Sgapt’ Tha na Gillean
Sgapt’ tha na gillean
Am bailtean ’s an cillean
Chaidh thairis na linne
Nar n-itealain fhìn
Dhèanamh marbhadh is milleadh
Le òrdugh an rìgh.
Chaidh iad dìleas thoirt buaidh
Air Adolf na truaigh’,
Le lèirsgrios gun thruas
Bho na speuran,
Le misneachd is cruas
Nach gèilleadh.
Tha fios gu robh thìde
Sgailceadh a chìrein,
’S an Nazi a dhìteadh
Gu sìorraidh,
Na nathraichean lìogach
An-diadhaidh.
Biodh foighidinn aig d’ òige
Ro bodaich gad bhòdhradh
Le eachdraidh na dòrainn
’S an lèirsgrios -
Nach beag dha na seòid
Duine dh’èisteas?
Uair an dèidh uair
Tro ghailleann is fuachd,
’M bàs shìos agus shuas
Air an tòir,
Air bruaich na h-uaigh
Fad am beò.
Chunnaic an sùilean
An losgadh a’ spùtadh,
’S fàileadh an fhùdair
Nan cuinnlean;
Tha oidhcheannan dùbhlaidh
Nan cuimhne
Cluinn esan a bh’ ann
Le deoch-làidir na cheann,
’S còmhradh nach gann
Gun bhrìgh -
Bha oilltealachd ann
Nach gabh inns’.
Bha ’n dòchas cho mòr
Ann an làithean na h-òig’
Gun coisneadh iad còir
Do gach tìr,
Ann an saoghal làn stòrais
Is sìth.
’S fhad’ o thiormaich na deòir
A shil cuideachd nan seòid
A bhàsaich cho òg
Air ar sgàth;
Saors’ na tha beò
An càrn-cuimhne gu bràth.
Chan fhaigh aois orra còir,
Cha dèan mealladh an leòn,
Cha bhuail orra ’m bròn
Th’ againn fhìn,
Coimhead ìobairt cho mòr
Dol a dhìth.
O Dhè ann an nèamh
A chruthaich gach treubh,
Nach deònaich thu sèimh’
Dhar saoghal!
’N àite fuath gum biodh rèit’
Eadar daoine.
title | Sgapt’ Tha Na Gillean |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |