[46]

Ar Fearann

Thàinig an toiseach na caoraich,
S iadsan a shaothraich an t-àit’,
Ruagadh iad dhan an tràigh mhaoraich
No dhùthchannan craobhach thar sàil;
Cha robh fèill no iarraidh air daoine
Ach air maoin dhan uachdaran ghrànd’ -
Bha dàimh is càirdeas mar fhaoineas
Aig caoch nan uaislean gun ghràs.

Thàinig an uair sin na fèidh ann,
Do dhaoine gun fheum no stàth;
Chaidh ainmeachadh coilltean gun chraobhan
Far am faigheadh na maothagan tàmh;
Duine dhol faisg orrchan fhaodadh,
Air caoraich bha bacadh sa phàirc -
Bha na h-uachdarain uile cho aontaicht
An tìr a bhith aognaidh is fàs.

Thàinig a-nise na craobhan
Tha sgaoileadh thairis gach sliabh,
Falach na dùthcha gach taobh dhinn
Farn robh daoine acòmhnaidh a-riamh;
Nach saoil sibh gur suidheachadh faoin e
Geil daoinair an t-saoghal gun bhiadh,
S sinne lìonadh na tìr le craobhan
Seach geil cus dher raointean fo shìol?


[47]

Tha nis uachdarain ùra nar saoghal
Cho sanntach is lùbach ri càch,
Goid air na seòid a rinn saothair
Gu beòshlaint fhaotainn sa bhàgh;
Agheòla as lugha chan fhaodar
Acrachadh saor ris an tràigh -
chuireadh aghaidh air fùdar
A dhìon ùghdarras leithid a ghràisg?

Tha thìdaig na daoinagainn èirigh
S cur rèit air ar fearann is rian,
Casg a bhith daonnan fo lèireadh
Aig uachdarain èisg agus fhiadh:
Gum biodh caoraich, fèidh agus craobhan
Còmhla ri daoinaig gach sliabh,
Gach sgìre le h-obraichean fhèin,
Gach nàbachd le sèimhe gun fhiamh.

Tha cunnart an obraichean mòra
Gun an còrr de bheòshlaint mun cuairt -
Nuair a dhfhàilingeas malairt dhen t-seòrsa,
Tha bochdainn is bròn air an t-sluagh;
Fareil obraichean beag ann an àite
Cha bhin àmhghar idir cho cruaidh -
Ged a dheigheadh aon chun an làir ac’,
Togaidh càch achoimhearsnachd suas.

titleAr Fearann
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page