Uisdean Everitt
Dòchas aige gun coinnich sinn ...
’S iomadh feasgar chaidh sinn suas,
Biodh i fliuch no biodh i fuar,
Cabhadh geal no reothadh cruaidh,
’S na neòil cho luath dol seachad oirnn.
Stiùireadh tu sinn chun an àit’
Tron an losgadh dhan a’ bhlàr;
Lèirsgrios leagadh sinn gu làr
’S bail’ an nàmh gun creachadh sinn.
Bha thu iriosal nad dhòigh,
Bha thu stuama ’s bha thu stòld’,
Seasmhach anns a’ ghàbhadh mhòr,
’S nuair bha thu òg bu dreachail thu.
Tha nis dà fhichead bliadhna ’s còig
O chunna mis’ thu anns an fheòil:
Tha d’ fhalt air liathadh, d’ fhiaclan breòit’ - ’N aois, a sheòid, cha d’ sheachain thu.
’S am fear bha còmhla riut sa bhlàr
Leis an òige ’s leis an t-slàint’,
Chan eil ach plaosg an-diugh na àit’,
’S chan fhàiltich thu dol seachad e.
Ma choinnicheas sinn ri chèile ’n dràst’,
Gun nì gar ceangal ach na bha,
Bidh dà choigreach air an t-sràid,
San àl seo sinn air seacharan.
title | Uisdean Everitt |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |