Danns an Rathaid
Bha mi aig danns nan uaislean,
Nam chluasan cànan cèin -
Tric dheigheadh m’ aigne an uair sin
Thairis a’ chuain air sgèith
Gu gealach abachaidh àlainn,
Oigridh an àite cruinn,
Gillean bha geurchuiseach làidir,
Clann-nighean bha càilear is grinn.
Ceann rathad Phabail ar pàileis,
Morghan ar làr airson danns,
Fuaim càirdeil na Gàidhlig -
Saoghal beag sàbhailt’ a bh’ ann.
Fear le aon chois anns an dìg,
Meileòidian binn air a ghlùin,
Gu minig fear eile le pìob,
Ach bìog cha robh air mì-rùn.
Chanadh èildear no dhà san sgìre,
“ ’S e peacadh dha-rìribh a th’ ann” -
Bodaich a’ cìreadh a’ Bhìobaill
’Son cìs a chur air a’ chloinn.
Tha ’n saoghal ud air falbh gu bràth,
Chaidh e bàs le mhath ’s le dhona,
Ach a bheil cinnt an dràst’
Gu bheil òigridh ar là nas sona?
title | Danns an Rathaid |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |