[45]

Ignig Dannsair

Cha robh mise ri mo shaoghal air tiodhlaigeadh cho mór ri tiodhlaigeadh Ignigaguss iomadh uaigh aig na sheas misena mo latha, ged a tha mi fhìn an diugh afeitheamh. thuras a chaidh mise fon eileadrom gu ruige Cladh aChnuic thall. Ignig bochd, cha bu mhór saoghal a fhuair e. Ach a dhaindeoin sin, ’sann bu mhath gun dhfhalbh e.

Tha cuimhnagamsa glé mhath an latha a rugadh e, agus an gàirdeachas a rinn athairs a mhàthair ris. Pàisde cho laghachs a chunnacas a riamh. Ceann cuimir brèagha, an shùil cho dubh ris an t-seilcheig agus bus mìn glan. Bha e meanbhseadh cha robh e riamh làidirna chorpach bha e cho èasgaidh ris an deargad. Nuair a chaidh e dhan asgoil ud shìos, thug e leis foghlum mar a chumadh iad ris. Cha robh a shamhail ann. Bu mhinig a thigeadh an luchd-teagaisg dhachaidh feasgar ag osnaichs asgrìobadh an cinn air losd ceisdean Ignig. Bha e cho teumach.

Ann an Iodhlainn nam Feàrlagan a bha am baile an uairsin, agus gu deibhinne bha sinne glé riaraichtle ar cuibhrionn a sin, an trèimh againne, fad nam ficheadan linn. Ach dhfhalbh sin agus thàinig latha eile oirnn. Agus be Ignig a bu choireach ris.

Dhfhàs e suasna òganach eireachdail, toinisgeil, agus cha robh teagamh sam bith am measg an t-sluaigh an uair ud gur h-e a bhiodh air ar ceann nuair a bhàsaicheadh Siulp, do sheanair fhéin. Aig coinneamh Inbhich aBhaile anns aGharadh-Fhuar, chuireadh seo air dhòigh mar rùn abhaile. Nis, chan eil a chòir aig ball sam bith bho Choimiti nan Inbheach facal de na


[46]

chaidh a radh aig na coinneamhan uairgneach ìnnse, ach shìolaidh an naidheachd ud a-mach a dhaindeoin sin, agus chaidh a craobh-sgaoileadh ann an cagarsaich mar gun éighte bho na tobhtaichean i. Bha mi fhìn a riamh den bheachd gur e Màlambha e beulach co-dhiùbh, cha chleitheadh e fhéin no a theaghlach dad.

Biodh sin mar a bhios, ach dhatharraich Ignig, ’s cha bann gu a shoirbheachadh. Cha do bhodraig e tuilleadh ri leantainn ris an ionnsachadh, agus dhfhàs e rudeigin leisg. Roimhn a seo, cha robhas afàgail aige ach ceann aotrom na h-obrach, a chionns gun robh ena sgoilear agus gun robh e nas meanbha nan cumantas. A nis, ged a leig e seachad an fhoghlum, cha do thairgs e aon uair barrachd obair-fearainn a dheanamh.

Chitheadh tu e, latha a bhiodh càch acur falluis dhiabh le seachd obraichean fichead, ’ga shlìobadh fhéin, no adabhdail mun cuairt agus abruidhinn riuthais bha e geur air a theanga, cuideachd. An dearg leisgean, ach bha e cho brèagha, bian air mar it an drithein mhóir agus inntinn cho mear, chuireadh sràbhna phàirt?

Chan eil fhios agam ciamar a thachair an rud. An e tàlant a ghineadh ann, no . Co-dhiùbh, thàinig fios chun na h-iodhlainn latha sinne a thighinn chun na Creig a dhfhaicinn Ignig. Chan fhaca tu a riamh a leithid. Bha an luchd-obrach gu léir cruinn, dìomhain, agàireachdainn is ag éigheachd. “A rithist, Ignig! Danns a rithist!” Am fasgadh na creig àirde, air tulach mun coinneamh, Ignig, aleumadraich. Ignig Dannsair a bhac air bhon uairsin.

Cha do rugadh luch a riamh nach leumadh— ’s


[47]

fheudar dhuinn a bhi siùbhlach agus mear air son ar beatha a ghléidheil am measg na fàmhairean. Ach leumadraich Ignig! An neart nach deachna chom, ’s iongantach mur a deach ena chasan. Sheasadh e air a chorra-bioda, agus an ath rud bheireadh e cruinn leum ás, ’s a chasan fhathast dìreach. Sìos leis, agus suas a rithist, gun oidhirp sam bith. Suas cho àrd ri glùin fàmhaire. Chumadh e adol ùine mhór ... bha e cho eireachdail agus cho éibhinn nach burrainn dhut do shùil a thogail dheth ... na casan cho dìreach ... deàrrsadhna shùilean.

Bhon latha sin a-mach, cha do chuir Ignig a chas ri obair. Choisinn e a bhiadh agus tòrr a bharrachd le chuid buiceil. Cha robh fàrdaich anns nach robh fàilte roimhe cho fads a dhannsadh e dhaibh. Bha an òigridh air am mealladh gu tur aig a -chleasanleanadh iad a dhàite sam bith e. Mar a tha fios agad, tha abhliadhna air a roinn agus móran saothrach ri dheanamh anns gach roinn; cha robhas ag obair mar bu chòir, agus bha a bhuil. Bha iomnaidh air na seanairean. Thubhairt Siulp Seannluch gun tigeadh latha dubh oirnn mur a leanadh sinn ris na cleachdaidhean a bhann o thùs. An déidh sins na dhéidh, ’sann na bu trice a chìte grunnan aseasamh acoimhead Ignig. Cead cothrom aige na caileagan a bu bhòidhche a thoirt cuairt feasgar. Cha robh diù chorra-chòsaig aig amhór-shluagh de bheul-aithris tuilleadh, no eachdraidhdad adol bho bheul gu beul ach am faca tu Ignig adeanamh sud? no an cuala tu freagairt a thug Ignig don bhodach? no saoil an a bhios aige an nochd?

Ach amhaduinn a dhanns e air druim na , sin nuair a chaidh ar saoghal bun-os-cionn. Abhó ag òl


[48]

ás an Loch Uaine thall a sin, agus sud Ignigna dheann aruith suas clàr a h-aodainn, suas gu fada air cùl a h-amhaich, agus mu dheireadh aseasamh air a druim. Leig e éigh ás, agus thòisich e ri dannsmo laochan! —mar gum bann air an t-sràid a bhiodh e. Chruinnich sluagh mór, ’s iad asaltradh agus astampadh a chéile air an tobhta air son fhaicinn. Mi fhìnnam measg. Chunnaic mi aon thruaghanna shìneadh, trì chasan brist aige. Bha iad ann mar na sniodhan, ’s iad uile air bhoil, aglaodhaich. Bha e cho dàn, cho cinnteach as a thàlant fhéin, ’s gun robh uaill oirnn uile gur e luchainn a bhannainn. bhann ach sinn?

Chaidh fios mun euchd ud air feadh farsaingeachd an t-saoghail, agus bha luchd-turais atighinn ás gach àirde thugainn, le préseantan agus biadh, a dhfhaicinn Ignig Dannsair. Chaidh lùchairt a thogail dha ann am Bail’ -an-t- Sobhail, agus bha urracha-móraprionnsan is iarluichean is eileatadhal air an sin. Cha robh for air fearann no pronnadh phàipeir. Achlann ri feuchainn an cas air danns thalls a bhos; sinne ag aithriss ag ath-aithris na sgeòil, agus na seanairean acrathadh an cinn.

Mar a bha an t-arbhar ag abachadh, thòisich an luchd-turaiss an luchd-amhairc ri togail orra dhachaidh gun cuid obair foghair. Mu dheireadh, thàinig latha nach robh air ar n-àrainn ach an trèimh againn fhìn a rithist, ach cha bann idir mar a bha. Bhathas air a bhi beò air tiodhlagan nan coigreach cho fada is gun robh obair air a dhol á fasan. Tòrr de na faoineasan a bhaig na coigrich a bu shaoibhir, nach do lean iad ris an òigridh againn. Droch àm gun teagamh, agus na bu mhiosa romhainn.


[49]

Uine an déidh sin, chluinneadh tu pàisdean ag éigheachd leis an acras, no le mionaich ghoirt air losd droch bhìdh. Thug cuid den t-sluagh cùl an cois ri Ignigbha feadhainn air son aruagadh a-mach chun na sitig. Ach bha amhór-chuid fhathast air an dalladh aige, agabhail òrain-molaidh dha, ameas gun do chuir e gu mór ri inbhe agus àirde na luchainn anns an t-saoghal. Thàinig sgaradhnar measg, agus buaireadhna chois, rud nach robh air a bhi ann bho linn Cogadh nam Fiollan.

“ ’S e Ignig e fhéin a chum an bhuidheann bho amhaichean a chéile. Thàinig e a-mach ás a lùchairt agus choisich e gun stad no sealltainn fad an latha gus na ràinig e làrach nan Corc-thaighean. Lean am baile e mar a leanas sròin achoin lorg anns an fheur. Nuair a ràinig sinn, gheuraich Ignig ìnean agus thòisich e ag obair. Fear nach do dhobraich a riamh! Cha robh guth air danns no sabaisd tuilleadh. ’Se amannan sàraicht den bheatha a thanns na foghair, eadar strì agus cunnart, ach ni luch dheth? Nach e sin ar saoghal?

Mionaich a bha arùchdail a roimhe, bha pailteas bìdh annt a nise. Agus a h-uile mac màthar a rithist amoladh Ignig Dannsair. Aon oidhche, bha céilidh againn adol ann an Tòrr-an-Ear, agus dhiarr Ignig cead air Siulp a dhol a dhanns. Dhiùlt Siulp. Bha Siulp a riamh an aghaidh Ignig, ged a bha e dàimheil gu leòir ris. Co-dhiùbh, dhiùlt e, agusse mearachd glé amaideach a thaobh poilitics a bha sin. Cha do ghabh Ignigna shròin idir e, cha do leig e càil air, agus cha robh an còrr mu dheidhinn air son greiseig.

“ ’Sann an latha a bhathas acur an arbhair a-steach


[50]

dhan iodhlainn a thachair achreach. Latha air leth trang, teaghlaichean agus fàrdaich adeanamh imrich, afalbh anns na cairtean-móra. Bho chionn fhada, cha robh sin fhéin againn, dhfheumadh sinn falbh dhar cois. -dhiùbh, bha an luchd-siubhail ri triall, ’s an luchd-fuireach afeitheamh ann an droch chàs, atàrsainn ás lem beath bho na coins na fàmhairean, ’s afalach anns na h-adagans na badan. Latha grianach grànda.

Bha sluagh againn còmhladh ann an adaig afeitheamh gus an tilleadh achairt, Ignignar measg. Sinn uile car eagalach, sgèanach. An ath shùil a thug mise, bha Ignig aruith a-mach. Stad e pìos bhuainn. Thionndaidh e. Sheas e air a chorra-bioda. Agus thòisich e ri leum, an àirde cho àrd ri cluas coin, ’s asméideadh rinn. Be seo seann Ignig, an Dannsair, an luch a bu treubhanta air thalamh. Thòisich sinne aputadh air a chéile, agàireachdainn.

Chunnaic sinn an atighinn, agus dhéigh sinn ri Ignig falach. , mo liagh, ’se nach do dhfhalaich. Chuir e aghaidh air achù, abuiceil, agus cha déidheadh aig achù air a ghlacadh. Bha e mar an deargad. Adeanamh amadain den chù, cho mór is cho blaoghdach. Mach leinn ás an adaig, ag éigheachd agus aluchanaich. Ignig adanns fo sròin achoin, ’ga thoirt an taobh seos an taobh ud, ’s na casan cho dìreach. a chunnaic a dhà shamhail?

Cha robh guth air faiceall, ach a-mach leinn.

Bha na fàmhairean a sàs annainn mas do thuig sinn thachair. O, mort agus marbhadh fuilteach. An sluagh a bha cho mear a chèanamhs iad ri mire, a nisnan sléibhtichean marbh air an achadh. Ged a chaidh mi-fhìn a leòn, fhuair mi air falbh, agus an


[51]

ceann ùine ràinig mi Iodhlainn nam Feàrlagan. Cha do thill ach triùir againn.

Cha leig mi leas ìnnse dhut am bròn, an doilgheas a dhfhuiling am baile. ’Sann le cridheachan trom a dheasaich sinn na dachaidhean air son an Fhuachds a lìon sinn na saibhlean. Cha do thill Ignig, agus gu dearbha cha robhasga chaoidhgu follaiseach, co-dhiùbh.

Aon oidhche gealaich, is sinn cruinn agabhail an leabhair, ’sann a thubhairt cuideigin, ‘Seallaibh!’

Shuas air bàrr aghàraidh. Ignig.

Cha do charaich sinn, achga sgrùdadh. Bha a bhianna leacan salach, agus a chnàmhan gus nochdadh troimh a chraiceann. Beucoltach e ri Ignig Dannsair, ’na sgog an sud air chrith. Chuireadh e truas air cat fhéin. Ach bha cuimhne ro mhath againn air an uamhas a dhaobharaich e, agus dhfhuirich sinnnar tosd far an robh sinn.

Thòisich e ri dannsno afeuchainn ri dannsann an sud fhéin air bàrr gàradh na h-Iodhlainn. Shuas os cionn ar saoghal, mar gum biodh, ann an solus brèagha na gealaich. Ignig a dhannsadh air druim latha dha robh e, cha robh comas no spiorad dannsair air fhàgail aige. Air éiginn a leumadh e àird fhéin.

Aon uair is gun thòisich e, gu-, thill treallaich de neart thuige, agus chum e air, atoirt chruinn-leumannan. Thug e ùine ris abhuiceil seo, ach ged nach robh luch anns abhaile nach robhga choimhead, cha deach gin dhiubh air àrainn. Bha feadhainn an suds an seo agal. Cuid a chaill càirdean anns abhlàr as t-fhoghar, cuid de na caileagan, cuideachdis aige tha fios de bha iadsan acaoidh? ’S iomadh a bha an tòir air


[52]

Ignig. Bha e na bfhasa agus na bfheàrr cuimhneachadh air mar an gaisgeach a bhann, fada na bfhasa, na bhiga fhaicinnna chnàmhalach bochd a sud aleumadraich.

Chluinneadh tu anail apìochanachna amhaich agus a ghlùinean adìosgail, agus na leumannan asìor fhàs nas lugha. Cha robh fuaim air thalamh ri chluinntinn ach na daoghlagan aig an obair agus fuaim Ignig.

Fada, fada a-steach dhan oidhche, bha Ignig abuiceil agus luchd-amharcga amharc. Sgìos alaighe oirnn uile.

Mu dheireadh, bha e afaileachadh air leum na bàirde na do ghlùin. Thog e a cheann agus leig e seòrsa de ghlaodh ásmar gun cluinneadh tuna do chuimhne bloighean den iolach a bhiodh aige o shean.

Cha burrainn dha a leasachadh. Cha burrainn dha sgur.

Chaidh na casan bochda tana bho bhuiceil gu breabail, bho bhreabail gu gliogadaich, bho ghliogadaich gu cliobadaich, bho chliobadaich gu snagadaich, bho shnagadaich gu diogadaich. Agus an uairsin, biob beag an dràsda agus a rithistna casan aleigeil roimhe, alùbadh ...

Stad e greis, is e acoimhead sìos ris abhaile.

Thug e an uairsin aon diob, agus bhuail crathadh troimh chom mar gum biodh an aileagna chnàmhan.

Agus thuit e rag air a dhruim le chasan an àirde ris aghealaich. Ignig Dannsair, an truaghan. Chaidh osann aithreachais agus buidheachais suas ás abhaile. Agus cha robh e anns asgìre nach robh air an tiodhlaigeadhcha robh mise ri mo shaoghal air tiodhlaigeadh cho mór. . . .”

titleIgnig Dannsair
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Moireach An Aghaidh Choimheach %p

parent textAn Aghaidh Choimheach
<< please select a word
<< please select a page