[37]

A’ Chlach-Ghleusaidh

’S e tomhas a shaothair
Gun chaith e cho caol thu,
A’ gleusadh an fhaobhair
A’ leagadh nan diasan;
S ioma speal ris na shuath thu,
S ioma corran a bhuail thu,
Is osnaich a chualthu
O bheul-san.

Moch madainn Diluain
Aig toiseach na buain,
Bu taitneach am fuaim
Ri èisteachd;
Nuair a shlìobadh en t-iarann,
Rid chliathaich ga ghleusadh,
Gun gearradh en fheusag
Gun èiginn.

Tiugh thuiteadh na diasan
Ron fhaobhar a ghleus thu,
S bhiodh ràn aig an iarann
Tron arbhar;
Bliadhnan dèidh bliadhna
Abearradh nan crìochan,
Bha bheatha na deuchainn
A mharbh e.


[38]

S ann tro fhallas a mhaoil
A dhfhàs thusa caol,
Tro chlaoidh tha thu maol
Agus rèidh;
Ged bhiodh e fhèin fann,
Bha dìon ort nach gann -
Cha robh barrachd air an lanns
Aig an lèigh.

Bha thu luachmhor dhàsan
A ghlèidh thu cho sàbhailt
Son foghar nach tàinig
Ga chlaoidh-san;
Nuair a lorg mi an dràstthu
Dhath-bheothaich mo ghràdh air
Bha cho iriosal, bàidheil
Is coibhneil.

titleA’ Chlach-Ghleusaidh
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page