An t-Eathar Ghiomach
Bha uair a bhithinn còmhla ri uaislean aig bòrd,
’S corr’ uair ’s e giomach a dh’itheadh na seòid,
Agus thigeadh nam chuimhne na suinn ud nam òig’
A bha togail an àil le ràmh agus seòl.
Bho bhàgh Bun an Uillt bhiodh sgoinn orr’ a’ falbh,
Ann an eathar gun dìon bho shiaban na fairg’;
Tric bhiodh i fuar, corr’ uair bhiodh i balbh,
Ach goirid an dàil gus am fàsadh i garbh.
Bhiodh Pàdraig a’ stiùireadh le cùram nach gann,
An sgòd gun a ceangal aig Iain gu teann,
Red agus Nònan gun bhonaid nan deann
Cho sàbhailt is siùbhlach cur slat ris a’ chrann.
Chan fhàgadh iad còs sa Bhogh’ Mhòr gun fheuchainn,
Strùpair, Clach an Ròin, an Eòr is Gob Shiadair,
Laga Dubha, Clach an Rubha ’s à sin gu Sgeir Iomhair,
Ach an dèidh gailleann cha bhiodh sealladh air cliabh ac’.
Nuair a thilleadh na gillean cha robh cidhe san àit’ - ’S e saothair a shlaodadh am bàta gu tràigh;
Le dusan mar dhuais bhiodh uaill orr’ mu thràth,
Tighinn dhachaigh le buaidh mar uaislean à blàr.
An cosnadh cho cruaidh, bu shuarach na bh’ ann,
Ach bha iad fhèin riaraicht’ nam biathadh e ’n clann;
Cha robh ceannard gam buaireadh no uachdaran ann,
’S tha sòlas dhen t-seòrsa san t-saoghal cho gann.
title | An t-Eathar Ghiomach |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |