Briseadh na Cloiche
Ghabh e dhan ulbhaig leis an òrd-mhór, an t-òrd a’ buiceil agus pian a’ ruith ’na ghàirdeanan. Cha do shaoil an t-seana chlach dad dheth. Cha do dh’fhalbh ach crotal is pùdar mar cheò, rud beag leis gach buille. Cha do shaoil an t-seana chlach dad de nì sam bith. Dh’fhàs maoil an duine dearg, is fliuch, is bha cuislean ri bòcadh le cabhag fala. Dh’fhosgladh a bheul is anns an tiotadh a bhuaileadh an t-iarunn a’ chlach, thuiteadh a ghéillean is thigeadh anail a-mach ’na h-aon chnap.
An ceann greis, dhrùidh am fallus air an duine. Bha eanchainn a’ slacadaich ’na chlaigeann mar gum biodh làmhan làidir caillich ’ga fuine. Leig e roimhe. Thuit an t-òrd, agus thàinig crith ’na ghàirdeanan sìos bho na h-uilinnean gu bàrr nam meuran. Shuidh e air a’ chlaich, agus shuath e fras falluis bho a mhaoil. Chumadh anail grìosach ceàrdaich a’ dol; bha a chridhe a’ turailich mu asnaichean. Bha corra ablach smuain mar reubagan de sheann bhratach a’ séideadh troimh ìnntinn; taigh . . . . gàradh . . . . teine . . . . bean . . . . sgìth . . . . taigh . . . . clach—facail agus dealbhan am measg a chéile.
Clach air na chruinnich deigh o chionn linntean, mun deach bonn a chur ri làr an sud. Clach air na fhras uisge is clachan-meallain, agus ùird, agus mionnan. Clach air an deach iomadach teine a chur. Trì troighean pailt de dh’fhad, is dhà de dh’àirde ás an
talamh. Clach dhòigheil, shèimh, nach do rinn cron a riamh.
Taigh ùr, suiment, le ceithir seòmraichean, cidsin le uinneag mhór a’ cumail sùil air a’ Chuan Siar. Tapaichean faileasach, fàileadh fiodh geal, is fiach trì cheud ’na bhroinn ...
Chuir e uilinn air gach glùin, is sheall e, ’s e sgrùdadh an àite anns an do dh’fhàg a bhrògan làrach de fheur briste. Bha e a nis a’ tarraing anail an àite bhi ’ga séideadh, is bha a chridhe a’ plubadaich ri taobh a sgamhanan mar bhreac air bòrd locha. Cha leigeadh e a leas sealltainn ris an taigh—bha dealbh an taighe sgrìobhte le sgeilb ’na chuimhne. Thòisich an taigh aon oidhche ann an cathair chruaidh an cois an teine ann am fàrdaich Iain Fhionnlaigh. Ruith a chuimhne mar fhear air a bharran a-steach staran fliuch, shlìog e troimh thallan le peileachan uaine is geal, agus suas do sheòmar a bha mar na leth-cheud seòmar eile anns a’ bhaile; le dreasair, being is bòrd ’nan seasamh gu cugallach air ùrlar a bha dìreach cho rèidh ’s a dh’fhàg na casan e. Agus sheall e ri taobh an teine anns a’ ghéibhil, agus bha ise an sin ’ga fheitheamh. Catriona.
E, ’si bha bòidheach ’na latha, le aodach glan soilleir (mas do bhàsaich a màthair). Dheanadh i gàire cho socair, cho bàigheil, ’s gu saoileadh e nach do rinn i gàire a riamh mas fhaca esan i. Rinn e fhéin gàire, ’na shuidhe air a’ chlaich. Bha esan air ùr thàrsainn ás a’ Chogadh, slàn sàbhailte, le sgeadachadh de fhasanan suirighe a dh’ionnsaich e anns a’ Néibhi, agus bu mhath gun robh sin aige. Cha robh Catriona air còmhradh gaoil de a shamhail a chluinntinn, agus gheall i a phòsadh. Thogadh iad taigh ùr, taigh le làr
rèidh is ballachan còmhnard, is staidhre ’na mheadhon, dhaibh féin, thubhairt ise. Thogadh gu deibhinne, caisteal, nan deanadh i gàire eile. Thogadh. Ach eadar a h-uile càil a bh’ann, cha robh e fearasd dha tòiseachadh air, agus b’ann air an t-samhradh-a- chaidh a chuir e crìoch air ... Dà bhliadhna dheug.
Dh’fhidir e daoghlag a’ sreap bil feòir. Cha dean thu càil dheth, a charaid. Chan fhuiling sin do chudthrom, a sheòid. Sin thu ... O ... theab thu ... gabh gréim ... daingead, cha mhór nach—hi ... òirleach eile ’s bi—à, sud thu, dh’fhalbh thu. Thog e a chas os a cionn agus chuir e cnùidh a bhròig air a muin. Ghluais e bho thaobh gu taobh e gus an robh am feur air a phronnadh, dorch. Amadan creutair, carson a bha i a’ sreap an sud co-dhiùbh.
Sheall e ris an òrd-mhór anns an fheur. Bha buaileag gheal air an aghaidh-bhualaidh, is an oir air a droch-chaobadh. B’iomadach clab a thug e leis, òrd a bha ùr o chionn dà bhliadhna. Shlìob e a ghàirdean deas, na féithean cruaidh, is thog e a shùil ris an taigh.
Dà bhliadhna dheug; cha robh guth aig duine air a’ Chogadh an diugh: cha robh beachd aca mar a shàraicheadh cogadh duine. Cha robh cuimhne aig Catriona air suirighe fhasanta. Co-dhiùbh, cha robh na facail freagarrach tuilleadh. Thàinig feadhainn de na rudan a thubhairt e rithe gu a theanga. Chrath e a cheann agus dh’fhalbh iad. Mànran ... cùbhraidh ... maoth ... gaol ... —thuit iad air an talamh cho marbh ris an daoghlaig.
Thàinig beul Chatriona ’na chuimhne a rithist. Na fiaclan geala, na bilean cruinn, bog, blath, òg. Ach dh’fhalbh am blàths, dh’fhalbh na fiaclan, theirig an
òige, is sheac na bilean. Le dìth taighe. Agus dh’fhàs am beul cumhang, le preasan beaga a’ ruith a-steach thuige, mar gum b’ann a-steach a mhàin a bhiodh anail a’ dol troimhe. Facail uile ’s a thigeadh a-mach. Gu sealladh ort, a dhuine, dé is coireach gun thog Teàrlach is Aonghas is Tormod taighean, ma tha e cho doirbh ri sin? H-uile té dha m’aois ann an taigh cheart, is mise fhathast gun bhùrn, gun solus a seo! Togaidh mise taigh dhut, ars esan. Seadh. Seadh. Cha togadh tu do thòin far a’ bheing, nam faigheadh tu ás leis. Teich, a dhuine, na struc annams tuilleadh ... Bheil thu dol a shuidhe a sin fad a’ latha? Bha an guth aice cruaidh, cumhang mar na liopan, is chluinneadh e i ’na cheann cho math ’s ged a bhiodh i a’ bruidhinn.
Bha i a’ bruidhinn. ’Na seasamh anns an dorus, ag éigheachd ...
“ ... fad a’ latha?”
“Chan eil, tha mi a’ leigeil m’anail.” Chuala e i a’ snòtaraich mar each aig ceann sgrìob ghoirid. Bha i cho deamhnaidh ris a’ chlaich fhéin. A’ chlach na croich, an teis mheadhon na lis, dìreach ann an rathad a’ starain. Staran còmhnard, leathainn a bha ise ag iarraidh. Nam biodh slabaid dynamite aige, chuireadh e—a’ chlach ’na mìle pìos. Sheall e ri bhaisean. Tà, cha robh dynamite ann. Bha e cho math oidhirp eile a dheanamh. Ach! Thilg e smugaid ’na bhais, is dh’éirich e, gu rag.
Ghabh e gréim eòlach air an òrd. Thog e e gus an robh uile neart air a chùl, agus tharraing e air a’ chlaich buille cho cruaidh is gun leum an t-òrd troigh an àirde. Leig a’ chlach ás uspag liath. Chum esan air, màlach bho mhàlach, gus an robh an fhuil a’ bragail
air cùl a shùilean, is a léirsinn a’ fàs sgleòthach. Chum e air gus an do theirig fhoighidinn, gus an do fhras na buillean fada fada ro luath.
Thionndaidh e a cheann anns an togail air son smugaid theth a shadadh, agus mhothaich e dha aodann Chatriona air an uinneig.
Bha an ath bhuille na bu treasa. Agus an ath the. Thòisich fuaim a’ dìosgadh troimh a sgòrnan ... ùu-ha! ... ùu-ha! ... ùu-ha! nas àirde ’s nas àirde. Cha mhór nach robh a chasan ag éirigh o’n talamh le sgeing an ùird air a’ chlaich. Bha farum an ùird ’na chluasan a’ cumail caismeachd ri chridhe ’na cheann. Shaoileadh tu ’ga choimhead gum b’ann a’ danns agus a’ mire a bha e. Bheireadh e gàire ort. Cha mhór nach tug e gàire air Catriona, ’s i air an uinneig ’ga choimhead. Ach cha bu léir dhi a shùilean, a bha ag éirigh ’na aodann mar bhuilgeanan air uachdar loch dhearg, sùilean a bha a’ faicinn fuil anns a’ chlaich.
“Cuiridh an duine ás dha fhéin.”
Dh’éigh i ris bho’n dorus, ach ’sann a chaidh e air chaoch gu buileach. A ghàirdeanan suas is sìos mar mhaide-bualaidh, a’ bhonaid air tuiteam dheth, a léine a’ tighinn ás a bhriogais. Cha mhór gun aithnicheadh i e. Thàinig i a-null ri thaobh is dh’éigh i. Dh’éigh i a rithist na b’àirde. Dh’éigh i cho cruaidh ’s a b’urrainn dhi. Ghabh i gréim air a ghàirdean leis an dà làimh. Dh’éirich na casan aice bho’n talamh, is thàinig iad sìos. Bha i ’na h-éiginn.
Suas, sìos, ’s an t-ord a’ deann-bhualadh, sgal air muin sgal. Ghlac uamhas i. Ach bha esan a’ deanamh sgàird de Ghearmailteach, de dh’fhiaclan, de chlaich, de liopan, de chlaich de chlaich—
Gu h-obann, thug e seòrsa de bhreab ás, an t-òrd os a chionn, mar gum biodh an fhorc air snaim a tharraing ’na dhruim. Thuit an t-òrd. Thuit Catriona, ach dh’éirich i gu sgiobalta. Sheas esan rag mar chraoibh greiseag, agus thug e ceum, coltach ris a’ cheud cheum a rinn e ’na bheatha, agus thuit e air a bheul fodha air fad na cloiche. Gu slaodach, trom, shleamhnaich e air a cheann-dìreach, gus an do bhuail a shròin an talamh aig ceann eile na cloiche, far an robh am feur brùidhte, dorch.
title | Briseadh na Cloiche |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | Moireach An Aghaidh Choimheach %p |
parent text | An Aghaidh Choimheach |