[49]

An t-Aite

Chan eil ceàrn sa chruinne-chè
A bhios cho tric nam inntinn
Ris an àitsan robh min-:
N Dùn Mòr gu Bun an Uillte.

Chan eil bealach, chan eil tulach,
Chan eil dùn no doimhne,
Chan eil glumag, chan eil mullach
Air na chaill mi cuimhne.

Dhòlainn deoch à Srùp aGhlinne
An asgaidh is gun thruailleadh,
S chuirinn dubhan dhan an linne,
S gheibhinn breac corruair leis.

Sròn Chalamhains mi gun bhrògan -
Seasaidh falt mo chinn-sa
Cuimhneachadh air gòraichòige,
Dìreadh siud mar staidhre.

Biodh i fliuch no biodh i fuar,
Mus tàinig bùrn na pìoba,
Lìonainn làd dhen uisge chruaidh
Bham fuaran Chuidhen Dìoba.

Sgeir Tha Muighs an Sgeir Tha Staigh,
Clach an Ròin nam fhianais,
S le tràigh reothairt ceum on taigh,
Dhearcainn air Sgeir Iomhair.


[50]

Cuidhe Lors an Cladach Mòr,
Làn crodh-bainnes ghamhna,
Bàtaichean gu mall fo sheòl
Air feasgar bòidheach samhraidh.

Sa Chnoc Dhubh bhiodh bratach shuas
Air buain na mònach,
Achs gann geil duinen-diugh mun cuairt
A thuigeas brìgh mo chòmhraidh.

Tha nis an coigreach anns an àit
S an cànan cèin na cheann aig’,
Ach fiù an òigridh thann an dràst’,
Chan ainmich bàgh no gleann ann.

titleAn t-Aite
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page