[29]

Aig Taisbeanadh Talla aBhaile

Ged dhfheuchainn ri innse mu dheidhinn mo shinnsir,
Bochdainn is strì a bha cràiteach,
Doilgheas is dìcheall is nàbachd ro phrìseil,
Is fearann gun bhrìgh ga àiteach -
bheir cluas do luinneig cho truagh
Nuair tha taisbeanadh buan anns an àite,
Eachdraidh an t-sluaigh air a sgeadachadh suas
Le grinneas cho buadhmhor àillidh?

Iadsan chuir dòigh air sgeulachd cho mòr,
Chan e mòran-sa moladh a bfhiach iad,
Duais gu leòr cha dèan airgead no òr -
Bidh sinn ar beò nam fiachan;
Cha bann gun sùim a chaidh ullachadh dhuinn,
Cha mhol mi na suinn mar a dhiarrainn,
Bu chòir gum biodh cuimhnair sgreatachd an linn
Le taisbeanadh cruinn gu sìorraidh.

Leugh mi le uaill mu ghaisgich an t-sluaigh
Dhfhairich teas agus uallach abhlàir
Ri uachdarain chruaidh gun chùram gun thruas
A chuir mòran gu truaighis gu bàs;
Le fallas an gruaidh ag àiteachs abuain,
Iomnaidh is uallach gach tràth;
Gun cinnt air duais, air ceartas no cluas,
Mar buar aig uaislean an àit’.


[30]

Le cas-chrom is croman, crògan is corran,
Dhàitich iad fearann gu toradh is buain,
Chuir iad eathair an òrdugh le ràimh agus seòl oirr’,
Is choisinn iad beòshlaint à doimhneachd achuain;
Dòigheil is coibhneil is riaraichtlen cuibhreann,
Umhail don oighreachd, modhail is suairc’,
Fo lagh a rinn diabhail le cridheachan iarainn -
Ainglean an Tighearna cha chuireadh leis suas.

Is iomadh blàr cruaidh anns na choisinn iad duais,
S minig a bhuannaich an talamh;
Chan eil tìr fon aghrèin nach deach iad an grèim,
S bhiodh an nàmhaid fhèin gam moladh;
Mòr bhan cruadal ach suarach na fhuair iad,
Ben cuibhreann an cruass a bhith falamh;
S dòcha gu saoil sibh, ged leò bhiodh an saoghal,
Gun phàigh iad ro dhaor len cuid fala.

Nuair a thilleadh an saighdear gun sgeul air amhaighdean -
Dachaigh is saibhlean nan tobhtaichean fuar,
Cuideachd is càirdean air an sgiùrseadh mar thràillean,
N tìr san deach àrach cur chaorach ro shluagh -
Shaoilinn gun smaoin e ag amharc na aonar
Air coin agus caoraich farn robh sinnsear aon uair:
Iadsan a bhàsaich ri aghaidh ar nàmhaid,
S math leam an dràsta nach fhaic iad an duais.”

Rinneadh moladh gu leòr air na h-uachdarain mhòr -
Bha iad uile cho còir, tha mi leughadh,
Fialaidh len òr air inniss tìr-mòr,
Daonnan an tòir a bhith feumail;
Ben croitear an Sàtan le bhrochans a bhuntàta,
Leisgs an deoch làidir bu dhèidh leis -
Bha e tòrr na bfheàrr dha teicheadh dhan fhàsach
Na gànrachadhn àitair na fèidh orr’!


[31]

Nuair a theasaich achùiss am buaireadh tighinn dlùth,
Chaidh comann aChrùin chur air bhonn,
Duin’ -uasal gach ball, thàinig iadsan a-nall,
Agus uachdaran, Gall, os an cionn;
ris a bhiodh dùil aig bodaich à Uig
Ach an coma-co-dhiù bhon aGhall?
Chriomag a dhiarr iad cha dfhuair dhith ach stiall iad
S làn-cheartas gu sìorraidh air chall.

Ach rinn Napier feum a thug dhaibh achiad ghrèim
Air na choisinn iad fhèin dhan tìr sa,
Agus ceum air cheum gu croit an n-,
Than taisbeanadh fhèin gha innse;
Ach le cumhachd nach gann tha uachdarain ann
S cha theirig an sannt no an cìsean - ’S e toibheum do Dhia geil fhathast fon sgiath
Am fearann a dhìon ar sinnsear.

Ann an ceud samhradh thèid iomadh rud a chlamhradh
Agus brisidh ioma slabhraidh tha oirnne,
Ach ged dhabaicheadh buntàta gun fhearanns gun àiteach
Agus coirce bhith fàs à sìol eòrna,
Ged bhiodh iasg anns an fhàsach is craobhan sa bhàgh sa
Far an tric a shnàmh mi nam òige,
Dìreach mar than dràsta, bidh uachdarain a-màireach
Sanntach is grànda nan dòighean.

titleAig Taisbeanadh Talla a’ Bhaile
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page