[60]

Biadh

Thuirt an lighichnuair a bòg mi
Gur i feòil a dhèanadh treun mi,
Ach a-niss e their an t-òlach:
Ris aghòraichna big èisteachd.

Ith an duilleach tha sa ghàrradh,
Measan Spàinteach agus Greugach;
Seachain thusam bainne blàth
Na do phàist airn robh thu dèidheil.

Seachain ìm is seachain bàrr,
Seachain càis is sgudal bèiceir;
Millidh bùidsearan do shlàint
S an deoch làidir ni do lèireadh.

Ith buntàta leis an rùsg air,
Lìon do bhrù le na snèapan,
Bruich an currans òl an sùgh aig’,
Ith càl ùr àm laighis èirigh.”

Amharag fhuar a bha cho càilear,
Loma-làn de gheir gach ac’,
Ruaig na lighichean len tàir i -
Chan eil àitaice nan creud-san.

Sgadan sailltis deagh bhuntàta,
Bha sinn gràdhach air is spèiseil,
Achs e chanas iad an dràsta,
Millidh salann slàintgach creutair.


[61]

A h-uile biadh as caomh leam fhìn,
Canaidh lighichnach eil feum ann,
Ach fadno goirid bhios mo thìd’,
S fhada tìm air càl is snèapan.

Aig àm na Nollaigs àm nam bòidean,
Am nan còcairean as fheàrr,
An cualas càil a-riamh cho gòrach
Ri bhith beò air snèap is càl?

titleBiadh
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page