Mo Dhùrachd
“Nam faighinn mo dhùrachd,
’S e lùiginn bhith òg,”
Cha sheallainn ri àiteach,
Ri bàthach no bò;
Sheachnainn an àirigh
Fo shàil nam beann mòr,
Cha bhiodh caora nam àrainn
Ach a-mhàin air a’ bhòrd.
Ach gheibhinn deagh bhàta,
Crann àrd is dà sheòl,
Gach uidheam as fheàrr
Agus càball gu leòr;
Dh’fhàgainn am bàgh sa
Chur fàilt’ air cuan mòr,
’S bhiodh mo chupan-sa làn
Am measg fàileadh nan ròp.
Nuair a ruiginn Butt Leòdhais,
Adhar ròsach gu ’n iar,
An cuan aic’ fo sròin
’S dà òirleach fo beul,
’S e mhadainn bhiodh bòidheach,
Gun sgòthan air sgeul,
Na siùil gheal a’ bòcadh
’S fearann Leòdhais dol sìos.
Chan eil tìr fon a’ ghrèin,
Ma tha grèim aic’ air sàl,
Nach fhaiceadh Sea Jay
Sgrìobht’ air cèaban mo bhàt’;
’Son trì bliadhna thrèiginn
Taigh-cèilidh ’s taigh ceàird,
’S bhithinn riaraicht’ an dèidh sin
Sa chèidse mar chàch.
title | Mo Dhùrachd |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |