[62]

Fuaran Chuidhen Dìoba

Bha fuaran uisge fìorghlan
An lagan Chuidhen Dìoba,
Uisge nach robh pìoban
Atruailleadh;
S ioma ceud bliadhna
Bho shil achiad deur às,
S ioma tart a riaraich
On uair sin.

Chan eil a-nise sgeul air -
Farn robh gaineamh bhrèagha
Tha eabar agus feur ann
Is buachar;
Bfhiach agus bfheàrr dhuinn
Bhith air a ghleidheadh sàbhailt’,
S bhlaiseadh iomadh àl
An deoch uasal.

Nach cianail ar dìochuimhn
Air caraid bha cho fialaidh,
S ar dìmeas a thiodhlaic
A bhruachan;
Ach fhathast thig an èiginn
Ma thruaillear na slèibhtean,
S gu cinnteach bidh fèill
Air na fuarain.

Cha bhi fios a chaoidh
Aig an òigridh tha leinn
Air rud a tha nam chuimhne
Mun fhuaran;
Deoch à muga cheàird,
S am pathadh air mo chràdh -
Siud am fìon a bfheàrr leam
A fhuair mi.

titleFuaran Chuidhe ’n Dìoba
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page