[48]

Cumha Iain

Mo Bhràthair

Nam aisling rinn sinn crathadh làimh
S chuala min guth dàimheil milis,
Ach dhùisg mi madainn moch Dimàirt
S bha thu mar tha gu bràth air dfhilleadh
Am fuachds an cadal abhàis
Ann an Auckland, New Zealand.

Chuimhnich mi air làithean grianach,
Sinn ag iasgach maoin na mara,
No air oidhche gheamhraidh, fhiadhaich
Ris aghrìosaich bhlàth agaradh,
S ag argamaid mu nithean dìomhair
Bhios gu sìorraidh oirnn air falach.

Air cho fad’ ’s o dhfhalbh thu uainn,
Air cho buans gu robhn t-slighe,
Bha ar smaointean air an uair,
Mall no luath, a bhiodh tu tighinn;
Achs dìomhain coimhead ris an uaigh - ’N dùthaich fhuar às nach tillear.

Ach thig rim inntinn iomadh àm,
Ar n-òiga bhann o chionn fhada,
Is ar sòlas nach robh gann
Ann am bann teann na dachaigh,
Nuair a bha thu air ar ceann
Anns aghleanns air amhachair.

S cianail geil thu ann an tìr
Na mìltean mìle thar sàil -
Chan fhaic mi far am beil thu sìnt
Fad bho shinnsearan nad thàmh;
S truagh cho goirids a bhan tìm
Bha agam fhìn na do dhàil.

titleCumha Iain
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page