[15]

MAthair

Bu tric mig èirigh ro dheàlradh grèine
Gun stiall ach lèine le braidean neònach;
Bhiodh mathair gràdhach le fiamh aghàire
Cur ormsa fàilte gu blàths na mònach;
Ceòs aphìob aig’ ’s e ga mo shlìobadh,
S mi cagnadh mìrean dhen aran-eòrna - ’S e seo an còmhnaidh an dealbh tha còmhrium
S am fàileadh cùbhraidh o ùillidhs bòtann.

Bhan giomach lìonmhor taobh muigh Sgeir Iomhair,
S bha sgiobadh gnìomhach gu tric an tòir air -
Le seòl is ràmh acis neart an làmhan,
S e èirigh tràth a bha anns an òrdugh;
Nuair chrochten t-aodachs a bhuaileadh gaoth i,
S e Iain daonnan a bhiodh aig sgòd innt
N àm clèibh a bhiathadhs e làmhan chèangaileadh
Nuair bhiodh i fiadhaich le siantan reòthta.

Ghrian na h-àirdes am bàta fàire,
Be àithnmo mhàthar, “Glèidh oirrdo shùil,”
Ghaoth cho làidirs an cuan cho grànda,
Smùid an t-sàil falach bàrr an t-siùil;
Nuair bhiodh i sàbhailt bho spòg an nàmhaid,
Mach à gàbhadh bho mhuir is gaoth,
Faochadh àghmhor an sùil mo mhàthar,
S cas-rùisgtthàrainn tro fheur is fraoch.


[16]

Gun choiseachd ceum ach nam ruiths nam leum
Gu ruiginn grèim chur air làmh an òlaich,
S mi tighinn ri thaobh, ’n sin toirt dha mo smaointean,
S e freagairt caomh ceistean faoin mo ghòraich’;
No còmhradh ciallach mu ghaisgich chiatach
Bha uair ariaghladh ar dùthaich fhìn;
Tha aon ni cinnteach, be siud toil-inntinn
Nach ceannaich saidhbhreass nach till an tìm.

Ach anns an àite bha sionnach grànda
S ann dhan tràill a bham bàta feumail;
Toirt pàigheadh suarach air saothair luachmhoir,
S e na dhuin’ -uasal tro chruadal meudail;
Mas fìor geil Dia ann le ainglean riaghladh
Thug cead dhan Diabhal air luchd an fhòirneirt,
Nach saoil sibh rèiste gur duais na bèist’ -s
Bhith nis ga cheusadh an loch na dòrainn?

titleM’ Athair
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page