[66]

Am Bomair Lancaster

Air dhomh a faicinn ann an taigh-tasgaidh

S cuimhne leam an bha fèill ort,
bha dainm sa h-uile pàipear;
bha nàmhaid gar lèireadh,
S tu fhèin a rinn an riasladh.

Nise san taigh-tasgaidh sàbhailt’,
Bidh do smaointean air na làithean
Nuair bha sìobhaltachd gach àite
An cunnart bàis aig biastan.

S iomadh oidhche gharbh is fhuar
A chaidh thu tarsainn achuain tuath,
Tron an lèirsgrios shìos is shuas
Gam bualadh anns an iarmailt.

Bidh cuimhnagad air gillean òg
Bha gad stiùireadh tro na neòil,
Tron an losgadh, tron acheò,
Nach tuig ach seòid a liath e.

Bha ceudan dhe do sheòrsa fhèin
Air an oidhchatolladh speur,
S sibhse bha nar cadal sèimh
Cha phàigh gu lèir na fiachan.

Sna h-itealain a thann an-diugh
Tha innleachdan nach baithne dhut,
Ach an cruadal mòr a dhfhuiling thus
Cha thachair riu gu sìorraidh.

S ma chanas cuid le sealladh cùil
Nach drinn thu fhèin cho maths bha dùil,
S iomadh dìmeas tha nar cùrs
A bhios na chliù aig Dia dhuinn.

titleAm Bomair Lancaster
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page