Oraid a’ Bhàta
Thusa, a bhodaich mu chladaich a’ dabhdail,
Ag èisteachd ri càch ’s gam àicheadh gun abhsadh,
Bidh d’ aithreachas buan ’s do ghruaim cha theirig - ’N tèid thu dha d’ uaigh a’ cuartachadh sgeirean?
Sheòlainn an dràsta gu àiteachan thall thu,
Mo bhratach a’ smèideadh ’s thu fhèin a’ seinn amhran.
Canaidh do dhaoine gur faoin agus dall thu,
Gun dh’fhàs thu cho gòrach o thòisich thu rabhdail;
Bidh d’ eòlaich a’ cànran ’s a’ càineadh co-dhiù,
Ach seòl an cuan mòr ’s cha chòrd riu ach thu,
D’ fhàrdach ’s do chàirdean cuir ràidh air do chùl,
Fuadach do ghruaimein ’s cuir uaill na do shùil.
Gàgail an t-sàil a’ fàgail mo shròin,
Gìosgail nan crann is srann aig gach ròp,
Siaban nan tonn le fonn anns an t-seòl,
Claisean cuain liath ’s gun sgeul air tìr-mòr;
’S luachmhor, a luaidh, aon uair ann an glòir
Na fad beatha bhuan fo uallach bith-beò.
Seo agad bàta an dràst’ air a cùrs’
A chuala mu chàch a b’ àbhaist o thùs
Na cuantan a shnàmh le ràimh agus siùil:
Birlinn nan tràillean le cràdh is cion-dùil;
Clippers à Sìona le tì anns gach cùil,
Iasgairean dòigheil bha eòlach air stiùir.
An fheadhainn bha measail, tha fios air an sgeòil,
Tha mòran san doimhne gun cuimhn’ air an seòrs’,
Tha tuilleadh air tìr tha ’n ìre mhath breòit’;
Bheatha th’ aig eathar ’s an tè tha aig feòil,
Cha mhair i ach tiotadh mar iteig an eòin -
Tha mhionaid an làthair ’s do bhàta fo sheòl.
Giorraich mo sheòl ’s mo sgòd-sa teannaich,
Ceangail thu fhèin mus leum fear greannach,
Coma leat buain is fuadaich Earraich;
Cala do mhiann fo ghrian no ghealaich,
’N ear e no ’n iar, cha chrìon mo ghealladh,
An tiotadh gu fìor bidh ’n tìr às do shealladh.
(Cha b’ ann airson stuadh ach uair a’ bhaile
Thill mis’ am bàta gu bàgh is cala;
Rinn i sin fuaim nach cualas bho eathar.)
A ghealtaire thruaigh, nach suarach do leithid -
Bu lugha dhomh nàire mo bhàthadh an lòn
Na tòn chur ri tuinn nach taisich mo shròin.
M’ iarraidh ’s mo mhiann fear nach paisgeadh mo shiùil,
Gaisgeach na òige le eòlas air stiùir,
A shiùbhladh gu sìorraidh gun fiamh air a shùil.
(Fhreagair mi h-òraid le òrdachadh: èist!
Ma nì mi do mhiann-sa bidh ’n diathad gun fheum,
’S mura till mi gun mhaille bidh chailleach na bèist!)
title | Oraid a’ Bhàta |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |