[44]

Ar Saorsa

S es dorra leam fhìn
Mar tha daoine mo thìr air fàs,
Gun smaoin acno luaidh
Air ar suidheachadh cruaidh an dràst’:
Aig Sasainn fo chìs
An ìnean spìocach gun àgh,
Dèanamh tàir air ar strì,
Am maighstir adìmeas a thràill.

Tha mòran dhen t-sluagh
Air an ceannach gu buan mar thà -
Am pròis anns an uaigh,
Chan iarr iad ach uaisleachd na h-àit’;
Mar mhucan aig amar
Riaraichtbhith reamhar gu bàs,
Am fèin-mheas air crìonadh,
N gràdh-dùthcha gu siorraidh ri làr.

Cuid eile tha truagh
Tro bhochdainn is cruas an àit’,
Air an tàladh nan suain
Le breugan nan uachdaran àrd,
Thag adhradh dhan òr
S ag imleach bhrògan gun tàmh,
Sireadh tiotal is glòir
Gun smaoin air an dòrainn aig càch.


[45]

Chailleach tha riaghladh an dràsta
Le teachdaireachd làidir is cruas,
Tha i dèanamh dìcheall gu h-àraid
Alba chàradh san uaigh,
Adhlaichtna cuibhreann de Shasainn,
Gach òirleach fo casan gu buan,
Aon cheannard, aon chultar, aon chànan,
Ar cleachdaidhean àghmhor nan luath.

Ach dùisgidh fhathast ar dùthaich,
Tha gaoth às ùr asèideadh,
Ar bratach thèid a sgaoileadh,
S gach taod a rinn ar lèireadh;
Trèigidh sinn achoille
S duibhre doire na h-èiginn,
Fàsaidh an dorchadas soilleir,
S far an robh doille bidh lèirsinn.

titleAr Saorsa
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page