Inneil Tha Briseadh
Tha m’ aignidh fo thinneas,
Mo shaors’ air a milleadh,
Air m’ iadhadh le inneil
Tha briseadh gu làitheil;
Tha h-uile seòrs’ inneil
Nar beath’ air am filleadh,
’S gu sìorraidh cha thillear
Gu bara nan làmhan.
Tha ’m bucas air briseadh,
Chan fhaigh mise smid às,
Tha dealbh mar fir-chlis air
’S chan aithne dhomh chàradh;
Chan eil e siud idir
Mar glob agus siobhag
A dh’fhàgadh tu thuige
Gun lide dhol ceàrr air.
Tha ’n dealan cho siùbhlach
Ri peilear bhon fhùdar,
’S tha ’m blaigeard cho diombach
Ma thèid mi na àrainn;
Ma bhriseas am fiùs aig’
Cha lorg mi sa chùil i,
’S bidh ’n dorchadas dùbhlaidh
Gu madainn a-màireach.
Tha Hoover na dheuchainn -
Nuair thèid mi ga fheuchainn,
’S ann leigeas e sgreuchan
Ron teicheadh an Sàtan;
Tha e buntainn rim chiall-sa -
Nuair thogas e iarann,
Bidh ràn aig an diabhal
Mar bheathach na àmhghair.
Nam chabhaig gu leum mi
Gu fòn tha gun fheum dhomh,
’S a’ chailleach ag èigheachd
Nach caraich an càr;
Le gailleann is fuachd
Bidh ’n tein’ againn truagh,
’S cha leighis mi ghruaim
Le dhà na thrì fhàdan.
Chuala mi ’n dràsta
G’eil inneal san àite
Le eanchainn nach bàsaich
Tha làn dhe gach eòlas;
Gu dearbha, ’s e shaoilinn
Nach fhada bhios daoin’ ann
Le comas air smaoin ac’
Ach putadh an òrdaig.
Saoil sibh ’n e fìrinn
A chunna mi sgrìobhte,
Gun fhuaireadh aon innleachd
Gach inneal a chàireas -
Ma thig e dhan tìr seo,
Bidh mise ga shlìobadh
Le ola cho prìseil
Ri gin a bh’ aig Phàraoh.
title | Inneil Tha Briseadh |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |