[69]

Ionndrain

Gach seòl a bha ann aig àirde nan crann,
S na ròpan cho teanns a bha feumail,
Baoibhneach am fonn a lìonadh mo cheann,
S mo bhàta na deann anns aChèitean.

Am baile le chùram bhiodh fadair mo chùlaibh,
S an cuan fo mo ghnùis chun nan speura;,
S tric bhiodh mo shùil air bòcadh nan siùil,
S bhiodh beò anns an stiùir nam ghrèim oirr’!

Chuirinn seachad mo thìdann an saoghal leam fhìn,
Ri mo bhàta geal grinn ag èisteachd,
S i sgoltadh le druim an uisges nan tuinn,
S gam frasadh gun sùim às mo dhèidh-sa.

Nuair a sheòlainn do bhàgh chuirinn macair an sàs,
Bhiodh gaineamh no làthaich cho rèidh ann;
Bhiodh a faileas fo màs ann an sàmhchair an àit’,
S dhòlainn deoch-shlàinta deagh bheusan.

Ach bho dhìobair mo shlàint’ ’s an aois air mo chràdh,
S e seachnadh abhàta dhfheumainn,
S nuair a chì mi càch an-diugh air an t-sàl,
Tha ionndrain adàil nam cheum-sa.

titleIonndrain
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page