Ro-Ràdh
’S ann air Ceann Shuas Gharraboist, an sgìre an Rubha, a rugadh mi ann an 1919, agus bha mo dhachaigh sa chlachan sin airson trì fichead bliadhna gus an tàinig mi a dh’fhuireach a Steòrnabhagh. Bha triùir eile san teaghlach: Iain, a bha ceithir bliadhna na b’ aosta na mi, Dòmhnall, bliadhna na b’ òige agus Catrìona, na b’ òige na esan.
’S e an taigh-dubh a bh’ aig a’ mhòr-chuid agus ’s e cuimhne cho òg ’s a th’ agam a bhith coimhead nan daoine a’ tughadh taigh mo sheanar air là ciùin grianach. Bha taigh-cèilidh a’ bhaile ri taobh an taighe sa agus b’ e seo an sgoil altraim a bh’ agam.
’S i a’ Ghàidhlig a bha a h-uile duine sa bhaile a’ bruidhinn an uair ud agus bha m’ athair anabarrach math air stòraidh innse. Bha sgeulachdan eile aige air a theanga mar a bh’ aig na seanchaidhean. Bha guth binn aig mo mhàthair agus bhiodh i a’ seinn laoidhean is òran dhuinn.
Cha robh facal Beurla agam nuair a chaidh mi dhan sgoil, agus tha cuimhne agam a bhith a’ samhlachadh còmhradh nan tidsearan ri gàgail nan cearc! As dèidh na ciad bhliadhna cha chuala mi facal Gàidhlig aig tidsear gus an robh mi san Ard-sgoil. ’S e sgoilear Gàidhlig agus bàrd ainmeil a bha sa mhaighstir-sgoile - Seumas MacThòmais - agus bhiodh esan uaireannan a’ leughadh ’s a’ mìneachadh bàrdachd Ghàidhlig dhuinn agus a’ teagasg meadrachd, co-fhuaim is ruithim. Aon là bha balach a’ mèaranaich agus thàinig am maighstir-sgoile a-mach le sreathan bàrdachd gun ullachadh:
Tha Iain a’ mèaranaich
mar leòmhann fiadhaich nam beann,
’s tha eagal orm gu sluig e mi
eadar chasan agus cheann.
Chòrd an leasan seo rium air leth math agus tha mi cinnteach mura b’ e gu robh maighstir-sgoile Gàidhlig againn nach robh mi air a leithid fhaighinn. Ged nach b’ aithne dhomh mo chànan fhìn a leughadh no sgrìobhadh, nach dòcha gu robh bàrdachd annam ag iarraidh a-mach?
Ach ’s e am ball-coise bu trice a bh’ air m’ inntinn aig an àm sa (1934). Chan iarrainn sgur a chluich air idir. Ged a bhithinn fad an là sa pholl-mhònach, dheighinn a chluich gus an cuireadh an oidhche dhachaigh
’S e pìos fiodh a bha sa ‘chat’ mu 6" x l" x l" agus gach ceann air a dhèanamh biorach. Bheireadh tu cnag bheag do cheann a’ ‘chait’ leis a’ ‘bhata’ - pìos fiodh mu dhà throigh air fad, agus nuair a leumadh an ‘cat’ bha thu toirt sgleog mhòr dha leis a’ ‘bhata’ feuch gu dè cho fada ’s a chuireadh tu e. Bha thu a’ faighinn can, còig buillean agus bha a’ bhuaidh aig an fhear a b’ fhaide a thilgeadh an ‘cat’. ’S e seòrsa de ghoilf an duine bhochd a bh’ ann!
Airson geama nam putanan bhiodh sinn a’ sadadh ar putan feuch cò a b’ fhaisg’ a chuireadh e air an ‘spìd’ - bioran beag na sheasamh air àite lom. Bha am fear a chuireadh a phutan na b’ fhaisge na càch a’ cosnadh nam putanan eile. ’S dòcha gur e ‘roulette’ an duine bhochd a bha seo! Ach cha ghabhadh sinn dìreach putan sam bith. Cha robh ceadaichte ach feadhainn bhrèagha, gheal (air an dèanamh le adhairc, tha mi smaoineachadh) a bhiodh air dratharsan nam bodach. Bhiodh sinn a’ coimhead ris a h-uile sreang aodaich airson dratharsan fada!
Fad an t-samhraidh bhiodh sinn cas-rùisgte, chan ann airson nach robh brògan againn ach airson gur e siud am fasan.
Ach bha cur-seachad eile agamsa. Thàinig orm an sgoil fhàgail, oir bha cosgais an cois a dhol gu Ard-sgoil Steòrnabhaigh. Bha mo bhràthair Iain san oilthigh, agus chuir e nam shùilean gu robh sgoil ann a dhèanadh teagasg tron phost. Thòisich mi air cùrsa dhen t-seòrsa sa agus lean mi air fad trì bliadhna. Dh’ionnsaich mi Beurla, eachdraidh, tìr-eòlas, matamataic, nàdar-fheallsanachd agus ceimiceachd. Bha mi a’ cosnadh beagan airgid (leis na phàigh mi airson seo) ag obair air mòine is talamh. Tha e na iongnadh dhomh an-diugh cho dèidheil ’s a bha mi air foghlam agus cho dìcheallach ’s a bha mi airson gu faighinn e
Thug Iain leabhar dhomh aig an robh buaidh mhòr orm. ’S e taghadh bàrdachd a th’ ann bho Chaucer gu Fitzgerald, a tha agam fhathast. Goirid
Chuir mi aon dhe na pìosan bàrdachd seo gu pàipear nàiseanta ainmeil. Bha co-fharpais air choreigin ann, agus gu mìorbhaileach fhuair mi litir bhon fhear-deasachaidh a’ moladh nan rannan ach ag innse dhomh nach robh an cuspair a thagh mi freagarrach. “Tha mi an dòchas,” ars esan, “gun cuir thu thugam tuilleadh dhed obair.” ’S iongantach gun thuig an duine uasal gur e balachan ris an robh e a’ dèiligeadh. Cha robh ‘obair’ eile agam, oir b’ e seo a’ chiad phìos bàrdachd a sgrìobh mi. Chan eil sgeul no cuimhne a-nis air na rannan sin agus cha mhòr an call, ach cha do chrìon an ùidh a bh’ agam ann am bàrdachd idir.
Greis ro chogadh Hitler chaidh mi dhan RAF, agus nuair a dh’iarr iad feadhainn a bha deònach a dhol dha na bomairean chaidh mi air adhart. Sin far an robh mi fad a’ chogaidh, agus fhuair mi inbhe oifigeir glè aithghearr. Nuair a sguir an cogadh dh’iarr iad orm fuireach san RAF gus am faighinn peinnsean, agus an dèidh còig bliadhna deug san t-seirbheis fhuair mi sin. Ann an 1939 cha robh mi air a bhith faisg air plèana a-riamh, ach nuair a fhuair mi suas dhan adhar chan iarrainn às. Bha mi dìreach mar gun deach mo bhreith le itean! Nuair a bha càch a’ gòmadaich ’s a’ dìobhairt bha mise a’ seinn amhrain Ghàidhlig aig àird mo chinn. Cha chluinneadh duine mi le fuaim a’ phlèana! ’S e rèidio is gunnaireachd a roghnaich mi, agus chaidh mi tron an deuchainn a bh’ aca dìreach mar a chaidh am maor tro Gharrabost! (Chaidh am maor tro Gharrabost na chabhaig, oir ghlac na bodaich e agus dhòirt iad botal castor oil sìos na amhaich.) Ach chuir coinneamh leis an nàmhaid dreach eile air a’ chùis. Leugh mi gu robh a dhol dhan Ghearmailt mar a dhol dhan Inferno aig Dante no mar an dealbh meadhan-aoiseil a bh’ ann air Ifrinn, ach chan eil sin a’ dol faisg mìle air na chunnaic mi. Tha fuaim an Ifrinn; cha robh sinne a’ cluinntinn càil ach
’S i a’ Hampden a’ chiad phlèana a bh’ againn. Bha ceathrar san sgioba agus aig an àm sa cha robh uidheam againn airson seòladh (navigation) ach a’ chombaist agus an rèidio. Cha robh comasachd an rèidio fada gu leòr airson ceann a deas na Gearmailt ’s na h-Eadailt, agus bhiodh dà chalman agam ann am basgaid airson an leigeil mu sgaoil nam feumadh sinn leum a-mach às a’ bhomair. Cha bhi e furasta dhan òigridh a chreidsinn gu robh gnothaichean cho fada air ais ri seo. Gu fortanach dhuinne, cha tàinig orm na h-eòin a leigeil às ach aon uair. Bha an dà einnsean againn air reothadh agus bha sinn air tighinn cho ìosal ri 2000 troigh. Bha cabhadh uabhasach ann nuair a leig mi air falbh na calmain bhochd, ach aig an aon àm thòisich an dà einnsean ag obair agus fhuair sinn dhachaigh. Thàinig na calmain an ath latha. Nan robh sinn air tighinn sìos - ’s ann os cionn beanntan Bhabhàiria a bha sinn - bha na calmain air innse dè thachair agus càit an robh sinn. Tha seo fada bhon uidheam a th’ ann am plèan an-diugh.
’S e an Lancaster an ath bhomair a bh’ againn agus cha robh a leithid san adhar an uair ud. ’S ann innte a rinn sinn na turasan ainmeil anns an robh 1000 bomair. Rinn sinn turasan eile air an latha gu Milan agus Genoa. Bha sinn uair is uair anns an adhar airson faisg air deich uairean a thìde. Bha mi fortanach gu robh pìleat air leth math agam - Uisdean Everitt CBE DSO DFC and Bar - a ràinig inbhe Group Capt. Bha sinn còmhla ri chèile fad a’ chogaidh agus tha e fhathast a’ sgrìobhadh thugam. Chaidh a h-uile duine a bha anns an dà sgioba (leis a’ Hampden ’s an Lancaster) a chall ach an dithis againn.
Bha mi anns na bomairean mar fhear-teagaisg fada an dèidh a’ chogaidh ach bha mi an uair sin aig inbhe Flight Lieutenant agus bha mi mòran dhe mo thìde ann an oifis. Cha robh sin a’ tighinn orm idir, ach nuair a bha mo thìde gu bhith an-àirde dh’iarr iad orm fuireach dà bhliadhna eile agus gu faighinn barrachd peinnsean. Dh’fhaighnich mi gu dè am barrachd, agus
Thog mi taigh an Garrabost agus thòisich mi ag ionnsachadh airson Teisteanas Colaisde Thidsearan nan Dall, agus bha mi ag obair am measg nan dall anns na h-Eileanan an Iar fad seachd bliadhna fichead, ùine a bha làn sòlais. Bha mi a’ tadhal air còrr is dà cheud duine dall eadar na h-Eileanan an Iar agus an t-Eilean Sgitheanach ’s na h-eileanan faisg air. Chuir mi deagh eòlas air dà bhàrd an sin - Dòmhnall Ruadh Chorùna an Uibhist a Tuath agus Murchadh MacPhàrlain an Leòdhas ach chan ann air bàrdachd a bhiodh iad a-mach ach air cogadh. Bhiodh iad ag innse dhomh mun Chiad Chogadh agus a’ faighneachd dhomh mun dara fear.
O dh’fhàg mi an RAF sgrìobh mi dhà no thrì de phìosan bàrdachd a’ feuchainn ri innse mu chogadh san adhar, ach chan eil mi riaraichte idir gu bheil iad a’ dol faisg air innse na chunnaic ’s na dh’fhuiling mi anns na làithean dòrainneach ud. Nuair a bha mi seachad air trì fichead bliadhna dh’aois thòisich mi ag ionnsachadh leughadh agus sgrìobhadh Gàidhlig, agus glè aithghearr thàinig bàrdachd (no ‘versification’, mar a chanadh Milton) thugam an dràsta ’s a-rithist. Uaireannan thigeadh sin ann an Gàidhlig agus uaireannan eile ann am Beurla. On uair sin bhiodh pìos bàrdachd Ghàidhlig agam ann an Gasait Steòrnabhaigh. Dh’iarr fear-deasachaidh Ghairm orm sgrìobhadh mu dheidhinn mo làithean san RAF agus rinn e moladh cho fialaidh air m’ athaisg ’s gun do thòisich mi a’ sgrìobhadh sgeulachdan goirid airson Gairm. Mura b’ e a’ mhisneachd a thug an t-Ollamh Ruaraidh MacThòmais dhomh, ’s iongantach gu robh mi air rosg a sgrìobhadh idir. Cha robh càil nam rùn ach ionnsachadh Gàidhlig a sgrìobhadh.
Tha mi fada an comain Mhgr Iain MhicDhòmhnaill, Comhairle nan Leabhraichean, agus Joan mo nighean, oir ’s iadsan a bha mar mheadhan air an taghadh seo fhaighinn air fhoillseachadh le Acair. Agus mu dheireadh, ach chan ann nas lugha, tha mi a’ moladh Cairstìona, mo bhean; tha i air a bhith leughadh mo sgrìobhaireachd o chionn fhada.
title | Ro-Ràdh |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |