[53]

An Latha

Nigh e e fhéin gu faiceallach, tràth, amhaduinn ud. Nigh e a cheann, is ghabh e dha leis an tubhailt, mar a bhiodh athair a deanamh o chionn fhada, gus an robh a chraiceann goirt. Nigh e aodann le bùrn fuar, agus nigh e a chasan. Ghlan e fo ìnean le bruis bheag chruaidh. Ghlan e an uairsin amhias, agus mar a bàbhaist, nuair a bha na tapaichean adol mar sud air maduinn dhen t-seòrsa ud, thàinig a mhùn thuige. An donas. Dhfheumadh e nise a làmhan a nighe a rithist. Rinn e sin is thill e do a rùm fhéin.

Bha fios aige gum biodh e na bfhasa dha e fhéin a bhogadh san amar, ach bha eagal air fheuchainn. Nam biodh frasair annach cha robh. Cha robh aige ach aon rùm, agus cucair beag ann an cùil, agus cothrom air an t-seòmar ionnlaid, mar a bhaig na ceathrar eile a bha fuireachd fon aon thughadh ris. Càil a bu lugha air, e bhina shuidhe le bhriogais mu chasan, asmaoineachadh, agus gun tigeadh ceumannan chun an doruis is gu feuchadh cuideigin an dorus fhosgladh. Shuidheadh e reòidhte. nam biodh e air dìochuimhneachadh an dorus a ghlasadh? nam be meàirleach a bhiodh ann? Is gum briseadh e an dorus? dheanadh esanna aghaidh. Is gum fàgadh e fuar, marbh anns an t-suidheachadh ud e, is an dorus air achlab? Masladh, daoinega lorg rag marbh air aphoit. Nam biodh deò anail air fhàgail aige an déidh na buille, dhfheumadh e am plug a phutadh is oidhirp


[54]

a thoirt air a bhriogais a thrusadh. Bedsitters na mallachd. Ach cha robh airgead aige air son achòrr. Cóig bliadhna deug bho dhfhàg e Leodhas le deich notaichean is deis ùr is prìne-banaltrum air aphòcaid-a- stigh far an robh seachd de na notaichean. Cóig bliadhna deug ag obairgreiseag ann an gàradh air Cluaidh, is an còrr ri clàircearachdach ag obair, co-dhiùbh, agus cha robh seachd notaichean aigena phòcaid an diugh. No Di-Sathurn sam bith.

Dhfheuch e a phòcaidean. Bha airgead ann an trì dhiubh, buinn leth-cheud agus dòrlach sgillinnean. A raoir, ’na chuis-mhagaidh, abriseadh notaichean. Agus atoirt fiach gloine don bhàrman gach turas, ag ìnnse dha gun robh fios aige-san, ’ille, co-ris a bha e coltach a bhi ris an obair sin, gun chuir e fhéin seachad speil ris. Na breugan. Cha robh fios fo ghrian carson a bhiodh abhreug ud aige ris a h-uile bàrman. Is cha robh fios liuthad breug eile a sgap e air feadh abhaile, breugan beaga grinn le fàileadh na deoch dhiubh. Cia mheud duine de a luchd-eòlais aig an robhna chuimhne breug leis-san? Nan cuimhnicheadh iad, cruinn còmhladh aig an aon àm orra ... o Dhia. Feumaidh mi smachd a chumail air mo theanga, thubhairt e ris fhéin, tha mo theanga is minntinn agabhail brath orm.

Phaisg e aodach-oidhche is chàraich e a leabaidh. Chuir e aodach glan uime, agus shaoil leis gun tug sin ùine. Dhfhosgail e an uinneag gus an ruagadh aghaoth samh na h-oidhche ás an t-seòmar. Sgioblaich e an rùm. Chuir e na leabhraichean còmhladh gu snasail air an làr fon uinneig. Mhothaich e gun robh Teach Yourself Letter-writingleabhar a cheannaich


[55]

e nuair a chaochail caraid dha, air son gun cuireadh e litir gu phàrantanri taobh bàrdachd Yeats, agus chuir e Long Days Journey into Night eatorra. Yeats bochd, ars esan, air a thàmailteachadh.

Mu dheireadh, thug e cìr ás a phòcaid is ghabh e a-null chun an sgàthain. Chrom e sìos mun do ràinig e e, agus chrùb e fodha, mu choinneamh. Thog e an uairsin a cheann an àirde air a shocair, beag air bheag, gus am bu léir dha fhalt anns aghloine, agus stad e, le a dhruim dìreach is a ghlùinean lùbte. Chìr e a cheann cho luaths a burrainn dha, is chrom e sìos a rithist is ghabh e air falbh bhon sgàthan. Cha robh e air son a shùilean fhéin fhaicinn, no a leth-cheann le feusag latha is oidhche.

Shuidh e. Is sheas e. dheanadh e, cho tràth air amhaduinn? An déidheadh e a-mach? Sheall e a-mach. Maduinn bhrèagha shamhraidh, aghrian adeàlradh air sglèatan fliuch nan togalaichean mu choinneamh a shùilean. Bha na sglèatan mar lannan éisg, smaoinich e. Abair éisg, is esannam measg. Abair grunnd mara. Glaschu air maduinn shamhraidh, oiseanan is cinn-simileir is sràidean odhar. Ach, maduinn mhath, an déidh sin. Dhfheumadh e smaoineachadh.

Shuidh e. Cha robh a cheann goirt idir. Cha robh dad atighinn ris mar sin. Ach cha robh e comhfhurtail. Bha a chridhe rudeigin cabhagach, agus bha a chraiceann tana. Shaoil leis gun robh a uile bhith dìreach air cùl a chraicinn, agus nam briseadh e air a chraiceann gun tòireadh a bhith ás troimhn toll agus gum faiceadh e i ri thaobh mar a chitheadh lamp Aladdin an genie a thàinig ás an t-srùp. An dùil am beachd a bhaig an lamp air Aladdin? Shuath e a bhroilleach fhéin,


[56]

is e aleigeil air gum be Aladdin is a lampa a bhann. Dhfhosgail e a bheul, mór, agus, le glé bheag strì, leig e brùchd. Rinn e dealbh den spiorad a thàinig a-mach agus a bha gu h-iriosal, umhail anns an adhar eadar e fhéin is achiste-dràirichean.

Yes, massa, ars an spiorad, ars esan ann an guth àrd. Chuir e roimhe gum bfheàrr dha fhéin an ghuth a dheanamh, agus bruidhinn a-mach. Cha chluinneadh duine e co-dhiùbh.

Yes, massa, ars an spiorad.

n t-ainm a thort? dhfhaighnich esan.

Genie.

Och, Genie do thòin. mu dheidhinn Domhnall Hob?

Yes, massa.

Agus bruidhinn Gaidhlig.

Ceart gu leòir.

Is mise do mhaighstir. Gar bith dhiarras mis ort, bithidh freagairt agad, no thu e. Tha thu firionn, cho geur ri Tiresias is cho aosd ri cladach Leodhais, agus gabhaidh tu comhairl’.

Seadh.

Innis dhòmhsa ma-tha, rinn mis an ?

Sguir thu a dhobair— ——

Tead, tha fiosam air a sin. Gabh romhad gu seachd uairean. Is na fàg càil ás. A choin. Cùl mo chois. Siuthad, a Dhomhnaill Hob! Get cracking.

Ghabh thu a-steach am baile le pasgan beag notaichean, agus seachduinn fhalamh eilenad eachdraidh. Chaidh thu an toiseach gu bàr beag grod, far an robh daoine atilgeadh cnapan fhaclan air a chéile, daoine le seiceidean ùra is seann bhrògan rocach liath adìon Rangers bho Dhi-Sathurn a chaidh, isgam brosnachadh


[57]

gu cath làrna-mhàireach. Bha eagal ort. Ghabh thu ghloine uisge-bheath an àite pinnt seach gu bheil sin nas fhasa òl ann an cabhaig. Is thug thu ás. Agus chaidh thu do bhàr Harrydhan alounge, còmhla ri daoine nas coltaich riut fhéin, mas fhìoragus cha robh cuimhnagad nach fhaigheadh tu pinnt ann. Cheannaich thu uisge-beath is chuir thu sòda ann, oir tha Harry bochd gun fhios daga do chumail ris abhreug a dhinnis thu o chionn sia bliadhnatha cuimhnagad. Cheannaich thu dhà eile is aon dha Harry, “No just now, Bill, but Ill put it by for after, thanks. ”

Stad. Fuirich gus an leig mina mo shìneadh an seo. Ceart. Nis, innisna ghabh Harry gloine an déidh dha am bàr a dhùnadh, no na chuir en t-airgeadna phòcaid?

Chan eil fhiosam. Chan eil fhios agams ach rinn thu fhéin ... Bha thu air blàthachadh gu seo is tu alorg duine ris am bruidhneadh tu. Ceannaiche an t-ainm a bhair? —co-dhiùbh, bha sruth còmhraidh aige. Mar a bha esan air feadh Albaan Steòrnabhaghboireannaich. Agus thusa agàireachdainn, is làn aithreachais gun thagh thu clabaire nach leigeadh dhut facal a radh.

Bha ena thosd greiseag, is an sgleò afalbh bho chuimhne. Carson a cheannaich e deoch dhan abhalgair? ’Gan toirt dha mar a dhòladh e iad, Highland hospitalityesan ariochdachadh nan Gaidheal, asealltainn cho còir, cho fialaidhs a bha iad, is mar a dhòladh iad. Smaoinich e air Leodhas, air a phàrantan is a nàbaidhean aig an taigh.

Nach bu mhi an damh na croich, ars esan.

Agus chuir thu gloine air a bheulaibh nuair a dhfhalbh


[58]

thu. Agus, fuirich, rug thu air làimh air, agus nach do dhinnis thu dha dainm is càite robh thu afuireach? Co-dhiùbh dhfhalbh thu is ràinig thu bàr far am bi iad aseinn amhrain Ghaidhlig agus adeanamh còmhstri de òl. Chunna tu Murchadh Sheònaid is rinn thu air is thug thu dhà? —trì? —gloineachan dhàsan, agus dhinnis thu dha cho làidirs a bha Ailean, bràthair dathar, agus

O math dhut, a ghloidhc? An e sin an taobh a ghabh mi a raoir? Neart is dóruinnai, aian ginealach a thriall, an sìol-cura a thuit dhan amhuir ás an Iolaire. ’Siad a tha feumach air mise bhigam moladh. Féithean cruaidh is cridhe maoth. Na Gaidheil mar uibhean, agus aGhalldachd mar phraidh-pan. Dhéidheadh Murchadh Sheònaid dhachaidh gu bhean air a dhalladh le deoch is air a mhealladh leis na briathran agamsa, mar a chaidh feadhainn eile roimhe. Agus fhads a bha ise aslaiseadh air, bhiodh esanga fhaicinn fhéin mar Spiorad aGhaidheil, cho cruaidh is cho bog is gun cuireadh e car dha amhaich a sheanar is e aseinn Fàili, Fàili, Fàili Oros agal. Clàirc beag sgròbanach an oifis factoraidh spanairean. Mo dheagh charaid a raoir, an e? Gu sealladh Freasdal orm. Gabh romhad mionaid. Bi daoine ag éirigh is feumaidh tu dhol air ais dhan uaigh a dhaithghearr.

Dhfhalbh Murchadh dhachaidh, is chaidh thu a bhruidhinn ri bàrman. Tha fios agad thubhairt thu? Agus cheannaichBha, thu gu math dona. Is bha thu afaireachdainn eu-dòchas nan Gaidheal ag éirigh annad. Thòisich thu aseinn, “Tha tighinn fodham eu-dòchas,” agus thubhairt duine riut gun cuireadh e flat fuar thu mur a sguradh tu. Seòldair, air tilleadh


[59]

bho bhòids sia mìosan, is fàileadh after-shave dheth. Dhfhaighnich thu a robh e aig acair aig Grianaig o chionn ghoirid, is fhreagair esan gu robh— ——

Thòisich e ri lachanaich air a leabaidh.

— —— is dhinnis thu dha gun robh glasadh air do chaolan o chionn fhada, is gun ghabh thu trì Beechams aon latha, agus dhfhaighnich thu na thurchair dha mothachadh càil annasach aseòladh seachad air cùrs a dhAmeireagaidh. Bhuail e thu, agus tha do bheul goirt an diugh. Agus chaidh an dithis a thilgeadh a-mach— ——

Stad. A Dhomhnaill Hob, tha sin gu leòir. Dhùisg thu barrachd air na lùiginn. Abracadabra saGhaidhlig. Steach dhan uaigh leat!

Bha sud gu leòir. Bha fallus air is e acuimhneachadh. Bha cuimhne aige air fhéins an seòldair ag òl á leth-bhotull, aseinn an tilleadh iad a chaoidh do na glinn san robh iad òg? agus esan agal air a ghlùinean os cionn aghutair, ’s an seòldair ag radh ris gun robh e alright, sguir, an diabhal, tha ceàrr?

Agus cha robh cuimhne aige air achòrr.

Dhéirich e gu chasan. Ciamar a fhuair e dhachaidh? No cuin? Is e seo an rud a bha uamhasach, ged a bha an còrr eagalach. a bha ablaoghdaireachd air feadh sràidean Ghlaschuna choluinn-sa, nuair a bha an inntinn air leigeil roimhe? Sheas e, afeuchainn cuimhneachadh, arannsachadh am measg nan dealbhan camaiceach. Cha robh theat a dhfhios aige. Tharraing e anail is leig e a-mach air a shocair i. Dhfheumadh e a dhol a-mach. Is e bha seo ach maduinn Di-Sathurn, is bha e beò fhathast. A-mach, a-mach dhan fhionnarachd.


[60]

Choisich e uair a thìde air na sràidean fada, acoimhead ri innealan air son nighe shoithichean is cameras is àirneis eile ann an uinneagan nam bùithtean. Acumail inntinn fo smachd. Atoirt oirra bhi ataghadh rud ás gach uinneig, no atoirt beachd air bùithtean. Ach ruitheadh inntinn roimhe is dheanadh i dealbh air bùth undertaker, le cisdeachan-laighe air am foillseachadh gu buaireasach, le sanasan-reice is prìsean is cuirp-fhuadain mar a bha aseasamh an uinneag an tàilleir.

Cheannaich e pàipear-naidheachd, chaidh e a-steach ann an café, is leugh e am pàipear air fad, fiùs naidheachdan an Stock Exchange nach do thuig e a riamh. Agus dhòl e chopan cofaidh. ’Sann an uair a bha e letheach air an dàrna copan a dhfhairich e sùilean chuideigin asgrùdadh cùl a chinn. Chuir e a shùilean fhéin cho fada clì is gun robh iad goirt, feuch an dearcadh e air bhann, ach chan fhaiceadh e. Dhfhidir e fallus as spot. Bha e cinnteach a nis gun robh duin’ -eigin feathar air a chùlaibh, ag òl agusga choimhead-san. Cha bu dùraig dha tionndadh, gun fhios chitheadh e. Thòisich e aleughadh aphàipeir a rithist, acur a theanga mu na facail, slaodach, is ag radh ris fhéin deanamh air a shocair, gur e bhann ach a mhac-meanmna, gu faodadh e cofaidh eile a ghabhail is gu falbhadh an duine. Dhòrdaich e cofaidh eile nuair a thàinig an nighean a bha afrithealadh nam bòrd timcheall. Agus leugh e a rithist mu phoilitics is mu dheidhinn an t-saoghail mhóir anns an robh esan afalbh mar chuileig anns an adhar.

Detective! Cha shealladh duine eile cho dian cho fada.


[61]

Thòisich e arùraich anns aphàipear, alorg an deach duine a mhort an Glaschu a raoir. Where were you between 10 p.m. and midnight?A Dhia, nach cluinneadh e iad. No idea? Did you walk home? When?Sreath pholais, srutan cheisdean, agus esan afaighinn a-mach gun do mharbh e cuideigin a raoir. Murchadh Sheònaidna fhianuis, acantainn gun bhruidhinn e ris-san air neart is marbhadh, agus an seòldairach cha bhiodh rian aige air, chuireadh an seòldair fuar e. Bhuail cleas e, gu h-obann. Leig e ás duilleag den phàipear chun an làir, agus chaidh ena dhà lùban air a chéile air son a togail. Fhads a bha e shìos, thug e sùil fon bhòrd. Cha robh dad ri fhaicinn. Cha robh duine ann!

Cha mhór nach do leum e le toileachas. Dhfhàg e a phàipear is a chofaidh. Phàidh e an nighean, is dhfhalbh e a-mach afeadalaich, agus choisich e sìos gu Dumbarton Road is a-steach Sauchiehall Street afeadalaich. Chuir e roimhe gun déidheadh e a-mach ás a bhaile, gu na beanntan. Choisicheadh e suas na sléibhtean, agus bhiodh na h-eòin ri seinn. Gheibheadh e saorsa agus cha robh fios nach sgrìobhadh e rudeigin. Cheannaicheadh e bapaichean is feòil is bainne an dràsda fhéin.

Sheas e air achabhsair. Bha am baile a nis air èaladh le creutairean de gach dath, seanganan le ultaich a-steachs a-mach á dorsan. Busaichean buidhe-is-uaine agus càraicheannan deann, sròinean an earbaill a chéile. Agus gaoth uspagach asguabadh dust is bileagan pàipeir leis. Fuaim innealan, is fuaim an trafaic.

Càite faigheadh e aran is feòil is bainne?

Ghabh e ceum sunndach a-mach air an t-sràid.


[62]

Dhfhidir e càr, dùdaich. Ruith e is leum e, agus ràinig e an taobh eile le bragadaich a chridhe agus ràn chonacagna chluais. A chlobha tha thu ann, carson a rinn thu sud? Bha e air chrith. Thòisich e acoiseachd, aig astar, asuathadh seachad air daoine, a léirsinn ceangailte ri rathad a lorg dha fhéin. Dhfheumadh e sgur de chuid òl, no dhéidheadh e ás a chiall. Cha robh e ás a chiall an dràsdaan robh? Chunnaic e fear ag obair le dril agearradh uachdar na sràide pìos roimhe. Rinn e air. Bha srann is gliogadaich eagalach, iutharnal aig an dril. Duine beag le sròin caol fada agus gàirdeanan cho cruaidh ri fàdan. A ghualainnean abuiceil agus a ghéillean air chrith. Phriob an duine air nuair a thug e an aire dha. Chaidh esan a-null ri thaobh. Dhéigh e ris an robh glòir an inneilga bhódhradh, agud bfheudar dha a radh a rithist, ’s a bheul gu math faisg air cluas an duine. Chunnaic e beagan salachair ann an cluas an duine, ann an camadh na cluais. Thubhairt an duine, “Get use tay it! ”agus cha robh coltas gun robh tuilleadh còmhraidh aige. Dhfhàg e e, agus fios aige gun robh miann pinnt air. Cha ghabhadh.

Ach ghabh, dhà. Agus air na sràidean a rithist, acagnadh chewing gum, thachair e ri ghille òg a bha ag obair anns an oifis. Taing dhan t-sealbh, dhfhuireadh enan luib is chòrdadh an latha ris. Taigh na croiche dha na beanntan, ’s na bapaichean, is am bainne. Càite robh iad adol? A dhfhaicinn film Laurel and Hardy, an ann? Is Mickey Mouse? -ruibhe bha, e air son a dhol ann.

An tìde adol seachad luath, car luath, alachanaich aig cleasan Mickey Mouse, agus cha burrainn dha sgur


[63]

a ghàireachdainn nuair a thòisich Laurel-and-Hardy. Anns an dorchadas, anns acheò, ’na shuidhe alachanaich gun sgur. Thionndaidh cailleach is sheall i ris. Bha Laurel cho brònach is cho éibhinnbodach ás an t-seann ghinealach.

Latha afàs sgìth air Argyle Street is fàileadh sgìos dheth. Na gillean afàs an-fhoiseil, ag iarraidh a bhi cliors e. Mar sin leibh fhéin, ma-tha, chì, Di-Luain, seadh, cheery ... Cheery.

An trìtheamh pinnt, is fhathast gun fhios air domhain ciamar a fhuair e dhachaidh a raoir. Cha robh fios aig Domhnall Hob, ach bha fios aig cuideigin. Pinnt eile, is smaoinich air Mickey Mouse. Slàint Mickey. Leann adol sìos gu sleamhainn. Daoine atighinn a-steach. Luchd-eòlais. Iain, nach math sin, Iain. Iain ciamar a fhuair mi dhachaidh a raoir? O nach robh, gàire, o bha, bha i mór mas do sguir sinn. An gabh thu bheag leis? Bheil fhios agadputadh airrobh mise an diugh? Seo na breugan, sguir, na bi ag ìnnse bhreugan. Bha mi a muigh anns na beanntan, a bhalaich. O cha bann, an fhìrinn onorach . . . . . .

Leig e srian dha theanga is e asmaoineachadh seo mi a rithist, air achuibhle a rithist, Iain gun seadh, carson a tha e cho modhail? —— Cha be Iain a bhann tuilleadh, bith n deach e, ach dithis. Slàint, ag òl, an e esan a cheannaich sud? Chuir e làmhna phòcaid. Cha robh móran air fhàgail, bheireadh e troimhn oidhche e, mur a ceannaicheadh e ach dha fhéin. Bha fear den phaidhear ag ìnnse dha mu dheidhinn leabhar a leugh e, is dhfheumadh esan leigeil air gun robh e ag éisdeachd. Rinn e sin. Bha ainm aige a bhi math air leabhraicheancliù, a charaid ...


[64]

Leansa dlùth ri cliù ar sinn-seann-sheanamhar, nighean Thormoid Riabhaich, nach maireann. Bruidhinn riutha, ma-tha. Gaill is iad cho gallda, innis dhaibh rudeigin a saoghal nan Gaidheal follaiseach dhaibh. Clò, seòladhmo ghéillean goirtbriseadh cheann. Do sheanair. Mo sheanair, duine iongantach, ged nach robh sgoil aige. Cha robh cothromnot a chanceagus air ais chun aMhetagamas am Marloch is an Talamh Fhuair is aChoille. Gabhaidh, pinnt heavy. An ùine aruith a-mach. Slàinte, slàinte. Dhia gléidh mi, na leig dhomh sgrath a thogail bhon t-sloc. Deòirna shùilean ag ìnnse mar a bfheudar do na fògarraich am buntàta-cura a thogail ás na sreathan leis an acras. Nach cuala? Sin asaoghal againne, a chàirdean, cruadhs, fulangas, is strì. Sin a dhfhàg sinn mar a tha sinn. Leugh mi Camus, bha, math. An cuala sibh a riamh iomradh air am Megantic Outlaw? Leodhasach. Loisgeadh e an ghunna is ghearradh e troighgive or takeá feansa wèidhir ... Cha be an nochd a bhann, dhinnis e seo mar tha, ’se bhann ach a raoir, pàrtaidhflat ann aHyndland. Mas e raoir a bhann, càite robh e an diugh? latha a thann? n oidhche? Cearcaill dhearga, mar bhuaileagan mu phuist-sholuis, atighinn roimhe. Sguir e den chòmhradh, cha robh fios bha e ag radh co-dhiùbh. Agus chunnaic e iadga choimhead, mar a chitheadh iasg iasgairean, is onaghailna cheann. An dril. An dùil an robh an duine bodhar? am pàrtaidh a bha seo? am pàrtaidh! O, a choin, na toir na casan bhuam. Smaoinich air rudeigin á leabhar. I-saw-this-morning-mornings- minion, I will show you fear in a handful of dust.Dust, cha robh ann ach dust. Dust


[65]

air crùisgean Aladdin. Tha mise dol chun na beanntan! Tha mi ag éigheachd, tha fiosam gu bheil mi ag éigheachd, leig ás mi, no— ——

Agal ann an dorus Hepworth. Agus ag éigheachd, eachdraidh nan Gaidheal, is cnap dhaoinega choimhead, is fear atoirt dha pìosan fish supper, ’gan dìogadhna bheul le chorraig. Duine agal ach e fhéin.

Cha robh fios aige tuilleadh bha e acluinntinn. Chrath e a cheann. Bha dithis air an staran. Bha iad agàireachdainn, abrunndail, agus dhaithnich e an cnàmhan eanchainn gun robh iad air son esan a phronnadh. Chrom e agus lorg e clachan air an ùrlar fo chasan. Bha bleideagan móra sneachda atuiteam.

Clioraig a-mach á seo, dhéigh e, ’s thilg e achlach bheag orra. Nuair a bha e òg, sheasadh e leth Sàboinn air bòrd an lochas bhiodh na clachan aleum dusan uair mun déidheadh iad fodha. Ach dhfhalbh achlach air a socair leis aghaoith am measg nam bleideag. Na shad e bleideag?

Chluinneadh e iad air a chùlaibh agluasad cho tioram ri nathair, agus chluinneadh e sneachd ri leaghadh air a mhaoil. An tilleadh e a-steach? Carson nach robh duine atighinn a dhfhaicinn bha ceàrr air?

Dhfhosgail e a bheul adol a dhéigheachd ach bha mol cruinn eadar fhiaclan ri toirt sgread air teudan a shùilean. Ri tacadh. Leig e sgreuch, ’na cheann. Iadsan asiotaraich, amagadh. Bha clach mhórna dhòrn, clach mhór ghorm. Chuala e acomhartaich, a bha fios aige a bha marbh.

Bha e cinnteach gum be seo an cothrom mu dheireadh. Aodann gus sracadh, cho fosgailtes a bha a bheul, is a shùilean ri leum. Morghanna sgòrnan.


[66]

Thug e leum ás thuca, chun na nathraichean a bha seinns afanaid. Cha robh freasgairt ann. Bha ite aigena dhòrn.

Thilg e an ite.

Shiubhail an ite gu slaodach, trom, dìreach. Uine nan creach. Na bleideagan cruaidhe dubha acur million gath ann, spriotagan deighe asiubhal troimh eanchainn.

Chunnaic e an it adol seachad os cionn bòrd. Daoine ag òls abruidhinn air-san, agus esanna luairean atuiteam chun alàir, lomnochd. Ag éirigh a rithists atuiteam sìos ás an adhar mar shneachda, a theanga ri leum a-mach nuair a bhuaileadh e làr. Iadsan afeadalaich, aconaltradh.

Chuala e mu dheireadh thall gliong agus spleangadaich ghloine, agus bha fios aige gun bhrist e uinneag bùtha. Sheall e suas ris an toll. Bha toll mór oiseanach mar leth rionnaig anns na speuran, agus chunnaic e aodann dearg, shùil abruidhinn agusga choimhead-san ri dol fodha mar chaora anns achuidhe shneachda.

Am polas mór dubh. Gaidheal, air a chòmhradh, an dólas a chuir a seo thu? Feuch air. Is am polas afalbh leis, is buaireadh anns an stéisean is na polaisga bhualadh air a mhionach is air a làimh. Beò, an robh? Teach Yourself Letter-Writing,bheil thu? Bha a cheann mìorbhaileach goirt, agus a sgamhanan. Bha fios aige gun robh cop ri bheul, ’s e ag éigheachd.

Nuair a thàinig an duine leis achòta-gheal a-steach, dhaithnich e gur e psychiatrist a bhann. Bha e ceangailte ris an leabaidh. Cha déidheadh aige air gluasad. Thilg e smugaid suas, is thill an smugaid,


[67]

is laigh i air achuibhrig. Bha an duine afaighneachd rudeigin. Na can smid gus am faic thu fear-lagha.

an t-ainm a thort?

an t-ainm a thort?

an t-ainm a thort? Feumaidh tu ìnnse.

Thòisich e agàireachdainn, is e smaoineachadh cho brèaghas a bha na ballachan geala, cho glan.

Domhnull. Domhnull Hob.

titleAn Dà Latha
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Moireach An Aghaidh Choimheach %p

parent textAn Aghaidh Choimheach
<< please select a word
<< please select a page