas gum pòsadh Mairi Bantrach Eoghain tuilleadh. Bha an crodh afrithealadh an tairbh mar a bàbhaist.

Latha balbh samhraidh, mu chóig uairean feasgar, bha Cailean Ruadhna shuidhe aig ceann an taighe agabhail na gréine, ag, éisdeachd ris na cuileagan móra adeanamh crònanaich dannsa air abhalla, nuair a thàinig béiceil agus nuallaich thuige air uspag gaoithe. Dhéirich e gu chasan agus thug e sùil a-steach chun an fheansa far an robh a chuid spréidh ag ionaltradh. An gamhainn, aruiths aleum leis an dàir.

Dhfhalbh Cailean a-steach an taigh a dhìnnse seo dha mhàthair. ’Se glé bheag a bha e ri cleith oirre,


[33]

agus ged nach robh i air chothrom a dhol a-mach, ’si a bha fhathast an ceann gnothaichean na croit. An déidh dhi sgrùdadh a dheanamh air amhìosachan, agus air na làithean sonraichte a bha sgrìobhte air a chùl, chomhairlich i dha Cailean an gamhainn a leigeil chun an tairbh. Ghabh Cailean a comhairle gun cheisd, mar a rinn e bho cheud chuimhe, bho chionn faisg air leth-cheud bliadhna, ged nach robh e idir èasgaidh achuairt fhada don Bhail’ -Iarach a ghabhail air latha bruicheil den t-seòrsud.

Bha plapailna bhroilleach agus a bhonaid air cùl a chinn mas deach aige air ròp a chur air aghamhainn. Dhfhalbh e leatha, aslaodadh, corruairna ruith, corruairna stad, is e ri gearains ri mionnan ri gach nàbaidh a bhruidhinn ris anns an dol sìos dha. ’S iongantach gun robh duine air druim abhaile agluasad cho dian mu ghnothach is a bha Cailean, ged nach bann dha dheòin. Bha an gamhainn le cabhaig eadar-dhealaichte air gach cas ri sleamhnachadh agus ri sporghail anns na clachan-beaga aig oir an rothaid, aig amannan ri dol a thaobh, aseasamh gu goirt air iosgaidean Chailein, ’gan sgioladh. Cha be sin a bu mhotha a chuir cais air, dona is gun robh e, ach an òinseach a bhi a bùrail gun abhsadh, aglaodhaich air feadh an t-saoghail ciod e bha ri cur oirre. Duine sam bith nach do choisich troimh bhaile le air a bheil dàir, cha thuig e am masladh a thann, mar gum biodh do choimhearsnachd ri faicinn do léine-bheag.

Bha Mairi Bantrach Eoghainna seasamh anns an dorus, acoimhead fo a làimh, feuch an deanadh i a-mach bha tighinn le leithid de choltas gu furtachd. Nuair a bha e mu choinneamh an taighe, dhéigh i ris.


[34]

thagam? Tha ghrianna mo shùilean.”

Cailean. Cailean Ruadh. Leis aghamhainn.”

Glé mhath, a Chailein. Nall chun an taigh i.”

Thàinig an gamhainn agus Cailean a-steach gu caladh mar shoitheach le a bàta-tarraing, adùdaich agus aslaodadh.

Nach ann ann tha latha,” arsa Mairi.

Seas, a bhalgair tha thu ann! An ceangail mi an seo i?”

Bha Caileanna mhàl.

Thug Mairi ceum a-null thuige, agus ghabh i gréim air an ròp. Bhruidhinn i gu socair ris abheathach, agus ann an tiotadh bha i air char a chur den ròp mu phost-feansa. Sheas an gamhainn rag, cop ri bheul. Bha Cailean asuathadh a mhaoil, aleigeil anail agus agabhail dha na cuileagan le bhonaid.

Seo a nis,” arsa Mairi gu toilichte. “Nach be sin latha an àigh, a Chailein.”

O latha dha-rìreabh. Bruthainneil. An t-Iuthar. Mur a tig cnàmh dhan abhuntàta, cha bhi guth ri radh.”

Trobhad a-steach mionaid.”

Lean e a-steach i. Taigh brèagha, air a dheagh chumail. Shuidh e gu taingeil ann an cathair ìosals a dhruim ris an uinneig. Dhiùlt e copan tea, ged a bha Mairi fhéin agabhail srùpaig. Bha e duilich nach do thilg e an geansaidh mas do dhfhàg e an taigh.

Gabhaidh mi deoch bhùirn, mas toil ... ”

Letheach slighe gu dorus achidsin, stad Mairi.

Am bfheàrr leat cana leann? Tha dhà no trì a stigh agam.”

Thòisich inntinn Chailein asiubhal. Leann? chanadh a mhàthair nan tigeadh e dhachaidh le fàileadh


[35]

leann bho anail, á taigh na bantraich? Ach bha am pathadh air, is bha e gasda dhith a thairgsinn dha. Dhilmich e a liop.

Bfheàrrseadh, ma tha gu leòirceud taing,” fhreagair e.

Fhads a bha ise ag òl a copan tea agus esan a chana leann, ghabh iad naidheachdan a chéile gu sunndach. Bu bheag guth a bhaig Cailean air aghamhainn. Cha bann ach ainneamhna bheatha a fhuair e fàth no fois conaltradh a dheanamh ri boireannach aig nach robh duine, nach robh ro òg no buileach aosda. Bha Mairi cho dàimheils gun chaill e a shochaireachd. Dhfhàs e an toiseach na bu chomhfhurtail, agus an uairsin na bu chòmhraitiche, nas beòthail agus móran nas deiseil gu gàire a dheanamh. Bha e glé dhuilich nuair a dhéirich Mairi, ’s i ag radh, “, cha dean seo e, a Chailein. Chan eil math a bhi acur cus maille air abheathach bhochd.”

Rinn i lachan gàire.

Ionnsaicheadh i foighidinn,” ars esan, agus ghàir an dithis mar gum be facal geur a bha sud.

Dhfheumadh e a thighinn a chéilidh air Mairi a dhaithghearr, feasgar. Dheanadh e sin.

Cuiridh mi umham na bòtunnan,” ars ise. “Than t-àitair a stampadhna òpar aige-san.”

Chuimhnich Cailean air an tarbh, air aghamhainn, air abhaile agus air a mhàthair.

Thill Mairi ás achidsin, na bòtunnan aice san dàrna làimh agus paidhear shocais-nam-boban san làimh eile. Shuidh i air stòl beag aig an àite-teine mu choinneamh Chailein, agus thug i dhith na brògan-ìosal a bhoirre. Chrom i a ceann, agus thòisich i adraghadh uimpe


[36]

na stocainnean. Cha robh seo idir fearasd dhi. Bha pailteas math feòla oirreged nach robh i idir ro reamhar no gun deagh chruth.

Oich is oich,” thubhairt i, “cha tig an aois leatha fhéin!”

Bha e follaiseach bhon ghàire a rinn i nach robh a bheag a dheu-comas na h-aoise oirre, bha Cailean asmaoineachadh.

Cha tig,” ars esan.

Cha burrainn dha a shùilean a thogail bho na calpannan aice. Bha iad lìomhte ann an stocainnean naidhlon, agus bha egan coimhead mar a sheallas poidsear ri bradain aleum ás an uisge. ’Na cheann, bha e afaicinn leth-dhealbhan de bhadan corca, acluinntinn an fhoghair, boireannaich chalma acoiseachd air iomair buidhe.

Thog Mairi an bhòtunn, agus shìn i rin slaodadh orre, ag othadaich.

Shaoil le Cailean gun robh ùine air sgur aruith, gun robh am feasgar atulgadh gu mall. Dhfhàs e na bu dàine. Chitheadh e a glùinean cruinn.

Sud aonan, co-dhiùbh,” ars ise, agus sheall i ris.

Ged a ghluais sùilean Chailein chun aghleoc cho luath ri cuileig, bha e cinnteach gun ghlac i e agoradaireachd. Thog i a ceann cho luath. Dhfhidir e rudhadh falana leth-cheann, nàire, ’s e afeitheamh ri cronachadh. Mu dheireadh, an ceann ùine, shaoil leis, bhruidhinn i.

O, well, gu sealladh, nach i tha blàth, co-dhiùbh.”

Sheall e rithe.

Cha robh a shamhail ann am bliadhna,” ars esan.

Thug en aire gun robh fiamh aghàire anns na


[37]

sùilean, coltas a bha an chuid truasail agus brosnachail.

Chrom i rithist, acur uimpe abhòtuinn eile, agus air bad bha sùilean Chailein thuice. Cha tubhairt e facalcha mhór gun tharraing e anail. Aig aon àm, boillsgeadh a mhàin, dhearc e air a sliasaid, agus theannaich a làmh air a chana.

Dhfhuirich Cailean ri taobh abheathaich gus an tàinig ise leis an tarbh a-nall bho chùl an taighe. Brùid mór, fada sachorp, le casan treuna goirid agus ceann dosgainneach garg. Bha Mairi acoiseachd ri thaobh, is ega leantainn air ceann aitheamh de ròp mar gum be piatan uain a bhiodh ann.

Thoir an gamhainn a-nall a seo.”

Bha abhó sgèanach, agus bfheudar do Chailean a neart a chur an gréim mun deach aige air a càradh anns an dearbh ionad a bha Mairi acomharrachadh dha.

Cum gréim air cheann oirre a nis.”

Bha Mairi eòlach air a gnothach, abruidhinn gu smachdail. Cha tàinig e a-steach air teagamh a churna h-òrdugh. Sheas e aig ceann na , afeitheamh. Bha fallus air braonadh a-mach air a rithist, agus bha na cuileagangam bogadh fhéin ann. Bha neul chuileagan adeàlradh ann an solus na gréine os cionn an tairbh, a bha tighinn gu mall spàgach an taobh a bha e. Mairi abruidhinn ris an tarbh gu socair.

Siuthad, a nis. Sin thu. Nall an taobh-sa ... ”

Cha chreid mi gum bi sinn fada,” thubhairt i ri Cailean nuair a ràinig i.

Agus cha robh.

Mas do sheall e ris fhéin, theab an gamhainn a leagail. Thog e a shùil, agus chunnaic e mar aisling, shuil


[38]

ghionach ghinteach an tairbh dìreach mu choinneamh. Cha burrainn dha sealltainn ris an aghaidh. Thionndaidh e, agus laigh a shùil air aodann Mhairi, thall air cùl nam beathaichean. Bha iga choimhead le seòrsa de shnodha-gàire.

Nuair a thill iad a-steach, bha Caileanga dhalladh le fallus, agus bha roillean na air a sheacaid. Bha Mairi cho fionnar, glans a bha i bho thùs. Dhfhairich e e fhéin blaoghdach, liotach, agus thubhairt e gum feumadh e deanamh ás, mas iarradh i air suidhes gun tugadh i dhith na bòtunnan. Dhfhàg e an t-airgead air abhòrd, agus ghabh e a-mach.

Cheerió an dràsd, a Chailein. Tha mi smaoineachadh gum bi i ceart gu leòir,” thubhairt i. “Can ri do mhàthair geil mi faighneachd air a son. Agus feuch gun tadhail thu stigh uair sam bith a bhios tu timcheall.”

O tadhailidh. Mar sin leat, a Mhairi. Ceud taing.”

Bha a mhàthair air a dòigh gun deach a h-uile dad gu rianail.

Tha Mairi sgiobalt,” ars ise. “Tha deagh smachd aice air abheathach. Sìn thugam an caileandar, a ghràidh, mas téid e ás ar cuimhne.”

titleAn Gamhainn
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Moireach An Aghaidh Choimheach %p

parent textAn Aghaidh Choimheach
<< please select a word
<< please select a page