Caileag an Dubh-Chuailein
Seinnidh mise duanag mu chaileig an dubh-chuailein,
Nan sùilean gorm’ grianach gun mhòrchuis,
Iomhaigh gun ghruaimean, ’s ròsan na gruaidhean,
’S an guth as binne chualas le òran.
Nuair a leag mi oirr’ mo shùilean na naoidhean lom mùirneach,
Lìon i mo shaoghal le sòlas;
Ghuidh mi ris an Tighearna gum biodh i slàn tèarainte,
’S a cheart cho math ’s a dh’iarrainn na dòighean.
Nuair bhiodh i rium còmhla o thàinig thuice còmhradh,
Dh’innseadh i gaol dhomh cho dòigheil,
’S b’ e dhòmhsa sin a chluinntinn lànachd mo thoil-inntinn,
’S aoibhneas nach ceannaicheadh an t-òr dhomh.
Tha nise fichead bliadhna bho ghuidh mi ris an Tighearna - ’S ann a’ cur tha h-uile bliadhna ri bòidhche;
Sa cheann tha fon a’ chuailean tha geur-chùis is stuamachd -
Cò ’n t-athair nach biodh uaill air le seòrsa?
Tha feasgar dhòmhsa ciaradh ’s na ciabhagan air liathadh,
Saidhbhreas cha riaraich no stòras;
’N aon nì tha mi ’g iarraidh, gu faicinn i mun triall mi
Sealbhachadh na ’s fhiach i de shòlas.
Chan eil air an t-saoghal a chuirinn ro mo ghaol oirr’,
Nach caochail gu sìnear fon fhòd mi,
’S ged bu ghnothach searbh e nam feumainn sin a dhearbhadh,
Cha dhiùltainn m’ àite fhìn ann an Glòir dhi.
title | Caileag an Dubh-Chuailein |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |