O, Nam Faicinn Alba Saor!
O, nam faicinn Alba saor
Mus tuit a’ chraobh sa dhan talamh,
Bu shuarach agam g’eil mi aost’;
Dh’fhàsainn aotrom is fallain -
O nam faicinn Alba saor!
Dhèanainn sùgradh ’s dhèanainn ceòl,
Sheinninn òrain mar ghille,
Lìonainn glainne ’s dhèanainn òl,
’S shaoilinn gu robh m’ òig’ air tilleadh -
O nam faicinn Alba saor!
Chan eil Albannach cho truagh
Nach bi buadhmhor is sona
Nuair a choisneas sinn a’ bhuaidh,
Nuair a chì ar sluagh an solas -
O, nam faicinn Alba saor!
Coma leibh bhith sireadh maoin,
Biodh ur smaointean air Uilleam:
B’ fheàrr dhuinn a bhith beò air taois
Na bhith air an taod fo bhuillean -
O, nam faicinn Alba saor!
Tha rìoghachdan a-bhos is thall
Ag iarraidh slabhraidhean a ghearradh - ’M beil ar riaghladh fhìn cho dall
’S gun ceus iad sinn le ball is spearrach?
O, nam faicinn Alba saor!
Chuala mi aig sruth a’ chaoil,
Aig a’ ghaoith ’s aig allt a’ ghlinne,
Gu bheil an aimsir air ar taobh
’S gu bheil an t-aonadh fo thinneas -
O, nam faicinn Alba saor!
Nuair a bhios ar dùthaich saor,
Thèid am fraoch fhèin na lasair;
Bidh gach beinn is allt is craobh
’G èigheachd ‘Saorsainn bho Shasainn’ -
O, nam faicinn Alba saor!
An là sin sgaoilidh sgàil is sgòth,
Buille ’s beò thig na cuisil,
A fèin-mheas tèaraint’ is a pròis
Mar a bha i ’n dòrn a’ Bhrusaich -
O, nam faicinn Alba saor!
title | O, Nam Faicinn Alba Saor! |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |