[93]

A’ Chaora Chonadail

S an tàinig mise an seo dha mo shaor thoil fhéin? A dhfhaicinn an t-evangelist adol? A dhéisdeachd? Trì uairean samhaduinn, taigh Mhòr Theàrlaich ataosgadh, an dùsgadhga dhùsgadh. Dùsgadh ás an dorchadas, Gillanders an gleoc-alarm, seall, aig an teine afeitheamh ris an lìonadh, achuthag afeitheamh ris an uair. Mise, gu-ta, aleagail mo shùil gu cruaidh air, carson?

Colas abhùirn oirre a muigh a nochd as abhaile, oir nach tubhairt Cailleach Mhurchaidh Oig gun robh a cruachainn stuff? Chan e sin dha h-inntinn e, air a sgùradh glan, aoigheachd don t-soisgeul a réir Ghillanndrais. Tha rùm ro bhlàth mar-thà, fàileadh nam mothballs, na tùise, bho na còtaichean. Colach gu bheil Gillanders cumhachdach, acròdhadh chaorachnan ceudan sacheàrnaidh seo, bith bheil ann an Glaschu. Bròinean, deirear, chan eil ega chaomhnadh fhéincoinneamhan gach oidhchechaidh Calum Iain air adhart a raoir, chaidhs aChuileag, ’s e leis an deoch oidhche H-aoine a chaidh ... ’S an tàna tus a seo a dheanamh adhradh, cuis-mhagaidh ... kami-kaze?

An t-seinn gu bhi seachad, stand by, stand easy, daoine acasadaichs astothaigeadh peppermintsnam beòil mar a bhios iad aig Tynecastle nuair a théid am bàla a-mach air na crìochan. Mo mhionach ri durrghail, cus smocaigeadh mas tàna mi steach, nuair a bu chòir dhomh bhina mo leabaidh, mfheòilna suain ... Tha esan air seasamh, put air an switch, leig leis an


[94]

inntinn ruith, éisd air farchluais, faic air leth-shuil, ainmich air farainm, seas air leth-chois ...

... ’na mo chadal ... air cladaichean an t-saoghail seo ... aruith bhon uamhass e coiseachd nas luaithe na ruithinn ... O anam na dealbhan a dheanainns air seallaidhean a chunnaic mise ... asgreuchails mo chasan leibideach, casan macaroni ... aghaidh ri aghaidh ris aBhàs ... ann an glaodh ... O Tìde gu Leòir, seadh, ’s Dorsan Dubh na Sìorruidheachd ri Fuasgladh Rompa ... agus bhiodh ann ach leóghann, duine, brògan, crògan air cùl mamhaichs càch gun for ac orm ... a chàirdean beachdaichibh ... ’nam aodach-oidhche aruith sìos bho Chaisteal Dhun-Eidinn gu Holyrood ... chan fhuiling Dia peacadh no faileas apheacaidhna àros naomh ... Tha sin math, faileas apheacaidh. Tha mise air mo chlaoidh le faileasan.

Film a chunnaic mi uaireigin, bha na h-eòin apiocadh na sùilean ás na daoine. Agus anns na twa corbies, an shreath mu dheireadh cho aognaidh ri briathran a chunnaic mi riamh. Cia mheud eun air an cuimhnich thu an dràsda, faoileag, guilbneach, naosg, feadag, trìleachan curracag traon cearc-gura calman Noah ... na fàg gus am màireach e oir-chan-eil-am-màireach-air a ghealltainn ... cha robh a réisd no abhòindé, an e sin a dhfhàg cho milis e?

Taobh eile. Cuimhnagad afear a bhag radh nach robh dath air thalamh cho bòidheach ris an litir Y. Chan eil Y saGhaidhlig ann, cha do dheònaich an Cruthaidhear ach ochd litrichean deug dha na gloidhcean a thòisich asgrìobhadh na Gaidhlig bho thùs agus -dhàs dùraig Y a thoirt a-steach an


[95]

diugh a dhaindeoin dath? Cha ghabhadh Gille-naomh-anndrais fhéin sin air, foghainteach is gu bheil e. Acur dheth gun abhsadh, chan eil e eu-coltach ri ministear ged nach etham ministear còirna chadal ann am pyjamas dubh anns an taigh mhór. Saoil am bi na faileasanga ruith? ... Ma chuireas am Bàs a làmh ort a nochd a charaid ògormsa gu sealladh ormo cha leig thu leas a bhi sealltainn ri càch cha bhi càch maille riut ... ’s mi nochdaidh lom an latha ud ... tha e ri seinn ... à thruaghain bhochd thu an uairsin ... tha sinn ann an cùil aige, tàr ás ... teinteangad fheitheamh, ag imlich mu bhòrdaibh do leapa ... ma thig feagal air càch, thigs ormsa, tha e gabhaltach. Carson a sheall e riutsa? ’S tu gun fhreagairt neimheil dha?

Iongantach, a liuthad rud a thig a-steach ort an déidh làimhe ... tàthagan nuair a tha amhionaid seachad. Can, ann an eaglais, can gun tachradh seo:

Ministear: ... far an tuit achraobh gu h-ann a ——

Thusa: (aseasamh) Rubbish! Maidseachan! Plancaichean!

Ministear: Suidh, a thruaghain, eil fhios agad càit a bheil thu!

Thusa: Cha shuidh, a thruaghain, agus tha!

Ministear: Bheil thu ag radh anns an eaglais seo nach eil thu acreidsinn ann an Dia, a dhuine?

Thusa: Chan e sin a tha cunntadh, ach a bheil Dia acreidsinn annamsa?

Daoine ag osnaich, feadhainn agàireachdainn. Ainmeil gu bràth tuilleadhsin afear aseadh, anns an eaglais, o droch iseanair feadh an t-saoghail. ’Nam sheasamh,


[96]

dìreach, gath gréinegam òradh, An Duine A Chuir Aghaidh Air AMhinistear. Laoch (aseacadhna sheacaid afeitheamh ris abhreitheanas).

Ach cha thachair dad dha sheòrs riumsa, gu h-àraidh tuilleadh is mi gus mo chiall a chall aseo. Chan eil thu glic. Bheil esan glic is ise glic is esan glic? Bheil e six-foot-two? Glic-glic, ars an t-isean, ìg-ìg, igabù! Cluiche football uaireigin anns achidsin le cnocan-snàth. Bha thu adeanamh achùis air World Select, ’s chaidh an cnocan a-steach fon dreasair. Chuir thu do làmh bheag a-steach asporghails air a thug thu a-mach ise luchag a bhanad dhòrn, beò, sùilean gus leum ás a ceann agus ás do cheann-sa, le sgàig is eagal. O well well ...

S an turas eile a bha luch aig dithis againn air sreing is cheangail sinn ceann eile na sreing ri tarraig cheithir-òirlich is dhìog sinn an tarrag dhan talamh. Dùil againn gun itheadh luch feurs gun déidheadh a h-atharrachadh mar bhóo thì mhathasaich, cho neochiontach ... Ach o charaid ort, chan eil thu neochiontach an diugh fiùsna do chadal aruith achlann-nighinn, ged nach eil abheag a cholas cloinne air na gruagaich a bhios asnìomhna do bhruadairean ... Agus nuair a thill sinn, bha an luch air triall dhachaidh, cha robh air fhàgail ach pìos sreing agus tarrag cheithir-òirlich.

Tha e bruicheil aseo, amaideas acur seachad oidhchmar seo ... Aon Cheum a nochd, chan eil ach sin agus O nach creid sibh a chlann gum bi sibh o seo a-mach ann an aoibhneas do-labhairt ... Aon cheum? aon searrag, cruinn-leum on lasair chun na lasrach (mar a thubhairt fear eile), bu tu mo cheum, is nan déidheadh mo chasan an luib a chéile mar


[97]

bu tric a chaidh air an t-slighe fharsaingchan eil slighe air an t-saoghal a thig degree ri Princes Street, seall oirre shìos an sin, cuimhnagad nuair a theab thu leum, ceum a thoirt ... ? Amaideas O Amaideas cho dòigheil ri cuileig (Mo charaid nach maireann mar charaid aChuileag!) aig mullach an Scott Monument asmaoineachadh air Scottna shuidhe le stùirc air shìos an sud. E faicinn fir agus caileagan anns na Gardensnan sìneadh, cuid an achlaisean a chéile, ud-ud, feur mi-nàdurrach uaine-gorm-turquoise-aquamarine, craobhan, Art Galleries le Cailleach Victorias a bus gu math salach le fallout nan trèanachan. O Dhun-Eideann cho fionnar glan, bithidh pìos de nèamh colach riut, am pìos far am bi an fheadhainn a fhuair a-steach air éiginn, aig na h-iomallan a tuath atàmhnan tàmh ann an aoibhneas do-labhairt. ’S bha thu dol a leum cheud troigh sìos. Gun fhios carson.

Dólas smaoinich air rudeigin eileseall an aghaidh sin, an t-sròin, an duine sin. Chan eil e acreidsinn ann an càil ach Dia. Bithidh e ri faighneachd air son danam mar gum be lot air do chois a bhiodh ann ... latha math, bheil danam adeanamh dragh dhut? Chan eil e acreidsann an Stonehenge no anns na h-astronauts, air éiginn a chreideas e gu bheil Tursachan Chalanais ann. ’N dùil cia mheud duine a chaidh ìobradh aig Tursachan Chalanais? O anam o charaid a bheil thu air do chùmhnant a dheanamh ris an uile-chumhachdach, uil-fhiosrachail, uil-fhuilteach? Nuairsin asgian dearg saghréin, aghrian dearg sasgian ... Hard lines air daoine nach eil taghadh sam bith aca cuin a thig iad dhan t-saoghal. Nam biodh Mac an t-Sronaich beò an diugh, chuireadh Gillanders


[98]

an cùram airs bhiodh e abùrails ag ùrnuighs aruith nam peacach air amhòintich ...

O magadh amagadh ach thig fealla-dhà gu fealla-fichead an Ifrinn. Chan urrainn dha duine a bheul fhosgladh gun a bhi amagadh, chan eil t-seans a dhòrdaicheadh agad ...

Sin HolyroodHolyrood Abbey. Camaras amagadh asnagadaich atoirt gàmagan ás air gach taobh, agus sasunnaich nan sgamhanan móra agabhail dha le facail ... would you believe it? Brag, brag. Seall far na mharbh Darnley grànda an truaghan Rizzio a bha cumail Mairi Mhór cho riaraicht’ —leis na sgineanseall làraich na fala air an làr (crùn eile). Obh, obhs oich oich cho curss a bha na daoine, ’s eucoltach iad ris achàraid a thagainn an diugh, ged a bhios iad fhéin acluiche football air an t-Sàboinn. Tha sia ceud rùm agus fichead bathroom aig Ealasaid ann aHolyroodsin na perks ma tha thuna do bhanrigh an diugh.

Lithead eagalach a than Arthurs Seat, ri sreap, och och mo chnàmhan, Hopeful an e? Faithful an e? am fear a bhaig An-Buinean ... Lìte an Slough of Despond, tu ann an abhoinn ann am boglach lites na h-ainglean ri lachanaichs aléig ri plubadaich ... caochladh an fhìor Ghaidheil, mo shlugan làn lit.

Cuimhn’ ’am a bhi amarbhadh seann chù le gunna is ega mo choimhead is misegam fhaicinn fhìn troimh na sùilean aige-sansgam fhaicinn fhìn agus e fhéin troimh mo shùilean fhìn, agus chuir mi seot ann, ’na chluais le high-velocity .22. Bha mi agals miga chur fon talamh. Agal be-dam, air son . Bfheàrr leam nach biodh cuimhne agam air càil ach


[99]

mainm agus mo speathar a dhùnadh. Cha dean Cruthaidhear no evangelist dad air . Tha a thoil fhéin aig , chan eil anam cailltena mheadhons chan eil diù achoin aige.

Théid na beanntannan luathaidh leis an teas agus goilidh na creagan, agus bithidh an iarmailt asracadh dearg is purpaidh le sgreuchail Chàin is Dharwin. Darwin gu h-àraidh, théid esan ann an solitary confinement fad ceud million linn, is cuiridh sin na muncaidhean ás a cheann.

nan stadadh an saoghal a nochd? an dràsda? Cia mheud duine anns an taigh-sa an dràsd a dhéidheadh suas còmhla ri Gillanders, aon fìor chan ann suas a dhéidheadh tusa a réir colais, ged nach e colas a chunntas ... ’S an gabh sibh ris an Fhìrinn non fheàrr leibh saoghal nam Breug? ... ’S am faodainn leigeil le minntinn ruith nam bithinn air miompachadh, am feumadh censor a bhi ann?

Censor: carson a tha thu asmaoineachadh gu bheil thu an Dun-Eideann, atoirt a chreidsort fhéin?

Seall aodann Pheigi, an shùil, eagal an teine, teintean adannsna ceann, a ceann agabhail teas ... Is Seumas ag osnaich, ai, ai chuir a làmh air mo ghualainn? Tha i asnòtaraich. Mìorbhaileach an rud a ni Dia, no co-dhiùbh an t-evangelist, cho math a ghràidh ri Billy Gréim oidhche sam bith, adeanamh dàin de na than dàn

Nuair a dhfhosglas na sgàilean

O, o anam

an latha aoibhneach eagalach ud

s a théid achruthaidheachd


[100]

fa sgaoil

s a sgapas na neòil

s a bhios Rìgh nan Glòir

na chathair òir anns na

speuran ...

O chàirdean

ochàirdean chì sinn

chì sinn an uairsin

an dealachadh mór an sgaradh

o an sgathadh

deireannach

is far an tuit achraobh

gu bithbhuantachd nam bithbhuantachd

gur h-ann a laigheas i ...

Than tùchadh atighinn air mu dheireadh, ’s math an airidh, abuiceils ag éigheachd o chionn faisg air uair a thìde, làn thìde sgur. Dad ach Ifrinn Ifrinn teine teinebithidh Ifrinn acur thairis, feumaidh iad extension a chur ris. Carson a tha thu abruidhinn mar sin, feuchainn dibhearsain a dheanamh dheth? Olcas. Thu cho geur is gu bheil thu amalcadh, gun téid thu aog. Carson a tha eagal orts nach eil agad ach a thighinn gu Criosda, do chudthrom a leigeil air Criosda?

Fallus air a niss e tighinn gu snag na cùise. Air an teine fhàgail agus asreap gu Calbhari ... ’S O nach fhaic sibh nach eil agaibh ach Sleuchdadh ... Facal brèagha, sleuchd. Slé-uchd

Thugad! Tha an rud air tòiseachadh, an spiorad abriseadh reachdan na feòla Belag Bheag agals aglaodhaich Obh-Obh-Obh a peacannanga bruthadh sìos


[101]

dhan talamh ... sùil Ghillanders oirre ... daoine ag osnaich ... watchig thu fhéin a charaid, tha guth abhàird aige, làn O agus Asgreuch, Peigi adol ann an laigsan aire ort fhéin tha seo gu bhi teth ... Uilleam Dhomhnaillga togail a-mach, esan O.K. , eildear. Do chùlaibh a nis cliob-clab-clab tha danns, cuideigin nighean Ailein an bhrèagha, na sùilean arolaigeadhs teanga aslaodadh atighinn gu Criosda. Seall na Valkyries asàs, Bean Dowlo agus Ciorstaidh Anna mas fhuaraich i, maoir Ghillanders. An cùram oirre a nise ge boil leatha mar chlò air a stampadh born reared dyed and saved in the Outer Hebrides.

Gu sealladh ort!

Clioraig bhuams, tog, am bioch. Aoi, take it easy. Seo adol bhoidhe orm, than diabhal san tent. tha leum asud?

leag mi? ’N àirde. Aghaidh Ghillanders, eil e fhathast O Seadh, Thusamise? —Thusa— ’s mi! —cho Cruaidh-chridheach cho chan eil mi dad dhan t-seòrsaFaicNa Shlaod E, Air do Sgàth-sa ... O gràdh cràdh fear-saoraidh uan ADòrtadh Fhuil dhut tèarainneach teàrnair Fuil a cho Geal thu Ris an Uan

Sguir a choimhead ris, ’se a shùilean a thanns an fhuil asruthadhna ghutho taigh nadeòir, suath air falbh iad mas fhaicà, ro fhada had-it, Bean Dowlo air stàrbord

Oghràidh beannaicht gurobh

gun-tug-thun Ceumnad-òige

s gum bi-thunad Oglach

Aige Fhéin


[102]

Ciorstaidh Anna air mo ghualainn, a ghrà-idh, ’na Chomunn Ghlòrmhor ...

Guth ag ùrnuigh dha Peigis nighean Ailein— ’s dhut-sa? asuailich o-ì- o-ha cliobadaich nan cas an àiteigin ... Amèn Amèn na caoraich amèilich rim Buachaille.

An tàinig o cha tàinig mi gu Criosda? Esan thugam? Neo a dhaindeoin Bean Dowlo, rànail, piobrachadh, an ann a leum do shùilean. ’N e Satan a thubhairt sud? cho geur? Stereona do cheann, an t-Abharsair air achluais dheis, Gillanndrais air achluais taisgeil, feagal anns gach cluais. Fàgaibh mise. Seas dìreach, suath do leth-cheann ... fliuch.

Am beannachadh. Tòir ás, casan macaroni, fàileadh adhaircean rùide ri dathadh. Hullo ris aChuileag ... à, a Chuileig, ’se thannams ach sèabhan, caora chonadail, coigreach san fhaing, teintean ag imlich, mo chlòimh cho mìn, minntinn cho claon, ateicheadh bhon chomharra, adol chun nan con ... chun an ath fhaing?

titleA’ Chaora Chonadail
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Moireach An Aghaidh Choimheach %p

parent textAn Aghaidh Choimheach
<< please select a word
<< please select a page